[192]

Comh-radh, mar go b’ ann eider caraid agus namhaid an Uisgebheatha.

Caraid. MO ghaol an lasgaire spracoil,
Fear nan gorm-shuile maiseach,
Chuireadh foirm fa na macamh,
Nuair a thachradh iad ris:
Nuair chruinnichidh do chóisir,
Cha bi chuilm gun a chó’ -radh;
Gheibhte rainn agus órain,
S iomad stóiri na measg:
Gille beaddarrach, súgach,
Tha na chleasaiche lúthor;
S ro-mhaith bhreabbadh an t úrlar,
Agus tiunntadh go brisg;
S e dhamhsadh go h uallach,
Go h aucaideach, guanach;
Gun sealltainn air truailleachd,
Ach uaislagus meas.

Namhaid. ’S mairg a dheanadh an t óran,
S nach deanadh air chóir e;


[193] Gun bhi moladh an doi-fhir,
Bha na rógaíre tric:
Fear a sheargadh an conach,
Thiunntadh mionach nan sporan
Dhfhágadh leanba air aimh-bheirt,
Ann an caraids an drip:
An struthaire dio-bhuain,
Tha go brosgolach, briagach;
Fear crosta mi-chiallach,
Gun riaghailt, gun mheas:
Call mor tha gun bhuinnig,
Ann sólas ro dhiom-buain;
S fear stórais as urra
Bhi cummontas ris.

Car. Mhic toisich, mhich bracha,
Fhir chomhraig nan gaisgeach,
Chuireadh bóilichs na claignibh,
Chuireadh casabh air chrith:
Ba tu cleochda na h aittibh,
N aghaidh rótagus sneachda,
Dheanadh notion do fhrasamh;
S chuireadh seachad an cith:


[194] Dheanadh dána fear saideolt’;
Dheanadh lag am fear neartor;
Dheanadh dai-fhear don bheirteach,
Dhain-deoin beirtis a chruigh;
Ann ceart aghaidh na thaca,
Do mhúirn, no mheoghail, no mhacnas,
S tu roighin as taitnich,
Do chúis mhacnais air bioth.

Namh. A dhuin’! an cuall u no facu
Riabh nis miosa chuis mhacnais,
Na bhin a dshíneadhs na claisibh,
Gun chlaisteachd, gun rith?
Air do mhúchadh le daoraich;
G a do ghiulan ag daoine,
N a dchúis bhúrd ag an tsaoghal,
For nach faodar a chleath:
S e bhig coinneachadh Ratti,
Ni do lomadh ma dbheirteas;
Luchd a chommuinn, ’s a chaidríbh,
Rinn en creachadh gun fhios:
S i ciall-sguir a bhios aca,
Bhi ri buillibh, ’s ri crappabh;


[195] Gom bi fuil air an claignibh,
S bidh am battacha brist.

Car. Mo ghaol an lasgaire suairce,
Chleachd bhin caidribh nan uaislibh;
S lionar tlachd, is deagh bhuaigh,
Ata fuaite ri dchríos:
Biorach, gorm-shuileach, meallach,
Beachdoil, colgarra, fallain,
Laidir, caoin, air deagh tharraing
Go fógra gaillinn a chuirp:
For an cruinnich do phaistibh,
Gom bi mírann is márran,
Augus iomad ceolgáire;
S iad neamhchraite man cuid:
Bheir en t umbi go sólas;
Ni e glic am fear górrach;
Ni e suntach fear brónach;
S ni e górrach fear glic.

Namh. ’M be sin roighin nam macabh,
Bhi gun fhragharc, gun chlaisteachd;
Nuair ba mhiann leó dol dhachaidh,
S e ni thachras ni as mios’;


[196] Gur en ceann as treas cas dhoibh,
Lomlan mheall, agus chrappa;
Gach aon bhall gom bi aca,
Gaid a neart uathgun fhios:
Iad nan taffaisg gun toinisg;
Iad a labhairt an donuis;
Iad ro lamhach go conus,
S nach urriad cuir leis:
Bidh an n aoidnibhg an scróbadh,
Bidh an aodachn a shróicibh;
Chan fhaod iad bhi stolda,
S iad an comhnai air mhisg.

Car. Nach boidheach a spórs,
Bhi suidhe ma bhordabh,
Le cuideachda chóir,
Bhios an tóir an digh!
Bidh mo bhottul air sgórnan,
Ri toirt cop air mo stópan;
Nach toirtteil an ceol lium
An cronan, ’s an gliogg!
Gom bi fear air an daoraich;
Gom bi fear dhiu ri baoireadh;


[197] Gom bi fear dhiu ri caoineadh;
Nach beag a shaoileadh tu sid!
Ni e fosgaoiltfear dionach;
Ni e crosta fear ciallach;
Ni e tostach fear briarach,
Ach am blialum nach tuig.

Namh. Nach dona mar spórs,
Bhi suidhe ma bhórdabh;
Na bhi milleadh mo stórois,
Le górraich gun mheas!
Le siaraich, ’s le stáplaich;
Le briathra mio-ghnáthaicht’;
Ri spearadh, ’s ri sáradh
An Abharsair dhuibh:
Bidh an donus, ’s an dólas,
Do chonas, ’s do choi’ -strith;
S do tharraing air dhórnamh,
Anns an chomhail nach glic:
Ri fuathas, ’s ri sgannuil;
Ri gruaidhibhg an prannadh,
Le gruagabhg an trarraing
Le barrachd don mhisg.


[198]

Car. Mo ghaol an gille glan éibhinn,
Dhfhás go cineadail spéiseil;
Dhfhás go spioradail tréadhach,
Nuair a dhéiridh an driop;
Bhiodh do ghillibh ri sólas,
Iad go mireagach bóidheach,
Iad ag sireadh nas leoir,
S iad ag ól mar a thig;
Iad go h aidhireach fonnor,
Iad gun athadh, gun lompais;
Iad go maith air an rongais,
Nuair a bantlachd an cluich:
Cuid da fasan air uairibh,
Duirn, is batt, agus gruagabh,
Dhaithnt a dhreach air a spuacabh,
Go roibh bruaidleins an mhisg.

Namh. Tha mhisg deonain a nádor,
Lomlan mórchuis, is árdain;
Lomlan bósd agus spáraig,
Anns gach cás air an tig;
Tha i tuair-shreapach, fiaghaich,
Tha i murtain a h iarbhail;


[199] Tha i dustach, droch-nealach,
Lan do dhfiabhras, ’s do fhriodh.
Gom bi fear dhiun a shíneadh;
Gom bi fearn a chúis-mhío-loinn;
Gom aithlise líonor;
S iad am maoidheadh nam pluic’:
Tha i tuarrapach foilleil;
Iomad uair an droch oilen;
S gun do dhfhuasgladh fa dheireadh,
Achs i ba chaireach a mhisg.

Car. Mo ghaol an cleasaiche lúthor,
Fear gun cheasad, gun chúna;
Fear gun cheiltinn air cúineadh,
N am bhi dlúthachadh ris:
Bheireadh tlachd as a mhúigen;
Dheanadh gealtair don diúmhlach;
Dheanadh dánam fear diúid,
Chum a chúis a dhol leis:
Fear as fearr as tigh óstu;
Fear as urbhailteach órain;
Fear nach fuilgirn a ónar,
Ach a bhóilichs an driop;


[200] Fear tha bárranach ceolar;
Crioghoil, cáirdeach le pógabh,
S a lamh dheas air a phóca
S sgappadh stórois le misg.

Namh. A chinn-abhair a chonais,
S tric a dhfhaobhaich na sporain;
Fhir nach dfhaolum an onair,
S i bhiodhg a dmholadh a bhleid:
Nois os búanna ro dhaor u,
Tha ri buaireadh nan daoine,
Dol mancuairt air an tsaoghal,
Chum na dhfhaodas tu ghaid,
Fear ri aithreachas mór u;
Fear ri carraid, ’s ri coimhstrith;
Fear ri geallam; ’s cha tóram;
Thug sid leonadh do dmheas:
Ni um póit-fhearn a striopoich,
Ni u striopoichn a póit-fhear;
S iomad mile droch comhail
Than tóir air a mhisg.

Car. Go be thionnsgain, no dhíntrig,
Air an ionnstramaid phríosoil,


[201]S duine gruntoiln a intinn,
Bha go h intinneach glic;
Thug o arbhar go siol e;
Thug o bhraich, go ni as brigheil’;
Thug a praisn a cheo-liath e
Mach roimh chliath nan lúb tric;
Thug a buiddeal go stóp e;
Rinn en tsusbainte cómhlan;
Thogadh slioggach an róta,
Far fir bhreóite gun sgridd:
N donus coinnimh no cómhail,
No eireacas mór-shluaigh;
Gun do cheileireadh boidheach,
Cha bhi sólas na measg.

Namh. Go be thionnsgan an aimlisg,
S olc an grunt bhan a inchinn,
S mor a dhúisg e do dhargmaid,
S do dhroch sheanchas marr ris;
Dheilbh e misg agus daorach;
Rinn e breisleachs an tsaoghal;
Bfhearr nach beirte go h aois e,
Ach bás na naoidheachan beag;


[202] Dhúisg e triobblaid is coimh-strith;
Rúisg e bioddagan dornamh;
Chuir e piobar fan deobhnachd,
Nuair a thoisich a mhisg:
Cha chúis bhuinnig a leanbhainn;
Ach cúis ghuil agus fhalamhaich;
S a chaoi chan urrug a sheanchas,
Cia mar dhfhalbh do chuid leis.

titleComh-radh, mar go b’ ann eider caraid agus namhaid an Uisgebheatha
writersJohn MacCodrum
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

in Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

notesSame as text #165-5.
parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page