[65]

Moladh oir píob mhoir Mhic-cruimein, dan ainm an óiseach.

Air fonn, Mairi nian Deorsa.

Tha chead cheathramh, mar gom bann air a dheanamh leis a phíob do ’n ughdar.

’S Ioma Baintighearnbha spéseoil,
Man chéile bhag Móraig;
Gon áirir me-fein diu,
S gach te tha dam sheorsa:
Mhol e phiob anns gach gríd,
Am bfhearr a prís cheolor;
Na buaghannabh móra;
Na gaisgidh ri cómhrag:
O! fhad bhios bíog, no aon díorr;
Na gne chlí, am chomhradhs’,
S gun an fhorc a bhi mmheoiribh,
Go mol me ri mbheo u.

Lium as muirneachn am éri,
Cruaigh sgal éibhinn do sgórnain;
Anail-beatha do chréafoig,
Da séididh roidphóramh;


[66] Cinnidh as, port nach tais,
Lán do thlachd sog-hradhach,
S e fonnor mear boidheach,
Go h inntineach lóghar:
Ceart is blas, ciasmeachd bhras,
S úrlar cas comhnart,
Gun rasgaich, gun chrónan,
Gun slaghdaireachd mheoirion.

N am don ghréin dol na eididh,
S tric leat éri a dsheomar,
Go truscanach céatoch,
S ribin gle-ghrinn don tsról ort:
T ard ghlaodh suas, sgairteoil fuaim,
Maidin fhuar róta;
Dhols an ruaig chomhraig,
Bheirta sluagh beo leat;
Gur spreodadh cruaigh, t ailiarms luath,
Neach is tuar gleois air:
Gon toir me-shín boidion
Go mol me re mbheo u.

Corp mionchraicneach glé ghlan,
Lán do shéideagan cruadail:


[67] Do chead sgairt, neartor, eattrom,
Mosglaidh ceudan o fuar-ghreann;
Le mór sgairt, theid go grad,
An airms am brat buailte,
Le foirmeolachd uallach,
S craoibh-feirge nan gruaighimh;
Spainneach glas cúil nan clais,
Siar gach bachd-cruachain,
Grad-ullamh go tuasaid,
Le sgal siunnsoir dam buairidh.

S mór tha mhaises do mhisnich,
S do dheagh ghiftin na t úrluinn:
Próiseil, sturtoel, fior sgippi,
S gur neamh-mhiota cur giuig ort:
Goic nam buagh, ’s ághor gruaim,
A dhfhágus sluagh créuchdach,
Go marbhadh, ’s go réubadh,
Le caithrim nan géur lainn:
Piobs i suass díonach nuall,
Miarchruinn, luath, leumnach;
Toirm thriolonta bhlasda,
S fior bhasdalach béicil.


[68]

Nuair a nochdar a bhrattach,
Bait linn basgur do shiunnsoir;
Le dbhras shiubhlaichion crappach,
Teachd le creattraich o dchruinnlu,
Caismeachd dhlú, ’s pronnmhion ,
Teachd le rún réubaidh,
Ghearradh smúis agus fhéithin,
Le dsgolaghaoir ag éibheach;
Co don tsluagh nach cinn luath,
Fa dspor cruaigh gléusta?
Chan eil anam an créafoig,
Lan do mhisnich nach séid u.

Chuiridh crappraich do bhras mhear,
Gach aon aignidh go cruadal:
Do thorman dionach le lasgar,
Aird-bhinn chaismeachd an fhuathais.
Lús is spíd, luas le clí;
S mór neart fior chuanda,
Go sathadh, ’s go bualadh,
S go cuirp chuir an uaighimh:
Béic nam píob, si chuir díth,
Sior sgrios gniomh-luaineach:


[69] Riabh ri h uchd bualaidh,
S crann aghors an ruaig u.

Molam ceol agus caismeachd;
Crann taitneach mo rúinsu;
Chuiridh t iolach fa dbhrat-bhreid,
Rinn-cholg gaisgidh nar suilin.
Riogh nan ceol, ’n am na slógh,
Bhi na mór eididh,
Go stroiceadh, ’s go réubadh,
Chuir chorp as a cheile:
Ri h uchd gleoiss bras do mheoir,
Le t anafadh ghloir-ghleusta,
Dol-arnadhairt go sgairteil,
S leanailt bhrass a retreuta.

Rinn u Oinid don chlársaich,
Searbh mar rácudul fíghlion:
Ciuil bhochd, mhosgaideach phrámhoil,
Air son shean daoinis nionag:
Ri h uchd goil, bfearr aon sgal,
O dthuill mhear fhíonolt,
Dam brosnadhs dan gríosadh,
Ann an caithrim thoirt gríosaich:


[70] Toirm do tholl, phronnadh phonc,
Cruinn-chruaigh lom-dhionach:
Bfearrs an am sin do bhrothluinn,
Na uile oirfeid na criostachd.

Torman siubhlach dhos fáinneach,
S milis gáirich is crónan:
Búirein cuilc is binn ard-ghaoir,
Teachd o fhaslaichion céol-chaol:
Siunnsor donn, ’s foirmeil fonn,
Sgiobhach bonn, ro-ghrinn,
Gun ghaisidh, gun ótus,
S rifeid gheur chomhnurt:
Brat min trom, plapraich crom,
Shioda lom cróidhearg,
Mar shuaichiontas comhraig,
S é strantraich ri mor-ghaoi.

Bait bhig amharc na t éadann,
N am bhi seididh do shroine:
Tha Mars gaisgeil na éididh
Ri sior shéitrich fa dchoitin.
Nuair chuirir suas do ghlaogh cruaigh,
Roi’ ’n bhras-shluagh choímh-stritheach,


[71] Cinnidh daoine na leoghannabh
Fuileachdach beodha;
Bidh bras ruaim, ghuineach ruagh,
Anns gach gruaigh fheolor;
S le mor lasgar do bhras-phort,
Chan ath iad bhi deonach.

Be sid an gothadh fior ladhach,
A dol air nagharts a mhársail;
Ann dchorp cumail stadhaidh,
A dol fradharc do námhad:
S ioma fear, bheir fa near,
T fhacaill mhear, ghrásor,
Da spreódadhs na blaramh,
Le mear-ghaoi do mhalaidh:
S robhadh trom, gach aon phonc,
Thig o dchom gáireach;
Síor bhrosnachadh teine,
S tarraing sgoinneoil air chláidhin.

Chuiridh tusa le dbhuaghan,
Gaoir dhearg chruadails gach inntin:
Shiubhla tu le dthoirm uallaich,
Gach ball-uasuls cha díobair:


[72] Dhamhsadh bras, ar thoirt as
Le fior bheachd míochuis,
Gach cri a bhios ríoghoil,
Nan comabh gun díbleachd:
Theid air ghléus, gach aon chré,
Le misg-chath ghéur, dhílis;
S le brosdadh do bhras-phort,
Gon casgradh iad míltion.

Gur a suibsec fior thorrthach,
Corp sothghradhach na píoba;
Lom-lán loinne ma broilleach,
Sios go coileir a fídeig:
Buill do chuirp sheinneas puirt,
Le Ceol-stuirt bhiogoil;
Roit ochd uinneogon fíonolt,
Thig arm-chaismeachd na míli:
S toirm do bruit, ri sior chluich,
Am barr do dhuis ríobhaich:
Seoid a mhosgladh nan gaisgeach,
Le foirm bhras-phort dan gríosadh.

S coimh-tiudh gach orraichion séitreach,
Ma dghnúis cheatoich a bórcadh,


[73] Ri meanbh-chuileogon céiteoin,
Ma bhoc a récill air lónan:
Gradh do chom, choisneas bonn,
Le dshreth tholl ordoil,
Teachd na thailmich bhinn, bhoidheich,
Roimh ochd dhorsa do sheomair;
Muineal crom, phronnas pronn
Puirt, le fonn comhraig:
Clia as tartarach tadhal,
Breabbraich, staghadh, is móisin.

Suasnuair niotor do spalppadh
Ann an achlas do chéile;
Roidchaol ghaothaire snasor,
Gao na dphearsainn da séideadh;
Meoir na rith air bhalla-chrith,
S iad ri frith-léimrich
Air siunsor donn gleusta,
S binn goithlim a chléibh sin;
Dearrasan bruit, gaoirich duis,
Gun tuisleadh da bhéusadh,
Air slinnen borb an fhir-bhrattaich,
Gathan gasd agus bréid ris.


[74]

An crann man crannaich na céudan,
N am cruaigh gheur thoirt a truaillibh,
Lán airm agus eididh,
Ghuinneach, ghleusta, go cruagh-chúis:
Crith go féim, air gach treiun,
Lán do shéid ghruamaich,
Le dlasagan buaghach,
S parradh as-caoins na sluaghamh.
Mars na léim anns a spéir,
Air each dearg céum-luaineach,
Na laimh a chlaidheamh da chrathadh;
S misg-chatha na ghluasad.

Mhoires ionmhuinn lium féin u,
Seach an céile bhag Deorsa;
A bhan-chruimeneach bhéusach,
Mhaiseach, bhréid-ghlan gun ótus:
Bean gun bhéud, ’s i gun eud,
Lan do shéid shólais,
An geal-ghlaccamh t fhir phosda,
Da dchriondadh, ’s da dphógadh:
O! ’s forton cruaigh nach bheil t fhuaim,
Am chluais feadhs ba bheo me:


[75] Ceol is caismeachd mo chríodhs’,
A bhain-sgiathanach ghlórmhor!

titleMoladh air píob mhoir Mhic-cruimein
internal date1751.0
display date1751
publication date1751
level
reference template

Mac-Dhonuill Ais-Eiridh %p

parent textAis-eiridh na sean chánoin Albannaich
<< please select a word
<< please select a page