[196]

ORAN DO NA FOGARRAICH

Air fonn: Air tuiteam am chadal

TOGAIBH misneach is sòlas,
Bithibh inntinneach ceòlmhor,
Agus cuiribh ur dòchas
Ann an comhnadh an Airdrigh;
On as fheudar dhuibh seòladh,
Is nach ann do ur deoin e,
Do rìoghachd nach eòl duibh,
Mar a thòisich ur càirdean;
O nach fuiling iad beò sibh
Ann an crìochaibh ur n-eòlais,
S feàrr dhuibh falbh do ur deoin
Na bhith fòdha mar thràillean;
S iad na h-uachdarain ghòrach
A chuir fuaradh for srònaibh,
A bhris muineal Rìgh Deòrsa
N uair a dhfhògradh na Gàidheil.

Ma thig cogadh is creachan,
Mar as minig a thachair,
S ann a bhios sibhn ur starsaich
Fo chasaibh ur nàmhaid;
Tha sibh soirbh ri bhur casgairt,
S gun neach ann gum bacadh,
Tha bhur guaillean gun tacsa,
S na gaisgichg ur fàgail.
Rìgh! gur sgiolta rim faicinn
N an seasamh air faithche
Len aodaichean gasda
De bhreacanan càrnaid
Na tha falbh uaibh an ceartuair
De dhòganaich dhreachmhor,
Gun truailleadh gun ghaiseadh,
Gun taise gun tàire.


[198]

Thug siod sgrìob air Mac Dhomhnaill,
Thug e spùilleadh air Mórar,
Thug e lomadh air Cnòideart,
Thug e leòn air Clann Raghnaill:
Falbh nam fear òga,
Falbh nam fear móra,
Falbh nam fear cròdha
N am na tòrachd a phàigheadh;
Bidh cinn-chinnidhn an ònar,
S an slinnean gun chomhdach,
Gun treise gun chomhnadh
N uair thig fòirneart an làthair:
Ur nàimhdean gu spòrsail
G ur stampadh fom brògan;
Luchd fòirneart gu treòrach
Gun neach beò gus an àicheadh.

S truagh an gnothuch ri smaoineach’,
Tham fearanng a dhaoradh;
Ghrad dhfhalbh ar cuid daoine,
S thàinig caoirichn an àite:
S lag an sluagh iads is faoin iad
Dol an carraid non caonnaig,
Làn bracsaidh is caoile,
S iad fo dhraoidh ghille-màrtuinn;
Cha dèan smiùradh ur saoradh
N làthair batail air raonaidh,
No fead cìbeir an aonaich
Gnè chaochladh dher n-ànradh;
S ged a chruinnicheadh sibh caogad
Mholt is reitheachan maola,
S beag a thogadh a h-aon diubh
Claidheamh faobharach stàilinn.

Ciod am fàth dhomh bhithg innse
Gun dfhàs sibh cho mìodhar
S gun spothadh sibh frìghde
Far an dìreadh i fàrdan?


[200] Dhfhalbh na ceannardan mìleant
Dhan robh sannt air an fhìrinn,
Dhan robh geall air an dìlsean
Agus cuing air an nàmhaid;
Air an tuath bha iad cuimhneach,
Cha bann gus an sgrìobadh;
Bhiodh bantraicheans dìlleachdain
Dìolta gu saidhbhir;
Gach truaghan gun dìth air
Mun cuairt air na suinn sin
Nach sealladh gu h-ìseal
Bhan inntinn ro stàtail.

Dia a stiuireadh ur gnothuich
Air gach taobh agus romhaibh
A null air chuan domhain
As coimhiche gàire;
Thugadh Eölus earail
Don ghaoith a bhith tairis
Gun giùlain i thairis
Ur mnathans ur pàisdean;
Biodh an fhairge le mothar
Toirt an spìd as an robhairt;
Biodh Neptiung a clothadh
Gun tomhas ro àrd oirr’:
Gus an ruig sibh am fearann
Gun eagal a ghabhail,
Dol air tìr mar as math leibh
Ann an calaichean sàbhailt.

Triallaibh nis fhearaibh
Gu dùthaich gun ghainne
Cuiribh cùl ris an fhearann
Chaidh thairis am màl oirbh
Gu dùthaich abhainne,
Gu dùthaich na meala,
Gu dùthaich an ceannaich sibh
Fearann gur n-àilgheas,


[202] Gu dùthaich gun aineis,
Gun chrìonadh gun stanard,
Far an cnuasaich sibh barrachd
S a mhaireas rir làithean:
S en saighdeir glic fearail,
N uair chitheadh e barrachd,
A theicheadh le anam
S nach fanadh air làraich.

Seallaibh mun cuairt duibh
Is faicibh na h-uaislean
Gun iochd anntri truaghain,
Gun suairceas ri dàimhich;
S ann a tha iad am barail
Nach buin sibh don talamh,
S ged dhfhàg iad sibh falamh
Chan fhaic iad mar chall e;
Chaill iad an sealladh
Air gach reachd agus gealladh
Bha eadar na fearaibh
Thug am fearann-son nàmhaid:
Ach innseadh iad dhomhsa,
N uair théid sibh air fògradh,
Mur caill iad an còir air
Gun dòigh air a theàrnadh.

titleOran do na Fogarraich
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page