[84]

MARBHRANN DO ALASDAIR MAC DHOMHNAILL

Air fonn: Murt Ghlinne Comhann

ACH ge fada mim dhùsgadh,
Gura pailte le mdhùsal na mthàmh;
Gu bheil sac air mo ghiùlan,
Agus acaidg am chiùrradh le cràdh;
S beag de shòlas na dùthcha
Tha dhe mchomhradh ri dhùsgadh an tràth-s’ ;
Na bheil a dhìth air achunntais
Dhfhàg e sgìth sinng a dhùsgadh gach .

Gur e fuaradh na Bealltainn
Dhfhàg am bruailleann ar ceann gun bhith slàn,
Sinn ag còpadh gu frasach
Air na dhòl na fir ghasda dhen t-sàl
Ar sàr chonsmuinn Gill-easbuig,
Agus Eoin achùil chleachdaich, mo ghràdh:
Dhfhàg iad tàirneann ar cridhe
Chaoidh cha slànaich aon lighich ach bàs.

Fhuair sinn fuaradhn a dheaghaidh,
S tric an ruaig udg ar tadhal a ghnàth,
Dhfhàg fiamh gul air ar rasgaibh,
Sinn uile ri acains nach nàr
Ar sàr spailp a dhuinuasal,
Bu deacair fhaotainn mun cuairt oirnn na bfheàrr,
Duine macanta suairce,
Duine tapaidh gun tuaireapachd làmh.

Duine measarra cliuiteach
Bha gu h-aoigheiln a ghiùlansn a ghnàths,
Beul na fìrinns an t-sùgraidh,
S mór an dìth air an dùthaich do bhàs;


[86]S mór abheàrnn ar daoinuaisle,
Chaidh am mànrans an uair sin mu làr;
Dhfhalbh ar tacsas ar rèite,
Cùis as goirte do shéithear bhith fàs.

Duine sgiamhach ri amharc
Tha siod cianails tud laighe fon fhàd;
Bu cheann-uidhe roimh chiad thu
N uair bu mhithich dhaibh triall air an t-sràid;
Gheibhte slàinteachan dùmhail,
Agus tràghadh air bùlachan làn,
Urlar farsaing lom sguabta
Farm bu tartarach fuaim bhrògan àrd.

Dol a dhinnse do phearsa,
Cha bu bhrìdeach ri tfhaicinn air blàr,
Cha dfhuaradh riamh ort cron cumaidh
Ged a dhiairrtthu bho dmhullach gu dshàil;
Duine smearail deas treubhach
Bu sgafanta ceum air an t-sràid;
Bu cheann-feadhna mór beachdail
Làidir teòm thu, neo-thais ann an spàirn.

Tha mi sgìth dhe na ròidean
Cheart cho dìreachs cho comhnards than tràigh:
S ann a dhìreas mi mhòinteach
Bho nach cuimhneachan sòlais do chàrn;
Ann an làrach na coise
Far nach dfhuair thu cur socair air làr,
Laigh an t-aog ort a thiota
Aig an aon Dia tha fios mar a bha.

Rìgh! gur h-oil leam do chéile
N am laighagus éirigh is tàmh,
I gun sunnd air gàiréibhinn,
S tu gun dùsgadhs an léine chaoil bhàin;
S lag a gualainn fon eallach,
Agus luasgan fo h-anail le cràdh,
Chionn a fàgailn a h-ònar,
Agus fàd ag cur feoir orts achàrn.


[88]

Rug an dìloirnn am bliadhna,
S goirt an sgrìob a thug fiaclan an t-sàibh,
Mar tha fuaradh na bochdainn,
S ann tha thuar air achnoc a bhith fàs;
Mallachd buan air an dosgaidh,
Thug i uainn na cinn stoca cho tràth:
Mar a bhuaileadh achrois oirnn
S ann a fhuaradh do chorp anns abhàgh.

Bu tu beannachd na tuatha,
S tu nach teannadh iad cruaidh mun a mhàl;
Ceann diadhaidh nan truaghan
N uair a dhiarradh iad fuasgladhn an càs;
Fhir a baoinfhillte cridhe,
S tu gun chlaonadh gun sligheachan ceàrr,
S tu nach buaineadh abhuinnig
Air achluain sin nach cuireadh am bàrr.

Cha robh ar dìobhail gun ghoinne
S an Di-ciadaoin mu dheireadh den Mhàrt,
Ann an ìochdar na sgeire
Bha ar mìostadh ro shoilleir le càch,
Ann an uachdar achladaich,
Far nach dfhuair thu tighinn dhachaidh gu blàths:
Cas bu luaithair an astar
Agus gualainnn robh neart air an t-snàmh.

Gum be imrich an fhuathais
Anns amhaduinnn uair ghluaiseadh Di-màirt;
Gu robh frasan air gruaidhean
Agus basang am bualadh le cràdh;
Gu robh gruagang an cìreadh,
Daoine truaghag an spìonadh gu làr:
Mar nach guidheadh neach riamh leat
S ann a dhuigheamaich Dia dhuit am bàs.

titleMarbhrann do Alasdair Mac Dhomhnaill
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page