[78]

ORAN A’ BHONN-A- SIA

SOIRIDH slàn don duinuasal
Thug dhomhn duais nach robh mìodhar,
N déidh don ghréin doln a suidhe
S greis air tighinn den oidhche,
Gus an dràinig min teine
Mo chridhe mire ri minntinn
Ann an dùil gur e ginidh
A rinn an duine dhomh shìneadh.

Haoi o haoi ri
ro thall
Haoi o haoi ri
ro thall
Haoi o haoi ri
ro thall
Cha cheil mi air càch
Nacheil am bàidse leam gann.

Rinn mi fichead troigh sguaidhear
Agus barrachd a sgrìobadh,
Uiread eiles nas motha
De mhodhanna sìobhalt’,
Afaighneachd le onair
Ciod am moladh a bfhiach e:
N uair a chunncas am bàidse
S ann bu nàr e ri innse.

Banns an tigh air an laimrig
Fhuair sinn tearmad na h-oidhche;
Dhfhaighneachd Aonghus MacAmhlaidh,
Ciod a thann a cheart rìribh?”


[80] Thuirt mi fhìn gu robh ginidh
Gun aon sgillinn a dhìth air;
Labhair esan gu socair,
“ ’S còir dhuit botul thoirt dhuinn deth.”

Thuirt mi fhìn le guth fosgarr’,
Uam am botul beag spìocach!
Cuima bhiodhmaid ri bhochdainn,
Cuimnach cosgamaid pinnt dheth?
Falbh thusa, bi tapaidh,
Thoir an clachan ud shìos ort,
Gabh rathad na Leacaich,
Fàg do chaisbheairt, cuir dhìot e.”

N uair a ràinig e Teàrlach
An àiridh nach dolach,
A bha shliochd nan daoinuaisle
Dam bu dualach an onair,
N déidh na botuil a lìonadh
S ann bha trìleach an donais:
N uair a dhfheuchadh am bàidse
Bha fhàrdans an sporan!

N sin leag Teàrlach a mhala,
S thug e creathnachadh mór dhi:
Cha robh misem bhall-bùirte
Bhon ghiùlain mi còta;
Bonn-a- sia air son ginidh
Cha ghabh duine tha beò e,
Fhaic thu cùinneadh na ban-righ,
S dealbh na clàrsaich fo thòin air.”

Labhair Aonghus an tràth-sa,
“ ’S ann tha nàire sin domhsa,
Na bi rithistg a shumadh,
S sinnn ar urrachan còire;
Far am faighte duinuasal
Cha be Ruairidh an dròbhair,
S mura deachaidh mim mearachd
Gura balach gu bhròig e!


[82]

“’N uair chluinneas Tormod a Uinis
Agus Uilleam a Os e,
Tormod eiles an Siorram
Far an cruinnich iad comhla,
Their iad fhéin nach duinuasal
A thug uaithas a dhòrn e,
Ach fìor shèamanach balaich,
Fear gun aithne gun eòlas.

Their Fear Fearann-an-Léigh,
Tha mig éisdeachd nas leòr dheth,
Thig an gnothuch gu solus
Le onairs le comhdach;
S math a dhaithnicheadh en copar
Air a shocair fo mheoirean,
Ach chuir an donas glas-làmh air
Mar tha meàirleach fo chòrdail. ’”

S tìm dhuinn nis bhith dol dachaidh
Gus ar cairtealan còire,
Sinn gun dram gun tombaca,
Gun dad againn a dhòlas;
Bonn-a- sia eadar ochdnar,
Cha bu choltach an lòn e:
Dhith e fhéin amhin choirce
S cha tug moisean dad dhomhsa!

titleOran a’ Bhonn-a-Sia
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page