AOIR NAN TAILLEIREAN
MISE ’n so ’n am ònaran,
’S mi comhnaidh anns na bàghannan,
Aodaichean air chòrn agam,
’S cha chum iad deò dhe ’n àile dhiom;
Gun do rug an samhradh orm
Le gealltanas nan tàilleirean,
’S gun aonan anns an dùthaich
Aig a bheil ri chunntais fàrdan orm.
Saoil sibh féin nach neònach e
An leòm a tha ’s na tàilleirean;
Mas ann o fhuil nam Mìlidh
Thàinig tinnsgealadh an àrdain ud,
Cha bhi crodh air buailidh aca,
Cha bhi uallach àitich orr’,
Ach ciotag mhosach phròiseil
’S gura dòlum air a sàilibh iad.
Càite faic sibh òganaich
Cho spòrsail ris na tàilleirean?
Faire faire có bhiodh ann
No foghnadh danns’ is gàireachdaich!
Ma bheireas dragh no trìleach orra,
Drip le mnaoi no pàisdean,
’S ann a chithear feadh na tìre iad
’N an aoigheachdaich ’s ’n an ànrachdaich.
Am b’aithne dhuibh mac-samhail
Do na mnathan aig na tàilleirean?
’N uair dh’éireas iad ’s a’ mhaduinn
Cha bhi srad aca nì ’m blàthachadh;
Labhair mi ris a’ chiad fhear dhiubh
Le rian ged a bha ’n t-Sàbaid ann;
’S ann thuirt e rium gum b’fhaide leis
Mac Raibeirt bhith gun tàilleireachd—
“ ’S e meud do gheall air òsdairean
A dh’fhàg do phòca fàs agad,
A dh’fhàg an t-aodach tan’ agad,
’S cha chuir a’ bhean ’n a àite dhuit.”
Labhair mi ri Mac-an-t- Saoir,
“Do ghealladh saobh a shàraich mi;
Gheall thu ’m bliadhna, gheall thu ’n uiridh,
Dh’fhuirich thu ’s cha tàinig thu;
Cha dèan mi tuilleadh brìodail riut
Bho ’n tha mi sgìth dhe t’àbhartan:
’S mairg nach do rinn griasaich dhiot
’S gum biodh na briagan nàdurra.”
Labhair mi ri mac Aonghuis Ghlais,
“An tig thu mach a màireach dhomh?”
Thuirt e, “ ’S ann as neònach leam,
’S tu eòlach air an fhàilingeadh:
Nach fhaic thu féin bean òg agam
Nach leig dh’ a deoin air fàthchul mi,
’S ged dh’fhalbhainn-sa cha choisichinn,
’S cha bhithinn an nochd an Càirinis.”
Labhair mi ri Mac-a- Phiocair
E dhèanamh iochd is càirdeas rium—
“B’eòl dhomh agus b’aithne dhomh
Thaobh athar agus màthar thu;
’S cha ruig thu leas bhith smaointeachadh
Gur duine faoin an Gàidhlig mi—
Mholainn agus dh’aoirinn thu
Cho math ri aon ’s a’ Ghàidhealtachd.”
Am fear a ghoid na bréidean oirnn,
’S a rinn e féin dhiubh àilleagan,
’N uair dh’fhalbh e leis a’ bhrataich ud
G’a taisbeanadh dh’ an Adhbharsair,
Chuir e suas ri crann i,
Agus thog e cheann gu h-àrdanach:
’N uair chaidh an rathad shealltainn da,
B’e bheatha thall ’n uair ràinig e.
title | Aoir nan Tailleirean |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |