[102]

ORAN DO SHIR SEUMAS MACDHOMHNAILL

AIR tuiteam am chadal
A nis o chionn fhada,
Gun thachair dhomh acaid
A stad ann am bhràighe;
Tha cnoimh air mo ghiùlan
Tha àmhgharach ciùrraidh,
Cha bhi mig a mùchadh,
Gu rùisg mi os àird i;
Ach Dia bhithg a chomhnadh
S ariaghladh a ròidean,
An m bheil mo dhòchas
Fo chomhnadh an Airdrigh,
A lagaich mo dhórainn,
A neartaich mo shòlas,
A chuir min diobhòisean
Bhith nas òige na tha mi.

S iomadach buille so
Bfheudar dhuinn fhulang,
Bha chuing air ar muineal
S bu truimi na phràiseach,
Cho trom ri clach-mhuilinn
N a sìneadh air lunnaibh,
Do iargain nan curaidh
S iad uilair ar fàgail;
Gradan agheamhraidh
A lagaich gu teann sinn,
N uair chaill sinn ar ceannard
Nach robh shamhla measg Ghàidheal,
Consmunn na h-aoighealachd,
Leómhann na rìoghalachd,
Dórainn ri innse
Dhan lìne nach tàinig.


[104]

Dórainn ri innse,
An dórainn a chlaoidh sinn,
Thòirleum ar n-inntinn
Cho ìseal rir sàilean;
Ar ceann-feadhna mór prìseil
Bu mhór urrams an rìoghachd,
Gun do bhuin an t-eug dhìnn e,
Ar mìofhortan làidir;
Fhir a chunnaic ar cruadal,
Leig umainn am fuaradh,
Bi thusan ad bhuachaill
Air na fhuair sinnn a àite;
Cuir dhachaidh Sir Seumas
Gun acaid gun éislean
Gu chuideachda fhéin,
Mhuires éibhinn a thàrsail!

Chrìosda gléidh dhùinne
Ar buachaille cliuiteach,
Ar n-uachdaran dùthcha,
Tha chùram an tràth-soirnn;
Allail ar n-iùran,
Smearail is grunndail,
Fearail ri dhùsgadh
Nan tionndadh am mànran;
Ar baranta mùirneach,
Carraig ar bunndaist,
Ar n-aons ar cairt dhùbailt,
S an crùn air an tàileasg,
An ràmh nacheil bristeach,
Ar lann an am trioblaid,
Ar ceannards ar misneach,
Fear bhristeadh abhàire.

An dùsgadh non cadal duinn,
N ùrnuigh non athchuing’,
Ar déirceg a nasgadh
Thu thighinn dhachaidh sàbhailt;


[106] Mùintann an cleachdadh thu,
Cliuiteach ri dchlaistinn thu,
Mùirneach ri tfhaicinn
Air each no air làr thu;
Ar n-aighears ar sòlas,
Ar fìon air na bòrdaibh,
Ar mires ar ceòl thu
S ar dòigh air ceòl-gàire;
Ar consmunna féilidh
A dheònaich Mac dhuinn
Gu còir chur air stéidhe
S gu eucoir a smàladh.

Gur h-innealt an consmunn
Ceann-cinnidh Chlann Domhnaill,
Fear iriseal stòlda
Gun tòir air an àrdan,
Eireachdail coimhlionta,
Soilleir an eòlas,
Goirear dhethn trògbhail
Bòcan, mo làmh-sa;
Cùirteir na sìobhaltachd,
Urla na h-aoighealachd,
Tlusail ri dìlleachdain,
S cuimhneach air àiridh;
Aigeannach innsgineach,
Beachdail air rìoghalachd,
Gaisgeach roimh mhìltean,
Nan sìneadh en gàirdean.

Mo rùn an sàr ghaisgeach,
Fear òg achùil chleachdaich,
Fear mórdhalach gasda
Gun ghaiseadh gun tàire;
Curaidh nam brataichean
Guineach rim bagairt iad
Chuireadh an t-sradag
N a lasair gun smàladh,


[108] A bhuaileadh achollaid
Mun chluain air an cromadh iad,
Ghluaiseadh gun somaltachd
N coinneamh nan nàmhad,
Le Spàinneachaibh loma,
Le musgaidibh troma,
Le fùdar caol meallach
N am teannadh ri làmhach.

Ge fada bhan acaid
N a comhnaidh fo masgaill,
Fògraidh mi as i,
Thig aiteasn a h-àite;
Cuiridh mi airtneal
Air fògradh gu chairteal
N uair chuireas Dia dhachaidh
Na dhaisig mo shlàinte;
Moladh dhan léigh
A dhfhàg fallain mo chreuchdan,
Tharraing mo spéirid
Nas tréine na bàbhaist:
Aghaidh Shir Seumas,
Aghaidh na féile,
Tagha gach speuclair,
Thug an léirsinn na bfheàrr dhomh.

Aghaidh na staidealachd,
Aghaidh na sgairtealachd,
Aghaidh na maisealachd,
Tlachd agus àilleachd;
Aghaidh na fearalachd,
Aghaidh na smearalachd,
Aghaidh as glaine
Bheir sealladh an sgàthan;
Aghaidh na stòldachd,
Aghaidh na mórchuis,
Aghaidh an leómhainn,
Ach tòiseachadh ceàrr air;


[110] Buinidh dhan òigear
Bhith curantan coimhstrith,
S gur h-iomadh laoch dòrngheal
Théids an tòrachd as àill leat.

Cha sùgradh ri chlaistinn
Bhith dùsgadh do chaismeachd,
Bhith rùsgadh do bhratach
Gu h-aigeannach stàtail;
Pìob thollachg a spalpadh,
Sìor phronnadh nam brasphort,
Fraoch tomach nam badan
Ri bratchranng a chàradh;
Barant de dhuaislean
Atarraing mun cuairt di,
Gum bfhearail an dualchas
Dol a bhuannachbuaidh làrach,
Ceathairne ghruamach,
Gun athadh roimh luaidhe,
A dhfhàgadh gun ghluasad
Cuirp fhuaranns an àraich.

Gur iomadh sàr ghaisgeach
Tha urranta smachdail
A thionnadh a steach riut
N am aisith no cnàmhain,
Len Spàinneachaibh sgaiteach,
Cho cruaidh ris an ealtainn,
N am bhualadh nan claignean
Gun spealtadh iad cnàmhan;
Gu fireachail aotrom,
Air mhiranns achaonnaig,
Bhiodh fuil air na fraochaibh
Mun traoghar an àrdan,
Le comunn gun chlaonadh,
Gun somaltachd gaoirdein,
N am lomadh nam faobhar
Ri aodann nan nàmhad.


[112]

Nam faicte Sir Seumas
S gun cuireadh e feum air,
Gur h-iomadh taobh dhéireadh leat
Réisimeid làidir:
An Albas an Eirinn
Co deònach le chéile,
O Chlach nan long gleusda
Gu leum e Port Phàdruig;
Uaislean Chinn Tìre
Bu dual duit o dshinnsribh,
Gu rachadh iad sìos leat
Gun dìochuimhngun fhàilinn;
Gum biodh iad cho tìtheach
S gun dèanadh iad mìostadh
Mar leómhanna miannach
S gun bhiadh aig an àlach.

Dhéireadh na Leòdaich,
Dhéireadhs bu chòir dhaibh,
Dhéireadhs bu deònach
Thaobh eòlais is càirdeis;
Thigeadh am mórshluagh
Briosg ann an òrdan,
Sgiolta na consmuinn
An tòiseachadh blàir iad;
Dearbhadh na fearalachd,
Calman am tarraing iad,
N calg mar na nathraichean,
Fearanng a ràiteach;
Stròiceach le lannaibh iad,
Dòirteach air falannan,
Còcairean ealamh
Air cheannans air chnàmhan.

Dhùisgeadhn ad charraid
Fir ùrGhlinne Garadh,
Ben dearmad gun ghainne
Sìol Ailein a dhfhàgail:


[114] Daoine cho fearail,
Cho saoithreach air lannaibh,
Gu faicte neul falorr
G an tarraing a sgàbard;
Inntinneach togarrach,
Impidh chan obadh iad,
Fìor chruaidh gun bhogachadh
S obair air làrach;
Calma mar churaidhnean,
S mairg air an cuireadh iad,
Chuireadh am buillean
Gu fulang na Spàinnich.

Dhéireadh fir Mhuile
Le éighe nan cluinneadh iad,
Dhéireadh iad uile
Gu h-urranta làidir;
Dualchas a chumadh iad,
Gualainn ri uilinn iad,
Bhuaileadh iad buillean
Mum fuiling thu tàmailt.
S cràiteach ri innse
Bhithg àireamh bhur dìobhail
Na thuit dhan dream rìoghail
Am mìofhortan Theàrlaich;
Adsan co ìseal
Fo shàilean nan Duibhneach:
Na càirdean cho dìleas
S a bhan innc ris a’ phàipeir.

titleOran do Shir Seumas MacDhomhnaill
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page