[150]

MARBHRANN DO SHIR SEUMAS MACDHOMHNAILL

MOCH ’s a’ mhaduinn ’s mi ’g éirigh,
Chan e ’n cadal tha streup rium;
Fliuch mo leaba gun séasdar gun sàmhchar.

S bochd mo sheabdar ri leughadh,
Ge be stadadh ri éisdeachd,
Leantail fad air bheag feum air an t-sàthghal.

Chaneil agam da éis sin,
N déidh mo thacsa dham thréigsinn,
Ach maille claisteachd is léirsinn is tàbhachd.

S trom achuing-sair ar muineal,
Air ar lìonadh le mulad;
Tha sinn sgìths chan ann ullamh a sinn.

Sinn ri iargain nan curaidh
Nach robhn iasad ach diombuan,
Gun fhear liath a bhith uilair an làrach.

Daoine mórchuiseach miosail,
Daoine còrr ann an iochd iad,
Daoine cròdha gu bristeadh air nàmhad.

Ann an ùine fhichead
Gura diùbhail ar bristeadh;
Gura dùbailt a nis oirnn e làthair.

Chaill sinn cóigear no seisear
De na consmuinn bu treasa
Nach robh beò ann am Breatann an àicheadh:


[152]

Ann an uaisles an urram,
Anns gach buaidh a bhair duine,
Ann an cruadal gu buinnig buaidh làrach.

S bochd an ruaig-soirnn an comhnaidh,
Dhfhàg ar gualainnn a ònar,
Bhith sguabadh ar n-òigridh gun dàil uainn.

Thàinig meadhail gu bròn duinn,
Thàinig aighear gu dórainn,
Chaill sinn amharc is sòlas ar sgàthain.

Bàs ar n-uachdarain phrìseil,
Sgeul as cruaidhe ri chluinntinn;
Fhuair luchd fuath dhuinn is mìoruin an àilgheas.

Gur em fuaradh-san uiridh
Chuir ar gluasad an truimead;
So an ruaig thag ar n-iomain gu ànradh:

Bhith fo athar an sgeoil ud
Gach aon latha rir beòshlaint,
Air bheag aighear no sòlais no slàinte.

Fhuair sinn naidheachd ar leatrom,
Fhuair sinn naidheachd na creiche,
Fhuair sinn naidheachd thug leagadh dhar n-àrdan.

S trom an galars is diùbhail,
Mór an t-eallach ri ghiùlan
Rinn ar n-anail a mhùchadhs ar n-àidhean.

Bhith a ghnàth ris an tùrsa
Gun fhear bàidhe bhith dlùth dhuinn,
Ach fo thàmailt nighean Ionnsair an àirigh.


[154]

Nis os dìlleachdan bochd mi,
Oighre dìreach air Oisean,
Mi ri innse cruas mfhortain do Phàdruig;

Mi ag innse cruas mfhortain,
Mar a dhinntrig en toiseach,
Chaneil brìgh dhomh no toirt bhithg a àireamh,

Ach an sgrìob thug achreach oirnn,
Dhfhàg a chaoidh sinng a h-acain;
So in dìle chuir brat air na thàinig,

Chuir ar dòchas an laigead,
Chuir ar dórainn am pailteas;
Chaill sinn sòlas ar n-Absaloim àlainn.

Dhfhalbh ar n-Absalom maiseach
Bha gun agradh gun ghaiseadh;
Muir a thàinig le graid thug abhàir oirnn;

Chuir ar leabas an draigheann,
S gun ar cadal air faighinn,
Ar sùil frasach on naidheachd a thàinig.

O nach dùil ri Sir Seumas
S beag ar rùn an gàiréibhinn,
Ach cho tùrsachn a dhéidh ri Rìgh Dàïdh.

Chaill sinn duilleach ar géige,
Gràinne mullaich ar déise;
So an turus chuir éis air ar n-àrmuinn.

S fheudar fuireach ri sìothshaimh,
O nach urrainn an strìth sinn,
Ach bhith fulang gun strìochd sinn dar nàmhaid.


[156]

Ma thig fòirneart no bagradh
Sinn gun dòigh air am bacail,
Ach mar Thròïdhs gun Heactor air làrach.

Sinn mar Thròïdh gun Heactor,
Bochd na sgeoil sin ri chlaistinn;
Tha sinn leointen ar pearsasn ar càileachd,

On thàinig am bristeadh
A thug teàrnadhn ar mios duinn,
Ar ceann tànachs ar misneach dhar fàgail.

Dhfhàg e sinne bochd tùrsach
Ann an ionad ar ciùrraidh
Gun thu thilleadh gu ddhùthchannan sàbhailt.

Thug e sgrìob air ar n-uaislean,
Chaoidh cha dìrich an tuath e;
Tha sinn mìgheanach truagh air bheag stàtha.

Sinn mar chaoirich gun bhuachaill
N déis an t-aoghair thoirt uatha,
Air ar sgaoileadh le ruaig ghille-mhàrtuinn.

Ar toil-inntinns ar sòlas,
Craobh a dhìdean ar còrach,
Ann an rìoghachd na Ròimhair a chàradh.

Thu bhithn rìoghachd na Ròimhe
Goirt ri innse na sgeoil sin;
Dhé! cha dìrich Clann Domhnaill nas àirde.

On sgathadh ar n-ògan,
Chraobh bu fhlathaile comhdach,
Gun a h-abhall air dòigh dhuinn a thàrsail.


[158]

Mór an sgeuls an Roinn Eòrpe,
Mór a bheud le Rìgh Seòras,
Mór an éis air do sheòrsa gu bràth e.

Cha do dhùineadh an còta,
S cha do ghiùlain na brògan
Neach an cunntadh iad comhla do phàirtean:

Ann an gliocass an eòlas,
Ann an tuigses am mórchuis,
Os na gibhteannan móra bha fàs riut;

No neach a shiubhlas gach rìoghachd
Gheibh do chliù ann am fìrinn
Eadar Lùdhais na Frainges am Pàpa.

Tha sinn deurach bochd tùrsach
Gun ghàiréibhinn gun dùil ris,
Mar an Fhéinn agus Fionn air am fàgail.

Sinn gun Osgar gun Diarmaid,
Gun Gholl fosgarra fialaidh,
Gach craobh thoisich atriall uainn gu Pàrras:

Cinn nam biùdhannan calma
Leis an dumhlaicheadh Alba
S iomadh ùghdar thug seanchas mar bhà sin.

S bochd a chrìochnaich ar n-aimsir,
Mar Mhaol-Ciarain gun Fhearchar;
Sinn ri iargain na dhfhalbh uainns nach tàinig.

S e s cosmhail ri sheanchas
Lìon sinn copan na h-aingidheachd
Aig na bhrosnaich sinn fearg an s àirde.

A Thì phrìseil thug uainn e
Chun na rìoghachd as buaine,
A Chrìosda cum suas duinn na bràithrean.

titleMarbhrann do Shir Seumas MacDhomhnaill
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page