Oran rioghoil a bhottuil.
Air fonn, Let us be jovial, fill our glasses, &c.
BIdhmit súbhach, ’s ólair deoch linn,
Osnaich ’n ar fochur cha támh,
Na smaointich’mit ar bochdainn,
Fhad ’s a bhio’s an copan lán.
’S airticil mór do chreud Bhachuis,
Creidsinn go ceart anns an dram;
’S leanailt air bhi ’g ól go súrdoil,
Gos an cinn stúirdein ’s a cheann.
Olaimit glainichion lána,
Air slainte an tSeumuis ata uainn;
Cuirimit da shlaint’ an cáraid,
Tosda a T— stráic a chuach.
Ma ’ta stamac anns a chuideachd,
Nach díleidh a chuids’ d’ ar míann,
Cuireadh ar cupachan farsta:
Aisig cas an corn mancuairt:
Faicir éibhinneachd air lasadh,
Le fíor sgairt ’n ar beachd, ’s ’n ar gruaigh.
Biodh ar crioghachan a damhsa,
Linn an drams’ a dhol na thruaill,
Mar go ’m bímit ’s a cheart amsa,
Dol do ’n champ a dh’fhaotainn buaigh.
Do’n digh’ bhrioghor, neartor, bhlasda,
’S mílse no mil bheach go póit,
Líon a soidheach sin amach dhuinn,
Do ’n stuth bhlasdor sin ’s a stop.
Seinnir órgain, béumar stuic dhuinn;
Crúnaimit le cup an Rí;
Canain gach dainginn a béicill,
Bi’dh tein’ -éibhinn anns gach tír.
Do ’n iocshlainte naomha sin, Bhachuis,
Cuir buideal pailt d’ ar coir,
Go’n tairgimit íobuirt thaitneach,
Do Dhia creachach sin an óil.
’S ioma fearsta salachi tlachdmhor,
Tha ’m mac na brach ri luaigh;
Rinn sin e na leannan do mhíltion,
’S na mhilsein príseil do ’n tsluagh.
Sgolaidh e ghruaim far a mhuigein;
Ni e fiudhuntach fear cruaigh;
Ni e cruadalach fear gealtach,
Gos an teid e feachd no ’n ruaig.
Ni e cainteach a fear tostach;
Ni e brosgulach fear dúr;
Ni e suireach a fear nárach;
’S fágaidh e dán’ a fear diuid.
’Nuair theid e ’s a mhala shoisgeil,
Tairnidh e moisein go cliu;
’S fosglaidh e na glasa díobhuir,
Deir mac a mhiothuir nach fiu.
Ni e pogach a fear ailleont
Nach fuilgeadh cailin do chóir;
Sparraidh e damhs’ anns na cassabh,
Nach d’ rinn riabh aon stap d’ an deoin.
Fagaidh e neamhshantach acrach;
Toinnidh e cas a fear slim;
Bheir e caitein air fear slemhin;
’S ni e spreadhoil a fear tiom.
An t airgid a bha d’ a sticleadh,
’S a sporan na chripleach riabh,
Bheir a relíof dh’a a príoson,
Le fuasgladh cruaigh-shnim na ’n iall.
Ni e aoigheoil a fear doichleach;
Ni e socharach fear teann;
Ni e duin’uasal do ’n bhalaoch;
Ni e fathromach fear fann.
Ni e saor-chriodhach fear duinte,
’S faoisididh e rún a chrí;
Creididh an lag gur a laidir,
Gos an dearbh e chail ’s a strí.
Tairnidh e mulad go aiteas;
Tiuntaidh e airsteal go fonn;
Mionach na sporan go spiol e
Le ghob biorach chriomas lom.
Thigeadh meanmna, ’s falbhadh airsteal
Air chairstealabh auinn do ’n Róimh;
Seinnmit órain cheolor, ghasda,
Shuntach, bhras, nach lappach gloir.
’Nuair bheirir a bottul a staippeal,
’S a chromar ri cap a cluas;
’S eibhinn a ghogoil la earraich,
Cogur searraig ris a chuaich!
’S mils’ no ceilearadh smeoraich,
Le luinneag ceolor air géig,
Creattraich shrideagach do sgórnain:
Crattan a ’s bóiche fa ’n ghréin!
’S binne na luinneag eoin-búchuinn,
Bhiodh ri túchan am barr thonn,
Guilig do mhuineil is giuig ort;
Cuisle-chiuil a dhuisgeadh fonn.
’S binne no cluig-chiuil ad Ghlas’cha,
T fhuaim le bastul dol ’s a chórn;
Sid an fhailt’ a ghleusadh m’ aignidh,
Mac na brach a teachd le póig.
Líon a suas an tslige-chreachainn;
Cha ’n ion a seachnadh go dram:
’S olc a Ghailic orr’ an creachann;
An tslig’ a chreach sinne a t’ ann.
’S binne t easraich dol ’s a chupan,
Copadh usgraichion go d’ bhéul,
Na coimh-sheirm organ’ is chruition,
An talla druite le ’n cuid téud.
’S binne no ceol coillich choille,
Bhiodh ri coillig air an tom,
Dúrduil a bhottuil ri glaine;
Crónan loinneoil thailleadh bonn!
Teicheadh liun-dubh as ar communn;
Falbhadh gainne; ’s pailt ar n ór;
Na biodh spéuclair oir’n go ganntar,
Fheadh ’s a bhio’s an dram ’n ar sróin.
Olaimit sinn-shín a h ainbhfhioch,
Le macmeanmn’ a brandi fhuair,
Dh’ ain-deoin ceannaichd, ’s asgul earraich,
Cúram sparraimit ’n a h uaigh.
’S an tobar shlánaiche sin Bhachuis,
Fathraig’mit uile ar ciall;
Cha spioraid bheag, bhochda, chruipt’
’S dócha cuid bhi aca ’s fíoch.
Biodh ar ceann’aigh uile an ceart-uair,
Chomh-ruiteach ri dreach na ’n rós,
’Nuair a theid ar fuil air ghabhail,
Le beirm ladhaich Mhic-an-toís.
Gur dionnsaireach, spiosuirneach, t fhaileadh,
’S teas-ghradhach do shnag roi’ m’ chliabh;
Fadadh bláis air feadh mo mhionaich;
Gur ro mhioragach do thriall.
Gur guccagach, coilleagach, brisg-gheal,
Bruicheoil, neimh-mhisgeach do thuar,
Sgaoilimit o altair Bhachuis:
A chleirich taisg a chailis uat;
Dh’ fhalbh ar fuachd; ’s ciod e ’ta dhí oir’n?
Thugaimit baidse crion do ’n tsuain.
Ach fresdil sinn air ghairm na maidne,
Le t ioc, ’s le d’ bhalom lan bhuagh,
’S thoir dhúinn aon ghloic-nid ’n ar leaba,
A bheir crith-chlaiginn oir’n mancuairt.
title | Oran rioghoil a bhottuil |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |