[186]

Moladh a Chaimbeulaich dhuibh.

GO beag ortsan Caimbeulach dubh,
Gar toil liumsan Caimbeulach dubh;
Biodh e dubh, no geal, no grísfhionn,
Grágh mo chrioghasan Caimbeulach dubh.
Go h inisgeach air an tseórsu,
Nam baithne dhomsa do phórsa,
Chuirinn moran sios don dóibheirt,
N an dubh dhlóintibh fótusach, tiugh.

Suile coirptbhann an droch cruth,
Am fuair oilbheim don fhear gheal-dhubh,
Don dream oirdheircs foirmeile fuil:
S duilich tolg a chuirn a chruaigh stuth.
S tric le madai bhi ri dealunn,
Ann oiche rotris an ghealaich;
Bionann sin, ’s eifeachd t ealain,
Air cliu geal a Chaimbeulaich dhuibh.

S cia mar fuair u dhaodann no ghnus,
Caineadh uasail gun mhodh, gun tlus?


[187] Fhior dhearc-luachrach chinnich a lus:
Ma t aoir bhacaich tacam u bhruic.
Sgiursaidh me gom bi u marbh u;
Cha bhi ach mo theangdo dharm riut:
A rag-meirlich, bhradaich a gharbhlaich,
S iom gharbh-mhart dhfheann u le dchuirc.

Don tsiol chruithneachd chuireadh go tiugh;
Cha ben fhídeag, non coirce dubh,
Ach por príseil, ’s ro sgaoilteach cur,
Feadh gach ríoghachd air tir, ’s air muir;
Lomalan brighe o bharr ga bhun;
Feach a rís e man dit u luibh.
Gur iongadach lium a dhuinne,
Mar roibh meirin ort air tuineadh,
Ciod man do bhuin u don urrad;
Curaidh ullamh, ’s cuiraidseach fuil!

Dream nan geurlan go reubadh cuirp,
Cruaighg a feachainn air beulamh trup;
S maith, ’s is gleustiad go bualadh phluc,
N am retréata dhéibheach le stuirt.


[188] Cha bhreac brean-loin idir Cailen,
Ach do dhfhion-fhuil aird Mhic-Cailen:
Teughlach úiseil Iarla-Bhealaich;
S buaghach caithrim ri uchd an truid!

S cinteach thiotadh gheibh u do mhurt,
Ma t aoir chiottaich, mhiosguinich churt:
Go do dhidridh go roibh ort stuirt,
Bidh a bhiodag riddleadh do chuirp.
Claigiunn gun inchinn, gun mheadrach,
Ann faodadh na h iolairion niodadh:
Cia mar fuair u ghnúis do sgiodar,
Ghluasad idir an ionad puirt?

Eisg bhochd, chearbach seargaidh me tur,
Do theanga chealgach a chearbaire dhuibh,
Rinn an tsearbhag gun chairamuigh:
Asd a dhearbainn cealgaireachd cruigh.
Cha bhiorrachdaire go dbhiodh fearg air,
Don drinn usa dhuinan tsearbhag;
Ach óg faighidneach gun earraghloir;
Lan do dhfear-ghniomh, dhearbh e le ghuin.


[189]

Bha u mio-mhooil a toirt dha guth:
Crág a chobhair go mágradh gruth:
Leobas odhar a ghlaimseadh suth,
Deis dha leughadh, ’s e rith na shruth.
Cha ba bheudagan go tabbaid,
Ach fior leoghann stolda, staideil,
Don drinn usan t oran prabach;
Ach fior ghaisgeah; ’s am blarg a chur.

Sparram cintceah ort a glas-ghoib;
Losgadh peircill, corcadh, is cuip,
Air son ascaoin caclach do bhuis;
Bfhearr gom bithinnsfagasg dhuit:
Go do bhiodh tu caineadh gháidheal,
Anns gach siorramachd a dháirinn,
Seachainn muinntir Earraghaidheal,
S gun a Cheolrai fabharrach dhuit.

S mairg a dhéiridh ri siol an tuirc,
Gasraidh ghléusta nach éaradh cluich;
Cha ba bhéus dhoibh bhi ris a mhurt,
Ach cath tréun, is comh-throm ran uchd’.
Go beag ortsa mile cuairt e,
S ioma sonn aigionntach uallach,


[190] Eidir Asainn, ’s Cluaigh-nan-luath-long,
As trom luaigh air Caimbeulach dubh.

Suil na seoca, ’s ro bhochoil cur,
An ceann bhinn nam bachlag dubh;
Cha bi fróg-shuil, rógaira chruigh;
Fior fhiobh feodair orrann a sul.
S geals as dearg do leac, is t aogasg,
Go dubhuirt iad peirciull caol riut;
Cha bionann as sligeas-gaoisneach,
S fiasag pit-laoigh air nach bheil tiugh.

S go reachadh tus na spéiribh,
G airb Caimbeulaich a dhéisgeadh,
Tuiteadh tusa mar a bhéisteag,
N a t ionad féin am buachar mairt;
Esin ag eiri suas le sgairt;
Usa bhreinen magaran cac;
Esin ghlé-ghlan lomlan do thlachd;
Usa dhéistinns muig ort air at,
Mar ba bhéus do dhoran no chat.

Aodann graineig, tarr-aodann tuirc;
Com a chnaimh-fhich, ’s nador na muic;


[191]

Beul mhic-lamhaich, ’s faileadh a bhruic;
Spága clarach; sailibh nan cusp’;
Casa curra, uchd a ghiomaich;
Suile liunnach, sgamalach fliuch.
Do dhoirlichibh aori bardoil,
Tomhaisim o dbhathais, go dsháil u;
S feannam do leathar a thráill diot,
Chiunn u cháineadh a Chaimbeulaich dhuibh.

Chan fhear sgippi usach fior ghluig;
S beirt gun teagabh bidh tu fa bhruid;
T iasag failidh, t fhalt, is do ruisg;
Tuitidh t fhiocla, ’s falbhaidh do thuigs’:
S cosail nach baithne dhuit mise,
Nuair a bha me so gun fhios dhuit;
Nam beol, cha ghlacadh tu mhisneach,
Róinne riobbadh as an fhear dhubh.

Craimhaidh t ingnes maise do chuirp;
Teirgidh t insgin; seargaidh do chuid:
Dean cruaigh aithri a chaoi man luigh,
Chiunn a cháineadh a Chaimbeulaich dhuibh.

titleMoladh a Chaimbeulaich dhuibh
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page