Oran a Gheamhruidh.
Air fonn, Tweed side.
THarraig grian riogh na ’m plainéd ’s na réull’,
Go sign chancer Diaceadaoin go beachd,
A riaghlas comhthrom ma ’n criochnaich é thriall,
Da-mhios-déug na bliaghna ma seach;
Ach gur h e an darra, Diasathurn na dhéigh,
A ghrianstad-shamhraidh, aondéug, an la ’s faid;
’S o dh’ imeich é ’nois uainn mancuairt,
Go ’m bi fuachd oir’n go ’m pill e air nais,
Bi’dh gach aon la dol an giorrad go feim,
’S gach oiche do reir dol a fad:
Struighidh luibhion, is coill, agus feur,
Na fais-bheo ion-éuguidh iad as:
Teichigh snodhach go friobhaich na ’n crann,
Suighfidh glaoghain an suigh-bheatha asteachd.
Seachdaidh géagan glan cúbhrai na’n crann,
Bha ’s an tsamhradh trom-stráicht’ le meas,
Go toirleim an toradh go lár,
Go sgriosair am bárr fár gach lios.
Guilidh feadain is creachuinn na ’m beann,
Sruthain chriostoil na’n gleann le trom sproc,
Caoi na fuarain ri meacuinn go’n cluinn:
Deoch-thunta na maoiseach ’s na ’m boc’.
Luidhigh brón air an talamh go leír,
Go ’n aognaich na slébhti ’s na cnoic:
Sguiridh búirdeiseach sgiathach na spéir
D’ an ceileiridh grianach car treis,
Cha seinn iad a maidnen’ go h árd,
Na feasgurrain-chrábhach ’s an phres:
Codul cluthor go’n dean anns gach cós,
Gabhail fasgadh ann frógamh na’n creg’;
’S iad ri iuntrainn na ’n gathanan blá,
Bhiodh ri dealaradh o sgáileadh do theas.
Cuirir daltachan srian-bhoi na rós
Far mhin-chioch na ’n óir-dhithein beag,
Sinion guccagach lili na lón,
Na fluran, ’s gheal nóinein na ’n eug:
Cha deobhlair le beachainn na ’m bruach,
Cróghaidh fuarachd car cuairt iad na sgep;
’S cha mhó chruinnicheas seillein a mhál,
’S thar gheal-úr-ros chrann garraidh cha srep.
Téarnaidh bradan, is sgadan, ’s gach iasg
O t iarguinn go fiaghrunt na’n loch;
’S go fan air an aigen dubh-dhonn,
Ann an doimhneachd na fonn is na slochd:
Na bric tharr-ai-ghealach, earr-ghobhlac shliom,
Leumadh mearradha, ri usgraichion chop,
Nan cairtealamh geamhraidh go ’n támh,
Meirbh, sábhach, o thámh u fa ’n ghlób.
Chas is ghreannaich gach tuluch, ’s gach tom,
’S doite lom chinn gach fireach, ’s gach glac
Go’n d’ obhraich na síein’ feoir,
Ba lusanach, feoirneanach brat:
Thiórmaich maodhunnan, ’s ruaghaich gach fonn;
Bhéic an fhairrge ’s ro thonn-ghreannach gart;
’S go ’n sgreitich an duldachd gach long,
’S theid an camhlach nan long-phort a steachd.
Néalaich paircion is meadoir go bás,
Thuit gach fásach, ’s gach aite fa bhruid;
A fhraoich bhadanaich, ghaganaich úir,
D’ am b’ ola ’s d’ am b’ fhudar a mhíl,
B’ e bhlá ghrian do bhalet ’s gach uar,
Go giollachd do ghruaige le sgil;
’S am mhaidin thiughair ’nuair bhoisgidh a ghnúis
Air bhuidhinnin driuchdach na ’n dril,
B’ fhior chúbhrai ’s go’m b’ éibhinn an smúid
So dh’ eiridh far chuirnein gach bil.
Go’n theirig sudhtal’mhunn na ’m bruach;
Dh’ fhalbh an cruasach le ’n trom-lubadh slat,
Thuit an t ubhull, an t siris, ’s a phéur,
Chuireadh bodha ar a ghéig anns a bhad.
Dh’ fhalbh am bainne o ’n eallach air chúl,
Ma ’m bi leanaba ri ciucharan bochd;
Theid a ghrian air a thurus mancuairt,
Do thropic chapricorn ghruamaich gun stad,
O’n tig ferrinn chruinn, mheallanach, luath,
Bheir a mullach na ’n cruaitichion sad;
Thig tein’ -aeir, thig torunn na dhéigh,
Thig gailliunn, thig eireadh, nach lag,
’S cinnidh uisge na ghlainechimh cruaigh,
’S na ghlas-léugamh, mín, fuairlicneach rag.
A mios nuarronta, garbh-fhrasach dorch’,
Shneachdach, cholgurra, stoirmshionach bith;
Dhísleach, dhall-churach, chauthach, fhliuch, chruaigh,
Bhiorach, bhuaghurra, ’s tuathghaothach cith;
Dheigheach, liath-rotach, ghlíbshlemhin, gharbh,
Chuireas sgiobairion fairrge na rith:
Fhlichneach, phuntuinneach, ghuineach, gu tlás:
Cuiridh t anail gach cáileachd air chrith.
A mios crattanach, casadach, lom,
A bhio’s trom air an tsonnbhrochan dubh;
Churruiceach, chasogach, lacunn is dhonn,
Bhrísneach, stocainneach, chom-chochlach, thiugh;
Bhrógach, mheattagach, pheiteagach bhán,
Iomacach, aranach, chaiseach, gun ghruth;
Le miann bruthaiste, mairt-fheoil is cál;
’S ma bhio’s blá nach dean tair air gné stuth.
A mios brottogach, toitteneach sóigh;
Ghionaich, stróthoil, fhior gheocoil go muic;
Littich, lághanaich, chabbaistich chórr,
Phoitich rómasaich, róiceoil go sult:
’S an taobh-amuigh go do thudh sinn ar com,
Air an fháilidh gheur-tholltach gun tlus,
’S féadar dram ol mar línnige cléimh,
A ghrad fhadas tein’ -eibhinn ’s an uchd.
Bi’dh greann dhubh air cuid mor do ’n Roinn-eorp,
O lagaich sgéamh órdha do theas,
Do sholus ba shólas ro mhór,
Air fragharc air lóchrann geal deas;
’S theid gach salmadair ball-mhaiseach úr,
An crannaig chúbhrai chraobh-dlúdhuilleach cas,
Le ’n seol féinn a sheinn hymns ’s a thoirt cliu,
Chiunn a phlanaids’ a chúrsadh air nais:
Go’m bi coishir air leth anns gach géig,
An dascabh éibhinn air ré-shlios na ’n slat,
A toirt lag íobuirt le ’n ceileir’ d’ an triadh,
Air chaol chorrabh an sgiath anns gach glaic.
Cha bhi créatair fa chupan na spéir,
Sin nach tiuntaidh ri spérid ’s ri ’n dreach,
’S go ’n toir Phébus le buaghan a bhláis,
Anam-fás doibh is cáileachdan ceart;
’S ni iad ais-éridh choitcheann a ’n uaigh,
For na mhiotaich a fuachd iad asteachd,
’S deir iad (guiliog-doro-hidola-hann,
Dh’fhalbh an geamhradh ’s tha ’n samhradh air teachd.)
title | Oran a Gheamhraidh |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |