ORAN DO MHAC ’IC AILEIN
MO mhìle beannachd ort Iain Ghrùdair,
Dhùisg thu mi le t’uirigleadh;
B’aisling caillich mar a dùrachd
Tha mi ’n dùil a chunna tu;
Bha thu dìcheallach gu leòr
G’a mheòrachadh nam b’urrainn thu,
’S na dh’fhàg thu féin gun chur air dòigh,
Cha bhi an còrr dh’a uireasbhuidh.
Cuim’ an déis a dhol ’n a dhàil
Nach d’ rinn thu pàirt a chumadh dheth?
Nam bu bhàrd thu dhèanadh dàn
Mo làmh gun éireadh luinneag leat
Air daoine treubhach euchdach sàrmhaith
Fialaidh fàilteach furanach,
’S nach faca nàmhaid latha blàir
An sàil air raon na h-iomanach.
’S e bun mo sgeoil an tighearna òg—
Cha dèan do ghlòir-sa tuireadh dha;
Cha stad an cainnt no teanga mhall
A dhèanadh rann do ’n duine sin,
Dh’am bheil na càirdean lìonmhor làidir
Anns gach ceàrn gu cruinneachadh,
As tric thug beàrna air an nàmhaid,
’S bhiodh an àireamh diombuanach.
Ma thig air Mac ’ic Ailein éiginn
’S eòl domh féin am furan air,
Na chaisgeas fheum ’s gach tòir is déidh
A chuireadh éis no mulad air;
’N uair nochdar ri crann do shìoda
Chluinntear pìob is drumaichean;
Bhiodh suaicheantas taitneach gu leòr
Aig Domhnallaich na curaidhean:
Fraoch nan garbhbheann air mac meanmnach,
’S craobh nach searg an duilleach aic’,
Long is bradan is làmh dhearg
Is leómhann feardha furachail.
’S leat air thùs do chinneadh féin
Gu làidir euchdach urramach,
Dol ’n an éideadh bhualadh spéicean
’S cruaidh am beum ’s gur guineach e;
’S an iomairt lann chan ’eil iad fann—
Gur lìonmhor geall a bhuinnig iad,
Ri siabadh cheann bhàrr chorp nan Gall,
Is tart an geall air fuil orra.
Nì nach neònach, ’s leat Clann Domhnaill,
Na laoich chròdha churanta,
Garbh an comhrag, searbh an tòrachd,
Garg mar leómhainn chuileanach,
Ri sgathadh chluasan, spealtadh ghuaillean,
Sgoltadh chnuac is mhullaichean,
Théid bras ’s an ruaig, nach tais ach cruaidh—
’S e fear nach buan nì fuireach riu.
Thig fir Chnòideart mar na seobhgaibh
Air am foghlum tuilbheumach,
Làidir eòlach ’s fearg ’n an srònaibh—
Leònaidh iad gu cunnartach;
’S nàimhdeil beurrtha nì iad creuchdadh—
Cha téid léigh an urras orr’;
Bidh caonnag chaoich an gnùis gach laoich—
Có dh’fhaodas dol a dh’iomairt riu?
Thig Clann Iain leat an òrdugh—
’S bòcain a gheibh urram iad;
Bidh fuil ’g a dòrtadh leis na leómhainn,
’S gum bi feoil ’n a culagaibh;
Le ’n claidhean cruadhach a’ sìor bhualadh,
’S luathaireach na curaidhean;
Gun leòn gun sgìos, gu bràth cha till
Gun téid na gill a chur leotha.
Thig na Ceapaich, ’s mi nach fàg iad—
’S math an àit a’ chunnairt iad,
Feardha dàicheil calma làidir—
Tàmailt riamh cha d’fhuiling iad;
Ceum air adhart aig gach diùlnach,
’S ionnsaicht’ iad air gunnaireachd;
Sgriosar càch gu grad gu bàs
Le gàirdeanan nan curaidhean.
Thig Clann Donnchaidh leat ’n an comhlan—
’S meanmnach am pòr urramach—
Tighearna Shrùthain agus Leoid
Le ’n daoine comhnard cumadail;
Théid neo-sgàthach ruagadh Spàinneach
Deagh gheur stàilinn Lunnuinneach;
Leagaidh iad na thig ri ’n aodann
Leis na faobhair fhulangach.
Eiridh fiùrain fhallain ùra,
Stiùbhartaich gu dunmharbhadh,
Iarla Bhòid le chomhlain chliuiteach—
’N uair a dhùisgear ’s duilich e;
Thig o Athall na fir bhorba,
Colgarra ro iomairteach,
Gach aon ’s an Apuinn an iar,
’S an am dhaibh triall bidh bhuinnig ac’.
’S leat na Leòdaich pailt de stòras,
Dream nach sòradh builleannan
Thoirt na tòrachd gu do chomhnadh,
Stròiceadh seòlta cunbhalach;
’S leat na h-Ailpeinich le cinnt—
Chan iongnadh iad a chruinneachadh
Gu do dhìdean o luchd mìoruin—
’N am na strìth cha chuirear riu.
’S làidir treun gach conspull féil
Nach éisd ri bhith ’g ad dhiomoladh;
’N uair chruinnicheas iad uile comhla
Bidh na ’s leòr ’s na h-uiread ann.
title | Oran do Mhac ’Ic Ailein |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |