DIOMOLADH PIOBA DHOMHNAILL BHAIN
A’ CHAINNT a thuirt Iain
Gun labhair e ceàrr i,
’S fheudar dhuinn àicheadh
Is pàigheadh dh’ a chinn;
Dh’fhàg e MacCruimein,
Con-duiligh, is Teàrlach,
Is Domhnallan Bàn
A tharraing gu prìs.
Orm is beag
Móran sgeig
Agus bleid chomhraidh;
Thu labhairt na h-uiread,
’S nach b’urrainn thu chomhdach,
Ach pilleadh gu stòld’
Far ’n do thòisich thu dian.
An cual’ thu có ’n urram
An taobh-sa de Lunnuinn?
Air na pìobairean uile
B’e MacCruimein an rìgh,
Ri pongannan àlainn
A b’fhonnmhoire fàilte—
Thairrngeadh an càileachd
Gu slàinte fear tinn.
Caismeachd bhinn,
’S i bras dian,
Nì tais’ is fiamh fhògradh;
Gaisg’ agus cruadal
Tha bhuaidh air an Oinsich,
Muim’ uasal nan Leòdach
’G an spreòdadh le spìd.
A’ bhàirisgeach spòrsail
Bh’ aig Teàrlach ’g a pògadh,
An t-àilleagan ceòlmhor
As bòidhche guth cinn;
Tha na Gàidheil cho déidheil
Air a mànran a dh’éisdeachd,
’S na bheil an Dùn-éideann
De luchd Beurl’ air a tì;
Breac nan dual
’S neartmhor fuaim,
Bras an ruaig nàmhaid,
Leis ’m bu cheòl leadarra
Feadail nan Spàinneach,
Luchd dheiseachan màdair
Bhith cràit’ air dhroch dhìol.
Nan cluinnt’ ann am Muile
Mar dh’fhàg thu Con-duiligh,
Cha b’fhuilear leo t’fhuil
Bhith air mullach do chinn;
’S i bu ghreadanta dealchainn
Air deas làimh na h-armachd,
A’ breabadh nan garbhphort
Bu shearbh a’ dol sìos.
Creach nach gann
Sibh gun cheann
Fo bhruid theann Sheòrais;
Luchd nam beul fiara
’G ur pianadh ’s ’g ur fògradh,
Rinn iad le fòirneart
Bhur còir a bhuin dìbh.
Cha tug thu taing idir
Do bhriogardaich Theàrlaich
Mach o Fhear Bhàlaidh
Bhith ghnàth air a thì;
Mhol thu chorr-ghliogach
Air nach tigeadh de bhàidse
Ach deannan beag gràin
No màm de dhroch shìol;
Chan fhaigh a’ chùis-bhùirt ud
Talla ’m bi mùirn
Ach àth air a mùchadh
Le dùbhdan ’s le sùidh;
Cha bhi séithear aig Domhnall,
’S chan éirich e comhnard,
Ach suidh’ air an t-sòrn
Agus sòpag ri dhruim;
Plàigh bhloigh puirt,
Gàir droch dhuis,
Aile cuirp bhreoite:
Ceòl tha cho sgreataidh
Ri sgreadail nan ròcas,
No iseanan òga
Bhiodh leointe chion bhìdh.
Nach gasda chùis-bhùirt
A bhith cneatraich air ùrlar,
Gun phrannadh air lùtha,
Gun siubhlaichean grinn,
A’ sparradh o-draochain
An earball o-dròchain,
A’ sparradh o-dròchain
An tòin o-dro-bhì;
Màl caol cam
Le thaosg rann,
Gaoth mar ghreann reòta
Throimh na tuill fhiara
Nach dìonaich na meoirean,
Nach tuigear air dòigh
Ach o-theoin is o-thì.
Diùghaidh nam fiùdhaidh
A bh’ aig Tùbal-càin
’N uair sheinn e puirt Ghàidhlig
’S a dh’àlaich e phìob;
Bha i tamull fo ’n uisge
’N uair dhruideadh an àirce,
Thachair dhi cnàmhadh
Fo uisge ’s fo ghaoith;
Thàinig smug
Agus dust
Anns na duis bhreòtach,
Iomadach drochaid
’G a stopadh ’n a sgòrnan,
Dh’fhàg i le crònan
O-dròchain gun bhrìgh.
Bha i seal uair
Aig Maol-Ruanaidh O Dòrnan
Chuireadh mì-dhòigheil
Far òrdugh na fuinn;
Bha i treis aig MacBheatrais
A sheinneadh na dàin,
’N uair theirg a’ chlàrsach,
’S a dh’fhàiling a prìs;
Shéid Balàäm
’N a màla
Osna chnàmh-chrìon i,
Shearg i le tafann
Seachd cathan nam Fiantaidh,
’S i lagaich an ciad uair
Neart Dhiarmaid is Ghuill.
Turraraich an dòlais—
Bha treis aig Iain Og dhith,
Chosg i ribheidean connlaich
Na chomhnadh le nì;
Bha i còrr is seachd bliadhna
’N a h-atharrais bhialain
Aig mac Eachainn ’g a riasladh
Air sliabh Chnoc-an-Lìn;
Mu ’n cuirear fo h-inneal
Corr-bhinneach na glaodhaich
’S inneadh air aodach
Na dh’fheumas i shnàth;
Cha bheag a’ chùis dhéistinn
Bhith ’g éisdeachd a gaoirich,
Dhèanadh i aognaidh
An taobh a bhiodh blàth;
Riasladh phort,
Sgriachail dhos
Fhir an droch shaothair,
Bheir i cheud éighe
Ri séideadh a gaothair’,
Mar rongan bà caoile
’S i faotainn a’ bhàis.
Bidh an ionnsramaid ghlagach
Air a lùbadh an craiceann,
Chan fhuirich i ’n altaibh
Gun chearcaill g’a tàth;
’S seirbhe na gafann
Ri tafann a crùnluath,
Trombaid a dhùisgeadh
Gach Iùdas fhuair bàs;
Mar chom geàrraich
’G a chràdh
Shéideadh làn gaoithe;
Turraraich nach urra mi
Tionnail a dh’innse,
Ach radain a’ sianail
No sgiamhail laoigh àig.
Com caithte na curra
Is tachdadh ’n a muineal,
Meoir traiste gun fhuras
Cur triullainn an dàn,
A sheinneadh a’ bhrothlaich
Le solus an eòlain,
Ruidhle gun òrdan
An comhnaidh air làr.
’N aognaidh lom,
Gaoth throimh tholl,
Gaoir gun fhonn comhraig,
A thaisicheadh cruadal,
’S a luathaicheadh teòltachd,
Gu beachdail don-dòchais
Mu ’n t-sòrn am bi ghràisg.
Bidh gaoth a’ mhàil ghrodaidh
Cur gaoir anns na dosaibh,
I daonnan ’n a trotan
Ri propadh o-drà;
Bidh sionnsair caol crochta
Fo chaonnaig aig ochdnar,
Sruth staonaig ’g a stopadh,
Cur droch cheoil ’n a thàmh;
Fuaim mar ghlag
Dh’fhuadach each,
Duan chur as frìthe:
Chan abair mi tuilleadh
Ri diomoladh pìob’,
Ach a leigeadh a chluinntinn
Gun thill mi MacPhàil.
title | Diomoladh Pìoba Dhòmhnaill Bhàin |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |