[AN AGHAIDH FAILTE NA MORTHIR]
HEITEARAINN àrainn
Urainn othoro
Heitearainn àrainn ó ro.
Uibhist mheallach,
Lom-làn arain,
’S i gun ghainne ’n annlan.
Sruthain mheala
Ruith bho ’n talamh,
’S bho bharra nam beanntan.
’S mairg a mhol
A’ Mhórthir sgnogach
Air son stoban calltuinn.
Fearann mosach
’S olc ri choiseachd—
Cha chinn molt no meann air.
’S e na cearcan
Pòr as pailte,
’S iad ag c— mu ’n t-slabhraidh.
Mnathan binneach
Air bheag grinneas,
’S iad ri inisg chainnte.
Fir gun sonas,
Làn de ’n donas,
’S iad ri cron ’s ri aimhreit.
title | [An Aghaidh Fàilte na Mòrthir] |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |