[i]

GAIRM AN DE MHOIR DO ’N T SLUAGH NEIMH-IOMPOICHTE, IOMPOCHADH AGUS BITH BEO.

LE RICHARDBAXTER.

EIDIR-THEANGAICHTO GHAILL-BHEARLA CHUM GAOIDHEILG ALBANNAICH, AIR IARTAS AGUS COSTAS EIRIONNAICH DHEAGH-RUNAICH OIRDHEIRC, CHUM LEASS COITCHEANN GAOIDHEALTACHD ALBA.

CLO-BHUAILT’ ANN GLASSACHA LE ROIB. AGUS AIND. FOULIS CLOI- FHEARA AN OILL-THIGH.

M. DCC. L.


[iii]

ABHAR NA H OIBRE SHO.

ANNS an eolas ghairrid a bha ag-am air sheirbhisheach urramach foghlomta Chriost, Easpuig Usher, bu tric leish, o am gu h am bithg am bhrosdachadh, chum riaghail sduiridh a sgriobhadh, do gach inbhe fa leath, do luchd-aidmheil a chreiddeimh chriostuidh a shonraicheagh amach do gach neach a chuimhreann fein; ag toisheachadh leish na daoinibh neimh-iompoichtagus ag gabhail air maghaidh chum nan leanba ann an Criost, agus ann a dhiaidh shin, chum nan daoine neart-mhor, ag coi’ -measgadh cuiddeachaidh shonraichtann aghaidh gach peacaidh fa leath, air am bheill iad teomadh. Thuig mi air iartas obbannsan ann ar cead cho’ -luadar, gu roibh sho ann a ruin roimh an am shin; agus dhinnish mi dha, gu drinneadh shin gu coi’ -lionta cheanna le moran, agus gu be ain-eolas- ’san air mo laigsh’, a thug air a smuainteachadh gu roibh mi ni bu teomadh air an obbair na bha mi. Cho dfhoghainn sho leish, ach thug


[iv] e ionsuidh eillor-m. ’Ta e ag-am ra aidmheachadh nach do ghluaish impidh mi, oir cho bu lear dhomh gu roibh an-barr feim air tuille dheanamh, na bha deanta cheanna air an doidh shin: no gu bu chosmhuil domhsa tuille dheanamh. Agus air an abhar shin dheallaich mi rish; gun ruin air bith chum freagra thoirt air iartas. Ach o dheag e, is tric a chuimhnich mi a bhriathara: agus dhaom am meass mor agus urramhach a bha ag-am air mi, a smuainteachadh air iartas le cail-eigin do thlachd. Agus mar a bha e ann mo runi o cheann ghairrid, riaghail a sduireadh teaghlaich a sgriobhadh, thoishich mi ra thoirt fa dearr, cia direach a dheanadh sho an t iul domh; agus gu labhrainn air staidd anama dhaoine fa leath, roimh an daimhe fa leath. Ann a lorg sho, chuirr mi romh-am le comhna Dhe, ghabhail air maghaidh air a mhodh sho a leannas. Air tus, labhairt rish an t sluagh pheacach nach do bhiorragh le h aithreachas, agus anns nach bheill, sheadh, uirrid ruin pillidh, no air a chuidd as lugha, nach bheill ag gabhail curaim don obbair. Agus mheass mi gu bfheimeile dhoibh sho, impidh mhosglach na riaghail sduiridh amhain. Oirta riaghail ag reimh-chiallachadh gu bheill daoine toilleach
[v] gluasachd da reir: achta an dream rem bheill mo chead ghnothach, ann an suain pheacach len toill, agus mar dhaoine gun mhothach, thug iad tharraish iad fein, do pheaca, le ciocras, Ephe. 4. 19. Anns an darra h ait, ’ta mo ghnothach rish an dreim shin ann am bheill cail-eigin do ruin pillidh, agus ata ag gabhail curaim don obbair; dan sduireadh gu fir-leassacha beathaidh coi’ -lionta, chum as nach caill iad an saothair. Anns an treas ait, is eigin sheola thoirt do na criostuidhibh as oige, agus as laige, chum as gu bith iad air an daighneachadh agus air an togbhail suas gu buan mairtheannach. Anns a cheathramhait, ’ta sheola ra thoirt chum na criostuidha chuil-sleamhnaich, agus a fhuair tuishle, a thogbhail gu tearainte. Os barrta impidh agus sheola ann aghaidh cuidd do sheacharanaibh sonraichte na linn sho don t saoghal, agus ann aghaidh cuidd do pheacaibh coitcheann milteach, ann mo ruin. Mar a bhuinneas do sheola thoirt do choguishibh ata fa amharas buaireasach, rinneadh shin cheanna. Cho sgriobh mi sheola don t sluagh neart-mhor, do bhridh gu dfhuair iad uirrid eolaish o Dhia cheanna. Agusta a chuidd dheirreannach sgriobhta do theaghlachaibh gu sonraicht’, a sheoladh nan daimhe fa leath, ann an
[6] coi-lionagh an dleasdanaish. Agus sgriobhadh cuidd diu shin cheanna: is ann ag Dia amhain ata fioss, am bith uin no athaish ag-am a sgriobhadh tuille. Air an abhar shin, foilshichidh mi gach cuidd dhiu sho leo fein, mar a sgriobh mi iad: gu h araid, do bhridh gu do dhealbhadh iad a sduireadh dhaoinanns gach inbhe fa leath, agus nach bu mhaith leam gu cuirreadh mead, no luach an leabhair, eagal orra chongbhagh iad, o leaghadh nan nithe shin a sgriohhadh chum an leass. Dhfhoilshicheagh a chuidd sho, air tus, do cheann-ardaibh agus do pharantaibh ra leaghadh gu tric ann an teaghlachaibh, mata luchd-tuarasdail, no clann neimh-iompoichtac-a. Anns an darra h ait, don dreim neimh-iompoichte shin ra leaghadh, agus re smuainteachadh uirr-e, leo fein. Anns an treas ait, don dreim as saibhre, ann am bheill tiom-chroidhair bith, do na h anamaibh truagh sho, ra toirt don aittim mhio-naomha, ag am bheill feim uirr-e: mur bheill ni as deishe ac-a laimh reu, ra ghnathachadh, no ra thoirt uath-a. Gu mosgladh Dia shinn, a shaothaireachadh obbair ar slainte, chum tearmainn dar n anamaibh fein, agus do anamaibh dhaoineille, mar dheisciopla dileas fa cheansal an De uille-
[vii] bheannuichte, Cruthai-fhear, Fear-saoraidh agus Fear-naomhachaidh an anama. Gu mosgladh Dia shinn chum sho a dheanamh, am feadh a mhairreas an la, la tairgshe nan gras’, agus mun tig oir- ’n oich tinneish is baish: chum as nach spionar as fearrann nam beo shinn, ann am boilshgin ar neamh-churaim agus ann am meadhon ar n aingidheachd. Amen.

RICHARD BAXTER.

titleAbhar na h Oibre Sho
internal date1750.0
display date1750
publication date1750
level
parent textGairm an De Mhoir do ’n t Sluagh Neimh-Iompoichte, Iompochadh agus Bith Beo le Richard Baxter
<< please select a word
<< please select a page