A Thi mhóir, mhaith, cheart!
Nach b’ urra mise luach,
Do bhróna féin,
’S mo dhana géur an-truaghs’,
An soaghal ghuilinn
Le caoi, ’s le tuiribh cruaigh,
’S a dh’ ath-tharraiginn tuil
Thar mullach bheann, is chruach:
Ach o ’s mo tha teang’
Ard-fhaclach t fhal’ ag sgairt,
Air laimhin Bhriarius,
No suilin Arguis thais,
Caismeachd t fhalaire seinnim
Le fuaimnich stoc,
Scriobham do mharbhrainn
Le fuil chreuchd-dhearg na ’n lot.
title | Marbhrainn Ri Tearlach I. le Montrose |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | in Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |