Oran air aisling a bhruadair duin’ -uasul arraid, go roibh tuil ri tighin thairis air siorramachd Earraghaidheal, air son iad a dh’ éiridh, &c.
Agus ’s e ’s ainm do ’n oran, an Airce.
Air fonn, Tuitir Ile b’ ainm do ’n fhear, &c.
DIaidh dhombh tuitim ann mo chadul,
Chonncas aislig chuir or’m cúram,
Guth ’g am mhosgladh suas go sgairsteil,
Dol air theachdaireachd ’nuair dhúisginn.
’S go d’ chaigh me ’m shuain go h órdoil,
Mar ba chóir do ’n h uile criostai,
Chonncas bruadar do dh’ ion bócan,
Chuir air bhall-chrith m’ fheoil, is m’ fhiocla.
Gur he e Brigadeer Caimbeul,
A mharbhadh an abhar R—— S— —,
Shummoin mise a rair am chadul,
Do air theachdaireachd ’nuair dh’ eirinn.
Dh’ earb e rium esin a righin,
Alastair criodha lean deonach,
Ris an standard sin Ph—— T— —,
Dh’ fhuilgeadh bas ais-leath na córach.
Fear Airdsliginis an t ármunn,
Tha me ’g rádh, ’s cha neach eile,
’S go d’ shiubhail u an Eorp, ’s an Aisi,
Fhir th’ am chláistinn chaoi na ceil e.
Dh’ earail an guth labhairt ri’sin,
A chlisgeadh fios chuir air saoramh,
Dheanadh gun fhaillinn deagh árdroch,
Roi’ ’n tuil ghábhai bha go taosgadh.
’S amhuil so, a labhair mise,
Gun gne chuir ris, no thoirt uai;
Dh’ earail me air go geur, sgairsteil,
Dol ma ’n teachdaireachd ri luaitheir.
Agus, ’s amhuil so, dubhuirt an guth.
A Naoi Chaimbeulaich an áigh,
Dean Airce dhuit-fein a bhio’s pailt;
Sábhail do theughlach go luath,
Tha an tuil-ruagh a teachd air nais.
Cha ruig i leas a bhi ro mhór;
’S na biodh i idir beag;
Ceathair cheud lamhchoille ’s a dhá,
’S biodh i chomláidir ri creig.
Saor o theughlach Lochnaneala,
’S cáil eile do dh’ fhearabh coire,
Na leig duin’ a ’s teach ’s an loings’,
A ghabh unsa dh’ ionntos R—— D—sa.
Póir do gach seorsa ’s fearr,
As gach mear a chinn o d’ stoc,
Thoir cuideriut anns an Airce,
Tha muir báite ri teachd ort.
Na gaidheil le ’m b’ ainnimh bhi rioghoil,
Cha ’n eil mio-thlachd againn riu;
Ach sibhs’ d’ am b’ abhaist bhi dílis,
Thoill sibh cíos thoirt dhibh, ’s ar bruthadh.
Tog do d’ mhousgaid, ’s cuir ort surd,
Air Airc’ ur a dheanamh suas,
Thig an tuilbheumsa chomhcas,
’S a thig fras a faoilleach fuar.
Tha diudhultas le guth árd,
Mar bha fuil Abel ’s an spéir,
Ag uirni, ’s ag iolach go h árd,
Gort is pláigh theachd air gach cré:
Air gach cre a dhearg a lamh,
Anns na rinneadh oir’ne bhruid;
Do chreachadh, do losgadh, ’s do dh’ fhairgneadh,
’S cha chall linn marbhadh, ach murt.
Thig so chomhcas ri beimsleamha,
Scrothaidh e leis gach ni thachras;
Gach neach tha go smior na réabal,
Lomaidh e géur o na clachamh.
Bárcaidh an tuil ’nuair nach saoil u,
’S maith a dh’ fhaoite gur h ann a niu;
Tarr leat do dhilse, ’s gach caraid,
’S Barrnacara fag amuidh.
Na tugadh dio-chuimhn’ no mousgaid
Ort, Loudon fhagail an dearmad,
’S fear eil’ a ni ’mach am poire,
Go ba throiteir gheibh e tearmad.
Thoir dhachaidh Dubhul, is Eain,
’S gach fear tha dliaghach dhiut teasraig;
’S do gach teughlach eile cáraid,
Go modh-síolaich fhagail beittir.
Na toir neach air bord do d’ lestir,
Ach póir do fhleasgaichibh calma;
Na leig gne eanlai a ’s teach ort,
Ach go teachdaireachd do Chaluman.
Ceangail cu, cat, is clach-mhuillinn,
Ma mhuineal burroil Mhic-Nibhein,
’S tilg a sios e le neart cudum,
An craos slugganach na dilionn;
Air neo, ma ’s e do thoil fein e,
Cum agad e go feim fiaich;
’S biodh e cuideiris a Chaluman,
Go ’n cuirt air falbh iad nan diais.
Cum ri Sir Donnchadh an caibin;
’S buin go coir ri Inveraw;
’S o bhio ’s tu pailt do dhimh fhrancaich,
Cum gun taing riu casg am paghaidh.
Ma tharras tu fear Choirechunna,
Na fág fa chuntart na ’n tonn e;
Thoir air bord a ’s teach an duin’ ad,
’S buin ris urramach neamhlompais.
Ma dh’ fhairies tu Caiptin Donnchadh,
Am measg an tromlaich d’a d’ righin;
D’a t atach ag iarraidh buird ort,
Ciuill le súrd a ’s teach na d’ chri e.
Gach aon duin’ eile do ’n teughlach,
Na bi meobhla riu na d’ chriodha;
Thoir dhoibh teine, leab’, is ardoch,
Deoch, is failte, is moran biaigh.
Tha soigh’deir agus an criostai,
Ann aon phearsainn ghrinn ’s an Chaiptin;
’S do phoncamh rioghoil cho’ -luchdor,
Chaoi go ’n tuit e air a thappadh.
Tha e cho’ -modhar ri moigh’din,
Siofolta, coinneil, gun ghaiseadh;
Gun chais’, gun raise, gun stroilich,
Lan do sgoinn ri uchd a ghaisgidh:
Tha e díreach, ríoghoil, rúnach,
Tha e fiughuntach gun stró ann;
Tha e cuimiseach, glic na ghiulan,
Flathoil, cúirteil, gun ghne mhórchuis:
Tha e meinich, iochdor, báigheil,
Trócaireach, cáirdeach, lan athtruais;
Guineach ri naimhde ’s na bláramh,
Gos an tárradh e fa smachd iad;
A sin, thaisbeineadh e thrócair,
Do bhochabh fógarrach gach áite,
’S cha chuireadh e ’n gniomh an t órdo,
Bha fa ’n fh—d— r na phatent:
Beannachd nochd’, is bhochd’ sin Mhúideort;
Beannachd gach dúcha na d’ chuiddeachd,
A bhrigh nach do chuir u le dólas,
Sean, no óg dhiu chum na h uiddil:
Uime sin, Alastair ghaolaich,
Gabh an caomhanachs’ na t árdroich,
’S gach aon duin’ eile d’a dhaoine,
Feach dhoibh aoighealachd is cáirdeas.
An t eittionn glan, fírinneach, bríoghoil,
Gun mholl, gun ghiomh, gun rusg cathadh;
Claidhin chomhcruaigh’, sgaiteach, rioghoil,
’S a thairnidh go gniomh le T— —.
Cha ’n fheim iad leighis, no urchaisg,
No ’n cuir am purgudair sáile:
Cho’ -saor o chaire na ’n troit-fhear’,
’S go d’ bheirt’ iad a rair le ’m mathair’.
Tighearna-nan-Ard ma thachras,
E riut, ’s e ’g asnachadh dídinn,
Tha e do ’n tseorsa gun truaillidh,
Nach roi’ fuar do’n teughlach ríoghoil.
Thoir dhasan ionad chomhtaitneach,
’S a bhio’s agad anns an Airce;
Biadh, is aodach, ’s moran dighe;
Giullaichd go h inich do chairde.
Sgibinis go d’ ro’ ’g a d’ fhoinneachd,
Ri griosadh coinneis, ’s e ’g gal riut;
Tearmad no iochd cha do thoill e,
Na bi foill dh’a, thoir dh’a salunn.
Ceangail bolla lín ma mheadhain,
Bheir pian dh’a ’s dliaghach d’a chaire;
’S ’nuair bhio’s e do phlubraich currai,
Slaod leat go h ullamh a ’s tigh e.
Cum amach fear Chnocbui,
’S guidhim ort na leig a bhathagh;
Ceangail go daingiunn risrightbuoyleft,
Bheir snamh dh’a ’n uighim a chraigheoidh:
’S ’nuair nidhir as an-blas D— —ch,
’S an fhairrg’ air a leon, ’s air a mhiottadh,
Spíon a ’s teach e, ’s thoir dh’a (cordial) ,
A bheir beo e deis a shliobraich.
Bi’dh tigh Chaladair an dóchus,
Go leig u air bórd go leir iad;
O tha ’n cogois teann d’an scróbadh,
Nach e Deórs’ an R—— ach Seumas:
Ach coinseonaichim u le h órdo,
An R—— mhoir d’ an coir dhuit géillidh;
Tilg amach iad uil’ air fleódradh,
’S aircion mór fa chórr a sgéith’:
Biodh sin mar phurgudair aca,
’G an glanadh, ’s ’g an carstadh o ’n ótrach;
Sin, ’nuair scúrar iad o ’m peacadh,
Thoir go caomh a ’s teach air bórd iad.
S—th—ll, fear-ain-neart nam bantroch,
Na ’n díleachdan’ fann, ’s na ’n deorai:
Iobair suas air altair Neptun,
Air son a chreachan, ’s dhoibheirt.
An Donullach Ileach an rascal,
An glagaire fada bóstail:
Thoir urchair dh’a chum an aigen,
Go leaba-chadul na ’n sórnan.
Mac-Dheors’ -oig go d’ thuit e ’m peaca,
Le impi prasgain, ’s le górraich:
Leig plummadh dh’a chum an áigen,
’S thoir go grad a ’s teach le d’ róp e.
Spárr Aisginnis ann an tuba,
’S fag e fa luidridh an anfaidh;
Biodh e ’measg na ’n tonn air uiddil,
Gos an caill e chuid do ’n aintheas.
Glac air laimh Ean-ban na Coinnil;
Mo dhílsein coiniullach, grádhach:
Thoir dh’a biadh, is deoch, is coinniull,
Boll, agus glainne ’s a cháibin.
Richardson, grad thilg thar stoc e,
’S tric a thog dhuinn tosta Th— —;
Ach o ’n shleamhnaich e ’n a chreidimh,
Ascaoin-eaglais air a mheirleach.
Ma thig a bhan-bhárd na d’ líonamh;
Ostag mhío-narach an Obain,
Ceangail achdair r’i do bhrandi,
Go bi toirt dram do ’n a rónamh:
Ach ma chinnis i na Jonah,
’S a sluggadh beo le muic-mhara:
Go meal i a cairstealan fheólain;
Ach a sgeith air córsa Chana.
Cuir adhastar ri fear Chruachain;
’S le luinnid cuir buarach ma chasamh;
Leig futh’ a sios go dha chluais e,
Go glanadh an truaghain pheacaich.
Go toil lium Cailein ghlinn-iudhair,
B’ fhearr lium go ’m b’ iudhar ’s nach b’ fhearna;
O thréig e nador a mhuinntrioch,
’S gann a dh’ fhaodar cuim thoirt dhásan:
Cuir boiseid do dh’ ionntos R—— D—sa,
Do smior an oir ma theismeadhain;
’S íobair e Neptune; (go searbh lium),
Mar grad ainmich e ’n R—— dliaghach;
Ach ma dh’ aidicheas e pheacadh,
(Bhi cur-as d’a R—— ’s d’a dhúthaich),
Cuir ball chuig’ amach mar theachdair’;
Spíon a ’s teach air barr an tsúigh e.
Inbhereasragain, am fleasgach,
Bha e leisg air dad do thrioblaid;
Thoir dhasan tummadh le beaddradh;
’S a chaoi na toir cead a riobadh.
Eidirghlinn na cum ris párlai;
Biodh snamh aige no na biodh:
Up amach go grad le d’ laimh e,
Thoir dh’a anrath, ’s bathadh righin.
Ach ma leaghas tu aithri neamhchealgach,
Gun dearmaid ’n a ghnúis a soilseadh,
Thoir dh’a teasraigin, is tearmad,
Go nach e go dearbh a thoill e.
Mac phrobhaist Donnchadh an daormunn,
Tilg amach an craos na mar’ e;
Na toir dh’a comhthrom, no baoghal,
A theisrigeas do ’n daoidh-fhear anam.
Breib amach an truilleach Melbhin,
Mar go pachta cú go sittig;
Na leig róp, no ball, ’n a charamh,
Air ’m bi dula, sgar, no sgittig.
Lachann-dubh ad Bhail-ea-ghroggain,
’N do chinn lan croggain do phoinnseon,
Gun pharlai iummain go stoc e,
’S tilg ’s an bharr-roc e le tuinnseadh:
O chaill e cáirdeas gach tíre,
’S gach criostai ríoghoil air thalamh,
Na toir fairrge ghlas is tír dheth:
Dean íobra do Ri na mara:
Go ma luai’te ruigeas e ’n grinnioll,
Ceangail cloch-mhuillinn m’ a sgórnan,
Cut, cat, nathair, agus sionnach,
Go communn chummail go póit ris:
Clann-chamshrón’, agus Clainn-Fhionainn,
Olaidh go h ionbhainn a mharbh-deoch,
Bhrath e na cinn-fheunna thlachdor,
Nach ba tais ri uchd na ’n garbh-chath:
’S cinnteach bi’gh a bhrathair Judas,
Go h úiseil ann uchd Abr’am,
Ma ’ta dóchus ag an sgiursair,
Anns a chúirt ad a bhi sábhailt’.
Tighearna na h O—tt—ch b’ olc e;
Cha roibh ann ach poca puinnseoin;
Thoir purgaid shaibhir dh’ a ’n tsláile,
Is sgob gun dáil a ’s teach na d’ luing e.
Donnchadh-bui Mac-an-Aba,
Bha e lag-chuiseach ’n a cháirdeas,
’S mar a bhitheagh dhuinnne beagan,
Cha ba leisg linn u ’g a bháthagh:
Ach do thoradh an tseora d’ am bheil e,
’S go ’n ionnsaicht’ oilen na b’ fhearr dh’a,
Thoir do ’n uisge shailt’ a leoir dh’a,
’S tarraing beo ’s teach do ’n Airc’ e.
Achachrossain chiunn a chrostachd,
Ceangail air bh—d ris an luing e,
’S ’nuair bhio’s e réicil, ’s ag osnaich,
Slaod a ’s teach am poca puinnseoin:
Ach mar sguir e sin d’a chrostachd,
’S mar a h ól e tosta Thearlaich;
Sparr go daingiunn ann am poc e,
’S tilg amach thar stoc am meirleach.
Caiptin Dhonnchadh Mac-a- Phiocair,
Na fag am measg na ’m barr-roc e;
Tumm go ciuin go ait’ a chross’ e,
’S thoir a chlisgeadh ’s teach air sgroig e.
Achamhuillinn tilg ’s an fheammainn,
Go deanamh do Neptun kealpa;
’S mar sluig e na gheibh an tsáile,
Sior chum ris an dáifhear (kelty) .
Mar sin, agus Noble gocach,
Am poca-croite bhio’s ag Júdas;
Go toil le d’ chairdibh a phláigh ad,
Leig fa sháil’ e, le sar-sgiúrsadh.
Ma chi u ’n rioghalach diamhair,
’S e fuireach go cian an uachdar,
M’ a ’s sgairteas e Dia ’s R—— S— —,
Spíon le teimeadh a ’s teach air ghruaig e.
Leigim fa bhienne do mhór thrócair,
Gach cré tha beó ann do dhúthaich;
Ach cuimhnich fag ’s an chommunn rónach,
Gach reubal Deórsach nach tiunntaidh.
Gabhsa ma thimchiull do ghnobhaich,
Gun mhaill, gun choi’ -earbs’, gun fháillin;
’S mar a dh’ fháin am Br—d— r,
Air ciunn na dile dean Airce.
Gheibh u cúirt is moran cliudha,
’S bi’dh tu buidheach air a dheireadh;
Faidh, iarrann, tearr, ’s baill o ghallamh,
’S dean Airc’ do dharach Loch-seile.
title | Oran do ’n gairir an Airce |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |