[150]

Marbhainn a rinneadh do pheata Colum, a mharbhadh le aubhag.

S Tursach mo sgeul ri luaigh,
S gun chách da dchaoi,
Ma bhás an fhir ba leanaboil tuar,
S ba mheanbh ri chlaoi.
S oil lium bás a Cholum chaoimh,
Nach banagrach gnás,
A thuitim le madadh gom béus,
Dobhran nan cárn.


[151]S tus truaidh linn do bhás nan ean;
Mo chrágh nach beo,
Fhir a biteagach, miottagach triall,
Go ba mheirbh do threoir:
Bfheimeildo Naoi na cách,
N am bhárcadh nan stuagh,
Ba tun teachdairgun seachran da,
Nuair thraigh an Cuan:
A dhidreachdainn do dhfhalbh an tuil,
Litir gach fear;
Dúbhull is Colum gon chuir
Deagh Naoi thar lear;
Ach chaidh Dubhull air seacharan-cuain,
S cha do phill e riabh;
Ach phill Colum le iteagaich luath,
S a fhreagra na bhial.
Air thús, cha dfhuair e ionad da bhonn
A seasadh e ann,
Gos do thiormaich Díle nan tonn,
Far mullach nam beann:
S ann sin, a litirsin leagh an duine bha glic,
Gon thiormach a bhailc,
[152]S go faigheadh a mhuirichinn, cobhair nan teirc,
Agus fuasgladh nan airc.
Le neart cha spúilte do niod,
Go do thigte da dshlad;
Bhiodh do chaisteal fa bhearrabh nan creg,
Ann an daingnichibh rag:
Bha do mhodh-siolaich air leath o chách,
Cha togradh tu suas,
Ach a durraghail an taca ri dghrágh,
G cuir cogairn a cluais.
Cha do chuir u duil ann airgid no spréigh,
Na féist am biodh súgh,
Ach spioladh, is criomadh an tsíl le dbhéul
S ag ól a bhúirnn:
Aodach, no anart, síoda, no sról,
Cha cheannachadh tum ;
Bhiodh t éididh do mhín-iteacha gorm,
Air nach drúidheadh an drúchd:
Cha do ghabh u riabh paidir no créud,
A ghuidh nan dúl;
Gaigheidh, chan eil t anam am péin
O chaidh tununn.
[153] Chan e gun chiste no anart bhi comhdach do chré,
Fa lic anns an úir,
Tha mise go cruaigh e, niug acain go léir,
Ach do thiutim le .

titleMarbhrainn do pheata Colum
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page