ORAN NA H-AOISE
Air fonn: The pearl of the Irish nation
CHA tog mise fonn,
Chan éirich e leam,
Tha m’aigne ro throm fo éislean;
An cridh’ a ta ’m chom
Mar chloich bhiodh ’n a deann
A’ tuiteam le gleann ’s nach éirich.
Tha gaisgeach nach tìom
Oirnn ag cogadh ’s a’ strìth
Nach urrainn a chaoidh bhith réidh ruinn;
O ’s treas’ e na sinn
Théid leis-san ar claoidh,
’S cha teasairg aon nì fo ’n ghréin sinn.
’S cùis thùrsa gu dearbh
Bhith ’g ionndrainn na dh’fhalbh—
Ar cruitheachd ar dealbh ’s ar n-eugasg,
Ar cumadh ’s ar dreach,
Ar spionnadh ’s ar neart,
Ar cur an am gleac no streupa:
Mar a sgaoileas an ceò
Thar aodann an fheoir,
Mar a chaoch’leas na neoil ’s na speuraibh,
’S ann tha ’n aois a’ teachd oirnn,
Cumhach caointeach làn bròin:
’S neo-shaoithreach r’a leòn an té sin.
Aois odhar gun bhrìgh
Tha ’g ar todhar gu cill,
Dh’fhàgas bodhaig a’ chinn ro éitigh;
Aois bhodhar nach cluinn,
Gun toghaidh gun suim,
Gun char foghainteach strìth no streupa;
Aois chasadach gharbh
Cheann-trom chadaltach bhalbh,
Ann an ion ’s a bhith marbh gun éirt thu:
Cha ghluais thu ach mall
Agus cuaill’ ann ad làimh,
Dol mu ’n cuairt air gach allt is féithe;
Cha chuir thu gu bràth—
Cha chubhaidh dhuit à—
Geall ruithe no snàmh’ no leuma:
’S ann tha fiabhras is cràdh
’G ad iarraidh gu bàs
Na ’s lìonmhoir’ na plàigh na h-Eighphit.
Aois chianail ro bhochd
Ri caoidh na rug ort,
Dim-brìgheil gun toirt gun spéis thu;
Do luchd comuinn is gaoil
Fo chomairc an aoig,
’S gun air comas a h-aon diubh éirigh;
Dh’fhalbh t’àirneis ’s do chuid,
Dh’fhalbh slàinte do chuirp;
Thig ort fàilinnean tuigs’ is reusain;
Thig dìochuimhn’, thig bàth’chd,
Thig dìomhanas dà,
Thig mìoloinn do chàirdean féin ort.
Aois ghreannach bhochd thruagh,
’S miosa sealladh is tuar,
Mhaol sgallach gun ghruag gun deudach,
Roc-aodannach cruaidh
Preasach craicneach lom fuar
Crùbach crotach gun ghluasad ceuma;
Aois chiardhubh a’ bhròin,
Gun rìomhadh gun spòrs,
Gun toil-inntinn ri ceòl d’a éisdeachd,
Rob-fhiasagach ghlas,
Air dhroch sheasamh cas,
Leisg seotail neo-ghrad gu éirigh;
Chan fhuiling thu fuachd,
’S olc an urr’ thu ’n càs cruaidh,
’S e do bhuinnig an tuath ’s an déirce;
Chan ’eil neach ort an tòir
Nach e aidmheil am beoil
Gur fada leo beò gun fheum thu.
Aois uaine ’s olc dreach,
Orm is suarach do theachd;
Chan ’eil tuaraisgeal ceart fo ’n ghréin ort:
Thu gun mhire gun mhùirn,
Thu gun spiorad gun sùrd;
Far an cruinnich a’ chùirt cha téid thu.
Aois chairtidh ’s olc greann,
Aois acaideach mhall,
Aois phrabshuileach dhall gun léirsinn;
Cas feargach gun sùgh,
Làn farmaid is tnùth
Ri fear meanmnach bhios lùthmhor gleusda.
Faire faire dhuin’ òig,
Cia do bharantas mór?
’N i do bharail bhith beò ’s nach eug thu?
Ged tha ’n saoghal ’s an fheoil
Co-aontach na ’s leòr
Air do chlaonadh o chòir gu h-eucoir,
Ach àroch gun tuar
Chnoimheach dhaolagach fhuar
Anns an càirich iad suas leat féin thu;
Cho mór ’s tha e ’d bheachd,
De d’ stòr cha téid leat
Ach bòrdain bheag shnaidht’ is léine.
’S e cùram as mò
Bhith dol dh’ionnsaigh a’ mhòid
Gu toirt cunntas an còir ’s an eucoir,
Far nach seasamh do nì
Dhuit dad dhe d’ chuid fiach;
’S e ’s cùis eagail bhith ’m prìosan éiginn.
title | Oran na h-Aoise |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
notes | Same as text #171-25. |
parent text | The Songs of John MacCodrum |