BEANNACHADH-TIGHE FIR BHAGHASDAIL
GUM beannaicheadh Dia an tùr as àilne
Gus an tàinig mi ’m beul oidhche,
Geàrr o ’n làrach an robh ’n t-àrmunn
Bu cheann tànach roimh na h-aoighean,
An robh ’n curaidh, an robh ’n gaisgeach,
An sàr chaiptean roimh na mìltean,
An robh ’n duine bu thearc samhailt
Bha ri fhaighinn anns na crìochan.
’S e sàr mhac mór Mhic ’ic Ailein
Fhuair an alladh ’s cha bu mhìochliu;
Cha bu dùthchannan thug cliù air
Fada shiùbh’lte feadh gach rìoghachd.
........
.......
Dh’aindeoin na labhair iad uile,
Cha d’fhuair e ’n t-urram a b’fhiach e.
Gum beannaicheadh Dia an tùr allail
As glan sealladh, ’s e tùr Chailein,
Tùr as ainmeil feadh gach talmhainn,
Tùr air laimrig Chaolas Bharraidh.
’S e tùr nan cliar an tùr fialaidh,
’N tùr an riaraichear gun ghainne,
An tùr ceòlmhor am bi mhórchuis,
Fìon is beoir air bòrd gun cheannach.
Tùr an fhortain, cliuiteach cosgail,
’M fàg na daoine bochd’ am beannachd,
Tùr an t-sonais ’s am bi ’n onair,
Ge b’e mholadh e mar b’airidh.
’S àlainn éibhinn deàrrsadh gréin’ air
’N am bhith ’g éirigh maduinn earraich,
Sòlas inntinn fir na tìre,
Lainndeir oidhche do luchd mara.
Ionad reulaidh dh’fhear ’n a éiginn
’N am bhith stéidheachadh air caladh;
Nì e soillse mar an daoimean
Solus coinnle ’s uinneag ghlaine.
Ro mhath sgliatadh, ro mhath aoladh,
Ro mhath ’n t-saothair th’ air a bhalla,
’S ro mhath ghiuthas air a dhlùthadh—
Air son ùirneis bheir e barrachd.
’N tigh as feàrr tha measg nan Gàidheal—
Có ’n duin’ ann as feàrr na Cailean?—
Duine gasda cneasda diadhaidh,
Cliù dh’ a iarogh’ ’s cliù dh’ a sheanair.
’N tigh ’s an duin’ a réir a’ chéile,
Mar fhuair Eamunn an t-each barrfhionn.
Gun gleidheadh Dia thu o neart nàmhaid,
O neart teine ’s o neart mara.
Gun gleidheadh Dia am fear chuir suas e
’N saoghal buan ’s an dualchas arrail;
E féin is a shliochd ’n a dheaghaidh
Dhol air adhart an deagh ghnothuch—
Siod mo roghainn.
title | Beannachadh-tighe Fir Bhaghasdail |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |