AOIR DHOMHNAILL FRISEIL
SOIRIDH slàn do ’n Fhrisealach
Nach d’fhàs a mhisneachd crìon;
’S iomadh fear dà uiread riut
Nach b’urrainn ’na do ghnìomh;
Fhuair thu dà cheum onarach
Nach boineadh riut a dhìol—
Céile mhic Shir Seumas,
Agus éighreachd Chloinn Mhic Cuinn.
’S mise th’ air mo chlisgeadh
’S mi air chipean anns a’ bheinn;
Mura marbh mi Domhnall Friseal,
Marbhaidh Domhnall Friseal mì;
’S ma thig anns na cleipeisdean
Gur h-esan théid a dhìth,
’S iomadh aon le ’m beag e
Théid g’a ghreasad do ’n a chill.
Chuirinn fhéin sac ùrach air
Nach giùlaineadh a dhruim,
’S chuirinn clach a bharrachd air
A dh’earalas nan clìc
Nach cuireadh seisreach ghearran
Aona char dhith aig a miad:
Bu mhath an càrnan mollachd i
Nam biodh a chron oirr’ sgrìobht’.
Nam bithinn fhéin air t’fhalairidh
Cha ghearaininn cion bìdh,
B’fheàrr leam am bùrn salach ann
Na glaineachan de ’n fhìon;
’S beag iongnadh leam do chéile
Bhith gu h-éisleanach bochd tinn
An deaghaidh mhic Shir Seumas
An robh maise ’s féile ’s gnìomh;
Fhuair i ’n ad bhall teaghlaich thu
Cho léirsinneach air brìb;
Bhiodh diombadh sluaigh na gréine ort
’S cha bhiodh tu réidh ri d’ mhnaoi.
Nam faiceadh tu na consmuinn ud,
’S nam biodh tu beò ri ’n linn,
Bu mhórdhalach a shuidheadh iad,
Bu tighearnail an gnìomh;
Ge b’e ghabhadh ròidean
Gus an còir thoirt far an cinn,
Bu cheart cho dearbh an donas daibh
’S tha ’m marbh a’ dol do ’n chill.
Sin ’n uair thuirt am Bàideanach
Gu h-àrd air mullach Lì,
’S e ’g éigheach, “M’olc air m’fhàgail
’N uair a bhios do dhàil ri tuinn;
Bu tric aig aghaidh bàillidh sinn,
’S ma bha cha b’ann le sìth,
’S bu ghoirt a bha mo chàraid
An là dh’fhàisg thu air na trì.
“Thug mi cóig puinnd Albannach
’S deich marg dhuit os a chinn
Air son sìochair’ aighe
Bha an atharrais bà-laoigh;
Bha mi ’n dùil gum b’ionann t’uaisle
’S am fear ruadh a bha ’s a’ chrìch:
B’e siod dhomh féin bhith coltachadh
Dubh bhrochan ris an fhìon.”
title | Aoir Dhòmhnaill Friseil |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |