FAILTE DO ’N CHLEIR
FÀILTE oirbh!
Fàilte oirbh uile gu léir.
Fàilte air na bheil ann uile.
Fàilt’ is furan air a’ chléir.
’S binn an t-àite bhith ’n ur fochar,
’N t-àite ’n cluinnte focal Dhé.
Dia ’g ur stiuireadh an deagh chomhairl’
Chum an gnothuch-s’ chur gu fheum.
Ged a chuaidh an t-athair seachad,
’S math a mhac a bhith ’n a dhéidh.
Fhuair sibh trioblaid air an sgàth—
’S fad’ sibh o ’r n-àite-tàimh féin;
’S e nì ’s duilich leam ri innse
An droch shìde bhith ’n ur déidh.
’N am dhuibh falbh le cliù ’s le ciatamh
Beannachd Dhia dhuibh far an téid,
Chan fhaod mi fuireach ri mòisean—
’S éiginn dhomhsa dhol ’n a bheinn.
title | Fàilte do ’n Chleir |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |