GEARAN AIR A MHNAOI
THA mo lìon air an fharaidh
Cho dubh ris na sgrathan,
’S mo léine cho cairtidh
Ri craiceann an ròin;
’S éiginn domh ’n t-anart
A cheannach gu léine
A dh’aindeoin no dh’éiginn,
Ged tha mo bhean beò.
’S éiginn domh ’n t-anart
A cheannach gu léine
A dh’aindeoin no dh’éiginn,
Ged tha mo bhean beò;
’S éiginn domh rithist
Dol an iochd na cloinn nighean
Ag iarraidh a nighe,
Ged tha mo bhean beò.
’S éiginn domh rithist
Dol an iochd na cloinn nighean
Ag iarraidh a nighe,
Ged tha mo bhean beò;
Tha i mall air a làmhan,
’S i dàna gu labhairt—
’S e dh’fhàg mi gun samhailt
Mo bhean a bhith beò.
Tha i mall air a làmhan,
’S i dàna gu labhairt—
’S e dh’fhàg mi gun samhailt
Mo bhean a bhith beò;
Cha bheag a’ chùis anntlachd,
’S gun mi gann de na caoirich,
A bhith ceannach an aodaich,
Ged tha mo bhean beò;
’S ge beag e ri ràdh,
Tha e nàr leam air uairibh 1340
Bhith air faoigh an t-snàith fhuaigheil,
Ged tha mo bhean beò.
Ge beag e ri ràdh,
Tha e nàr leam air uairibh
Bhith air faoigh an t-snàith fhuaigheil,
Ged tha mo bhean beò;
’S chan fhuiling a’ chlann domh
Bhith ri streampull no brìodal—
Chual’ iad gu cinnteach
Gu bheil mo bhean beò.
Chan fhuiling a’ chlann domh
Bhith ri streampull no brìodal—
Chual’ iad gu cinnteach
Gu bheil mo bhean beò;
’S truagh nach robh mise
’S gun ise ’m Bhirgìni,
Far nach dèante orm innse
Gu bheil mo bhean beò.
’S truagh nach robh mise
’S gun ise ’m Bhirgìni,
Far nach dèante orm innse
Gu bheil mo bhean beò;
Chuirinn teachdaire romham
Gu imeall gach sgìre
A dh’innseadh gu cinnteach
Nach robh mo bhean beò.
Chuirinn teachdaire romham
Gu imeall gach sgìre
A dh’innseadh gu cinnteach
Nach robh mo bhean beò;
Gheibhinn té òg ann
A chòrdadh ri m’inntinn,
’S cha chluinneadh i chaoidh
Gu bheil mo bhean beò.
title | Gearan air a Mhnaoi |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |