Oran Sugraih. Air fonn, Miss CARMICHAEL’s MINUET. Quick.
SOruidh leat is beannachd agad,
Oigh na ’n cas-chiamh dlùtha’,
Mar bhiodh na bheil a’ steach,
Gu ’n rachain leat le dùrachd,
A dh’ ’ios an teach an raibh ù ’n raoir.
Feadh ’s a dh’ ’anas tu mu m’ choinnibh,
Bidh mo chairdeas dhuit gu soilleir;
So mo lamh an dèis mo gheallaidh,
’S bidh mo chommun riut gun fhoill.
Feadh ’s a dh’ ’annas tu mu m’ choinnibh,
Bidh mo chairdeas dhuit gu soillier;
So mo lamh an deis mo gheallaidh,
’S bidh mo chommun ruit gun fhaill.
2. ’N inghean donn nan gorm-shuil meallach,
’Si mo bharail fein ort,
Nach ’eil bonn agad don’ choirre;
Mur ceillim an fhìrin.
’S tu mo raoghain-se do n’ chloin,
Cha leigin seachad mo thagradh,
Dhain-deoin air na bhiodh ga d’bhagradh;
Dhean’ain fàsacha’ do d’ leabaidh,
’S dh’ fhalbhain leat air feadh na h oidhch.
Cha leigin seachad mo thagradh,
Dhain-deoin air na bhiodh ga d’bhagradh;
Dhean’ain fàsacha’ do d’ leabaidh,
’S dh’ fhalbhain leat air feadh na h oidhch.
3. ’S mòr mo chiäta’ fein do d’ phearsa,
’S è thlachd a liä’ mi,
’S mur ’eil pàidhe ann sud agam,
B’ fhearr nach faicinn riamh ù.
’S mi co tric air ti do gheall.
Dean thusa fòi’din chuillean,
’S gu ’m bi do ghaol ann am fhullang,
’S tu mo raoghain thar gach duine,
’S cha bhi t’ urrain ann an call.
Dean thusa foighdin a chuillean,
’S gu ’m bi do ghaol ann am fhullang;
’S tu mo raoghain thar gach duine,
’S cha bhi t urrain ann an call.
4. Ach sorruidh leat ma thrial ù;
’S gu ma slàn a thig ù rist,
Air an t slighe chiadna;
Gearr na fad ga ’m fan ù uain;
5. Sorruidh leat is beannachd agad,
Dh’ fhàg ù m’ aigne eatrom;
Gur a bliadhna leam gach seachd’ -ain,
Gus am faic mi t èudan.
O! gur bliadhna leam gach oidhch;
Ciod a chuirreadh tu gu faddal,
Ge d, bhiodh tu seachdain gun m’ fhaicin?
Sorruidh leat, is theirig dha-thigh,
Dh’ fhios an teach an raibh ù ’n raoir.
Ciod a chuirreadh tu gu faddal,
Ge d, bhiodh tu seachdain gun m’ fhaicin?
Sorruidh leat, is theirig dha-thigh,
Dh’ fhios an teach ann raibh ù ’n raoir.
title | Oran Sugraih |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |