Marbhrainn Máiri nian Ean Mhic-Eun, do ’n gairte, an Aigionnach.
Air fonn, Piobaireachd.
THA me craiteach tinn,
’S Máiri ghrinn bodag;
An t éag air a toirt dhinn,
Anois dint’ fa chlodamh;
’S ioma fearrabhall chinn,
Cearclach, féitheach slim,
A thiolaigidh na d’ chill,
’S cul do chinn air fodar.
’S ann agad fein bha ghibht,
Eidir dha bhith do chos’;
Gur lionar fleasgach glic,
Ba rionnchruaigh, bliochdach dos,
’S ann agad fein tha pheisg,
Chinn mor le sgreib na ’n clap;
Le ciogladh bhod ri d’ sgeig;
’S le síor bhleth ghreadan shlat:
Na d’ cheal gur minig theac,
Crann-mór le stagh, ’s le bheirt:
Tri cheud uair go ’n sgregg,
Go ’n d’ fhail do gheid ’s go ’n mhalc.
’S ann agad fein tha ’n eig,
Gann oirleach bheag o d’ noig;
Le ball chomhrag ri creig,
Chuireadh long bheag air flod:
Da fhichid bliaghn’ man heist,
Go ’n bhreo do chroit, ’s go ’n ghrod;
Gur iomad fear a cheig,
’S a bhrod le cead do roig.
An túgurrach gheal-dhonn,
Nach ro’ crom, no paiteach,
An tric do mhoglaich sgonn,
’S paire lom do chlachabh:
’Nuair a dhuisgt’ t fhonn,
Go b’ ann air sgáth na ’n tom,
Go ’m biodh ma thárr do bhronn,
Galon ronn do shraddadh.
Go scriobhar t airm go glic,
A sios air do lic gun stad,
Da bhrill na ’n crois air pit,
’S magarla sic na ’n glaic,
Air (feild) do phlaide bhric,
Chinn tiugh le stiorc-luagh-chas:
B’ e ’n dol gun rath, gun slioc,
Bhi cur deagh shil na d’ chlais.
’S iomad oig-fhear bá,
Ann an aird a shogain,
A sháth a shleagh na d’ gháig,
’S a ghrad fhág na d’ lod’ e,
Leis am b’ fhearr am bás,
Na dol a rís na d’ dháil,
Suilin an aite na ’m bod,
Umad a silidh ma seach;
Basan an ionad na ’n cloch,
Anois d’ a d’ phostadh: mo chreach;
An uaigh an ionad do nochd,
Bhi ’nois d’a cladhach, ’s d’ a treach;
A spaid an ionad na ’n stob,
B’ ábhaist na d’ shlochd dol asteach.
’S ioma lasag chruaigh,
Bhiodh ma m’ luaighs’ an Uibhist;
Eidir Seile bhruach,
Bun-na-Stuagh, ’s Lochuthuirn,
’S brath bhi ac’ Dialuain,
Bhi d’ a d’ chuir ’s an uaigh:
Banaltrom bhod cruaigh;
Fior chliath-luaigh na ’n triuthas.
Taing do Chlann-ai-Leoin,
Rinn cosg mór ri t fhalair,
’S mis’ th’ air mo bhioladh a nochd,
’S mo chrí ri ean-bhualadh lag;
Ri gul, ’s ri cionar go bochd,
Fa sproc, le imni gun stad,
Ma ’n tuggarraich dhoinn dhol ’s an tslochd;
’S fuar phloc ag cúmhdach a taisg.
Do ’n chinneadh shár-bhuailteach le hog,
Sgleogadh pit bhog le sod mhag.
B’ fhearr go bithinns’ am chrúban,
’S me air cúl do chiste;
Leiginn fann-ghlaoidh thúrsach,
’S bhiodh mo shuilin silteach:
’N am bhi dol do ’n uir ort,
Sheanachaisinn mo rúnsa,
Amach a Teughlach Mhuideort.
Culaidh rúsgadh phiostol.
Cnottag do dheiridh do stoc,
D’ a cragadh le fairche cruaigh, rag;
Le loinid do sheileir bhiodh scop
Coipte, go t imlic le glag:
Chluinnte fead-ghaile le glog;
Rumaladh brilleocach na d’ lag:
B’ e t orgain ceolor an gog,
’Ni mealgradh sprilleocach do chnag.
Moladh air deagh bhod.
THA ball-ratha sinte riut
A choisinn míle buaigh,
Sar-bhod iallach, accuinneach,
Rinn-gheur, sgaiteach, cruaigh,
Uilleach, feitheach, feadanach,
Laidir, seasbhach, buan,
Beodha, treorach, togarrach;
Nach diultadh bog no cruaigh.
title | Marbhrainn na b Aigionnaich’ |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |