[123]

Oran a rinneadh do dha bhodach árraid a bha ann an Ardnomorchuan, a chotharraich iad fein le bhi cur ri striopachas ann an aois an ceithir-fichid bliaghna.

Air fonn, Black Jock.

CAit am bheil tiunnail,
Na Dúchasann Albainn,
Go breugan, ’s go bradachd,
S go ascaoineachd earbuill?


[124] Rar n ógrais rar fleasgaich,
Go dfhaodair bean earbsa,
Tha ar bodachain sheiddeach
Cho’ -bras ri boc-earba:
Na lodragain cheigeach,
Is leidiche fiasag,
Go suiri choileuddurra,
Bheuddarrach easgai;
Ma gheibh iad an comh-throm,
Is lughair ar bannal,
Pósda no saor,
Gon dean iad a spannadh.

An urrum air chocondachd,
S bhroggondachd, ínsgin,
S air bhraiseneachd mhogach,
Do bhodaich na tíres’:
Gur torconda, froggonda,
Loggaiseach, grís-fhiunn,
Na tarraichdenich hoggach,
S géur bhrodach nam brísnibh:
Na faighidh iad ,
Air nionaig air fodar,


[125] Le bél-mheilliridh smúcach,
S na húrdul do shoddar,
Gon deanadh iad hoggraich,
Le huinich, ’s le gloggraich;
Gun cheneal nan úigh,
Ach dúiseolachd bogaidh.

Gur neonach do shean daoin’,
A bhi ar am buaireadh,
An caileachd air tuitim,
S a cuislion déis fuaraich;
A suilion air brusgadh,
Agus cus do dhroch thuar orra;
Moran dhi fuilt orr’,
Agus tuisleadh nan cluasamh:
Ach theirinn a cháileachd,
Bha nan árdamh gon íslibh,
Chaidh cruinn a dhaon aite,
Chuir stáillinn nan ísben:
Ach tha so na shar-fhorton,
Do mghoisti Gill-eusbuig,
Fuair Aonghus mar phosta,
Bhi broddadh a ghedd dha.


[126]

Bheir so don Chleir oilbheim,
Agus doraraich do dhurchaid,
Gon thuit iad air riatachd,
Fir lia Ardnamorchuan:
S ni sgreamhoil, fíor bhiastoil,
Ain-miannach, ro bhruideoil,
Dhfhearcaite le bliaghnamh,
Dhol a riarachadh úislinn.
Chan fhaidh iad, ’s chan iarr iad,
Gné sios don cuid úlaidh;
S ann a thoill iad an riasladh,
Agus piantuinne dúbuilt:
Mhoire nach iadsan
A smirte le clapa,
Gun fhoirin dan urchasg,
Gun phurgaid dan aiceid.

Ciod e bharoil a tagabh
Air tappachan óga,
Nuair tha sean daoine laga,
Nan caignibh ri pogadh?
Na nionagan bais-gheal,
Dan glaccadh nan crógamh;


[127] Fa mheinn na fear glasa,
S nam bracairneach cróin-fhionn:
Be sid fonn an díombais,
Fan chliomat bhras riatach,
Cha bhi cailleach gun sioltachd,
Go do chrion i le ciadamh;
No bodach glas rómach,
Go do robh na shean rugga;
Coimh-lia ris an Ron,
Nach e shólas dol chucca.

Ach Aonghas Mhic-Ailen,
Nan iairte an ath theinort,
S gun urchair na dcharthaids,
Bhiodh sid dhuit na dheireas;
Gon iomairidh tu seachdain,
Air a ghoinnid do dhúine,
Ma faighidh tu fuasgladh,
Gne luaidh no fhudair:
Bhan cogadh ad cruaigh ort,
Nam buailidh do bhiui,
Air lamhach, ’s air cruadal,
Agus ruaigh-mheirg air t fhiusi;


[128] Gom biodh an ruaig ort,
Agus luasgan air t anail;
Dium, is mi-mheas na gruagaich,
S bu bhuan duit a sgannuil.

Gur neonach a fonn
A thachairs na bailtibh ad,
S mios a chinnis druim iomair,
No úrlar nan claision unt’.
S comh-dároil na sean tairbh,
Ri tri-bhliaghnnaich acuineach;
S go maith feur nan Coiren,
Is seachd sona feur Fhaisgidil:
Marsg air na bodachamh,
Bhuairidh na beirtich leo,
Thairgidh mál dúbuilt,
S bundaiste gersminn asd’;
Le staodhrum, ’s le mosradh,
S le bodradh nan tailceneach,
S briosuirneach, froggoiseach,
Cochullach, tapplaichion.

Tha cleachdadh mio-nadorr,
N drasd ann as tírs’,


[129] Na h oigfhir nan codul,
S na sean daoinri suiridh;
Fleasgaich nan torraichim
Trom anns na leapannabh,
S na bodaich ri briodail
Nionags na plaiddichibh:
Achs neonach lium, fin
Iad a striocadh dom battairi,
Len gunnaichibh grís-fhionn,
S gur mi-chiatoch acuinn orr’,
Ag na gunnairibh spliasagach,
Giar-shronach, brach-fhuileach,
Len cuilbher gun urchair,
Gun chuimse nan glaccabhsan.

S granna mhisneach do bhodach,
Dol air chogadhs na cúiltibh,
Gun a dhag a bhi cochda,
Na ghlog le cion úillidh;
S chuinnser le droch mheirg,
Teann stoiptna dhúbla,
Le dall-phrábadh doilleir,
Gun choinniull, gun chrúisgen;
Do anail droch bholtrach,
Mar osnach air fháilen;


[130]S a ghruaighion air roccadh,
Mar arcuinn mairt arsai;
A chraiciunn chomh-lacunn,
Ri pait na miolmhágain;
S a chairen le ain-fheoil,
Air feannadh le craimhinn.

Sibhsata pósda,
S a nionagan úiseoil,
Go dthuit dhuibh le h órdo,
Bhi an taobh sin don dúthaich,
Gabhabh uam bairlinn,
S bithigh sibh cliuiteach;
Na creiddibh bhi sábhailt,
Gun ar gaird a bhi dlú dhuibh:
Tha na bodaich mi-ghenmni,
Le meanmnair am buaireadh,
Chan ath iad do shean-mhnaoi,
Do leanban no ghruagaich;
Gon a ghaid iad an comus
O deichnir air fhichid,
S beag iunadh an sgonnain,
Bhi lomlan do spiolcadh.


[131]

An urram do Aonghas,
Go deargadh le accuinn,
Gon thiuntaidh e an toghar,
Agus Ailen an t ath-toghar:
Gur gleusta na liathainich,
Ciabh glas na racanaich,
Go cur, is go cliathadh,
Chan iarradh iad eachrai oirn.
S mar a cuirir deagh shriana,
Ris na fiagh-stéadan acasan;
S feadar deagh-ghlasan iarainn,
A dheanamh is cearcaill dhoimh,
A sparrar go daingiunn
Ma chaoildgach céile,
S ma iochdar gach caileig,
Man toirir orréiginn.

Nach neonach a spioradsa
Chinn anns na bodachamh,
Gun bhraon do ghne fhiona,
Gun aon (tea) ach brochana;
Gun chupachan ríobhach,
No fuarachadh dheochanna,


[132] Ach a phoit thoirt on ghriosaich,
Agus sineadh le lodar orr’:
Nam biodh uisgeachan príosoil,
Dol a sios anns na corpabh sin,
S beathanna brioghoil,
Dhfhagadh lionta, dearg, tortoil iad,
Ba bhrais iad na coileach,
No buicen dearg daraidh;
S na ba chreatairion coill iad,
Dheanadh cleamhnas ri daraig.

Nach spoth sibh na bodaich,
Man truaill iad an talamh,
Tha salunn, salbitir,
Agus nitir nan tarramh;
Sparramh an glocain,
Sean chlochan na stalon,
S fotha, feammabh na pocain,
Len cochuillibh gearraibh;
Gu bheil iad chomh-bochoile,
Lochdach lem ballamh,
Go siolachadh (bhastards),
Choimh-lionor ri gainibh:


[133] Mhoire nach iadsan
A cheangail nan caignibh,
Mar thachras air saidheach,
Do mhaddrai air ghasradh.

S ioma te dhfhalchas
A h aodann le tonnaig,
Mas terrig a bhliaghna,
O fhaoisgnidh ar sgonnain;
Na mnain na laomabh,
Ag caoineadh mam pollag’,
Chiunn am buinnig le faoineachd,
Air son gaol na sean chroman.
Gur a h oilteil an taom,
Sean daoinan déis cromaidh,
Am bathais air maoladh,
S an aois air an lomadh;
Ain-mianna feoilchlaointe,
G an tarraing go connan:
Le gearrsgin nach gear sibh
Asdan da bholla.

Ann a maidin ar n aimsreach,
Gom banaibi ar solus,


[134]Nuair thagamh chomh-anmoch,
Lan da lampa do dhola;
Sean daorach ar n anbrais,
Chan fhaodar a mholadh;
Gon therig ar n aogasg,
S gon a chaochail ar solaidh:
Nar tomamh le gaoisid,
S an aois air ar roladh;
Gon phreasaich ar n aodainn,
S gon dhaognaich ar boladh;
Gon tharraing an taog,
A shaoil air ar gnúisibh;
S cha mhór nach do ghearradh
Leis snaithen ar cúrsa.

titleOran nam bodach
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page