[11]

Moladh Moraig

Air fonn Piobaireachd.

Urlar.

S Truagh gun mes an choill
Nuair bha Moraig ann,
Thilgimit na crainn
Co ba bhóich againn:
Inghinn a chúil doinn,
Ar a bheil a loinn,
Bhimit air ar broinn
Feadh na rósanan;
Bhreugaimit sinn-shín,
Mireag air ar blíon,
A buain shobhrach míonbhui
Na cósagan:
Thennimit ri strí
S thaoghlaimits an fhrí,
S chaillimit sinn-shín
Feadh na strónagan.

Urlar.

Suil mar ghoirmdhearc driúchd
Ann an ceo mhaidin;
Deirgis gilna dghnúis
Mar bhla óirseidin.


[12] Shuas choi’ -min ri plúr;
Shios garbh mo chuluidhchiuil;
Grian na plaineid coúrs,
A measg oighiannunn;
Réulla glan gun smúir
Measg na rionnag-uill;
Sgathan-maise air flour
No bóichid u;
Ailliugan glan úr,
A dhallas ruisg gon cúl;
Mas ann do chriaghaich ú
S abhar móir-iunaidh.

Urlar.

On thainig gné do thúr
O maois óige dhomh,
Nir facas créatair dhiu,
Ba chomh-glórmhoire;
Bha Mallis dearbha caoin,
S a gruaigh ar dhreach nan caor;
Ach caochlaideach mar ghaoi,
S i ro óranach;
Bha Pegi fad an aois,
Mar bhith sin bi mo ghaol;
Bha Marsaili fíor aottrom,


[13] Lán neonachais;
Bha Lili a taitne rium,
Mar bhith a ruisg bhi fiunn;
Ach cha ba shá buirniunlaid,
Don Mhoraigsiad.

Siubhal.

O! ’s coma lium, ’s coma lium,
Uile iad ach Mórag;
Rioghainn dheas chulach
Gun uireasabh fólum;
Chan fhaidhir a tiunnail,
Air mhaise no bhunailt,
Nom beusamh neamchumonta,
Am Muile non Leoghus.
Go genmni deas furanach,
Duineoil gun mhórchuis;
Ar thaogha na cumachd,
O mullach go brogamh;
A néul tha neamhchurri,
S a h aignidh ro lurach;
Go bríodalach, cuireideach,
Urramach, seolta.

Siubhal.

O guiliugag, guiliugag,


[14] Guiliugag Morag!
Aice ata chuluidh
Go cuiridh nan óigfhear’;
Bén t aidhirs a sulos,
Bhi sínte ri t ulaidh,
Seach daonnan bhi fuireach
Ri munuran pósaidh.
Dam phianadh, ’s dam ruagadh,
Le buairidh na feola;
Le aislingin connain
No colna dam leonadh;
Nuair chidhinn ma mchoinnimh,
A ciochan le coinnil,
Theid maignidh air bhoilich,
S na theine dearg sólais.

Siubhal.

O fairigan, fairigan,
Fairigan Morag!
Aice ata chroiteag
As toitesn Eorpa;
A ciochan geal criostoil,
Na faice tu stoitiad,
Gon tairnidh go beagnair’,
Cenn-eaglais na Róimhe.


[15] Air bhuiges air ghile,
Mar lili na lónan;
Nuair dheana tun dinnidh
Gon cinnidh tu deonach;
An deirgiod, an grinniod,
Am minead, ’s an tinniod;
Gom básainn chur spionnaidh,
Agus spioraid a feoil iad.

Urlar.

Thogaimit ar fonn,
Anns an ógmhaidinn;
S Phebusdath nan tonn,
Air fiobh órensin;
Far céil cha bhiodh conn,
Ar sgadhoiris thom,
Sinn air daradh trom
Ler cuid gorraileis;
Direach mar gom bíodh
Maoiseachs boc a frí,
Cromruaig a cheile dían
Timchiull óganan:
Chaillimit ar clí
Ag gairechdich linn-shín,


[16] Le bras mhacnas dian sin
Na h ógalachd.

Siubhal.

O dastram, dastram,
Dastram Morag!
Rioghainn bhoi bhastalach,
Leacruiteach rósach;
A gruaidhin air lasadh,
Mar an lasairchlach dhaite,
S a deud mar a sneachda,
Cruinn-shnaite an dlu órdo.
Ri Venus chomhtlachdor,
An taitneachdainn fheolor;
Ri Dido cho’ -maisich,
Cho’ -snasors chomh-córr ri;
S e thionsgain dhomh caithibh,
S a laodaich mo raithin,
A bhallag ghrinn ladhach,
Chuir na gaithionsa mfheoils’.

Siubhal.

S mar bíthinn fa ghlasamh,
Cruaigh phaisgte le pósadh,
Dhiobrainn criogha mo phearsann,
Air an altairse Moraig;


[17] Gon liobhrain gun airsteal,
Ag stóilibh a cas e;
S mar gabhadh i tlachd dhiom,
Cha bfhad a sin béo me.
On urrum, an urrum,
An urrum, do Mhóraig!
Cha mhor nach do chuir i
Mfhuil uile as a h órdo;
Gon drug orra ceumtuislidh,
Fa iomachd mo chuislion,
Le teas is le murtachd,
O mhochthra Diadomhnaich.

Siubhal.

S tu réulla nan caillion,
Lán lainnir gun cheo ort;
Fior chomhnart gun charraid,
Gun arral, gun bhéolam;
Choi’ -min ri cloigh eala,
S choi’ -geal ris a ghaillinn;
Do shengshlios séamh fallain,
Thug barrachd ar móran.
S tu Bainriogh nan ainir,
Cha sgallais an cómhradh;
Ard foinni na dghallan,


[18] Gun bhallart, gun mhórchuis;
Tha u coimhliont na dbhallamh,
Go h insgineach athlamh;
Caoin, mechire, farast,
Gun fhathrom, gun rópal.

Urlar.

Bfhearr go bithinn sgaoilt
As na córdamhsa,
Thug me tuilleadh gaoil
As ba chóir dhodhuit;
Go dthig fa dhuine taom,
Go droch ghniomh bhios claon,
Cuireadh é cruaigh-shnuim
Air on ghórraich sin:
Ach thug i so mo chiall,
Uile uam go trian;
Chan fhaca me riabh
Tiunnail Móraigs’,
Ghaid i uam mo chrí,
S shlad i uam mo chlí,
S cuiridh is an chill,
Fa na fódamh me.

Siubhal.

Mo cheist agus mullaidh


[19] Don chonnairc me dshéorsu,
Le dbhroilleach gealthuireid,
Na mullaichion boidheach;
Chan fhaidh me do dhfhurus,
Na ni mionaid uat fuireach,
Go dtha buarach na dunach
Dam chumail o dphósadh.
Do bheul mar an tsirist,
S e milis ri phógadh,
Choimhdearg ri bhermilion,
Mar bhileagan rósan:
Gon drinn u mo mhilleadh,
Le dChupid dam bhioradh,
S le dshoidion caol biorach,
A rinn ciothrram fa mchóta.

Siubhal.

Tha me lan mullaid,
On chonnaig me Morag,
Chomhtrom ri cloch-mhuillinn,
Air lunnabh da séoladh:
Macsamhailt na cruinniaig,
Chan eil anns a chruinnidh;
Mo chrí air a ghuin leat,
On chonnaig me t órchul


[20] Na shlamagan bachullach,
Casurlach, córnach;
Go fainneagach, cleachdagach,
Dreachlubach, glórmhor;
Na reullagan cearclach;
Mar usgruichion dreachor,
Le fudars an fhason
Grianlasda, ciabh órbhoi.

Siubhal.

Do shlios mar an canach;
Mar chaineal do phogan;
Ri Phenix cho’ -ainnibh;
S glan lainnir do chóta:
Go múirneneach banoil,
Gun árdan gun stannart;
S i córr ann an ceneal,
Gun ainnis gun ótus.
Na faichte mo leannan
S an mhathshlogh Diadómhnaich,
Bi coltas an aingil,
Na h earradhs na cómhradh;
A pearsa gun talach
Air a gibhtin tha barruichd;
An, ti dhfhág u gun ainimh,


[21] A rinn do thalamh rud boidheach.

Urlar.

Tha saoghal lan do smaointinin feolar,
Mamon bidh dar claonadh
Le ghoisnichion;
A cholunn bheir oirn gaol
Ghabhail go ro fhaoin,
Ar striopachas, air craos,
Agus strotholachd:
Ach cha do chreid me riabh
Gon do sheas air sliabh,
Aon te bha choi’ -ciatoch
Ri Móraigs’;
A subhailcions a ciall,
Mar gom biodh baindia.
Leugh i crí am chliamh
Le cuid órrachan.

Siubhal.

Ar comhairle na ceilibh orm.
Ciod eile a h eir no ni me?
Man rioghainn ba tearc ceileireadh,
A sheinnedh air an fhídeig;
Chan fhaidhir a leit eile so,
Air tior-mór non oilenibh;


[22] Coimhiumlain, ’s coimheireachdoil,
Coimhteiridneach, ’s coimhbíogoil.
S ni cinntéach gur ni deireasach
Mar ceilir so air Síona,
Me thuitim an gaol leathphairteach,
S mo cherenion am dhiobhail;
Chan eil do bhúrn a Seile sid,
No shneachd an Cruachan eilideach,
Na bheir aon fhionnachd eiridneach
Don teine atann am ínsgin.

Siubhal.

Nuar chuala me ceol leudanach
An fheadain a bhag Moraig,
Rinn maignidh damhsa beudarach,
S é freagra dhá le sólas;
Séamh úrlar, sochdair, leudurra
A puirt, ’s a meoir a breabbadaich;
Be sid an oirfeid euggurra,
Don bhéus na creuga móra.
Ochóin! a feadan bailleugach,
Cruaigh sgailleugach, glan céolor,
Nam bionn-phort stuirteoil trileonta,
mindhíonach, bog chaoin;
A mársal comhnart staideoil sin,


[23]S e lúthor grasor caismichdeach;
Fior chruinnlúath, brisg, spalppara,
Fa clialú braschaoin sporsoil.

Siubhal.

Chinn próis, is stuirt, is sprachdolachd,
Am ghnuisnuair bheachdaich guamag,
A seinn an fheadain ioroltaich,
Bard iolach ann am chluasabh;
A suain-cheol, siotha mireneach;
Mearstoirmeil, poncoil, mionaideach;
Na bfhoirmeile nach siredhmit,
Ar mhirid ri h uchd tuasaid.
Om buille meoir ba lommorra,
Go pronnadh a phuirt uairich!
S na h uilt ba luthor cromaidhin
Ar thollabh a chrainn bhuaghaich!
Gun slaoidmheoirich, gun ronnaireachd,
Brisg, tioram, sochdair, collaideach;
Geal-lúdag nan gearracholluinnin,
Na craplú, loinneoil, guanach!

Urlar.

Chaisgimit ar n íot
Le glain fhíon a sin,
S bhuailimit go dian


[24] Air gloir shíobhalta;
Tuilleahd cha bhiodh ann,
Gos an tigidh am,
A bhi cluich air dam,
Air na tíodhan sin:
Dhólaimit ar dram,
Dhfhógradh uainn gun tainc,
Gach chuireadh maill
Air bhi míogchuiseach;
Maidhdean nan ciabh fann,
Shniomhanach nan clann;
Mala chaol, dhonn, cham,
Channach, fhíonolta.

An crúnluath.

Mo cheann tha lán do sheillenibh
O dheilich me ri dbhriodal;
Mo shrón tha stoipte a dhelebor,
Na deil, le teine dímbis;
Mo shuilion tha choi’ -deireasach,
Nach faic me gné gun telescop,
S go dbhiodh méadachd beinnidh ann
S ann h eirinn gur a fríd é.
Dhfhalbh mo chédfi corporra
Go docharach le bruadar,


[25]Nuair shaoil me forton thorchairt domh,
S mem thorroichim air mo chluasaig:
Ar dusgadh as a chaithrem sin
Cha dfhuair me ach ion failéus de,
An ionad na maoin bearraideach
A mheal me go seachd uairion.

Ach, ciod thug me go glan fhaireachadh,
Ach carachadh rinn Cluanag:
S co so, o thus, ba Mhorag ann,
Ach Siona an órfhuilt chuachaigh;
Nuair thúr i gon do lagaich me,
S go féimin rag chuir stalcaidh ann,
Gon drinn i draoidheachd-cadoil domh,
Rinn cruaigh fíor rag dam luaidh’.
Bha chleasachdsa choi-fíonolta,
S coimhinnleachdach mancuairt di,
Nach faodainn shín thaobh siobholtachd,
Gun dligheadh críon thoirt uam dhi;
Gon thiuntaidh me go h ordoil ri;
S gon shaoil me gom bi Mórag i;
S gon daisig me na pógan di,
S cha roda coir dad uaith’.

titleMoladh Moraig
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page