[134]

Oran árrait.

Air fonn, Good night, and God be with you, &.

P. Mile marbhphasg air an tsaoghal,
S carach baoghalach a dháil;
Cuibhiull an fhortoin oirn air caochladh,
Cha do chleachd sinn moim roimh chách:


[135] Tha sinn anois air ar sgaoileadh,
Air feadh ghleann, is fhraoich-beann árd;
Ach teanailidh sinn fós ar daoine,
Nuair a dhfhaodas sinn go blár.

Misneach mhaith a mhuinntir ghaolach,
S gabhaidh Dia dhinn daonnan cás:
Cuiribh dóchus daingiunn, faoilteach,
Anns an aon ti ni dhuinn stá;
S buanaichibh go rioghoil, adhrach,
Traisceach, uirneach, caoincneach, blá;
S biobh dilis dchach a cheile,
S duinair suas ar creuchda báis.

Achs feadar dhomhsanois bhi falbh uaibh,
A ghaidhealamh calma mo ghraidh:
Ba mhor mearbsasas ar fonadh,
Go do dhfhonadh dhuinns an ár,
S iomad ancomhthrom a choinnich
Sinn, ’s an choinnimh bha gun ágh:
Ach gabhaidh misanois mo chead dhiot,
Uine bheag; ach thig me trá.

Leasaichidh me fós ar callsa,
Churainnibh gun fheall, gun sga;


[136] A dhilsi dliodhach, rioghoil, tréuna,
A dheanadh éuchd ri uchd nam blár:
S cinn is coluinn chuir o chéile,
Sinn’, ’s sibh-fein a scaradh fás;
Ach togabh suas ar misneach gleusta,
S cuirim fein rar creuchdamh plásd’.

G. A mhoire sinne a tair ar céusadh,
Air dhí céille, sinn gun cháil:
T—— St—— Mac R—— S— —,
A bhi na eiginn anns gach cás;
Gur h e sin a rinn ar léireadh,
Gur a féadar dha go fág:
Sinn na dhéigh gun airm, gun éididh.
Falbhn ainm Dhé; ach thig a ghráigh.

Ar mile beannachd na ddhiaigh,
S Dia do dghleigh anns gach áit’:
Muir is tír a bhi choimh- dhuit:
Muirni ghear leat fein os áird;
S go do sgar mio-fhorton déurach
Sinn o cheile, ’s ceim roi’ ’n bhás:
Ach soiri libh a mhc R—— S——
Shúgh mo chéille thig gun cháird.


[137]

Chaill sinn ar sduir, ’s ar buill-bheirte;
Dhfhalbh uainn ar n achdaire-báis;
Chaill sinn ar compas, ’s ar cairtion,
Ar reil-iuils ar beachd gach la:
Tha ar cuirp gun chinn, gun chasan,
Sinn mar charcaisibh gun stá;
Ach gabh usa ghraidh do t astar,
Dean gleas taipi, ’s thig gun dáil.

P. Beannachd go léir le Cln- D— —l,
Sibh a dhfhoirin orm na mchás,
Eidir oilenibh, is mhoir-thir,
Lean sibh deonach, rium gach trá:
S ioma beinn, is muir, is mointeach,
A shiubhail sin air chorsa báis;
Ach theasraig Dia sinn air fuar-fhoirneart,
Nan con srónghaoachbhair ar sáil.

Sibh a rinn fa laimh na Tríonaid,
Mise a dhíon o mhio-ruinn cháich:
Mo dhearg naimhde, neartor, líonor,
Chuir a lion feadh ghleann is árd:
A mheads a thaisbin sibh dar dílseachd,
S coir nach dío-chuimhnich go brách;


[138] A bharr, gur sibh is luaithshín rium,
Tioc air tírs an Talamh-árd.

G. Ochan, ochan, cruaigh an dearmad,
Bhig ar tearbadh uaibh gun bhás:
Bin fhior éibhinneachd, ’s am beirteas,
Bhi da t fhaicinn gach aon :
Bidh ar ruisg lan tim a frasadh;
Ar cri lagchúiseach gun cháil,
Gom pill usa rís air nais oirn.
Beannachd leat le neart ar gráidh.

P. O tiormaichibh a suas ar súilin,
Chomuinn rúnaichfuair ar crádh,
Bidh sibh fás, maoineach, muirneach,
N ar gáird dúbailtma White-hall,
Nuair a bhios na Reabail lúbach,
Ri bog chrúban feadh nan carn,
Gom bi síbhsan caithrim ciúrta,
Lasdoil, lu’ -chleasach, lán áigh.

titleOran árrait
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page