[165]

TEAGASG VII.

Mur iompoich daoinaingidh ann a dhiaigh sho uille, chon i coirre Dhe ach an coirre fein ga leir-sgriossar iad, is i an an-toill fein fior-abhar an dorainn: oir basaichidh iad do bhridh gur roighniche leo bas na iompocha.

Ma theid shibh chum ifrionn, am foirir oir-ibh? shaor Dia e-fein ar fuill; cho luidh coirre ar leir-sgrioss air- ’sin. Feadaidh fear teagaishg neamh-churamach, agus an dream a bheirr mishneach dhibh anns an olc, agus nach toirmishg ar peaca dhibh, cuidd dar cionta tharraing orr-a fein; ach bithibh cinteach, nach agrar ar Dia i: Arsan Tighearna mu Fhion-ghara gun torra, ann diaigh dha a thogail ann am fonn tarbhach, na clocha thilgeil ass, agus rogha nan cranna fiona shuidheachagh ann, Isa. 5. 3. 4. “Guidhim oir-ibh thugaibh breith, eidir mishagus mFhion-ghara. Am feadar tuilla dheanamh re mFhion-ghara, ach na rinn mi rish?” mar an ceadna, am feadadh Dia tuilla dheanamh ribhsach na rinn e? Chruthaich e ar corpa gu h iongantach; chuirr e anama reasontant-a dan riaghlachadh; chum e suas shibh leish a chumhhachd; dhaltrom e shibh leish a mhaitheas; thug


[166] e air creatuire eille bith freasdalach dhibh; thug e dhibh lagh co’ -thromach iom-lan dar sduireadh: an uair a bhrish shibh e, agus a chuirr shibh ass dibh-fein, dhamhairc e oir-ibh le tiom-chroidhe, dhaontaich e gu h iongantach gras-mhor Aon-mhac shioruidh a bhasachadh, mar iobhairt air son ar peacaidh, agus bha e ann an Criost ag reiteachagh an t saoghail rish fein. Thug Criost dibh e-fein, agus beatha shioruidh mar thiolac saor, ma ghabhas shibh e agus ma philleas shibh. Air a chumhnant reasonta sho thairg e dhibh gu saor lan-mhaitheamhnas ar n uille pheacaidh. Sgriobh e sho ann a fhocall, naishg e le a spiorad e, agus thairg e dhibh le a luchd teagaishg e, gu tric agus gu minnig agus ghuidh iadsan oir-ibh a ghabhail agus pilleadh re Dia. Thug iad earrail oir-ibh ann a ainm- ’sin, reasonaich iad a chuish ribh, agus fhreagair iad ar n uille chunnuile fann. Dhfhuirrich Dia fadda ribh. Dhfhuilling e an-chaint uai-bh. Chum e suas shibh gu gras-mhor ann am boilshgin ar peacaidh: chuartaich e shibh leish gach gne throcair! cho’ -maishg e solas le ar dolas, a chuimhneachadh ar n ammaideachd dhibh, agus dar gairm gar ceill: bu tric a Spiorad ag gleac rar n anamaibh, agus ag radh reu, fa leath, “pill
[167] a pheacaich, pill air iartas do Dhe: cait ann triall thu? ciod e is obbair dhut? an aithne dhut do chrioch, no ceann t uighe? cia fhadd a bheirr thu fuath do dchairdibh, agus gradh do dnaimhdibh? cuin a threigeas tu gach peaca, a philleas tu re dDhia, a bheirr thu suas thu fein da umhlachd, agus a chuirreas tu t Fhear-saoraidh ann an sheilbh t anama? cuin a tharlas sho?” thagradh leass t anama reut air a mhodh sho. Agus air bith dhut maill-triallach, sparragh or-t cabhag, agus ghlaodh Dia reut greassachd or-t, ag radh, “Ann diugh, am feadh a mhairreas an la, na cruadhaich do chroidhe: nach pill thu anoish gun tuille maille?” chuirreagh beatha ann do lathair; leigeadh rish dut an solas neamhaidh anns an t soisgeul: dhearbhagh a chint dhut, agus cint dorainn shioruidh na h aittim a chaidh am mugha. Mur bail leat shealla do Fhlaitheas na gloire, agus do ifrionn na dorainn, ciod e tuilla dhiarradh tu? thaishbineadh dhut, mar gu beadh, Criost ceast ann am fianaish do shuile. Gal 3. 1. Dhinsheadh dhut gu minning, gur duine cailte thu mur pill thu rish; agus is coimh-tric a chualadh tu olc agus diamhanas peacaidh; agus diamhanas solaish agus saibhrish an t saoghail-s’ ; giorrad agus neimh-chint
[168] do bheathaidh; agus shioruidheachd solaish agus dorainn an t saoghail eille. Leigeadh sho agus tuille rish dut, a rish agus a rish; gus an roibh thu sgithg a eishdeachd: agus is lughaid a thug thu fa dearr e, gu cualadh tu e coimh-minnig, mar Mhadda Ceaird, air an dfhuair cleachdainn lamh-ann-uachdar comh-mhor, as gu coidil e gu suaimhneach fa fhuaim nan ord’, agus na drithleanna ag sraddadh mu a chluasa; agus giodh nach diompoich sho uille thu, gidheadh, ’ta thu beo, agus gheibh thu trocair ann diugh, mas ail leat i. Anoish leig a chuish fa raidh do reasoin fein; agus fiosraich dhe, an i coirre Dhe no do choirre fein, ma theid thu am mugha gun iompocha ann a dhiaigh sho uille? ma bhasaicheas tu anoish; is ann do bhridh gur fearr leat bas na beatha. Ciod e tuille dhfheadar a radh reut? no innish fein mas aithne dhut, ciod eillan doigh air an teassairgir thu? an abbair thu, “och bu mhaith leam iompochadh mar nuaidh-chreatuir, ach chon urra mi; bu mhaith leam mo chuiddeachd, mo smuainte, mo bhriathara, agus mo ghniomhara atharachadh, ach chon urra mi shin a dheanamh.” Nach burra thu nam bail leat? ciod e a bhac thu ach aingidheachd do chroidhe fein? co a thug or-t peacachadh;
[169] no a chum ar t aish thu o leass t anama? nach roibh an teagasg, an uin, agus an commas ceadna ag-atsa gu bith diadhaidh, a bha ag do dheadh nabaidh? agus ciod air son nach feadadh tusa bith diadhaidh mar esin? an do chrannadh dorras na h eaglaish or-t? no, nach do chum thu fein amach thu? no, nach do shuigh agus nach do choidil thu; agus nach cualadh tu mar nach cluinneadh tu. An do chuirr Dia cunnuil or-t ann a fhocall, an uair a thug e cuirre do pheacachaibh pilleadh; agus a gheall e dhoibh trocair nam pilleagh iad? an dubhairt e, “Bheirr mi maitheamhnas do gach neach a gabhas aithreachas, ach dhutsa?” an do dhiult e commas aoraidh dhut? an do thoirmishg e dhut urnaigh a dheanamh, nis mo na do chach eille? ’ta fioss ag-at nach do thoirmishg. Cho diommain Dia uaidh-e thu, ach theith thu fein uaidh-e. Agus an uair a ghairm e da ionsuidh thu, cho bail leat teachd. Nan diultadh Dia dhut gealla agus tairgshe choitcheann na trocair, no nan abragh e reut; “sheass uai-m, cho bhith gnothach air bith ag-am re do leithid; na dean urnaigh reum, oir chon eishd mi reut. cho toir mi feart ar t aithreachas cia a mhead, agus cho fhreagair mi cia durachdach air bith dhiarras tu trocair.”
[170] Mur fagadh Dia ag-at mar mhuinghin ach an-dochas bha sar leith-sgeul ag-at. Agus dhfheadadh tu a radh, “ciod air son a ghabhas mi aithreachas, agus a philleas mi, agus gun fheim air bith dhomh ann?” ach cho be sho do chor- ’sa. Burrus dhut Criost a bhith ag-at mar Tighearna agus mar Leigh, mar ata e ag daoineille, ach cho bail leat e; do bhridh nach do mhothaich thu tinn nis leor thu fein, air son an Leigh; agus nach bail leat deallachadh re t ea-slainte: dubhairt tu le do chroidhe mar an luchd ceannairc, Luc. 19. 14. “Chon ail leinn am fear sho mar riogh.” Ghabhadh Criost thu fa a sgiathaibh slainteil, ach cho bail leat shin, Mat. 23. 37. Nach an-barrach an speish do leass dhaoina thaishbin an Tighearna ann a fhocall fior-ghlan? nach an-mhor an tiom-chroidhe leish an dubhairt e, “O! nan eishdeadh mo shluagh reum, agus nan gluaisheagh iad ann mo shlighibh! Sal. 81. 13. O! gun a leithid shin do chroidhe anns an t sluagh sho, as gu bitheadh meagal- ’sorr-a agus gu coimhideagh iad muillaitheanta do ghnath, chum an leass fein agus leass an clainne gu brath! Deut. 5. 29. O! gun iad a bhith glic, O! nach tuigeagh iadh sho, agus nach meassagh iad an
[171] crioch dheirreannach!” bhitheadh Dia dhut mar Dhia, agus bheirreagh e dhut sonnas mor mar do mhiann, nan tugadh tu geill da; ach thug thu barrachd speish don t saoghal agus don fheoil na a thug thu dha, agus uim-e- shin cho deishd thu rish; giodh do chliudhaich thu e, ag toirt mor-ainm dha, gidheadh cho bail leat e fa dheirre. Air an abhar shin cho n iongantas ma thug e suas thu do ain-miannaibh do Chroidhe, a ghluasachd do reir t an-toillfein. Dhaontaich e a chuish a thagradh reut, agus chuirr e mar cheist or-t, “ciod e ata ann-amsa, no ann mobbair, as gu bitheadh tu comh-mhor amaghaidh! ciod e an cronn a rinn mi or-t a pheacaich? an do thoill mi an gnathacha mio-shuairc sho o do lamhaibh? is iommad trocair a thaishbin mi dhut; agus ciod air son a ni thu di-meass or-m? am mishe no an diabhol is namhad dut? an ann o bheathaidh naomha, no o ghiulan peacach, ata abhar ag-at teitheadh? ma theid thu am mugha, is tu fein an coirreach; oir threig thu mishe do Dhia tearmainn, Jer. 2. 17. Nach toir t aingidheachd fein smachd or-t, agus do pheaca achmhusan dut? is urrus dut fhaicshinn gur olc agus shearbh an ni dhut gu do threig thu mishe, Jer. 2. 5.


[172]

6? ciod e an cronn a fhuair thu dhomh, an uair a threig thu mi agus a leann thu diamhanas? Jer. 2. 5. 6.” ’Ta an Tighearnag gairm neamhagus talmhainn mar fhianaisha thagraidh re a shluagh. “Eishdibh a shleibhte, agus a bhunnaite laidir na talmhainn, conspoid an Tighearna; orta conspoid ag an Tighearna re a shluagh, agus thagragh e re h Israel. O! mo shluagh! ciod e a rinn mi or-t, agus co leish a thuirshich mi thu, tog fianaish amaghaidh, oir shaor agus thug mimach ass an Egipt thu. &.c Mic. 6. 2. 3. 4. Cluinnibh a Fhlaitheasa, agus eishd a thallaimh; oir labhair an Tighearna. Dhoill agus thog mi Clann, agus chathaich iad amaghaidh. Is aithne don damh a shealbhadoir, agus don Assal Prassach a Thighearna; ach chon aithne do Israel Mishe, agus cho smuaintich mo shluagh or-ms’. Och fhinneacha peacach, a shluaigh an-troim le h ea-coir, a shliochd luchd-uillc! &c. Jer. 1. 2— —4. O! a dhaoine mi-glic agus ei-crionna, an dioll shibh commain an Tighearna mar sho: nach e t Athair a cheannaich thu? nach do chruthaich, agus nach do dhaingnich e thu? Deut. 32. 6.” An uair a chunnairc Triath na slainte gu do chuirr thu cul rish fein, gu dfhag thu e, agus gu roibh thu


[173] ag shealg nithe diom-buan saoghalta, leig e do mhi-ghliocas rish dut, agus ghairm e thu gu h obbair a bu tarbhaich, ag radh, “ciod air son a bhuillicheas tu t airgid air ni nach arran? agus do shaothair air ni nach sasaich? Eishd gu durachdach reumsa, agus ith an ni ata maith, agus bitheadh tlachd ag t anam ann an reamhrachd. Claon do chluas agus thig chug-amsa; cluinn, agus mairridh t anam, agus ni mishe coimh-cheangal shioruidh reut, sheadh ghrasa daingeann Dhaibhidh. Jer. 55. 2. 3. Lorgaichibh an Tighearnam feadh ata e so-fhaghail, gairmibh air am feadh ata e am fogus. Treigeagh an droch-dhuina shlighe, agus an duine mi-cheart a smuainte: agus pilleagh e chum an Tighearna, agus ni e trocair air, agus chum ar De-inne, oir bheirr e lan-mhaitheamhnas. Rann. 6. 7.” Agus an uair nach eishdeadh tu, nach dthug thu don Tighearnabhar bith ag gearran or-t, agus coirre do leir-sgrioss fhagail ag t an-toilleileachd chrossanta fein? “bitheagh iongantas an-mor oir-ibh a neamha fa an ni sho, bitheagh eagal an-oilteil oir-ibh arsan Tighearna! oir chuirr mo shluagh- ’sa da olc ann gniomh; threig iad mishe tobbar an uishge bheo, agus thochaill iad dhoibh-
[174] fein tobbar, tobbar brishte nach cum uishge. Jer. 2. 12, 13.” Is minnig a thug Criost cuirre saor dhut, ag radh, “thigeagh an neach air am bheill tart: agus glacadh gach neach leish an ail, uishge na beathaidh gu saor. Foil. 22. 17.” Ach ann diaigh gach tairgshe, thug shibh abhar do Chriost an gearran sho a dheanamh oir-ibh; “Cho tig iad chug-amsa, chum as gu faigh iad beatha. Join. 5. 40.” Thug e cuirre dhut chum fleadh nan naomhann an rioghachd a ghraish: agus o nach roibh toill ag-at di, ghabh thu mar leith-sgeul, nach ceaddaicheadh t fhearrann, t eallach, agus do ghnothaiche saoghalta dhut geill a thoirt da chuirre, agus mar sho, bhrosduich thu e chum feirg’, agus chuirr e roimh-e nach blaish thu a shuipper gu brath. Luc. 14. 1525. Co anoish an coirreach, co ach thu fein? co is priomh-abhar do dleir-sgrioss, ach t an-toill cheannairceach? oir roighnich thu doll am mugha. Leig Criost fein rish a chuish gu h iom-lan, Sheanr. 1. 2033. “Glaodhaidh an eagnamach; leigidh shi a guth amach anns na sraidibh. Glaodhaidh shi anns an ait as mo tathaich, ann am fosgla nan geata: cuirridh shi a briathar ann ceill anns a chathair, ag radh. Cia fhadd a dhaoine shimplidh, a ghradhaicheas
[175] shibh shimplidheachd? agus a bhitheas tlachd ag luchd-fannoid ann am fochaid, agus a bheirr luchd-ammaideachd fuath don eolas? pillibh air machmhusan; feachaibh, dortaidh mi mo bhriatharamach oir-ibh. Do bhridh gu do ghlaodh mi, agus gu do dhiult shibh, gu do shin mi amach mo lamh, agus nach dthug aon duine fa dearr. Ach chuirr shibh mo chomhairluillann neimh-bridh agus cho bail leibh machmhasan. Ni mishe fos gaire fa ar donnas: agus fannoid an uair a thig ar n eagal. An uair a thig ar n eagal mar leir-sgrioss, agus a thig ar mille mar iom-ghaoith; an uair a thig ar saracha agus ar teantach oir-ibh. Ann shin gairmidh iad or-msa, ach cho fhreagair mi: iarraidh iad mi gu moch, ach cho n fhaigh iad mi. Do bhridh gu dthug iad fuath don eolas, agus nach do roighnich iad eagal an Tighearna. Cho bail leo smidd do mo chomhairle, rinn iad di-meass air machmhasan uille. Uim-e- shin ithidh iad do thorra an slighe fein, agus lionar iad le an aish-inleachdaibh fein. Oir cosgraidh cuil-sleamhnacha dhaoine simplidh iad, agus sgriossaidh sonnas luchd-ammaideachd iad. Ach cia be dheishdeas reumsa, is daingeann a chomhnuidh, agus suaimhneach o eagal an
[176] uilc.” Biom-chuidh leam an teagasg sho a churr ann ceill dibh gu h iom-lan, do bhridh gu leig e rish lan-abhar leir-sgrioss luchd-aingidheachd. Cho sgriossar iad do bhridh nach do theagaishg Dia iad, ach do bhridh nach do ghabh iad foghlam. Cho teid iad am mugha do bhridh nach do ghairm Dia iad, ach do bhridh nach do phill iad air impidh. Is i an an-toill fein fior-abhar an dorainn.

FEIM.

O na briatharaibh a labhradh ribh, foghlamaibh os-barr na nithe sho a leannas.

1. Uaidh-e sho chi shibh, nach Dia-mhasla agus ain-diadhachd amhain, Dia a choirreachagh air son leir-sgrioss dhaoinaingidh; ach mar an ceadna, gur mio-naturan ni do luchd-aingidheachd a chassaid sho a churr air an cruthai-fhear. Glaodhaidh iad gu gearrannach, ag radh, nach dthug Dia gras doibh, gu bheill a bhagra borb, agus nar leigeadh Dia gu leir-sgriossar gach duine neimh-iompoichte agus mio-naomhaichte; agus is cruaidh an gnothach leo gu smachdaichir peaca diom-buan le dioghaltas bioth-bhuan; agus is caint doibh ma theid iad am mugha, nach fead iad a leassachadh:


[177] an uair is shior-obbair dhoibh bith ag cosgragh an anama, agus cho chum iad an lamha on leir-sgrioss fein air impidh Dhe no dhaoine. Saoilidh iad gur neimh-iochd-mhor an ni do Dhia an leir-sgriossadh, gidheadh, ’ta iad co’ -ain-iochd-mhor dhoibh fein, as gu ruidh iad gu dian chum ifrionn; giodh dinnish Dia dhoibh nach bheill i ach ro ghairrid uath-a, gidheadh, cho chuirr impidh, gealla, no bagra stadd orr-a. Chi shinn gur beag nach bheill iad lain-mhilte: ’ta am beatha neamh-churamach, fheol-mhor, shaoghalt’, ag dearbhadh gu bheill iad fa chumhachd an diabhoil; ’ta fioss ag-ainn ma thig bas orr-a roimh iompocha, nach fead an saoghal gu leir an teassairginn; agus do bhridh neimh-chint am beathaidh, is abhar eagail gach la gu tuitt iad ann an teinne na dorainn. Air an abhar shinta shinn ag guidheadh, gu durachdach ag guidheadh orr-a, truadhas a ghabhail dan anamaibh, agus gun iad fein a mhilleagh an uair ata trocair dluth dhoibh; agus chon eishd iad rinn. Ata shinn ag earrallachadh orr-a am peaca threigshinn, agus ruidh chum Chriost gun dail, agus cail-eigin do thruadhas a ghabhail diu fein; ach cho chuirr iad tiom-chroidhe no trocair ann gniomh. Gidheadh, saoilidh iad gur neimh-iochd-mhor an ni do Dhia am milleadh gu shioruidh.
[178] Och a thruaghana an-toilleil peacach! chon e Dia ata ain-iochd-mhor dhibh, ach shibh-fein. Fhuair shibh fioss gur eigin dibh pilleadh i no losgadh gu shioruidh, ach cho phill shibh. Fhuair shibh fioss ma ghleidheas shibh peaca, gu gleidh shibh mallachd Dhe leish; gidheadh, gleidhidh shibh e. Fhuair shibh fioss nach bheill slighe chum sonnaish ach slighe na naomhachd, gidheadh, cho bhith shibh naomha. Ciod eille bail leibh Dia a radh ribh? ciod eille bail leibh e a dheanamh ra throcair? thairg e dhibh i, agus dhiult shibh i. Ata shibh ann an doimhne peacaidh agus ann an cuntart dorainn, agus shin Dia amach dhibh a lamh thearmainn, gidheadh, dhiult shibh a chuiddeacha. Ghlannagh e dhibh sall peacaidh, ach is fearr leibh oir-ibh e. Is ionmhuinn leibh ar n ain-mianna, craoss, mishg agus macnas, agus cho treig shibh iad. Am bail leibh gu giulaineadh Dia chum neamha shibh dar n ain-deon? no am bail leibh gu togagh e shibh-fein agus ar peaca chum neamha le cheile? is ni sho co’ -dho-dheanta re h iompocha na greine gu dorchadas. An saoil shibh gu fosgailir na neamha fior-ghlan, don anam neamh-ghlan mhio-naomha! chon fhosgailir gu brath, do ni neimh-ghlan air bith, Foils- 21. 27. “Oir ciod e an communn
[179] a bhitheas ag sollas re dorchadas, no ag Criost re belial? 2. Cor. 6. 14. 15.” Ciod anoish a ni shibh? an glaodh shibh air trocair o Dhia? ciod air son? ghlaodh Dia ribh trocair a dheanamh oir-ibh-fein, ach cho do rinn. Chi luchd teagaishg cup na mi-cheille, deoch mhillidh coirp agus anama, ann an laimh fir-mishge, glaodhaidh iad rish iochd a dheanamh air fein, agus gun an cup a churr ra bheal; ach cuirridh e ra bheal e, oir is toigh leish e, agus olaidh she ass e, giodh do rachagh ifrionn shios leish; gun leith-sgeul air bith ach nach fead e a leassachadh. Ciod e dhfheadas neach a radh re a leithid shin do dhuine? teagaishgidh shinn do thruaghanaibh ain-diadhaidh, neamh-churamach, agus an-saoghalta, “Nach dean a leithid sho do ghiulan an gnothach, agus nach toir e chum nam flaitheasa gu brath iad. Nam bitheadh beithir mhilteach ann toir oir-ibh nach luathaicheadh shibh ar ceim? ach giodhta mallachd Dhe, agus an diabhol, agus ifrionn an toir oir-ibh, cho ghluaish shibh, ach cuirridh shibh mar cheist, ciod air son a ghreassad? am bheill an t anam neamh-bhas-mhor coi’ -neamh-luach-mhor as sho ann ar barrail? O! deanaibh iochd oir-ibh fein!” ach cho toir iad fa dearr shinn, agus cho
[180] ghabh iad truadhas air bith dhiu fein. Teagaishgidh shinn doibh gur shearbh an crioch; oir co is urra comhnaidh a ghabhail anns an teinne shioruidh? gidheadh, cho truagh leo iad fein. Agus an abbair na truaghana mio-narach shin, gu bheill Dia nis trocairich gu mor, na gu leir-sgrioss she iad. An uair is iad fein ata gu h an-dana, ain-iochd-mhor, ag ruidh chum leir-sgrioss. Giodh do rigeamaid iad ceann-ruishgte, agus giodh do chuirreamaid impidh orr-a air ar gluna lubta, chon urra shinn a churr stadd orr-a; ach chum ifrionn is ail leo doll, gidheadh, cho chreidd iad gur i is ceann-uighe dhoibh, gus an tuitt iad int-e bonn os ceann. Giodh do ghuidheas shinn orr-a air ghaol an De a chruthaich agus a choimhid iad; air ghaol Chriost a bhasaich air an son; agus air ghaol an anama bochd; truadhas a ghabhail diu fein; gun doll nis faiddair an t slighe chum ifrionn; ach pilleadh re Criost, am feadh ata a lamha shinte dan glacail gu failteach; toisheachagh air beatha nuadh, am feadh ata Dorras nan grasa fosgailte; agus trocair a ghabhail anoish, am feadh ata trocair so-fhaghail: giodh do ghuidheas shinn sho orr-a chon atharraich ar n impidh iad. Giodh bionnann leinn es am bas, chon urra shinn a thoirt orr-a, sheadh, smuainteachadh
[181] air an cuntart, agus ni as lugha gu mor na shin pilleagh uaidh-e. Gidheadh, is urrus leo a radh, “ ’Ta duil ag-ainn gu bith Dia trocaireach.” Ach an do smuaintich shibh riamh gu dubhairt e, Isa. 27. 11. “is sluagh gun tuigshair bith iad; uim-e- shin cho dean an ti a chruthaich iad trocair orr-a; agus cho taishbinn an ti a dhealbh iad geann-maith dhoibh.” Mur sgeaddaich neach eille shibh air bith dhibh lom-nochta, mur beathaich e shibh air bith dhibh ocrach: ma thilgeas e ann an gainn-tir, ma bhuaileas, agus ma chloidheas e shibh; nach abbair shibh gur duine gun iochd e? gidheadhni shibh a mhile uirrid sho oir-ibh fein, tilgidh shibh uai-bh ar n anama agus ar corpa gu shioruidh, ach cho ghearrain shibh ar n ain-iochd fein gu brath. Sheadh, ach is eigin, (mar a shaoileas shibh) gur ain-iochd-mhor an Dia a dhfhuirrich ribh gu trocaireach gus anoish, ma smachdaicheas e shibh fa dheirre. Mur toir an Dia fior-ghlan commas do na truaghanaibh traileil sho saltradh le di-meass air fuill a Mhic, agus mar na h iudhuighe bith ag caitheadh smuga ann a cadan; bith ag deanamh tailcish air Spiorad nan grasa; fannoid air peaca, agus maga air naomhachd; bith ag deanamh tuille di meish air trocair shlainteil, na air sall an ain-mianna feolmhor;
[182] agus ann a dhiaigh sho uille, mur teassairgir iad leish an trocair a dhiult iad, agus nach bail leo, chon abbair iad ach ain-tighearna gun iochd re Dia fein. Ach is e sin am breitheamh co’ -thromach, a thomhaisheas gniomhara air meidh a cheartaish neamh-acarraich; giodh nach cliudhaichir e ann an lathair cathair breitheamhnaish nan truaghana taireil shin.

Is aithne dhomh iommad gearran sonraichta ni daoine neimh-iompoichtair an Tighearna, ach chon fhuirrich mi ram freagradh gu sonraicht’, oir thilg mi bonn os ceann iad, ann mo leabhar air breitheamhnas, agus leaghadh iad e. Nam bitheadh luchd-conspoid an t saoghail, co’ -churamach a sheachnadh peacaidh agus leir-sgrioss, as a bha iad dicheallach a ransachagh abhar na dorainn, agus da leith-thilgeil mar chunnuil air Dia, chuirreagh iad an gear-chuish ann gniomh air modh a bu tarbhaich dhoibh fein, agus dheanagh iad ea-coir a bu lugha air an Tighearna. An uair ata Torathair co’ -ghraineil re peaca ann-ainn, dioghaltas an-trom ann toir air ar n anama, agus ifrionn ag fosgladh gu h uabhasach dar slugadh beo; shaoileadh neach gu bu cheist shoillear, shoi-fhreagraidh, co an coirreach? an e Dia, no an duine priomh-abhar ciontach na dorainn


[183] shin? is luchd breitheamhnaish co’ -chairdeil dhoibh-fein cuidd dhaoine, as gur ussa leo gearran a dheanamh, sheadh, air maitheas neimh-chriochnaidheach lan-fhoirfidh, na air an anama mi-bheasach fein; is teomadh leo aithrish a dheanamh air an ceid-shinshireachd a dubhairt re Dia, “mheall an nathair mi agus dhith mi. Agus a bhean a fhuair mi uai-t fein, thug i dhomh, agus dhith mi.” Mar sho dhfhag Adhamh agus Ebhe gu cealgach coirre an ceannairc ag Dia fein. Agus mar an ceadna arsan sliochd neimh-iompoichte, re Dia, “ ’Ta an t eolas a thug thu dhuinn neamh-fhoghainteach a thuigshinn ar leass; ’ta an toill a fhuair shinn uai-t neamh-fhoghainteach a roighneachadh ar sonnaish; ’ta na cuspoire leish an do chuartaich thu shinn, ag mealladh fuirreachraish ar n anama dan ionsuidh fein; agusta am buaireas dan do cheaddaich thu ionsuidh a thoirt oir- ’n, ag toirt buaidh.” Ann aon fhocall, giodh do chruthaich Dia an duinann an inbhe beagan as ishle na inbhe nan aingle, gidheadh, cho toillich inbhair bith an duinaingidh, as ishle na lan-fhoirfidheachd an Uillea-chumhachdaich!


[184]

CUNNUIL.

Chon urra shinn shinn-fein iompochadh; chon iompoichir gu brath shinn, mur iompoich Dia shinn; chon urra shinn gne a dheanamh gun ghras De: ni bheill an togha o an ti leish an ail, no o an ti a ruidheas, ach o Dhia a ni trocair.”

FREAGRA.

Ta da ghne throcair ag Dia, ran taishbineadh: trocair an iompochaidh; agus trocair an t slanachaidh; agus cho toir e trocair na slainte chailte, ach amhain don dream leish an ail i, agus a ruidheas da h ionsuidh; oir gheall e i dhoibh- ’sin, agus dhoibh- ’sin amhain. Ni trocair an iompochaidh deonach daoine mi-dheonach; agus giodh nach airridh air toill agus ar dicheall fein air gras sho Dhe; gidheadh, ’ta ar diulta toilleil ag toiltinn nach toirir dhibh e. Is i ar mio-thoill fein ar neamh-chommas, agus cho ghabh i leith-sgeul ar peacaidh, ach an-tromaichidh shi e. Burrus dibh pilleadh nam bail leibh; agus mata ar toill co’ -thruailte, as nach fead ni air bith


[185] ach grass foghainteach Dhe ar n iompochadh, is moidar n abhar an gras sho iarraidh, aontachadh leish, meadhona nan grasa ghnathachadh do reir ar commaish, gun an dearmad, agus gun chathachadhn an aghaidh. Deanaibh an ni as fearr ata ann ar commas, agus ann shin gearrainibh ma bitheas abhar ag-aibh, gu do dhiult Dia a ghras dibh.

CUNNUIL.

Is cosmhuil gu bail leat a radh fadd na h Uine sho, gu bheill saor-thoill ag an duine.”

FREAGRA.

Gun dragh a churr oir-ibh le conspoid dho-thuigshinn mu an t saor-thoill; toillicheadh sho shibh, iodhon, gu bheill saor-thoill ag-aibh, no commas na nithe shin as taitneach leibh a roighneachadh, agus na nithe shin as mio-thaitneach leibh a dhiultadh. Mothaichidh gach duinan commas sho ann fein. Ach gu truagh! o an-barr ar neamh-churaim is tric leinn gu gabh shinn ar leass ann riochd ar n aimh-leish, agus gur mio-thaitneach leinn e, agus gu diult shinn e: agus


[186] gu gabh shinn ar n aimh-leass ann riochd ar leass, agus gu taittinn e rinn, agus gu roighnich shinn e. Anoish nach feimeil an neamh-churam sho air smachd o Dhia, dar mosgladh; agus ma dhiultas shinn mosgladh gu brath, nach do thoill shinn gu buanaichir an smachd gu shioruidh? abraibh gu bheill namhad mio-runach ag-aibh, a bheirr ionsuidh mhilteach oir-ibh-fein gach uair a tharlas shibh air, agus a chosgras ar clann gus am bith fuill an croidhag smuidrich air faobhar a chuidd arm’! an gabh shibh a chaint sho uaidh-e mar leith-sgeul, “och cho roibh saor-thoill ag-am, is e sho mo natur; chon fhead mi maith a roighneachadh mur toir Dia gras domh?” an gabh shibh a leithid sho do leith-sgeul o sgolloig a ghoiddeas ar maoin shaoghalta? an cum an leith-sgeul sho luchd muirt agus meirle on chroich? mur cum, an saoil shibh gu saor e shibhso dhioghaltas an Uillea-chumhachdaich air an do rinn shibh shir-cheannairc an-dana?

2. Uaidh sho thug-aibh fa dearr na tri nithe shin.

1. Cia aish-inleachdach am buaired-fhear an diabhol.

2. Cia cealgach an ni am peaca.

3. Cia ammaideach an creatuir an duine truailte.

Is aish-inleachdach am buaired-fhear an diabhol


[187] do rireadh, cuirridh e impidh air moran triall chum an teinne shioruidh gu deonach, ann aghaidh gach earrail agus comhairla gheibh iad dan congbhail uaidh e. Is ni mealtach am peaca gu dimhinn, cuirridh e droidheachd air na milte, chum sonnas shioruidh a churr ann geall neimh-ni! is ammaideach an creatuir an duine gu dearbh, o am meallar beatha bhioth-bhuan le fhioss, air ni ro shuarrach; sheadh, agus le namhad air am bheill e lain-eolach. Shaoileadh tu gu bu ni doi-dheanta do dhuine glic air bith, air impidh a naimhde gu leir, ann geall beagain, e-fein a thilgeil ann an teinne, ann an uishge, no ann an slochd guail, chum a leir-sgrioss: gidheadh, ’ta daoine so-aomaidh le h impidh an diabhoil chum iad fein a thilgeil ann an ifrionn. Nam bitheagh ar saoghal ann ar lamhaibh fein; as gu feadadh shibh bith beo gus am milleadh shibh shibh-fein; cia fhadd a mhairreadh shibh air tallamh? ach giodhta ar beatha bhioth-bhuan comh-mhor ann ar lamhaibh fein, fa Dhia, as nach millir shibh gu shioruidh, gus am mill shibh shibh-fein; gidheadh, cia tearc iad a chongbhas an lamha o an leir-sgrioss fein? anoish, cia h inleachdach an diabhol, cia truaillidh an duine, agus cia mealtach droidheil am peaca?


[188]

3. Tuigibh uaidh sho mar an ceadna, nach mor an t abhar iongantaish ma bhacas daoinaingidh, daoineillo thriall air an t slighe chum nam flaitheasa; mas ail leo coimh-lion neach a bhith neimh-iompoichtes is urriad; ma bu mhaith leo moran a tharraing chum peacaidh agus an glassagh ann! am fead shibh duil a bhith ag-aibh gu dean iad iochd air daoineillan uair nach dean iad iochd orr-a fein? an saoil shibh gu sheass iad air leir-sgrioss dhaoineille, an uair nach sheass iad air an leir-sgrioss fein? cho mheassa do dhaoinibh eilliad na dhoibh-fein.

4. Fa dheoigh, foghlamaibh uaidh sho, gur e ard-namhad an duine neimh-iompoichte e-fein; gur e dioghaltas as mo a nithir air anns an t saoghal sho, fhagail dha fein; gur i mor-obbair graish Dhe a theassairginn uaidh-fein; gur coir da ghearran, agus da ard-chassoid bith air fein, do bhridh nach bheill obbair as deacaire aig-e na curr ann a aghaidh fein; no namhad as mo aig-e, na a chroidhe ain-miannach agus an-toill aingidh, re h urnaigh a dheanamhn an aghaidh gu durachdach, agus re gleac spairneil a chongbhail reu gach la. Tuigibh ma bail leibh maith a dheanamh air daoineille, agus an cuiddeachadh chum neamha, gur e cruadh-chas as


[189] mo ata ag-aibh anns an obbair sho, an teassairginn uath-a fein, o an daillintinn, o an an-toill thruaillidh, o an ain-miannaibh do-theagaishg, o am buaireas brass agus mi-riaghaileach. Dhainmnich mi na nithe shin, amhain, chum as nach cuirrinn sgitheas oir-ibh, agus fagaidh mi dar smuaintibh fein iad.

Anoish a dhaoine, ransaich shinn amach na ciontaich mhor shin, luchd millidh an anama, iodhon, daoine fein, agus an an-toill aingidh; agus ciod e anoish a nithir reu, ach breith a thoirt orr-a do reir an dearbhaidh ata ag-aibh air am mio-runn mhilteach; agus earrallachadh orr-a an aingidheachd dhorainneach sho aidmheachadh ann an lathair an Tighearna, iad-fein uir-ishleachadh air a son, agus gun a curr ann gniomh tuille gu brath. Rish na tri ceannaibh sonraichte shin cuirridh mi beagan eille.

1. Chum impidh a churr oir-ibh.

2. Dar n uir-ishleachadh.

3. Dar n aith-leassachadh, mas ionn domh duil a bhith ag-am gur urra mi shin a dheanamh.

1. Is aithne dhuinn uirrid do natur ro ghras-mhor an Tighearnata toilleach maith a dheanamh agus trocair a thaishbineadh; as nach bheill


[190] abhar ag-ainn a churr ann umhail gur e abhar ciontach ar dorainn, no a radh gu bheill e neimh-iochd-mhor: oir is e ughdar gach maitheish, agus Dia tearmainn nan uille: congbhaidh e suas iad le h uillea-chumhachd, riaghlaichidh she iad le gliocas gun mhearrachd, agus altromaidh she iad le maitheas nach traogh: “ ’Ta suile gach duilair bith ag feitheamh ar, agus bheirr e bia dhoibh ann an am iom-chuidh, fosglaidh she a lamh fhial, agus sasaichidh she ciocras nan uille nithe beo. ’Ta e ceart ann a uille shlighibh, agus naomha ann a uille ghniomharaibh. Sal. 145. 15. —17. ’Ta e Maith mar an ceadna do na h uillibh; agusta a chaomh-throcair os ceann uille ghniomhara. Sal. 155. 17.” Uaidh sho chi shibh nach e Dia ughdar peacaidh no mi-cheartaish.

Ach mar a bhuinneas don duine, is ni soillear gu bheill intinn dorch, a thoill crosta, agus ain-mianna ag tilgeil a shonnaish bonn os cean; ’ta e cuimshichte re h obbair a leir-sgrioss fein, le h ammaideachd agus le truaillidheachd. Nam faiceadh shibh uan marbh air an t slighe, co dhiu a choirricheadh shibh mar ughdar a mhillidh, a chaor, no an sheannach, air bith dhoibh mar-aon ag sheassamh dluth dha? ma chi shibh tigh brishte


[191] agus an teaghlach milte, an luaitha shaoileadh shibh gur e an Riogh no am breitheamh glic agus co’ -thromach, ag nach roibh feim air am maoin, a mhill iad; no am meirleach ladron? air an abhar shin arsa Sheumus, 1. 1315. “Na h abradh aon neach an uair a bhuairir e, gu bheill e buairte le Dia; oir chon fheadar Dia a bhuaireadh le h olc, ni mo a bhuaireas e aon neach. Achta gach aon neach buairte, an uair a thairngir agus a mheallar e le ain-miannaibh fein. Ann a dhiaigh shin, an uair a ghabhas ain-miann toircheas, beirridh shi peaca; agus an uair a chriochnaichir am peaca, beirridh she bas.” Chi shibh ann sho gur e am peaca garlach ar n ain-mianna fein, agus nach coir ainmneachadh air Dia mar gu be a bAthair dha; agus gur e am bas iarmud ar peacaidh fein, agus an torra shin a thilgeas e dhibh air bith dha abbaidh. Mar ata neimh anns an damhan-alla, ’ta ionmhas an uilc ann-aibh-fein, o an ginnir ar leir-sgrioss; agus o an sniomhar lionta ar dorainn. Is ni soillear gur e ar natur fein fior-abhar ar truaighe.

2. Is ni soillear gur shibh-fein is luchd millidh dar n anamaibh, ota shibh co’ -obbann a ghabhail rish gach gne bhuaireish, ach beag, a thairgir


[192] dhibh. Is gann ata an diabhol co’ -ullamh dar brosdachadh chum uilc, as ata shibh-fein a thoirt eishdeachd dha, agus a dheanamh mar is ail leish. Ma buaireas e shibh gu mio-bharraile sheachranach, geillidh shibh. Ma bhacas e dhibh deagh run, ’ta sho soi-dheanta. Nam fuaraicheagh e ar deagh mhianna, chon e shin as doi-dheanta. Nam bail leish ar n ain-mianna grana fhaddadh, ta iad so-lasta. Nam bail leish ar brosdachadh gu smuain, gniomh, no giulan droch-mhunta, ’ta shibh easgaidh, chon fheim shibh slatt no sporr. Nam bacagh e shibh o smuain, o ghniomh, no giulan naomha; is beag a ni shin, chon fheim shibh sparrag. Cho sgrud shibh a chogar aimh-leassach, cho chuirr shibh cul rish mar a chuirreas e ann ceill e, agus cho mhuch shibh sradd an uilc a sheideas an diabhol ann-aibh: ach aomaidh shibh leish, bheirr shibh comh-dhail dha ann am meadhon slighe, ghabhaidh shibh a chomhairle, agus brosdachaidh shibh e dar buaireadh. Is urrus iasg coimh-chiocrach ribh a ghlacadh; iasg a ruidheas ag iarraidh loin, agus a ghlacas an dubhan lom, mur tachair bia as fearr air.

3. Is ni soillear gu bheill ar leir-sgrioss uaibh-fein, o a chuirreas shibh an aghaidh gach ni agus


[193] neach a chuiddicheas leibh, a theassairgeas shibh, a ni maith oir-ibh, no a bhacas ar dorainn. Chuiddicheadh Dia leibh, theassairgeagh e shibh le fhocall, ach cuirridh shibh ann a aghaidh, oir is ro theann leibh iartas. Naomhaicheagh e shibh le a Spiorad, ach cuirridh shibh ann a aghaidh, agus muchaidh shibh a chomhairle. Ma bheirr neach air bith dhibh achmhusan air son peacaidh, bheirr shibh an-chaint dha; agus ma bail leish ar n iompochadh gu beatha naomha, agus fioss ar cuntairt a thoirt dibh, bheirr shibh ro bheagan buidheachaish da, ag radh, “Gabhsa curam maith do dleass fein, oir cho fhreagair thu air ar son- ’ne.” No air a chuidd as lugha, cuirridh shibh bhar ar n eadain e le buidheachas mio-chroidheil, ach cho phill shibh ar impidh. Giodh do bheirreagh luchd teagaishg muna diamhair mar chuiddeacha, cho tig shibh dan ionsuidh; cho mhothaich ar n anama diblidh feim ac-a fein air cuiddeacha. Nan ceasnaicheagh iad shibh, ’ta shibh ro sheann rar ceasnachadh, giodh nach bheill shibh ro sheann chum bith ain-eolach agus mio-naomha. Cia be ni as urriad a radh ribh chum ar leass, ’ta shibh coimh-fhein-speisheil, agus ghlic ann ar barrailibh fein; sheadh, ann an doimhne arn ain-eolaish, as nach toir
[194] shibh feart air aon ni nach cord rar barrailibh mearrachdach, ach cuirridh shibh ann an aghaidh ar luchd teagaishg, mar gu bu ghlice shibh-fein na iad; cuirridh shibh ann an aghaidh gach ni as urriad a radh ribh, le ar n ain-eolas, ar n an-toilleileachd, ar conspoid ammaideach, ar leith-sgeulaibh fann, agus ar diulta mi-reasonta; agus cho ghabh shibh gu failteach re maith air bith a thairgir dhibh.

4. Os-barr is ni leor-shoillear gur luchd fein-sgrioss shibh; oir tharraing shibh abhar ar leir-sgrioss, sheadh, o an Dia uille-bheannaichte fein. Cho chord inleachd a ghliocaish ribh. Cho chord a cheartas ribh, ach meassaidh shibh e mar ain-iochd. Cho chord a naomhachd ribh, ach is ullamh leibh a smuainteachadh gur cosmhuil ribh-fein e, agus gu bheill e co’ -shuarrach mu pheaca ribh-fein. Cho chord fhirinn ribh, ach saolidh shibh gur breagach a bhagra, sheadh, a bhagra aird-thighearnail, no ard-ughdarach. Giodh do shaoileadh neach gu bheill meass ard-urramach ag-aibh air a mhaitheas, gidheadh, mio-ghnathaichidh shibh e ann an cail-eigin, a neartachadh ar peacaidh, mar gu bu leith-sgeul peacaidh dhibh, gu bheill Dia trocaireach, agus saibhir pailt ann an gras.


[195]

5. Sheadh, bheirr shibh leir-sgrioss o an Fhear-shaoraidh bheannaichte, agus bas shioruidh o thriath na beathaidh bioth-bhuain. Ni bheill abhar mishnich as mo ag-aibh chum peaca churr ann gniomh, na gu do bhasaich Criost air ar son; mar gu rachadh cuntart baish shioruidh sheach, agus air an abhar shin gur tearuinte dhibh peacachadh le danadas: mar gu bu traill Criost don diabhol, agus dar peacaibhs’, agus mar gu beigin da feitheamh oir-ibh am feadh a bheirr shibh obbair dha; agus do bhridh gur e leigh an anama, agus gu bheill commas aig-e an dream shin uilla theassairginn gu h iom-lan a thig chum Dhe da thrid, saoilidh shibh gur eigin da a cheaddachadh dhibh a chuiddeacha a dhiultadh; gur eigin da a chungaidh-leighish a mhio-bhuilleachadh oir-ibh; agus saoilidh shibh gur eigin da ar teassairginn giodh nach tig shibh chum Dhe da thrid; mar sho, is e an t earbsan-dana ni shibh ass bas Chriost, as abhar do chuidd mhoir dar peaca.

Cho smuaintich shibh gu dthainig Criost, a shaoragh a shluaigh o am peacaibh agus dan naomhachadh mar shluagh sonraichte dha fein, agus dan cummagh ann an naomhachd re h iomhaigh an Athair neamhaidh, agus an ceann-aird. Mat. 1.


[196]

21. Tit. 2. 14. 1 Pead. 1. 15. 16. Col. 3. 10, 11. Phil. 3. 9. 10.

6. Mar an ceadna, bheirr shibh ar dorainn fein o fhreasdal agus o oibribh De. An uair a smuainticheas shibh air reimh-eolas agus ordocha shioruidh Dhe, is ann dar cruadhachadh fein ann am peaca, no a lionagh ar n anama le smuaintibh conspoideach, mar gu bu choir do ordocha De saothair ar n aithreachaish agus ar giulain naoimha chaomhnadh, no, mar gu be abhar ar peacaidh, agus ar leir-sgrioss. Ma smachdaicheas e shibh is ard ar gearran; ma shoirbhicheas e leibh, is moida dhio-chuimhnicheas shibh e, agus is lughaid a smuainticheas shibh air a bheathaidh ata chum teachd. Ma shoirbhicheas luchd-aingidheachd, dio-chuimhnichidh shibh a chrioch a leigeas rish gliocas agus ceartas freasdail De; agus is ullamh leibh a smuainteachadh gur comh-mhaith bith aingidh agus diadhaidh. Agus mar sho bheirr shibh ar bas shioruidh fein o gach ni.

7. Agus bheirr shibh an leir-sgrioss ceadna o chreatuiribh agus o throcair ar De. Thug e dhibh a chreatuire mar chomhar a ghraidh, agus mar chungaidh chum umhlachd a thoirt da fein, ach gnathaichidh shibh iad ann aghaidh iartaish


[197] chum ar n ain-mianna feol-mhor fein a shasachadh. Ithidh agus olaidh shibh chum cosg n ocraish agus ar n iotaidh, ach chon ann chum gloir Dhe, agus dar deanamh neart-mhor ann a obbair. Mio-ghnathaichidh shibh ar truscana chum spors. Tairngidh ar saibhreas ar n anama o neamh. Seididh ar n urram agus ar deagh-alla suas shibh le h uaill. Ni an neart agus an t slainta mheallas shibh, neamh-churamach dearmadach shibh mu ar crich. Sheadh, mio-ghnathaichidh shibh trocair dhaoineille, chum ar dochair fein. Ma chi shibh an urram agus am mor-luach, brosdaichidh sho ar tnuth agus ar farmad. Ma chi shibh an saibhreas is ullamh leibh a shantachadh. Ma dhearcas shibh air breadhachd stuamadh, mosglaidh sho ar togra neimh-gheanmnaidh. Agus is maith an ni mur droch-cord shealla don diadhachd fein re ar radharc.

8. Iompoichidh shibh gu peaca, na deagh thiolacta shin a bhuillich Dia oir-ibh, agus meadhona shin nan grasa dheassaich she da eaglaish. Mata ceatfadh agaibh as luach-mhoire na ata ag daoineille, fasaidh shibh uallach fein-speisheil: mur bheill ag-aibh ach tiolacta coitcheann, meassaidh shibh iad mar ghrasa sonraichte. Meassaidh shibh eishdeachd ar dleasdanaish mar dheagh obbair


[198] a ghabhas ar leith-sgeul, giodh nach cuirr shibh ar dleasdanas ann gniomh. Iompoichir ar n urnaigh gu peaca, do bhridh gu toir shibh speish don ea-coir ann ar croidhibh, Sal. 66. 18. Agus do bhridh nach triall shibh o ea-coir an uair a ghairmeas shibh air ainm an Tighearna, 2. Tim. 2. 22. ’Ta ar n urnaighe graineil, do bhridh gun aom shibh ar cluas o eishdeachd an reachd, Shean. 28. 9. Agus do bhridh gur deishe leibh iobhairt nan ammadana thoirt do Dhia, na eishdeachd agus geill a thoirt da fhocall. Eccle. 5. 1. Cho cheasnaich shibh shibh-fein, roimh ghabhail suippeir an Tighearna, ach do bhridh nach dean shibh aithnair corp an Tighearna, ithidh agus olaidh shibh breitheamhnas dibh-fein. 1. Cor. 11. 28, 29.

9. Sheadh, ni shibh fath peacaidh agus leir-sgrioss don Dream rish am bith ar co’ -luadar, agus dan gniomharaibh. Ma bhitheas eagal De orr-a, is beag oir-ibh iad. Ma bhitheas iad ain-diadhaidh leannaidh shibh an ceime. Mata luchd-aingidheachd lion-mhor, saoilidh shibh gur tearuinte dhibh an leanmhuinn le danadas. Mata daoine diadhaidh annamh is moida ni shibh do dhi-meass orr-a le danadas. Ma ghluaisheas iad gu direach saoilidh shibh gu bheill


[199] iad ro fhaicilleach thearuinte; ma thuitteas neach dhiu ann am buaireas sonraichte, tuishlidh shibh air a mhuinn, agus pillidh shibh o naomhachd do bhridh gu bheill daoineille neamh-iom-lan ann an naomhachd: mar gu bu bharrantas laghail dhibh shibh-fein a churr ass a mhuinneal do bhridh gu do chuirr daoine neamh-fhaicilleach iad fein ass na h altaibh. Ma leigeas am fuar-chrabhach rish e-fein, is caint dibh gur ionnann doibh uille, agus meassaidh shibh gu bheill shibh-fein coimh-ionraic rish an dream as fearr dhiu. Ma gheibh an duine crabhach an tuishle as lugha, ma ghearras e a mhear, bheirr sho mishneach dhibh ar slugan fein a ghearradh. Ma labhras luchd teagaishg ribh gu soillear saor, is caint dibh gu do throdd iad ribh. Ma labhras iad ribh gu macanta ciuin, no gu fuar-chainteach, an darra cuidd coidlidh shibh, no cho mho a dhruthas an teagasg oir-ibh, na air an stol air an suidh shibh. Ma shnaigeas mearrachd don eaglaish, sluigidh shibh e gu ciocrach, agus dididh cuidd eillan teagasg criostuidh, air son an iomroill shin, giodhta an soisgeul gu h iom-lan ann a aghaidh. Agus ma bail le luchd teagaishg ar tarraing o mhearrachd sheann air bith, ag nach bheill mar bharrantas ach gu do fhreamhaich e fadd iommad
[200] linn ann an cleachdainn dhaoine, ’ta shibh coimh-diomach an uair a chomhairlicheas iad dibh a leassachadh, agus cul a churr rish, as giodh do bhitheagh ar n anama agus ar sonnas ann earbsadh rish, agus leannaidh shibh gu teann re sheann mhearrachd, an uair is ard a chluinnir ar glaodh gearranach ann aghaidh mearrachd nuaidh. Is tearc conspoid a tharlas am measg luchd teagaishg an t soisgeil, nach tarraing shibh ar bas fein uaip-e. Cho toir shibh eishdeachd, no air a chuidd as lugha, cho toir shibh geill, sheadh, do theagasg fior-ghlan an fhir nach coimh-shin ribh ann am barrailibh: ’ta neach nach eishd re fear teagaishg do bhridh gu leagh e a shearmoin, agus neach eille nach eishd rish do bhridh nach leagh e i. ’Ta neach nach eishd re fear teagaishg do bhridh gun abbair e urnaigh an Tighearna; agus neach eille nach eishd rish do bhridh nach abbair e i. ’Ta neach nach eishd rish an dream a ghabhas leish an easpuigeachd agus neach eille nach eishd rish an dream nach gabh. Mar sho burrus a nochdadh dhibh ann iommad cas eille, gu tarraing shibh leir-sgrioss o gach ni a thig dluth dhibh; is ni coimh-shoillear gur luchd fein-sgrioss daoinain-diadhaidh, agus gu bheill an dorainn uath-a fein.


[201]

Anoish, air smuainteachadh dhibh air na nithe shin a chualadh shibh agus air ar slighe fein, shaoilinn gu bu choir dhibh a chuimhneachadh ciod e a rinn shibh, naire ghabhail de, agus bith lan-uir-ishlichtan uair a bheirr shibh fa dearr e. Agus mur dean shibh sho, dearcaibh air na firinne sho a leannas.

1. Is pcaca am fein-mhille, ata ann aghaidh an tograidh as neart-mhoir ata ann ar natur, iodhon, togra an fhein-thearmainn. ’Ta speish natura ag gach bith mhothachail da leass, da sonnas agus da foirfidheachd fein. Agus an roighnich shibhsar leir-sgrioss fein? an uair a sparrar oir-ibh ar nabaidh a ghradhachadh mar shibh-fein: ’ta sho ag reimh-chiallachadh gur natura dhibh shibh-fein a ghradhachadh. Ach mur gradhaich shibh ar nabaidh, ach mar a ghradhaicheas shibh shibh-fein, is cosmhuil nach bolc leibh gu rachagh an sluagh gu leir am Mugha.

2. Cia mor ata shibh ann aghaidh ar ruin agus ar tograidh fein! ’Ta fioss ag-am nach miann leibh ar leir-sgrioss fein, sheadh, an uair a bhitheas shibhg a thoiltinn; saoilidh shibh nach bheill shibh ach ag deanamh maith dhibh-fein, le bith ag sasachadh ar n ain-mianna feol-mhor. Ach mo thruaidh ni bheill sho ach mar dheoch


[202] don uishgfhuar ann ain-teass fiabhraish, a mheadaicheas an tinneas agus a ghoimh. Nam bail leibh solas, saibhreas agus urram, iarraibh iad sho anns an ait ann am bheill iad so-fhaghail, agus na bithibhg an shealg air an t slighe chum ifrionn.

3. Nach truagh, gu deanadh shibh an ni shin oir-ibh-fein, nach urra neach eille air tallamh, no ann an ifrionn a dheanamh oir-ibh! giodh do chruinnicheadh gach duin air tallamh agus diabhol ann an ifrionn a thoirt ionsuigh oir-bh, chon fhead iad ar milleadh gu shioruidh mur aontaich shibh-fein, no a thoirt oir-ibh peacachadh mur aontaich shibh leo. Agus an dean shibh an ni shin oir-ibh fein nach fead duine no diabhol a dheanamh oir-ibh? is beag oir-ibh an diabhol do bhridh gur e ar namhad a dhealbhas ar dorainn. Agus am bith shibh nis meassa na diabhla dhibh-fein? is i sho ar staidd chuntartach nan tuigeadh shibh i; an uair a ruidheas shibh o dhiadhachd chum peacaidh, agus a dhiultas shibh pilleagh air iartas De, ni shibh tuille mor ann aghaidh ar n anama fein na dhfheadas duine no diabhol a dheanamh os-barr. Agus giodh do chuirreadh shibh ar gear-chuish gu leir ann gniomh a chummagh an aimh-leish as mo dhibh-fein, cho


[203]n sheadadh shibh dorainn a dhealbha bheirreadh barr uirr-e sho.

4. ’Ta shibh mi-dhileas anns a ghnothach a dhearb Dia ribh. Dhearb e moran dar sonnas ribh-fein, agus am meall shibh e ann a earbsa? sparr e oir-ibh ar croidha choimhead le ar n uille dhicheall; agus an e sho coimhead a ni shibh air? Shean. 2. 23.

5. Thoirmishg shibh do gach aon neach eille truadhas a ghabhail dibh, an uair nach gabh shibh truadhas dhibh-fein: ma ghlaodhas shibh, ag iarraidh trocair o Dhia ann an la ar n amhghair; ciod e rish am fead shibh duil a bhith ag-aibh, ach gun iommain e uaidh-e shibh, ag radh, “cho ghabhadh shibh truadhas dibh fein: agus co a tharraing an leir-sgrioss sho oir-ibh, ach ar n an-toille aingidh fein?” agus ma chi ar brathaire shibh ann an dorainn shioruidh, an truagh leo shibh, agus gur shibh-fein luchd millidh ar n anama, agus cho ghabhadh shibh comhairlar leass?

6. Is abhar shior-chloidh dar n anamaibh ann an ifrionn, bith ag smuainteachadh, gu diommain shibh shibh-fein gu deonach chum ionnad shin na dorainn. Och, nach cradh-croidhe leibh gu brath bith ag cuimhneachadh, gur e sho ar deanadas


[204] fein? gu dfhuair shibh fioss an leir-sgrioss sho roimh laimh, a rish agus a rish, ach nach do sheachainn shibh e: gu do pheacaich shibh gu toilleil, agus gu do phill shibh gu deonach o Dhia: gu roibh uin agus aimshir ag-aibh mar a bha ag daoineille, ach gu do mhio-ghnathaich shibh iad: bha luchd-munaidh ag-aibh, mar a bha ag daoineille, ach dhiult shibh an teagasg: bha eshempleire naomha ag-aibh, ach cho do ghluaish shibh dan reir, thairgeadh dhibh Criost, gras agus gloir, mar a thairgeadh do chach iad, ach thug shibh tuille speish dar n ain-miannaibh feol-mhor, na a thug shibh dhoibh! chuirreadh luach ann ar lamhaibh, ach cho roibh croidhe ann-aibh da bhuilleachadh. Shean. 17. 16. Nach shior-chloidh dar n anamaibh smuainteachadh air an ammaideachd sho? och, nach bheill ar suile fosgailte, a leirsinn gu do rinn shibh ea-coir air ar n anama gu deonach! och nach do thuig shibh nis fearr briathara sho Dhe! Shean. 8. 3336. “Eishd re teagasg bith glic agus na diult e. Is beannuichtan neach a dheishdeas reumsa, ag fairre gach la ag mo gheata, ag feitheanh ag ursanna mo dhoirshe. Oir cia be neach a gheibh mishe gheibh e beatha, agus gheibh e deagh ghean on Tighearna. Ach an ti a
[205] pheacaicheas ann maghaidhsni e ea-coir air anam fein: an dream a bheirr fuath dhomh, gradhaichidh shiad bas.”

Air teachd dhomh anoish chum co’ -dhuna na h oibre sho, is doillich le manam deallachadh ribh, air eagal ann diaigh mo shaothair, gu meall ar n ain-mianna feol-mhor shibh, gu cuirr agus gu gleidh an diabhol agus an saoghal shibh, ann an suaimhneas an neamh-churaim gus am mosgail shibh ann an ifrionn. O ro mhead mo churaim dar n anamaibh, is eagal leam sho, mar is aithne dhomh gu bheill shibh so-lubaidh gu h aimh-leass: gidheadh, feadaidh mi a radh leish an fhaidh Jeremiah 17. 16. “ ’Ta fioss ag-atsa Thighearna, nach do mhiannaich mi la na truaighe.” Cho do mhiannaich mi le Sheumus agus le Join, gu tigeadh teinne o neamh a leir-sgriossadh na h aittim shin a dhiult gabhail re h Josa Criost, Luc. 9. 54. Ach shaothairich mi fadd na h uine sho a ghabhail roimh an teinne shioruidh shin: agus is doillich leam gu roibh feim ag-aibh air mo shaothair! is truagh nach roibh shibh coi’ -neimh-fheimeil air mo shaothairsann am barrail Dhe agus dheagh dhaoin’, as a bha shibh ann ar barrailibh fein! a chairde caomh! is co’ -doillich leam gu luidheadh shibh


[206] ann an dorainn an teinne shioruidh, agus gu crannar dorras nan neamha oir-ibh gu brath, as mas urra mi gabhail roimh-e, gu cuirr mi a cheisht sho oir-ibh aon uair eille, “ciod e anoish ata air ar n airre? am pill no am basaich shibh?” amhaircim oir-ibh mar dhamhairceas leigh air duinea-slan ann an tinneas cuntartach, ag radh, “giodhta thu ann an gabha comh-mhor, nan gabhadh tu ach a chungaidh-leighish sho, agus nan diultadh tu ach na nithe milteach sho, chuirrinn manam ann an ait t anama, ach mur gabh thu mo chomhairl’, is duine marbh thu.” Ciod e ar barrail air a leithid sho do dhuine, mur fead a leigh no a chairde gu leir, impidh a churr air aon chungaidh-leighish a ghabhail da theassairginn fein, no beagan do nithibh neimheil milteach a sheachnadh? shin an staidd ann am bheill shibh. Ach cia mor air bith an cuntart ann am bheill shibh do bhridh ar peacaidh, pillibh ach anoish re Criost, agus gabhaibh a leigheas, agus mairridh ar n anama beo gu sonna. Sgeathaibh am peaca bas-mhor amach le h aithreachas, agus na pillibh tuille rish an sgeathraich mhiltich, ach re leass ar n anama, agus bithidh shibh gu maith. Ach nam bitheagh ar gnothach-ainn re ar corpaibh, bhitheadh
[207] cuidd fhioss ag-ainn ciod e a dheanamaid ribh. Giodh nach aontaicheadh shibh, chongbhamaid no cheanglamaid shibh, agus dhortamaid an ioc-shlainte shioss ar slugana, chongbhamaid nithe do-channach uai- ’bh. Ach cho bhuinnir re ar n anamaibh air an doidh sho; chon fhead shinn ar n iompochadh ann aghaidh ar toille. Cho ghiulainir luchd-cuthaich chum neamha fa chuibhreach. Feadar ar milleagh ann aghaidh ar toille, oir pheacaich shibh le ar toill, ach chon fheadar ar teassairginn ann aghaidh ar toille. Biom-chuidh leish an Dia uille-ghlic, cuid mhor do shonnas agus do leir-sgrioss dhaoina churr fa roghainn an toille fein: chum as nach teid neach air bith chum neamha, ach an neach a roighnich an t slighe chum neamha, agus nach teid neach air bith chum ifrionn, ach neach dan eigin a radh, “fhuair mi mo roghainn; thug mo thoill fein ann sho mi.” Nam feadainn a thoirt oir-ibh bith lan-toilleach le run shocrach anama, bhitheagh an obbair tuilles leith-dheanta. Ach mo thruaidh, an eigin duinne ar daimh a chall, agus dhoibhsin an Dia, an sonnas, agus an anama a chall, ass eagmhuish sho? ach nar leigeadh Dia! is mor an t iongantas leam, gu bheill daoine co’ -ain-iochd-mhor, agus air coimh-
[208] beag mothachaidh anns na gnothaichibh as mo, an uair ata iad coi’ -deigh-mheineach, shuairc, agus chompantanns na ghnothaichibh as lugha. Mar mo bharrail, ’ta gach coimhearsnach ata ag-am coimh-sheirceil domh, as nan iarrainn co’ -sta reasonta dhomh fein o gach neach fa leith dhiu, gu deonaicheagh iad e; gidheadh, an uair a thig mi dhiarraidh orr-a an gnothach as fearr air bith a dheanamh dhoibh fein, ’ta moran diu nach toir dhomh ach eishdeachd fhoidhidneach. Ni bheill fioss ag-am an saoil no nach saoil an sluagh, gu bheill fear teagaishg do rireadh ag labhairt on chrannaig do reir eolaish: gidheadh, shaoilinn gur tearc coimhearsnach ata ag-am, nan suighinn leish gu caidreach, ag insheadh dha ciod e a chonnairc, no ciod e a rinn mi, no ciod e is aithne dhomh anns an t saoghal, nach creidmhadh agus nach tugadh fa dearr mo sheanchas: ach an uair a dhearbhas mi dhoibh o fhocall an De nach breagaichir, ciod e a chi iad fein anns an t saoghal ata re teachd, taishbinidh iad le an giulan, an darra cuidd nach creidd, no nach toir iad fa dearr mo theagasg. Ma tharlas mi air neach air bith dhiu air an t slighe, agus ma dhinsheas mi dha shud slochd guail, no sho beo-ghainneamh, no shin luchd
[209] millidh ann an leabbfhollaichtag feitheamh or-t; is urrus domh impidh a churr air doll taobh eille. Ach an uair dhinsheas mi dhoibh gu bheill an diabhol ann an leabbfhollaichtag feitheamh an leir-sgrioss, gu bheill am peaca milteach dhoibh, agus nach suail bith ag sugradh re h ifrionn, triallaidh iad air an aghaidh mar nach cluinneagh iad smidd. Gu fior a choimhearsnacha, ’ta mi co’ -durachdach ribh on chrannaig, as ata mi ann an co’ -luadar cairdeil; agus ma bheirr shibh fa dearr mi gu brath, guidhim oir-ibh thugaibh ann sho fa dearr mi. Shaoilinn nach bheill neach ag-aibh uille, nam bitheadh manam fa a raidh, nach bitheadh toilleach a theassairginn, giodh nach fead mi a ghealtainn gu treigeagh e a pheaca air mo shon. Innish dhomh a mhishg-fhir, am bheill thu co’ -ain-iochd-mhor dhomhsa labhras reut, as nach leigeadh tu sheach cup no dha dighe, nan saoileadh tu gu teassairgeadh shin manam o ifrionn? am bfhearr leat gu loishginn ann an shin gu shioruidh, na gu bitheadh tu fein neimh-mhishgeach mar dhaoineille? ma bfhearr leat shin, nach eigin domh a radh, gur Torathair gun iochd thu, agus nach duine? nan tiginn ocrach no lom-nochta dhionsuidh do dhorraish, nach deallaicheadh tu re tuille
[210] na cup dighe chum mo theassairginn? is cinteach leam gu deallaicheadh: nam bu tearmann do manam e. ’Ta fioss ag-am gu cuirreadh cuidd ag-aibh shibh-fein ann an cuntart air mo shon. Agus nach gabh shibh os-laimh, air mimpidh, deallachadh re ar n ain-miannaibh feol-mhor air sgath ar sonnaish fein? an diultadh tu cead cup dighe, a dhuine, a theassairginn manamas’, nam bitheagh a thearmann ann earbsa re dgheannachd? agus nach dean thu shin a theassairginn t anama fein? creiddibh mi a dhaoine, guidhim oir-ibh ann diugh co’ -durachdach ar n anama fein a theassairginn, as a ghuidhinn uai- ’bh tearmann domh fein, nam feiminn doll mar dheirceach dhionsuigh ar dorsa da iarraidh. Agus air an abhar sho nan eishdeadh shibh reum ann shin, eishdibh anoish reum. Nam bu truagh leibh mishann an amhghar, guidhim oir-ibh gabhaibh truadhas anoish dibh fein. Guidhim oir-ibh a rish, mar air mo gluna lubta, eishdibh re ar Fear-saoraidh, agus pillibh air impidh- ’sin, chum as gu bith shibh beo. Shibhsuilla bha fa ain-eolas, fa neamh-churam, agus fa an-danadas gus an diugh; shibhsuilla bha baitann an ro-churam saoghalta, agus nach do chuimhnich Dia, no gloir shioruidh: shibhsuillata fa thrailleileachd d’
[211] ar n ain-miannaibh feol-mhor, do bhia, do dheoch agus do shugra neimh-gheanmnaidh: agus shibhsuille do nach aithne riachdanachd na naomhachd, agus nach roibh eolach riamh air obbair naomhachaidh an spioraid ann ar n anamaibh, agus nach do ghabh re ar Fear-saoraidh beannaichte le creiddeimh beo, le h iongantas, buidheachas, agus mothacha da ghradh, agus nach do mhothaich riamh speish as mo, no gradh as croidheile do Dhia agus do neamh, na a bha ann-aibh dar suaimhneas feol-mhor, agus do nithibh talmhuidh: guidhim oir-ibh gu durachdach, chon ann amhain air mo sgath- ’sa, no air sgath ar n anama fein, ach air sgath an Tighearna, na triallaibh aon la tuille ann ar cead slighe; ach amhaircibh air gach leith, agus glaodhaibh re Dia, ag iarraidh graish an iompochaidh, chum as gu nuadh-chruthaichir, agus gu teassairgir shibh o na plaighibh ata dluth dhibh, agus dam bheill shibh buailteach. Agus ma ni shibh gne gu brath air mo shon, deonaichibh an ath-chuinge sho, pillibh o ar droch shlighibh, agus mairribh beo; diultaibh dhomh aon ni a dhiarras mi gu brath dhomh fein, ma dheonaicheas shibh ach sho dhomh. Agus ma dhiultas shibh sho dhomh, is comma leam aon ni eilla dhfheadas shibh a dheonachadh. Sheadh,
[212] mas ail leibh aon ni a dheanamh gu brath air iartas an Tighearna chruthaich agus a shaor shibh, na diultaibh sho dha: oir ma dhiultas, is comma leish ciod eille dhfheadas shibh a dheonachadh dha. Mas ail leibh gu freagair e ar n urnaighe gu brath, gu deonaich e ar n iartas, agus gu toir e tearmann dibh ann uair baish, ann la breitheamhnaish, no ann amhghar air bith; na duiltaibh dha an ath-chuinge sho anoish ann an la ar socair. O! creiddibh mi a dhaoine. Chon fhaic shibh bas agus breitheamhnas, neamh agus ifrionn, le ar suilibh corpora an uair a bhitheas iad fadd uai- ’bh, air an doigh air am faic shibh iad dluth dhibh. Ann shin cluinnidh shibh leithid na teachdaireachd a chuirr mishann ceill dibh, le tuille mosglaidh agus fuirreachraish anama.

Sheadh, giodh nach bheill barrail comh-mhaith ag-am air gach neach, ’ta duil ag-am gur i run cuidd ag-aibh pilleagh anoish agus bith beo: agus gu bheill shibh ullamh a churr na ceisht shin, a chuirr na h Judhuighe air Peadar, (an uair a bhiorragh an intinne,) ag radh, Gniomh. 2. 37. “Fheara agus a bhrathaire ciod e a ni shinn? Ci an doigh air an lain-iompoichir shinn? ’Ta shinn toilleach bith umhal do Dhia, nam b’


[213] aithne dhuinn ar dleasdanas. Nar leigeadh Dia gu diult shinn iompochadh, agus gu roighnich shinn leir-sgrioss, mar a rinn shinn gus anoish.”

Mas i sho run, agus mas iad shin smuainte ar n anama, feadar a radh ribh mar a dubhairt Dia re sluagh a thug deagh ghealla dha, Deut. 5. 28. 29. “Is maith a labhair iad gach focall a chuirr iad ann ceill; O! gun a leithid shin do chroidhant-a, as gu bitheadh meagal orr-a, agus gu coimhideagh iad maitheanta gu brath:” is sar-mhaith ar run- ’sa, agus O! gun chroidhann-aibh da curr ann gniomh! agus an duil gu tachair shin, is croidheil a sheolas mi dhibh ciod e a ni shibh; agus shin gu h aith-ghearr, chum as gur ussa dhibh a chuimhneachadh ra churr ann gniomh.

titleTeagasg VII
internal date1750.0
display date1750
publication date1750
level
parent textGairm an De Mhoir do ’n t Sluagh Neimh-Iompoichte, Iompochadh agus Bith Beo le Richard Baxter
<< please select a word
<< please select a page