[186]

MARBHRANN DO UISDEAN A’ BHAILE SHEAR

MO thruaighe bristeadh Shìol Chuinn,
Mo chreach bhur dìobhails bhur sgath,
Sgeul duilich as mór am beud,
Ri fhulang gur geur an gath.

Gur geur an gath gath an aoig,
N ar taobh a dhfhalaich e ghuin
N uair dhfhuadaicheadh uainn na suinn,
Sgeul as cruaidh ri innsen diugh.

N uair thugadh ar ceann prìseil uainn
Gur mìofhortan cruaidh a bhann
Càch a bhith teàrnadh cho cas
S a theàrnadh achlach leis aghleann:

Mun tàinig lethbhliadhna slàn
Chaill sinn Fear Bhàlaidhs a mhac,
Ar sàr chaiptean Fear an Uird,
Gill-easbuig, gun dùil ri theachd.

Tha firs achaibealn an tàmh,
Iains am Bàillidh air thùs:
Bu deagh chreideas iad air tìr
Ga sheasamh an sìths an cliù.

Nach mór am bristeadh oirnn sin
Cuide rir bristeadh an diugh,
Na h-uiread bharanta mór?—
De bhrollach Chlann Domhnaill na fir.

Biad sin na fir bu mhór meas
N ionad nach do sheas an cas,
Air an cluinnten t-iomradh còir
N àite nach robh ’n eòlas ac’.


[188]

Cuideachd is móran dhan dìth
Faodaidh iad bhith cruinn air cnoc;
Nach cianail an nochd achuirm
OghIarla Dhùn Tuilm fo bhrot.

Am fìor ghaisgeach dol fo lic
Mun iargaineach iomadh neach,
Sàr churaidh a chaisgeadh tòir,
S nach cuireadh ob-òb air n-ais,

Nan tigeadh trioblaidn ar caraibh
Sheasadh fearail air ar ceann,
Gun mur-a- bhitheadh ri fhaotainn
N cridhe non gaoirdean non lann.

N duine bu duinair gach càs,
Ionadail càirdeil gun phléid,
Ceannard sluaigh gun tuar bhith sgàthach,
Guala làidir anns an t-streup.

Duine sgairteil tapaidh teòma,
Duine saidhbhir anns gach beairt,
Labhradh an fhìrinn le grunnd,
S cha bin teanga leam is leat.

Gur mise chunnaic an uair
M burramach do shnuadhs do dhreach,
Fear fearail bu fhlathail gnùis,
Amharc nan sùl nach robh tais.

Calpa foinnidh, sliasaid mheanmnach,
Colainn dhealbhach bu mhór neart;
M faicinns an gaisges an gnìomh
Bu dìomhal iarla do mhac.

Ceannard dùthchan éirigh chruaidh,
Ceannard sluaigh an éirigh feachd,
Ceann-feadhna nach fuilingeadh spìd,
S a burrainn an t-strìth a chasg.


[190]

Duine fearail a dhfhàs cruaidh,
Duinen robh cruadal is smachd,
Duinen robh iochd agus truas
Gu fuasgladh air fearn a airc;

Duinen robh smear agus sgoinn,
Duine nach robh foilln a bheachd,
Nach buaileadh abhuille chùil,
S nach gleidheadh -rùn do neach.

An aon mhìles a seachd ciad
Trì fichead bliadhnas a naoi
Ghabh Uisdean cridhe chead dìnn;
Trì ficheads a trì be aois.

Tha sinn a nis air ar leòn
N fhine mhór bu lìonmhor buaidh;
Ma bha sibh riamhn ur cùis fharmaid,
S an aimsir-sa culaidh thruais.

Craobh a rùisgeadh air gach taobh sinn,
Craobh nach do ghiùlain a mios;
Chan fhan ar luchd aoise beò,
S cha tig ar daoinòga ris.

Seallamaid a nis ri Dia;
S cinnteach achrìoch dhuinn am bàs;
Ruitheamaid ar cùrsa réidh,
S iarramaid Mac mar gheàrd.

titleMarbhrann do Uisdean a’ Bhaile Shear
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page