ORAN FIR GHRIMINIS
MOCH ’s mi ’g éirigh
Fo sprochd ’s fo éislean,
Gur bochd mo sgeula,
’S cha bhreug mo chainnt;
Mas sgeula fìor e,
’S e sgeula ’s cianala
Chualas riamh
Ann an Innse Gall;
’S e sgeula mór e
Air bheagan sòlais,
’S e sgeula bhròin e
Gun cheòl gun fhonn;
’S e sgeula ’s truaighe
A chuala cluas e,
Air bheagan buannachd,
’S gur buan a chall.
’S e sgeula cruaidh e
Gun d’ ghabh sibh fuadach,
Ar sàr dhaoin’ uaisle
Gun ghruaim gun sgraing,
Gun d’ ghabh sibh fògradh,
’S cha b’ann dh’ ur deoin e,
Dh’ an tìr nach b’eòlach
An seòrs’ ud ann.
Bidh sinne brònach
Air cnoc ’n ar n-ònar:
’S e luchd ar fòirneart
A bhuinnigeas geall:
Gur h-éiginn strìochdadh
Do luchd ar mìoruin,
’S ar càidean dìleas
Dol fad o làimh.
’S e sgeula ’s cinntiche
Dhuinn ri innse
Gun d’ bhuail a’ chuibhl’ oirnn
An tuinnse teann,
Gun d’ rug beul sìos oirnn
Gun dùil ri dìreadh,
Gun d’ laigh am mìofhortan
Air ar ceann:
Mu ’n fhine phrìseil—
Bu mhisneachd rìgh sibh,
An am dol sìos duibh
Sibh cruinn ’s a’ champ,
’S a sheasadh làidir,
Ri aodann Spàinnich,
’S nach traoight’ ur n-àrdan
Gun bhàs nan Gall.
Gur bochd an sgàthan
Bhith triall gu ’r n-àrdaich,
Gun ann ach fàsach
Is làrach lom:
Na tighean maiseach
Am biodh am pailteas
An déidh an sgapadh
Gun chlaich gun chrann;
Far ’m biodh a’ chòisir,
Gu mùirneach ceòlmhor,
’S na tighean móra
Bu bhòidheach greann
Bidh comhlan ùr ann
A’ danns’ air ùrlar,
A’ lìonadh bùla,
’S gun chaomhn’ air dram.
Ar daoine fialaidh
Bha cliuiteach ciatach,
Nach d’fhuaradh riamh
Ann am fiar no feall,
Mar nach b’àbhaist,
Cha chluinn sinn làmhach:
Bidh cadal sàmhach
Aig damh nan eang;
Caidlidh earba
Bheag nan gearrchas—
Cha chluinn i farbhas
No stairm ’s a’ ghleann,
Bho ’n dh’fhalbh Clann Domhnaill
Nam brat ’s nan ròiseol,
An fhine bhòidheach,
Bu nòs domh ’n dream;
Leis na dh’fhalbh a’ chiad uair,
’S na bheil gu triall dhiubh,
Ri ùine bliadhna
Chan fhiach sinn plang.
Dhubh na speuran,
Gun d’ dhubh na reultan,
Dh’fhalbh teas na gréine—
Chan ’eil e ann;
Thig croisean saoghalta
’S dosgaidh daoin’ oirnn—
’S ann their gach aoinfhear,
Tha ’n taod cho teann;
Ar daoine fìnealta
Socair sìobhalt’
’N robh pailteas rìomhaidh,
Gun strìth gun staing—
B’e mais’ ur beusan
Bhith sgaipteach gléidhteach,
Bhith tapaidh treubhach
Gu cur ’n a cheann;
Bhith reic ur n-àirneis,
’S ur n-àite tàimhe,
’S e dh’fhàg ur càirdean
Gu tùrsach trom:
Na bheil an làrach dhiubh
Falbh a màireach,
Gun dad a dhàil
Ach gun tig an long.
’S i Ghearmailt uaibhreach
A dhearbh ur cruadal,
Rinn Alba chuartach’
Le cruas ur lann;
B’e drèag ur nàmhaid
Sibh sheasamh làidir,
An cinn bhith geàrrta
’S an cnàmhan prann.
’S mas e an cruadal
Bha dhuinn an dualchas,
Gun d’ leig sinn uainn e,
’S ar gualainn fann;
Le mheud ’s tha mhiann orm
’S tha rùn air m’inntinn,
Chan eòl domh innse
Bho cheann gu ceann:
Gach lasgair ùrghlan
A chaidh an taobh ud,
Chan eòl domh chunntais
Bho thùs mo rann;
Ach ’s mór an dìth
Air a’ cheàrn so ’n rìoghachd,
Aig meud na h-ìre
Dh’ an tug sibh ann.
’S a nis o thriall sibh
Le ’r cliù ’s le ’r ciatamh,
Biodh beannachd Dhia leibh
’G ur dìon gach ball.
title | Oran Fir Ghriminis |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |