Oran-luaigh no fúcaidh, a rinn duin’ -uasul d’a leannan, air dhi dol thar fairrge.
Air fonn, Agus ho Mhórag, no hó-rou, no hó-rou-ghealladh.
A Mhorag chiatoch a chuil dualaich,
Gur h é do luaigh a th’ air m’ aire.
’S ma dh’ imich u nunn thar chuan uainn’,
Go ma luath a thig a thairis.
’S cuimhnich thoir leat bannal ghruagach,
A luaighis an Cló ruagh go daingiunn.
O! cha liginn u do’ n bhuailidh,
Ma salaich am buachar t anart.
De cha leiginn u go cualach;
Obbair thruailli sin na ’n caileag.
Gur h í Morag ghrinn mo ghuamag,
Ag am bheil cuailen barr-fhionn.
’S gagganach, bachlagach, cuachach,
Ciabhag na gruagaiche glaine.
Do chúl peuchdach sios na dhualabh;
Dhalladh e uaislin le lainnir:
Sios na fheoirnenibh ma d’ ghuaillibh,
Leadan cuaicheneach na h ainnir:
Do chúl peurlach, ór-bhui, luachach,
Timchiull do chluaise na chlannamh.
O, Mhorag! go bheil do chuailen
Ormsa na bhuaireadh gun sgainnir.
’S go nach iar me u ri d’ phúsadh,
Go’m b’ e mo run a bhi marr ruit.
’S ma thig u a rís am lúbamh,
’S e ’n teag a rúin ni ar sgaradh.
Lennidh me chomh-dlú ri d’ sháilibh,
As bairneach ri sgeir mhara.
Shiubhail me cían leat ar m’ eolas,
Agus spailp do’n stroichd ar m’ ain-eol.
Go leannain u feadh an tsaoghail,
Ach us’ a ghaoil theachd am fharraid.
Go ’n chuiridh air mhisg le d’ ghaol me;
’S mear aottrom a ghaoir ata m’ bhallambh.
’S a Mhorag ’g am bheil a ghruaigh chiatoch,
’S glan a fiaradh th’ ann d’ mhalaidh.
Do shúil shuilbher, shochdair, mhódhar,
Mhireagach, chomhnart, ’s i meallach.
Déud cailce snasda na rioghainn,
Snaite mar dhísn’ air a ghearradh.
Moigh’diunn bhoidheach na ’m bos caoine,
’S iad chomh-mao ri cloidh na h eala.
Cíochan léaganach na ’n guccag,
’S failidh a mhusca d’a h anail.
’S ioma oig-fhear a ghabh tlachd dhiot,
Eeidir Arcabh agus Mannuinn.
’S ioma leannan a th’ ag Moraig,
Eidir Morror agus Aruinn.
’S ioma gaisgeach deas do ghaidheal,
Nach obbadh le m’ ghradhsa tarrainn:
A reachadh le sgiathabh, ’s le cláidhin,
Air bheag sgath go bial na ’n canon:
Chonnortaichidh dol na ’n óirdnibh,
Thoirt do chórach, ’mach a dh’ ain-deoin.
’S iomad ármunn lásdoil, tréadhach,
Ann Duneidiunn, ann ambaroil,
Na faiceadh iad gné do dhuais ort,
Dheanadh tarrainn suas ri d’ charraid.
Mo chion a dheanadh leat éri,
Do Chaiptin fein Mac-mhic-ailen:
Go ’n theann é roi’ roimh chách riut,
’S ni e fás e, ach thig thairis:
Gach duine, tha ’n Uibhist ’s a Muideort,
’S an Arasaig dhubh-ghorm a bharraich;
An Cana, an Eige, ’s am Morror;
Reisimed chorr ad Shiol-ailen!
’N am Alastair, is Mhontrós’,
Go ’m ba bhóchdain iad air ghallamh.
Gan d’ fhairich la Inbher-lóchai,
Co ba stróichdich ann le lannamh.
Am Peirst, an Kilsythe, ’s an Alt-eíriunn,
Dh’ fhag iad Réubalaich gun anam.
Alastair mor Ghlinn-ea-cobhann,
’S bragad coimheach Ghlinn-ea-garadh.
Mar sin is an t Armunn sleiteach,
Go d’ a tha e-fein na leanamh.
Dh’éiridh leat a nall o’n Rúta,
Antram lu’ -chleasach na ’n seang-each.
Dhruididh, na gaidheil go leir riut,
Go b’ e dh’eiridh leat no dh’fhanadh.
Shuigh, deich mile dhiu air clé dhuibh,
An cogadh Ri séurlus nach mairinn.
’S ioma Cló air ’n tug iad caittein,
Eadar Cattamh, agus Anuinn.
Bha cách diulta teachd a luagh dhuibh,
’S chruinnich iadsan sluagh am bannail.
O ríogh ba mhaith ’s an luagh-lamh iad,
’Nuair a thairnidh iad na lannan!
Huile Cló a luaigh iad riabh dhuibh,
Dh’fhag iad e go ciatoch daingiunn:
Teann, tiugh, daingiunn, fite, luaite,
Daite ruagh, air thuar na fala.
Greas-thairis le d’ mhain luaghach,
’S theid na gruagaichins’ marr riu.
title | Oran-luaigh no fúcaigh, &c. |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |