[56]

A’ CHOIMHSTRITH

GE fada cians na beannaibh mi,
Nach tìm ri triall na Hearadh dhomh?
Gu neartadh Dia mo bharanta
Cha bhi mo mhianns na glaineachan
Co fads a dhìolas drama mi.

Mo Leòdach as mór urram thu,
Gun tigeadh airm achuraidh ort,
Gur ann ort féin nach guileadh iad,
Gur sgaiteach geur a ghuineadh iad,
Bhiodh dath an deirg farm buineadh iad.

Chan e dhùisg mo sheanchas domh
Chùis mu bheil mi dearmalach
Gach Hungaireachs gach Gearmailteach,
Gach Frangach an rùn marbhaidh dhuinn:
Muir no tìr cha tearmann duinn.

Tha mo dhùil-sgur fìrinneach
Gach mùiseag tha mi cluinntinn deth
Nach dèan iad unnsa dhìreadh oirnn,
Nach buinnig iad na h-Innsean oirnn,
Gu sguir iad farn do dhinntrig iad.

O chuaidh na h-airm an tasgaidh oirnn,
Ge tric aghairm gu faigh sinn iad,
Nach foghnadh claidhean maide dhuinn
Gu seasamh achrùin Shagsonaich,
Mar thug an Diùc a dhfhasan duinn.

Ge mórdhalach Rìgh Phruisia
S na rìoghraidh mórthan trioblaid ris,
S co neònach leamsam Frisealach
S am Bàideanach le mfhiosrachadh
Bhith dèanamh rèit’ ’s nach brist iad i.


[58]

Guma slàn dhan àrmunn cheanalta
Nach dchuir an ràbhard eallach air,
Thug dhomhsa càil gun mhearachd dheth;
Ge ta cha tug e barantas domh
N rèitud cfhaid a mhaireadh i.

Bha mise uair gu faca mi
Nach creidinn uaithe facal deth
Gum bithinn suasn uair thachradh e
A liuthad gruag is m— —n
Bham fuasgladh anns an t-sabaid ud.

N uair dhinntrigeadh an t-ascaoineas
Is àrd a chluinntem Pabaidh iad,
Fhreagair coill is creagan daibh,
Cha bhiodh bean an àite faicinn daibh,
Iad fhéins mac-talla basbhualadh.

N uair bhiodh iad sgìths na tagraidhean,
S e crìochnachadh bhiodh acasan
Ag iarraidh iasad bhatachan,
Gach tuaraisgeal ri chlaistinn ann
Nach cualas riamh o bhaisteadh sinn.

Gur mairg a bhiodhs an ùbarraid
N uair ghabhadh iad gu tùirneileis:
Bhiodh fasgadh air na sùilean ann,
Bu lìonmhor dùirn is glùinean ann,
Air bhreaban cha bhiodh caomhnadh ann.

Bhiodh ròcladh air na claigeannan,
Bhiodh sgòrnanang an tachdadh ann,
Bhiodh meoirean air an cagnadh ann,
Bhiodh cluasan air an sracadh ann,
Bhiodh spuaicean air an cnapadh ann.

N uair thuiteadh iad gu mìcheutamh,
Bhiodh rusladh leis na h-ìongnan ann,
Bhiodh piocadh leis na bìdeagan,
Bhiodh riobadh air na cìreanan,
Bhiodh cus na h-uile mìoloinn ann.


[60]

Mum biodh achoimhstrith dealaichte
Bhiodh dòrnagang an tarraing ann,
Bhiodh sgròbagan am malaidh ann,
Bhiodh beoil ri sileadh fala ann,
S nas leòr aig fear ga aithris ann.

N uair theirgeadh giuthas Lochlannach,
S achoill an déis a stopadh oirnn,
Bu mhath na h-airm na botrachain,
Bu sgiobalte nam bogsaigeadh,
Cha bhristeadh e na coguisean.

Mac Fhionnlaigh a bha ealant’,
Tha iarann deug as teallach aig’,
Iad uile dìolta garaidh aig’,
A fear a bheir e tarag dhiubh,
Chuid eile dhiubh cha bhean e dhaibh.

S ann dan tìr bu shàmhach so,
Bu shòlas inntinn bàillidh e,
Bu lìonmhor fear gun àiteach ann,
Dol gu fianaiss fiamh a bhàdhaidh air,
Cuing mu mhnaois mu phàisdean ann.

Bha Uibhist air a nàrachadh,
Bha iutharn air a fàsachadh
Le guidheachan na càraid ud,
Bha sòlas air an Adhbharsair,
Bu neònach leis nach tàinig iad.

Chluinn MacCuinn an toiseach e,
Chluinn a rìs an Dotair e
Mar chrìochnaichear na portaibh ud,
Cha tairg e làn achopain domh
Gum bàraig e bhotul rium.

Innsidh mise dhUisdean e,
DhFhear Bhàlaidh pàirt den t-sùgradh ud,
Dan Bhàillidh air an dùthaich e,
Air chàch cha dèan mi caomhnadh air,
Bheir iad bàidsis dùrachd dhomh.

titleA’ Chomhstrith
internal date1778.5
display datea1779
publication date1938
level
reference template

Songs of John MacCodrum (1938) %L

parent textThe Songs of John MacCodrum
<< please select a word
<< please select a page