Oron nuagh.
Air fonn, Choille-chraggaidh.
THA deagh shoisgeul feadh na ’n garbh-chrioch,
Súrd air armamh comhraig;
Uird ri dairirich deanamh thargaid’
No ’n dual ball-chruinn boidheach;
Chui na seargabh le cam earraghloir,
Sluaigh fior chealgach S—,
O’s sgeul dearbha thig thar fairrge,
Neart ro gharbh d’ar fóirin.
Thig thar ler le gaoi anoir oir’n,
Toradh deal ar dóchuis,
Le mhílte fear, ’s le armamh geal,
P— ullamh, mear, ’s é dóchaisgt:
Mac R— S—, T— S—;
Oidhre a c— th’ air fógra;
Go’n dean gach Brittinnich lán ubhlachd,
Air an glún’ d’a mhórachd.
Ni na Gaidheil bheodha, ghasda,
Eri bhras le srólamh;
Iad na ciadabh uim’ ag iathadh,
’S coltos dían chuir gleois orr’:
Gun fhíobh ’s iad fiata, claidheach, sgiathach,
Gunnach, riaslach, stróichdeach,
Mar chonofadh leoghannabh fiadhuich,
’S acras dían go feoil orra.
Déanamh ullamh chum ar turuis,
’S biobh guineach, deonach;
So an cumusg, am bi na buillion,
An deantar fuil a dhórtadh:
Och a dhuin’ is slionor curaidh
Is fior sturroil cóimhstri,
A leigir far eille mar chuillein,
Dh’ fhaotainn fuil air S—!
’S ioma neach a theid air ghaisgidh,
Tha fíor lag na dhochus,
Gos a nochdar standard bratdhearg,
An R— chearts’ tha óir’ne,
Go do bhiodh e na fhior ghealtair,
Gur cruaigh rag go bhróig e,
Mhoir is sgairteoil, foirmeil, baggont,
Gaidheil ghasta, chrodha;
Gach aon bhrattach síos do ’n bhaiteal
Le ’n gruaigh laisde róis-dearg;
Iad gun fhiomh, gun fheall, gun ghaisidh;
Rioghoil, beachd-bhorb, proiseoil;
Go neamh-lapach ri rinn gaisgidh,
Spáinnich ghlas nan dórnamh.
’S binn linn plapraich na’m breid brattach,
Stranntraich bras ri mór-ghaoi,
An glachdamh gaisgeich na’n céim staideoil,
Is stuirteil, scairteil, móision;
’S lann ghorm sgaiteach, do shár-shlachdan
Geur go srachdadh shrón’ aige,
Air bac cruachain an fhir bhrattaich,
Go cuir tais air fógra.
’S furbi tailceont, ’scumpa pearsa,
Treun-laoch spracoil, doid-gheal;
Bíobh suntach, luthor, béumach,
Sgriosach, geur go feolach,
’S bi’dh Mars creuchdach, cogach, reubach,
Anns ’n speir d’ ar seoladh:
Soirbhichidh gach ni go leir libh,
Ach sibh-fein bhi deonach:
Marsailibh gun dail, gun eislein,
Luthor, eattrom, ceolor.
Marsailibh, gun fheall, gun airsteal,
Gach aon bhrattach bhoidheach;
Cuideachd shuaicheonta na’m breacan,
’S maith go casg na tórachd:
’Nuair a ruisgis sibh na claisich
Bi’dh smuis bhreac feadh feoir libh;
Gaorr, is inchinne na spaddul,
’S na liath-shad feadh mointich.
Sliochdraich, slachdraich, na’n cruaigh shlacan,
Freagra basgur shiunnsor;
’Nuair a theid a ruaig gun stad libh
Gur a fad a chluinntir,
Feiddrich bhluillion, scoltadh mhullach,
Sios go bun an rumpuill;
Ruaig orr’ uile mar mhoim tuile;
Chui cha ’n urr’ iad tiunntadh.
’S ioma fear a dh’ oladh lionta,
Slainte an R—— s’ tha oir’ne,
Spealgadh ghlainichion ag gríosaich,
’S é cur beinn air S—;
Ach ’s onaraiche anois an gniomh,
Na cuigceud mile bóla;
’S fearr aon siola a dh’fhuil ’s an fhrí,
No galoin fhíon air bhórdamh.
Dearbhaidh bechdi sibh bhi ceart d’a,
Eri grad le’r slóghamh;
Gun ar mnain, clann, no beirteas,
Chuir stad-feachd n’ ar dóchus;
Ar ceathairne ghruamach, niomhoil,
Lán do mhire cruadail;
’S misg dhearg chatha, go bárr rath orr’,
’S craobh dhearg dhath nan gruaighimh;
Iad gun athadh sios le’n claidhin
Ri sior sgathadh chruachdan:
Lotar dearganaich le’r gaithin,
’S le’r sior chrathadh cruaghach.
’S beagan sluaigh, a ’s tric thug buaigh,
An iomuirt chruaigh a chomhraig:
Deanaimit gluasad gun dad uabhuinn,
’S na biodh fuathas oir’ne:
Doirtidh uaislion an taobh-tuath,
Mac-shíom na ruag, ’s Diuc-Gordan,
Le marc-shluagh a ’s nuarrai gruaim;
’S ruaim aimhi fhuar nam poramh.
title | Oran nuagh |
internal date | 1751.0 |
display date | 1751 |
publication date | 1751 |
level | |
reference template | Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p |
parent text | Ais-eiridh na sean chánoin Albannaich |