ORAN NA H-OIGE
AN toiseach nam bliadhnachan ùr,
Deireadh gheamhraidhean ùdlaidh nam fras,
’N uair as anmoiche dh’éireas a’ ghrian
’S as lìonmhoire chuireas an sneachd,
Bidh gach leanabh, gach naoidhean bochd maoth,
Ag gabhail gu saothair ’s gu cnead
Aig géiread an àileidh ’s an fhuachd
Nach faodar an gluasad bho nead.
’N toiseach earraich thig Gearran fliuch garbh
Chuireas calainn gach ainmhidh air n-ais;
Thig tein’ adhair, thig torann ’n a dhéidh,
Thig gailleann, thig éighre nach lag.
Bidh gach leanabh, gach naoidhean bochd maoth,
Nach urrainn daibh innse de ’n staid,
Gun eirbheirt gun astar gun lùth
Gus an teirig an dùdlachd air fad.
Màrt tioram ri todhar nan crann,
A’ sùghadh gach allt is gach eas;
Gach luibh bhios an gàradh no ’n coill
Gun snodhach gun duilleach gun mheas.
Bidh turadh fuar fionnar gun bhlàths
Ag crùbadh gach àl a thig ris;
Bidh gach creutair ’n robh acaid ’s a’ Mhàrt
Tighinn air éiginn o ’n bhàs no dol leis.
Mìos grianach ùr fiarach an àigh
’M bi gach luibh ag cur blàth os a cionn:
Nach bòidheach bhith ’g àrach gach luis,
Ur àlainn fo ghucaig ’s fo dhriùchd?
Bailc-Bhealltainn nan cuinneag ’s nan stòp
’S nam measraichean móra lom-làn,
Trom torach le uighean ’s le eoin,
Le bainne le feoil ’s le gruth bàn.
Fàsaidh gillean cho mear ris na féidh,
Ri mire ri leum is ri snàmh;
Iad gun leathtrom gun airtneal gun sgìos,
Sìor ghreasad gu ìre ’s gu fàs.
Mìos dubharach bruthainneach blàth
Bheir sìneadh is fàs air a’ ghart:
Fàsaidh gillean an iongantas mór
Le iomadaidh bòsd agus beairt;
Iad gun stamhnadh gun mhunadh ’n an ciall, 345
Cuid de ’n nàdur cho fiadhaich ri each,
’N dùil nach ’eil e ’s nach robh e fo ’n ghréin
Na chuireas riu féin aig meud neart.
’N tusa ’n duine ’n robh iomadaidh bòsd?
Cuim’ nach d’amhairc thu fòil air gach taobh?
’N e bhith beairteach seach iomadaidh neach,
No bhith taitneach mu choinneamh nan sùl?
’N tigh creadha so ’m bheil thu ’n ad thàmh,
Chéis chnoimheag nì cnàmh anns an ùir—
Mas droch dheaghad a bh’ agad ’s an fheoil
Thig fathast dhuit dórainn dh’a chionn.
Ciamar dh’éireas do ’n cholainn ’n robh ’m bòsd
’N uair a théid i ’s a’ bhòrdchiste dhlùth?
Ciamar dh’éireas do ’n teanga ’n robh cheilg,
No do ’n chridhe bha deilbh a’ mhì-rùin,
No do uinneagan buairidh nam miann
Dh’fhad bruaillean ad inntinn bho thùs?—
’S grannda ’n sloc anns an robh iad ad cheann
’N déidh a stopadh le poll is le ùir.
’N déidh a stopadh le poll is le ùir
Anns a’ chlosaich gun diù as beag toirt;
’S am beagan a thug thu leat sìos
Bheirear buileach e dhìot anns an t-sloc.
Cia ’n aghaidh bu mhaisiche fiamh,
Cia do shùilean, cia t’fhiaclan, cia t’fholt,
Cia na meoirean an glacaibh nan làmh
Bha cur seachad gach spàirn a rug ort.
’N uair a dh’fhalbhas an samhradh ciuin blàth
Théid gach uamhar ’s gach àrdan air chùl:
Bidh cnoimhean ’g ur n-ithe ’s ’g ur searg
Ris an abair iad farmad is tnùth:
’N uair nach foghainn na dh’fhoghnadh de ’n bhiadh,
’S nach foghainn na lìonas a’ bhrù,
Cha robh bheairteas aig Solamh ’s aig Iòb
Na thoilicheadh comhla do shùil.
Gur e ’n gaisgeach nach gealtach am bàs,
Leis an caingeis an saidhbhir no ’m bochd,
’N uair a thilgeas e ’n gath nach téid iomrall
Cho cuimseach ri urchair a’ mhoisg;
Chan amhairc e dh’inbhe no dh’uaisl’,
Ach, gach àrdan ’s gach uamhar ’n a thosd,
’S nì cinnteach shìol Adhaimh o thùs
Bàs nàdurr’ is cunntas ’n a chois.
title | Oran na h-Oige |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |