ORAN NAM BANTRAICHEAN
THA na bantraichean ’g am àrach,
’S gun agam mu dheighinn pàirt diubh;
Och! och! mo chall is mo nàire,
Falbhaidh mi ’s fàgaidh mi ’n tìr.
Theireadh iad gur mi ’n coireach,
Mi ’n coireach, mi ’n coireach,
Theireadh iad gur mi ’n coireach,
Ged a theirinn-sa nach mi.
Ma théid mi Shannda no Sholas
Gum bi dream dhiubh anns gach dorus—
Leis mar a chuir iad ’n am bhoil mi
Théid mi sgor am faigh mi sìth.
Thuirt té dhiubh le comhradh coibhneil,
“ ’S math a b’airidh e air maighdinn,
’S math a cheannsaicheadh e raoine
’N dorus faing ged bhiodh i strìth.”
Thubhairt té eile, gu ceòl-spòrs daibh,
“Ciod e ’m fàth dhuinn bhith ’g a thòrachd?
B’fheàrr leis bhith falbh leis na h-òrain
Na bhith dórainn ri cois-chruim.”
Sin ’n uair thuirt bàillidh an tighearn,
“ ’S ann tha ’m bàinidh ort a’ tighinn,
’G iarraidh gu pòsadh a rithist,
’S tu ’n déidh dithis chur do ’n chill.”
Thuirt Fear Ghrìminis gu fiadhaich,
’S e tarraing buiceis air fhiaradh,
“Am faca sibh riamh cùis mhìothlachd
Ach fear liath gun chiall gu mnaoi!”
title | Oran nam Bantraichean |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |