[6]

ORAN MU ’N EIDEADH GHAIDHEALACH

Air fonn: Marbhrann na h-Aigeannaich

THA mi cràiteach tinn
’S tha mi sgìth làn dochair,
Ceangal air mo bhuill,
Cha dean ceum coiseachd;
Mallachd air an rìgh
Thug am breacan dhìnn,
Guidheam air beul sìos
On a shìn en t-osan.
Ged than stocaidh fada
S in a cochull farsaing,
Bannsan t-osan geàrr
Nach biodh réis on t-sàil an gartan.

Luthaig thu ar còta
N a sgeòl fharsaing,
S luthaig thu ar brògan
Nas leòr phailte;
Mheudaich thu ar cìs
S lughdaich thu ar ,
S dhfhàg thu sinn gun phrìs:
Chaneil dìreadh againn.
Thug thu dhuinn abhriogais,
Theannaich thu ar n-iosgaid:
Bannsam breacan sgaoilte,
An t-aodach aotrom sgiobalt.

S olc achulaidh oidhche
Bhithn lùib na casaig;
Chan fhaigh mi cas a shìneadh,
Chan fhaigh cadal;
Bfheàrr an sòlas inntinn
Na deich slatan singillte


[8] Phaisginn anns an fhéile
N am éirighs mhaduinn.
Siod an t-aodach dreachmhor
Chumadh gaoth is fras uam:
Mallachd an shaoghail
Air an aon fhear chuir as da.

Chaneil culaidh shamhraidh
As feàrr nam breacan;
Tha e aotrom fonnmhor
An am an t-sneachda;
Bha e cleachdtran cùmhdach
Aig na gaisgich lùthmhor:
S acaid air an giùlan
Nacheil e aca.
Chulaidh bha cur fasgaidh
Air na Gàidheil ghasda,
Rìgh, gur mór am beud
Le pléid a chur a fasan.

Chan fhaca tu mac màthar
Air sràid no faithche
S deise na mac Gàidheil
Le shàr phearsain:
Breacan air am féile
S a chlaidheamh air cùl sgéithe,
Le dhagachan cho gleusda
Nach éisd iad sradag;
Sgiath air gualaghaisgich
Cuilbheir caoln a achlais:
Chaneil Galls an t-saoghal
Nach aognaich roimh fhaicinn.

S math thig boineid ghorm
Air chùl borb an cocadh,
Còta geàrr is féile
Air sléisdean nochdte,
Dhol an làthair cruadail
Gu fuilteach nimheil buailteach,


[10] A liodairt nam fear ruadha
Bhiodh smuaisg a fhosgladh:
Le neart ball nan curaidh,
Cur nan lann gum fulang,
Bhiodh luchd nan casag millte
S an cinn a dhìth am muineal.

N uair chruinnicheas na Gàidheil
An làthair troda
Len geur lannan Spàinneach
S an deàrrsadh chlogad,
Pàighidh iad gu daor
Ann am fuils an gaorr,
S cha bhi bonn gun dìoladh
De bhlàr Chùil-lodair.
Chaneil urra chaidh a chreachadh
No urra chaidh a ghlacadh
Nach fhaigh iad luchd am mìoruin
Gun rogha dìol thoirt asda.

N uair chluinneas fir na h-Alba
Do dhearbh chaismeachd,
Théid iad gu neo-chearbach
Fo ddhealbh-bhrataich;
Domhnallaich bu dual,
S dàine théids an ruaig,
Tàilleirean clò ruaidh,
Gar nach fuaigh ach sracadh;
Len cruaidh lannan sgaiteach
Snaidheadh chluas is chlaignean,
S gum bi àireamh cheann
Air a h-uile balls abhreacan.

Nach doimheach dhuinn ar n-aodach
Bhith air chaochladh cumadh,
Chluinn sinn bhithg a dhìoladh
Math dhfhaoidtan Lunnuinn,
Leis na fleasgaich bhòidheach
Chluicheas mar na leómhainn,


[12] Chuireas geilt air Deòrsa
S nach faod e fuireach.
Théid Rìgh Deòrsa dhachaidh
S am prionnsòg a ghlacadh,
Bidh Teàrlachn a rìgh,
S gur fheàirrde prìs abhreacain.

S ionanns a bhithm prìosan
Bhith dhìth abhreacain;
sinn ùrnuigh dhìcheallach
S gheibh sinn taice:
N uair thig iad a nall oirnn,
Cóig ceud mìle Frangach,
Bidh Teàrlach air an ceann,
Bidh am ball fon casan.
Siod an sluagh beachdail
Chuireas an gleò reachdmhor,
Armailteach gu leòr,
A luaidheas an clò Catach;
Sn uair théid amhuc a dhaghadh,
S a cuid uircean fhaileadh,
Air claidheamh no air breacan
Cha bhi tuilleadh bacaidh.

titleOran Mu ’n Eideadh Gàidhealach
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page