BANAIS MHICASGAILL
’S E banais MhicAsgaill
’S na dh’òl mi de ’n dram
A dh’fhàg mi ’s an am
Trom éisleanach.
Ciod am fàth a bhith gearan
Mu ’n nì nach ’eil ann,
’S nach robh anns a’ Ghleann
Na léighseadh mi?
’N uair shuidh sinn mu ’n t-suipeir
Rinneadh altachadh fial,
’S air m’anam bu bhrèagh
An t-umhlachd e;
’S ann an sin a bha ’n gearradh
’S an sgaiream air biadh,
Mar gum biodh am bàrr-liagh
’N a thiùrrannan.
Bha ìm agus càise,
Buntàt’ agus iasg
Aig mnathan ’g a riar
Le fiùghantas;
Bha gillean is bodaich
A’ tabaid ’s an sàs,
’S ag cagnadh nan cnàmh
Fo ’n cùlagan.
Dh’òl sinn deoch slàinte
Rìgh Seòras a Trì,
Gach teaghlach bha prìseil
Cùramach,
’N uair chruinnich a’ chuideachd
’S a thòisich am bàl
Bha iomadh ceann àrd
’G a rùsgadh ann;
Gach aon mar a b’urrainn
Toirt urraim thar chàich,
’S a’ dannsa air bhàrr
A shùrdagan.
Gach aon bh’ air a’ bhanais
A’ dannsa gu grinn
Le seatadh ’s an ruidhle
Dhùbailte,
’S iad ag glaodhaich, “Obh óbh,
Nach mol sibh an gnìomh
Fhad ’s mhaireas a’ phìob
’S an t-ùrlar dhuinn.”
’N uair ràinig mi dhachaidh
Trom airtnealach sgìth
’S ann theann mo bhean fhìn
Ri cnàmhan rium—
“Ciod e a chum thusa
Cho fada ’s a’ Ghleann,
’N uair dh’fhuirich thu ann
G’am nàrachadh?”
“Uist! a bhean dhona,
Thoir an air’ air do bhiadh,
Tog dhiom do chiall,
’S na sàraich mi;
An Coire na h-Eitigh
Gun d’ chaidil mi m’ riar—
Sin turus do liadh
’S e pàight’ agam.”
“Coire na h-Eitigh,
B’e sin coire gun bhuaidh
Dh’fhàg thusa ’s an uair
’G a ionndrainn;
’S cha bhiodh e cho miosa
Mur cluinneadh an sluagh,
’S gun cuir iad mu ’n cuairt
Na dùthcha e.
“Their iad gur misg
A bh’ air fear a’ chinn léith
......
.....
’S cha ghearan dhuit idir
Mur cluinn iad ’s a’ chléir,
’S gun cuir iad fo phéin
’S fo ùnlagh thu.”
title | Banais MhicAsgaill |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |