[124]

MOLADH CHLANN DOMHNAILL

Air fonn: Oran aghunna dam bainm an Spàinneach

TAPADH leat a Dhomhaill mhic Fhionnlaigh;
Dhùisg thu mi le pàirt de dchomhradh;
Air bheagan eòlais as dùthaich
Tha cunntas gur gille còir thu.
Chuir thu de chomaine romhad
S fheàirrde do ghnothuch an comhnaidh;
S cinnteach gura leat ar bàidse:
S leat ar càirdeasm fad as beò thu.

Mhol thu ar daoines ar fearann,
Ar mnathan baile, ’s bu chòir dhuit;
Cha drinn thu dìochuimhn no mearachd:
Mhol thu gach sean is gach òg dhiubh.
Mhol thun uaislean, mhol thun ìslean,
Dhfhàg thu shìos air an aon dòigh iad:
Na bheil dhan ealain ri chluinntinn
Cha chion dìchill a dhfhàg sgòd oirr’.

Teannadh ri moladh ar daoine,
Cha robh e saoithreach air pòghad:
An gleus an gaisges an teòmachd
Air aon adhbhar thign an comhdhail;
Nochdadh an aodann ri gradan,
Cha robh gaiseadh anns aphòr ud;
Cliù is pailteas, maisis tàbhachd
Ciod en càs nach faightair chòir iad?

Cha bu mhisdthu mise làimh riut
N am a bhithg àireamh nan consmunn,
Gu innsam maises an uaisle
An gaisges cruadaln am trògbhail.


[126] Biad siod na fir a bha fearail,
Thilleadh ainsheasgair an tòrachd,
S a dhfhàgadh salach an àraich
Nam fanadh nàmhad rin comhrag.

Ach nam faiceadh tu na fir ud
Ri uchd teines iad an òrdan,
Coslas fiadhaich adol sìos orr
Falbh gu dian air bheagan stòldachd;
Claidheamh rùisgtan làimh gach aoinfhir,
Feargn an aodanns faobhar gleois orr’,
Iad cho nimheil ris an iolair,
Iad cho frioghail ris na leómhainn.

Cha mhór a thionnail nan daoinud
Bha ri fhaotainns an Roinn Eòrpa;
Bha iad fearail an am caonnaig,
Gu fuileach faobharach stròiceach.
Nam faigheadh tu iad an gliocas
Mar a bham misneachs am mórchuis,
Càitam facas riamh rin àireamh
Aon fhine bfheàrr na Clann Domhnaill?

Bha iad treubhach fearail foinnidh,
Gu neo-lomarra mun stòras;
Bha iad cunbhalachn an gealladh,
Gun fheall gun charachd gun ròidean.
Ge do dhiairrte nuas an sinnsre
O mhullach an cinn gum brògan,
N donas cron a bha ri innsorr
Ach an rìoghalachd mar sheòrsa.

Ach ma mhol thu ar daoinuaisle,
Cuimnach do luaidh thu Mac Dhomhnaill?
Aon Mhac bhith airn a bhuachaill
G a ghleidheadh buan duinnn a bheòshlaint!
Os curaidh a choisneas buaidh e,
Leanas ri dhualchas an comhnaidh,
Nach deachaidh neach riamhn a thuasaid
Rinn dad buannachd air an coimhstrith.


[128]

Càitan dfhàg thu Macic Ailein,
N uair a theanaileadh e mhórshluagh?
Na fir mhóra bu mhór alladh
Ri linn Alasdairs Mhontròïs.
S mairg a dhùisgeadh rùn bhur n-aisith,
No thionndadh taobh ascaoin bhur cleòca,
Ge be sùil a bhiodhg an amharc
Cromadh sìos gu abhainn Lòchaidh.

Ach ma chuaidhe tun an sealbhaibh,
Cuimnach dsheanchais thu air chòir iad?
Teaghlach ùiseil Ghlinne Garadh
S na h-iùrana o ghleannaibh Chnòideart?
S iomadh curaidh làidir uaibhreach
Sheasadh cruaidhs a bhuaileadh stròicean
O cheann Loch Shubhairn nam fuarbheann
Gu Bun na Stuaighe am Mórar.

An dfhàg thu teaghlach na Ceapaich
S mór achreach nacheil iad comhlan
Dhéireadh leinn a sìos an aisith
Lem pìobs lem brataiche sròlta?
Mac Iain a Gleanna Comhann,
Fir chomhantan am na coimhstrith,
Daoine foinnidh fearail feardha,
Rùsgadh arm is fearg rin srònaibh.

Dhfhàg thu Mac Dhubhghaill a Latharn,
Bu mhùirneach gabhail a chomhlain,
Cuide ri uaislean Chinn Tìre,
On Roinn Ilichs Mhaol na h-Odha.
Dhfhàg thu IarlAondroman Eirinn
Rinn an t-euchd am blàr na Bòinne:
N uair dhlùthaicheadh iad ri chéile,
chunntadh féich air Clann Domhnaill?

N uair thàinig iad as an Eighphit
Ri linn Ghatéluis is Scòta,
Chuir iad dìth air sluagh na h-Eireann,
Rinn iad slaves den chuid bha beò dhiubh;


[130] Alba, ge bu mhór ri innse,
Roinn iad i o thuinn gu mòintich:
S iomadh urra mhór bha innte
Fhuair an còir o làimh Chlann Domhnaill.

Bhuinnig iad bailes leth Alba:
S en claidheamh a shealbhaich còir dhaibh;
Bhuinnig iad latha Chath Gairbheach:
Rinn iad an argmaid a chomhdach.
Air bheagan comhnaidh gu trioblaid
Thug iad am bristeadh a móran;
Mac Gill-Eathain ann le chuideachd,
S Lachlann cutach Mac-an-Tòisich.

Nan tigeadh feum air Sir Seumas,
Gun éireadh iad uile comhla
O Roinn Ghallaibh gu Roinn Ile,
Gach fear thug a shinnsre còir dhaibh.
Thigeadh Mac Coinnich a Brathainn,
Mac Aoidh Srath Nabhairs Diùc Gòrdon,
Thigeadh Barraichs thigeadh Bànaich,
Rothaich is Tàilich is Ròsaich.

Ar luchd dàimhs ar càirdean dìleas
Dhéireadh leinn a sìos an coimhstrith:
Thigeadh uaisle Chloinn Ghill-Eathain
Mun cuairt cho daingeann ri dchòta;
Iad fo ruaim an uair achatha,
Cruaidhn an làmhan sgathadh feòla,
Tarraing Spàinneach làidir lìomhtha 1925
Sgoilteadh dìreach cinn gu brògan.

Buidheann fhuilteach ghlan nan geurlann
Thigeadh réisimeid nan Leòdach,
Thigeadh réisimeid nan Niallach
Le loingeas lìonmhors le seòltaibh.
Foirbisichs Frisealaich dhéireadh,
S thigeadh Clann Reubhair an òrdan:
N uair a dhùisgeadh fir na h-Iubhraich,
thigeadh air tùs ach Tòmas?

titleMoladh Chlann Dòmhnaill
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page