Oran mhorbhair Mhic-Siomon, Cenncinnidh na Frisealach, deis a chuir go bás ann Sasgunn.
Air fonn, Hap me with thy petticoat.
’S Lionor blanc a th’ aguinne
Am Brittin suas ri lionadh,
Nach déantair gun ghníomh chláidhin,
Go ceart go brách a scriobhadh;
Gur h ann diu ar n áilliugan,
Ard ármunn sin a rioghachd;
Mac-Siomoin mór a bhásaicheadh,
Le P–d na mio-ruin.
Mo chion an úrla bhlá-mhaiseach,
Bha cruaigh is tlá ’s na tiomabh;
Air réir ’s mar bhiogh an t abbar ann,
Ba staillin ba phriomh mheinn duit:
Ba bhras ri h uchd do námhad u,
’Nuair tháirnte na lainn líobha;
Ba bheirtich an tigh stórois sin,
Do ghliocas córr bha príosoil;
So scar tuagh an Rogaire,
O’n choluinn choir bha rioghal:
Braon do lao’d do thrócaireachd,
A dh’órdaich Dia na fírinn
Cha ’n eil an uchd an F–r,
Mac D–sa ris an st—ch.
O bhalaich sin Dhunbalaich ad!
Searbh shaileir no ’n cam ghiúdun,
Go ’n stúr u ’n Reulla-lainnireach,
Fa thuath ba bharrand iuil duinn;
Ma gheibh usa mathonas,
Na d’ pheaca-brath gun sgiursadh,
’S cinteach lium go ’n shabhaladh,
Do lan dearbh-bhrathair Judas.
T fhíor mhaighisteir cliú-thoiltiunnach,
Le foill go ’n d’rinn u phógadh,
O Léug na buaghan soilleire!
Fhíor chainniull gach deagh sheanchais!
Ba líonor cuimhil ghoireasach,
Chinn sgoinneoil ann a t inchinn:
Ri cogadh bha u misneachoil,
Deagh-ghiftiunnach áird-mheanmnach;
An sioth ba torrthach gliocas duit;
’S b’ fhior phiosochoil do leanbhainn.
Fior mhire geal na cruaghach u,
’S a chruadal nach d’ rinn lúbadh;
Gun dad do mheasgadh truaillidh,
Na d’ mhéinn uasuil deis na fúirneis;
Ba choimh-sean do bhualadhs’,
Agus suaichiontas do chuinnidh,
Nach Criostuine chuir tuairgnidh ort,
Ach sluagh sin Bhelsibúba.
O Reulla geal na cuirteolachd!
Chinn lan do shúrd garg rioghoil;
Thug gradh do’n T—St—ch,
’S bha dúrachdach d’ a shínsreadh;
Go ’n thuit u a d’ mhairteoir cúramach,
Ais-leath a chrúin ’s do rioghachd:
’S t anam glan air úbhlachadh,
Thug u do Dhia na firinn.
Gur grinn am bás ri ’n d’fhuirich u,
’S a dh’ fhuilig u go ciatoch;
Gur mór na gifte bunailteach,
Séamh, furusach, thug Dhia dhuit,
’Nuair liobhair u go furanach,
Do chorp d’ a ghuin, ’s d’a riasladh;
Le d’ chreidimh daingiunn curaidseach,
Do mhuineal do na biastamh.
Och, och! na leoghain thréidheach sin!
’S na spioraid thréuna chruaghach,
Nach bogaich bás go h éugcoir iad;
Croich, géurogan, no tuaghan:
Och ’s glórmhor, glan, aird-eibhneasach!
’N ais-éri san Dialuain sin,
’S líonor caochan cubhrai mear,
’S bras shiublachain na t fhion-fhuil,
Nach rig me leas bhi ’g urachadh,
Scríobh úghdair síos do fhriobhach;
Fuil Stiubhartach a Chrúin ad,
Air a dúbladh na d’ chorp príosoil;
’S gach fuil a ’s uaisle flúrana,
Go léir ’s fiu ’s an rioghachd.
Gur Baroil a measg mhuccairion
Nach bheil biadh mhuc ’s an tsaoghal,
A dh’fhágas comh-lom-luchdor iad,
’S chomh-sultor ri feoil dhaoine:
Tha D—s’ is a chuid U—c—n,
Déis na mhurt e dh’uaislibh,
Am muineil cho’ -garbh sturronda,
’S gur gann is urra tuagh unt’.
Tha scairteachd ’g glaodhach diubhultais,
Ard dlú, mar bha fuil Abel,
O! ’s garbh a dhiular fást so,
Air abhaichibh na ’n Réubal,
’Nuair thig am P— —sa flathachas,
’S fearg chathanach na éadann;
Le faobhar a lann crathanach,
Go sgathar síos go féur iad;
Bi’dh croich, is tein’, is claidheamh r’ibh,
Gun fhaidhidinn d’ ar céusadh.
Car deas do ’n chuibhill bhasorsa,
’S na fuilig ár na Críostui;
Thoir as an Epheid sglabhaich sinn,
Go fonn Chanáan priosoil;
Air neo, sgrios Riogh P—sa,
Le claidheamh, plaigh, is griosach;
’S cuir Maois is armailt thábhachdach,
Thoirt bairlinn d’ a bheir cíos deth.
Tha sinne déis ar sáraiche,
Ar náraich’ ’s móran sgíos oir’n;
An drábhag a t’ air márruinn d’inn,
Air feadh na ’n cárn air síothladh;
Le mhead ’s tha dh’fhíobh ro’r naimhdibh oir’n,
’G ar sealg a ghná ’s na h ínseabh:
Go ’n d’ rinn iad tráille grána dh’inn.
O Th—ch fair reliobha.
title | Oran Mhorbhair Mhic-Siomoin |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |