MARBHRANN DO NIALL MACGILL-EATHAIN (FUIDHEALL)
A’ BHLIADHNA trì fichead ’s a naoi,
’S goirt a’ ghaoir a tha ’s na bàigh.
Am fear mór anns ’n do chinnich an ciall
Is e air triall bhuainn leis a’ bhàs.
Dh’fhalbh thu bhuainn a Mhaighstir Niall—
’S iomadh fear fianais bh’ ort ’s gach càs.
Bu tu ’m britheamh air a’ chùirt,
Fear dùthchadh ’s an t-samhradh chruaidh;
Fhir gun leatrom gun chainnt chùil,
Cha bu tu ’n teanga leam is uam.
title | Marbhrann do Niall MacGill-Eathain |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |