Oran na Fineachan Gaidhealach.
A Chomuinn ríoghoil rúnaich,
Sar úbhlachd thugabh uaimh,
Biodh ar roisg gun smuirnein,
’S gach cri gun tréas gun lúb ann;
Deoch-slainte S– S—,
Go muirneach cuir mancuairt!
Ach ma ta gíomh air bioth n’ ar stamaic,
A chailis naomh’ na truaill.
Lion deoch-slainte T–,
A mhéirlich stráic a chuach;
B’ í sid an íocshlaint’ áluinn,
Thaithbheothaichidh mo cháileachd,
Go d’ a bhiodh am bas or’m,
Gun neart, gun ágh, gun tuar.
Riogh na ’n dúl a chuir do chámhlaich,
Oir’n thar sál ri luas.
O! tog do bhaideil árda,
Chaol, dhionach, sháir-gheal nuagh,
’S bochd ata do chairdion
Ag ro mhead t fhárdail uainn;
Mar álach mao gun mhathair;
No beachainn bhreac a ghárraidh,
Ag sionnach ’n deis a fásaich,
Air fáilinn feadh na ’m bruach.
Aisig cafagach le d’ chamhlach,
’S leaghais pláigh do shluaigh.
Tha na dee ann an deagh rún duit:
Greas-ort le súrd neamhmharbh,
Thar dhronnag na ’n tonn dú’ghorm,
Dhriom-robach, bharr-chas, shiubhlach,
Ghleann-chlaghach, chenn-gheal, shugh dhlú,
Na mothor cúl-ghlas, garbh;
Tha muir is tír choimh-re dhuit,
Mar dean u fein a searg;
Doirtidh iad na ’n ceudamh,
Na ’n laomabh tiugha, tréuna,
A Brittinn, is a Eirinn,
Ma d’ standard breid-gheal dearg:
A ghaisri sgaitteach, ghuineach, rioghoil;
Chréuchdach, fhíor-luath, gharg!
Thig do chinneadh féin ort,
Na tréin-fhir láomsgair gharbh,
Na ’m bearaichibh go reubadh;
Na ’n leoghainnimh go creuchdadh;
Na ’n nathraichibh graid-léimneach,
A lotus géur le ’n calg,
Le ’n gaithimh faobharach, rinn-bheurra,
Ni mor éuchd le ’n arm’.
Na ’m brattaichimh lán éidichde,
Le delis géur gun chealg,
Go neartaich iad do champa
Na Caimpbeulaich go dearbh,
An Diuc Earraghaidhealach mar cheann orr’,
Go móralach mear prionnsoil;
Go b’ e bheir air iunsaidh,
B’ e sid an tionsgnadh searbh,
Le lannamh lotach, dú’ghorm, toirteil,
Sgoltadh chorp go ’m balg.
Go tairbiartach, glan, caismeachdach,
Fior tharttarach na ’n ranc,
Thig Cluaini le chuid Pearsonach,
Go cuanna, gleusda, graidbherteach;
Le spainnichimh tennbhertichte,
’S cruaigh feid ri scailcidh cheann;
Bi’dh fuil d’a dortadh, ’s smúis d’a spealltadh,
Le sgealpaireachd ar lann.
Druididh suas ri d’ mheirghe,
Nach meirbh an am an áir,
Clannghill-leoin nach meirgich
Airm ri uchd do sheirbheis;
Le ’m brataichoin ’s snuagh feirg orra,
’S an leirg mar thairbh gun sgáth:
A foirne, fearoil, niomhoil, arroil,
’S builleach, allamh lámh!
Go tig na fiurain Leodach ort,
Mar sheochdain ’s eoin fa spaig;
Na ’n tuireamh lannghorm, tinnisneach;
Air chorraighleus strép gun tiomachus:
An réisimeid fior ionnolta,
’S fáth gioraig dol na dail;
Am bi iomad bóchdan fuilteach, foirmeil,
Theid le stoirm go bás.
Thig cuirinnin Chlannchamshroin ort,
Theid meanmnach sios na d’ spáirn;
An fhoirionn ghuineach, chaithrimeach,
’S neamhfhiobhach an am tarruige:
An lainn ghlas mar lasair dealanaich,
Go gearradh cheann, is lamh;
Gur cinnteach dhuibh d’ar coinneachadh,
Mac-coinnich mor Cheanntsail’;
Fir laidir, dhana, choinneolta,
Do’n fhior-chruaigh air a foinneachadh,
Nach gabh fiobh no somultachd,
No sgreamh roi’ theine bhlár;
’S iad go nárach, fuileach, foinni,
Ar bhoil go dol na d’ chás.
Gur foirmeil, próiseil, órdoil,
Thig Tóiseachain na ’n ranc,
Am mársail státoil, cómhnurt;
Go piobach, brattach, srólbhui:
Tha riogholachd is mórchuis,
Gun sóradh anns ’n dream:
Daoine laidir, neartor, crodha,
’S iad gun ghó, gun mheang!
Thig Grantaich go ro tharttarach,
Neamhfhadbheirteach do d’ champ
Thig a rís na Frisealaich,
Go sgipi le neart garbh;
Na seochdamh fíor-ghlan, togarrach,
Le fuathas bhlar nach bogaichar;
An comhlan fearradha, cosgurrach,
’S mairg neach do nochd iad fearg;
A spuir ghlas ag dlús an dérich
Bi’dh nan éilibh dearg.
Nan gaisri ghaisgeil, lasgurra,
Thig Lachunnaich gun cháird;
Na soigh’dibh dearga poinseonda;
Go claidheach, sgiathach, cuinsearach;
Go gunnach, daggach, iunsaichte,
Gun chuntus ac’ air ár:
Dol nan deannamh ’n aodainn pheileir,
Tiochd o theine cháich.
Gabhaidh páirt do t iorghaills’,
Clann-fhionnoin ’s oirdheirc cáil:
Mar thuinn ri tír a sior-bhualadh;
No bile lasrach dian-loisgeach;
Nan treudamh luatha, fior-chonsach,
Thoirt griosaich air an námh:
A dream chathach, Mhuileach, Shrathach,
’S maith go sgathadh chnamh.
’S mór a bhio’s ri corp-rúsgadh,
Na ’n closaichin ’s a bhlár,
Fiaich anns a roccadaich,
Ag itealaich, ’s ag cnocaireachd;
Ciocras air na cosgurrach,
Ag ól ’s ag ith a sáth.
Och ’s túrsach fann a chluinntir mochthra,
Ochanaich na’n ár!
Bi’dh fuil is gaor d’a fhuidridh ann,
Le lú-chleasan ar lámh;
Meangar cinn, is dúirn diu;
Gearrar uilt le smúisri;
Ciosnaichir ar biui,
D’an dúbhlosgadh, ’s d’an cramh;
title | Oran na Fineacha Gaidhealach |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |