Oran do Ranull óg Mac-Mhic-Ailen, Tighearna Chlannranuill, &c.
MO chion na chonnraig me m’ chadul,
Ranull óg chaidh linn do Shasgunn;
Marceach múinte na ’n steid brasa,
Nach géarr fed no srann ’s an bhaitteal.
Gur toil lium an Cóirneal slisgheal,
Do ’n tigeadh na h airm go sgippi;
Claidheamh, gunna, sgiath, is piostol,
’S eileadh cruinn an cáradh sgiobult.
Leoghann guineach, calma, luineach,
Tuil-bheim sgrios-mharbhach ’s a ruaig u;
Beithir bhéumunnach ’n am fuathais,
Phas a chúrs an Colaist cruadail.
Fuair u t fhadhairt anns na bláramh,
’S a chruadal an cogadh Th—ch;
Chleachd u adhartachd na d’ pháist’,
Gun suil do laghad air gábhadh.
Fá mo mhulaid ’bhi as t aoinis;
Ba mhiann lium bhi, faicinn t aodainn,
Tha gun stoirm, gun fhéith, gun fhaoileach
Urla chruaigh an uair na ’n caonnag!
Ba staiddeoil, neimh-ghriofagach t abháist,
Ag gluasad go teine do námhad:
Mo ghaol an céim sochdair, státoil,
’S tu le sgairt a brosnadh marsail.
Cha ro’ ailis ort ri ghraitin,
Anns a chogadh ad Ph— T—ch;
U gun mar-ai-bhith gun fhaillinn,
Mar ba bheag linn t fhiobh ’s na bláramh.
Ghabh am P—sa cal’ na d’ Dhuthaich,
Dh’ erich u leis le lan durachd;
’S ’nuair bhristidh a rís air le bhiui,
Phill air nais go t fhasga cliuiteach.
Ghabh u na phearsainn ’chead liubhuirt,
’S go ’n lean u ris ré na h uidhe;
U fein ’s do dhaoin’ -uaisle dliodhach,
’S thug sibh sábhailt uaimh e rís.
’S go d’ a tha me ann mo dhúthaich,
’S beag a so deir (how do you do) rium;
’S buileach a chaill me mo chúrsa,
Me gun phump, gun chairt, gun stiuir or’m.
Nach mio-fhortonach a chúis so?
Go ’n a dheilich m’ eideadh-cúil rium;
M’ eideadh-uchd, mo sgiath ’s mo lúireach;
Ann am Muideort thug e chúl rium.
Ach, car aon bhliaghan ni me furus,
Dh’ fhiach am pill mo ghaol o thurus;
Ma thig esin gheibh me cummail,
’S ni me criodhoil, failteach, fuireach.
Na faicinnn a tíghin m’ iundrain,
Chead Choirnel a bha ’g a Ph—sa,
Chinninn chomh aottrom ri fionn-airc;
’S dhamhsainn gun lot air rinn cuinnseir.
Tha u garg, is ciuin na d’ nádor;
Tha u mín, is garbh, na d’ cháileachd;
’S go seamh farast u ri d’ chairdibh,
Tha u a d’ lassair bhuirb ri d’ naimhdibh.
’S ioma falachan priosoil, boidheach,
Tha na ’n cillinibh fa d’ chóta,
Nach nochd u do shiolach ótraich,
Gos an tachair urra choir ort.
’S beag iunadh odha do shean- ’ar,
Scoileir ’s an diadhaire beannaichd;
Soigh’d- fhear garg am blár na ’n deannal,
Buaghan móra, glic, do leanailt.
’S ioma sruthon mear lan uabhair,
A bras rith roi’ d’ chuislibh uasul;
B’ éadar dhuit bhi lan do chruadal,
’S rioghoil a stoc as na bhuaineadh!
’S ioma sonn a dh’eiridh suas leat,
Na faiceadh iad gne do dhuais ort;
A bhrosnaicheadh an airm ma d’ ghuailibh,
D’a d’ dhiubhuilt air luchd d’a d’ thuairgnidh.
’S leat fein Clann-ranuill na cuantaich,
Luchd na spáinneach géura, cruaghach;
Dol na ’n dáil is fearg na ’n gruaighibh,
Cha ba ghealltachd fuireach uatha.
Dh’ éiridh leat an t Armunn sleiteach,
Fiui lasgurra na’n géur lann;
Bhiodh go trodach, lotach, beurra,
’S tric thug (hog) air bodaich bheurlach.
Go ’n druididh a rís ann do charraid,
Cinneadh uiseil Ghlinn-ea-garadh,
Sid na laochrai luthor, mheara,
Ris nach deanadh naimhde fanailt.
Thigeadh Clann-Donuill Chinn-tire,
Do t iunsai nam beathraichibh míliont:
’S mairg a chasadh ri fraoch mín-dearg,
Teachd le ’n uile thoil d’a d’ dhídiunn.
Dh’ eiridh Clann-Donnuil a Fhraoich leat
O Ghleannan-cumhung na ’n aonach;
Fir gharg, ghasta, thaippi laomsgar,
Nach d’rinn riabh le taise maomadh.
Sheoladh Iarl Antrum a Erinn,
Cuig-ceud-deug do dh’fhearabh treuna:
Fearg is friodh an gnúis na ’n trenfhear,
Nach fag fuighiull béim le’n géur lainn.
Thig Clann-Donuill an t sleibh ruaigh as,
Guinich allamh, ullamh, ghruamach;
Gur mairg a chasadh ri ’n tuasaid,
’S iad na ’n armabh ri h uchd buailte.
Thig Clann-Donuill rose na’n laogh as,
Comhlan sgaiteach ri h uchd caonaig,
Na h aigiunnaich chumpa thaoibhgeal,
Bhuailidh sgailc le tartair faobhair.
Thig Clann-Donuill Chnoc-a- chlaidheamh,
Na donnghallaich mheara ladhach;
Fir shurdoil’, lu’ -chleassach, chathach;
’S coi’ -niomhoil dhúr ris an nathair.
Thig na Galloglaich o’n Bhanna,
Le slachdanabh dú’ghorm, glana;
Ne iad smuis is feoil a spannadh;
Sin, is tiugh na slógh a thanadh.
Go ’n tig Clann-Donnachaidh go ghruamach,
Fineach gasta, an achdainn chruaghach,
Nach h ob cuirp, is cinn a spuachdadh;
’S leantalach an tím na ruaig iad!
Marsailidh Abbaich go h ionolt,
Marr ri chuid eile d’ an cinneadh,
’S ma ’n duraig iad a chui pillidh,
Ni iad leon na ’s léoir is millidh.
Thig gun ursgadh Clann-an-tsaoir oir’n,
Sheasamh an tuasaid Chlann-ranuill;
’S ma gheibh iad caoladh do dh’ aobhair,
Ne iad fuil na’s leoir a thaosgadh.
Thig Rodhaich, Rosaich, is Clann-Reamhair,
Thig na Barraich, thig ’n céudan;
Co anois a bhauileas an dallag,
Air Ranull óg Mac-Mhic-Ailen?
Gur mairg a thairnis as carraid,
’S na seoid ad ma ghuaillibh air tarrainn.
Bi’dh tuillidh ’s a choir a leim ort,
Mar a h eadraig t fhíor fhuil fein ú;
Ach ’s cinteach ma chuiris tu féim orr’,
Tha do chairde farsaing, feum-sgaoilt’.
title | Oran do Ranull óg Mac-Mhic-Ailen, &c. |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |