SMEORACH CHLANN DOMHNAILL
HOILIBHEAG hilibheag hó-ail-il ó
Hoilibheag hilibheag hó-ro ì
Hoilibheag hilibheag hó-ail-il ó
Smeòrach le Clann Domhnaill mì.
Smeòrach mis’ air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail,
Gun deòrachd a théid na ’s fhaide,
Truimid mo bhròn, thòirleum m’aigne.
Smeòrach mis’ air mullach beinne
’G amharc gréin’ is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille—
Bidh mi beò air treòdas eile.
Smeòrach mis’ air bhàrr gach bidein,
Dèanamh mùirn ri driùchd na maduinn,
Bualadh mo chliath-lùth air m’fheadan,
Seinn mo chiuil gun smùr gun smodan.
Ma mholas gach eun a thìr féin
Cuim’ thar éis nach moladh mise?—
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar,
An tìr bhiadhchar fhialaidh mhiosail.
’N tìr nach caol ri cois na mara,
An tìr ghaolach chaomhach channach,
An tìr laoghach uanach mheannach,
Tìr an arain bhainneach mhealach.
An tìr riabhach ghrianach thaitneach,
An tìr dhìonach fhiarach fhasgach,
An tìr lèanach ghèadhach lachach,
’N tìr ’m bi biadh gun mhiadh air tacar.
An tìr chròiceach eòrnach phailte,
An tìr bhuadhach chluaineach ghartach,
An tìr chruachach sguabach dhaiseach,
Dlùth ri cuan gun fhuachd ri sneachda.
’S i ’n tìr sgiamhach tìr a’ mhachair,
Tìr nan dìthean mìogach daithte,
An tìr làireach àigeach mhartach,
Tìr an àigh gu bràth nach gaisear.
’N tìr as bòidhche ta ri fhaicinn,
’M bi fir òg’ an comhdach dreachail,
Pailt na ’s leòr le pòr a’ mhachair,
Spréidh air mòintich, òr air chlachan.
An Cladh Chomhghain mise rugadh,
’N Aird an Runnair fhuair mi togail,
Fradharc a’ chuain uaibhrich chuislich,
Nan stuagh guanach cluaineach cluiceach.
Measg Chlann Domhnaill fhuair mi m’altrum—
Buidheann nan seòl ’s nan sròl daithte,
Nan long luath air chuantaibh farsaing,
Aiteam nach ciuin rùsgadh ghlaslann.
Na fir eòlach stòlda staideil
Bha ’s a’ choimhstrith stròiceach sgaiteach,
Fir gun bhròn gun leòn gun airtneal,
Leanadh tòir is tòir a chaisgeadh.
Buidheann mo ghaoil nach caoin caitean,
Buidheann nach gann greann ’s an aisith,
Bhuidheann shanntach ’n am bhith aca,
Rùsgadh lann fo shranntraich bhratach.
Bhuidheann uallach ’n uair na caismeachd,
Leanadh ruaig gun luaidh air gealtachd,
Cinn is guaillean cruaidh ’g an spealtadh,
Aodach ruadh le fuaim ’g a shracadh.
Bhuidheann rìoghail ’s fìorghlan alladh,
Buidheann gun fhiamh ’s ìotadh fal’ orr’,
Buidheann gun sgàth ’m blàr no ’n deannal,
Foinnidh nàrach làidir fearail.
Bhuidheann mhór ’s am pòr nach troicheil
Dh’fhàs gu meanmnach dealbhach toirteil,
Fearail fo ’n airm— ’s mairg d’ a nochdadh—
Ri uchd stairm nach leanabail coltas.
Suidhmid mu ’n bhòrd stòlda beachdail;
’N t-sùil ’s an dòrn nach òl a mach i—
Slàint’ Shir Seumas, dheagh thighinn dachaidh,
Aon Mhac Dé mar sgéith do d’phearsain.
title | Smeòrach Chlann Dòmhnaill |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |