[213]

SHEOLA I.

Ma bail leibh bith iompoichte agus teassairgte, gnathaichibh dicheall spairneil, a thuigshinn feim agus fior-natur an iompochaidh, ciod air son, co uaidh-e, co dhionsuigh, agus co leish, is eigin dibh iompochadh.


[214]

Tuigibh ciod i an staidd bhronach ann am bheill shibh, gu h uair ar n iompochaidh, chum as gu faic shibh nach staidd i ann an tearainte dhibh comhnaidh a ghabhail. ’Ta shibh fa chionta gach peacaidh a chuirr shibh riamh ann gniomh; fa fheirg Dhe, agus fa mhallachd an lagha; is trailleacha cuibhrichte don diabhol shibh, ’ta shibh saothaireach ann a obbair gach la, ann aghaidh an Tighearn’, ann aghaidh ar leass fein, agus maith dhaoineille: ’ta shibh gu spioradail marbh agus granna, air bith dhibh gun bheatha, gun natur agus gun dreach naomha na diadhachd. ’Ta shibh neimh-iom-chuidh air obbair naomha, cho dean shibh gne ata fior-thaitneach le Dia. ’Ta shibh gun ghealla gun chint ag-aibh air tearmann uaidh-e, mur pill shibh. Ta shibh shior-bhuailteach da cheartas, gun fhioss ag-aibh cuin a spionar chum ifrionn shibh, ach ta lain-chint ag-aibh gu teidd shibh am mugha, ma bhasaicheas shibh anns an staidd shin: agus cho ghabh ach iompocha roimh an chuntart ann am bheill shibh. Cho dean suairceas, leassacha, no dicheall as lugha na lain-iompocha tearaintar n anama gu brath. Cuimhnichibh ciod i is ciall don truaidh mhio-natura sho, agus mar an ceadnam feim ata ag-aibh ar iompocha.


[215]

Agus ann shin is eigin gu tuig shibh ciall an iompochaidh: is ciall da, nuadh-chroidhe, nuadh-run agus nuadh-cho’ -luadar naomha.

CHEIST I.

Ciod air son is eigin duinn iompochadh?

FREGRA.

Chum gach crioch dhiu sho a leannas, agus air am fead shibh righeachd.

1. Air iompochadh dhibh, is beo-bhloidhe do chorp Chriost shibh gu neimh-mheadhonach, bithidh sheilbh ag-aibh ann, ath-nuadhaichir shibh do reir iomhaigh Dhe, eidichir shibh le a ghrasaibh uille, beodhaichir shibh le beathaidh nuaidh neamhaidh, teassairgir shibh o ain-tighearnas an diabhoil agus a pheacaidh, saorar shibh o mhallachd an lagha, gheibh shibh maitheamhnas ann an uille pheacaibh ar beathaidh, gabhaidh Dia ribh mar a Chlann, bheirr e commas dibh ar n Athair a radh rish le danadas, agus doll da ionsuidh le h urnaigh ann aimshir teinn agus riachdanaish, agus gabhaidh e ribh mar a gheall e; gheibh shibh an Spiorad naomha ghabhail


[216] comhnuidh ann-aibh, dar naomhachadh agus dar sheoladh: gheibh shibh comh-pairt ann am brathaireachas, co’ -chommunn agus urnaigh nan naomha: nithir iom-chuidh air obbair De shibh; saorar shibh o ain-tighearnas peacaidh; bithidh shibh mar bheannacha feimeil don ionnad ann am bith ar comhnuidh, agus gheibh shibh gealla na beathaidh sho, agus na beathaidh ata chum teachd, Cho bhith dith nithe air bith oir-ibh ata do rireadh maith dhibh, agus gheibh shibh neart a ghiulan ar n amhghara feimeil; blaishidh shibh cail eigin do cho’ -chommunn De anns an Spiorad; gu sonraichtanns gach ordo naomha, ann am bheill Dia ag deassachadh cuirrim shlainteil dar n anamaibh; is shibh oighreacha neamham feadh a bitheas shibh air tallamh; gheibh shibh reimh-shealla don ghloir shioruidh le suil creiddeimh, agus mar sho bithidh shibh beo, agus gheibh shibh bas ann an shith: agus cho bhith shibh gu brath co’ -uir-ishiol bhochd, as nach bith ar sonnas nis an-mo gu mor na ar truaighe.

Cia luach-mhor gach beannacha dhiu shin, nach ainmnich mi ach gu h aith-ghearr, agus ata re am faghail anns a bheathaidh sho fein.


[217]

2. Agus ann an am baish theid ar n anama dhionsuidh Chriost, agus ann an la breitheamhnaish, firionnaichir, agus gloraichir ar n anama agus ar corpa, agus cuirrir ann sheilbh iad ann an gairdeachas ar Tighearna: agus nithir suas ar sonnas leish na solasaibh sonraichte sho.

1. Nithir coi’ -lionta shibh: nithir neamh-bhas-mhor ar corpa bas-mhor, agus cuirridh ar truaillidheachd uirr-e neamh-thruaillidheachd; cho bhith shibh ocrach no iot-mhor, sgith no ea-slan tuille: cho bhith abhar eagail ag-aibh roimh naire, roimh dholas, roimh bhas no roimh ifrionn. lan-shaorar ar n anama o pheaca, agus lan-ulmhaichir shibh a ghabhail eolaish air Dia, agus a thoirt graidh agus cliu dha.

2. Is obbair dhibh dearcagh air gloir an Fhir shaoraidh, ann an co’ -chuiddeachd neamhaidh nan naomha: agus shealla a ghabhail do ghloir an De uille-bheannaichte; ard-chuspair ar graidh a dheanamh dhesin a ghradhaich shibh; agus a chliudhachadh gu shioruidh.

3. Meadaichidh ar gloir, gloir Jerusalem nuaidh, cathair an De bhith-bheo, agus is mo sho dhibh na solas aonranach.

4. Gloraichir am Fear-saoraidh ann ar gloir- ’se, cliudhaichir a mhorachd leibh gu shioruidh, agus


[218] is taitneach leish shibh, oir is shibh saothair anama: agus is mo dhibh sho na ar gloracha fein.

5. Agus gloraichir ann ar gloir- ’se morachd shioruidh an De bhith-bheo: mar a chliudhaichir a mhorachd leibh, mar a cho’ -partaicheas e a ghloir agus a mhaitheas ribh, agus mar is taitneach leish shibh, agus coi’ -liontachd oibre ghlor-mhoir fein ann an gloir Jerusalem nuaidh, agus ann an gloir a Mhic shioruidh.

Is cinteach gu fead an deirceach as aim-beartaich ann ar measg, sho uilla shealbhachadh gu shioruidh.

2. Chi shibh ciod air son is eigin dibh iompochadh: agus anoish, is eigin dibh a thuigshinn co uaidhis eigin dibh iompochadh: agus ann aon fhocall, is eigin dibh iompochadh o ar fein-speish fheol-mhoir, crioch an t sluaigh neimh-iompoichtuille. Is eigin dibh iompochadh o ain-miannaibh feol-mhor, leish an ail gu toillicheadh shibh iad fein roimh Dhia, na h ain-mianna shin, atag ar mealladh chum sho a dheanamh. Is eigin dibh iompochadh on diabhol, agus on t saoghal, am bia leish am meall an t iasgair cealgach shin ar n anama. Agus mar sho is eigin dibh iompochadh o gach peaca toille as aithne dhibh.


[219]

3. Is eigin dibh a thuigshinn co dhionsuidh is coir dhibh iompochadh, iodhon dhionsuidh Dhe mar ar crioch; dhionsuidh Chriost, mar an t slighe chum an Athar; dhionsuidh naomhachd mar an t sligha dhordoich Criost; agus mar sho dhionsuidh feim uille mheadhona nan grasa thairg an Tighearna dhibh mar chuiddeacha.

4. Fa dheoidh, is eigin dibh a thuigshinn co leish is coir dhibh iompochadh. Iodhon le Criost, an t aon Fhear-saoraidh, agus an t aon Fhear eadar-ghuidhe; agus leish an Spiorad fhior-ghlan, am Fear-naomhachaidh; agus leish an fhocall mar inneal iompochaidh an Spioraid; agus le creiddeimh agus aith-reachas mar na meadhona agus na dleasdanasa ion-choimh-liontair ar taoibh- ’se. ’Ta sho uille riachdanach.

SHEOLA II.

Mas ail leibh iompocha agus bith tearuinte, smuaintichibh gu durachdach ann an uaigneas; oir millidh neamh-churam an saoghal. Rachaibh gu tric air uaigneas agus smuaintichibh ann shin air a chrich chum an do rinneadh shibh; air ar beathaidh a chaith shibh, air an aimshir a chaill shibh, agus air a pheaca chuirr shibh ann gniomh:


[220] smuaintichibh air gradh, fullangas agus iom-laineachd Chriost; air a chuntart dam bheill shibh buailteach; air dluthas baish agus breitheamhnaish dibh; agus air mor-luach chinteach an t solaish neamhaidh! smuaintichibh air uabhas cinteach, agus air dorainn bhioth-bhuan ifrionn, agus air an shioruidheachd shin mar-aon; smuaintichibh air riachdanas an iompochaidh, agus naomhachd beathaidh; maothaichibh ar n anama le smuaintibh mar iad shin.

SHEOLA III.

Mas ail leibh iompocha agus bith tearuinte, feithibh air focall De, meadhon gnathaichtan iompochaidh. Leaghaibh no eishdibh na scrioptura naomha, agus sgriobha diadhaidh eilla chuirreas ribh an scrioptur gu tric; agus feithibh air shearmonacha follasach an fhocaill. Mar a shoilshicheas Dia an saoghal leish a ghrein, agus chon ann leish fein amhain: mar shin iompoichidh agus teassairgidh Dia an sluagh le a luchd teagaishg, oir is iad sollas an t saoghail. Gniomh. 26. 17, 18. Mat. 5. 14. An uair dhuirishlich e Pol gu miorbhailleach, chuirr e Ananias da ionsuidh. Gniomh. 9. 10. Agus an uair


[221] a chuirr e aingel dhionsuidh Chorneliush, dhiarragh air fioss a churr air Peadar, a dhinsheadh dha ciod e bu choir dha a chreidshinn agus a dheanamh.

SHEOLA IV.

Cleachdaibh dhibh-fein doll dhionsuidh Dhe le h urnaigh dhurachdaich gu tric. Aidmhichibh agus caoidhibh ar beatha a chaidh sheach, agus iarraibh gras dar soilsheachadh agus dar n iompochadh. Guidhibh maitheamhnas gach peacaidh a chaidh sheach, agus gu toir Dia a Spiorad dibh, dhatharrachadh ar croidhagus ar giulain, agus dar sduireagh air a shlighe fein, agus dar teassairginn o bhuaireas. Agus saothairichibh ann an obbair an Tighearna gach la gun sgitheas.

SHEOLA V.

Sguirribh air ball do gach peaca toillas aithne dhibh, staddaibh agus na triallaibh anns an t slighe shin tuille; na bitheadh mishg oir-ibh tuille, ach sheachnaibh fath agus ionnad na mi-cheille. Na mallaichibh, na mionnaichibh, agus na cainibh tuille. Tilgibh uai- ’bh le grain ar n


[222] ain-mianna agus ar solas peacach: agus ma rinn shibh ea-coir ar neach, thugaibh coi’ -leassacha dha, mar a thug Zacheus. Ma chuirreas shibh ar shenn-pheaca ann gniomh a rish, an ionn dibh duil a bhith ag-aibh re beannacha Dhe air meadhona ar n iompochaidh?

SHEOLA VI.

Ma bha droch-cuiddeachd ag-aibh roimh-e sho, atharraichibh iad air ball, ma dhfheadas shibh. Chon ann le cul a churr re ar daimh dhileas, ach re ar companachaibh peacach agus neimh-fheimeil, agus ceangailibh shibh-fein re luchd eagail an Tighearna, agus iarraibh eolas uath-a air an t slighe chum neamha

SHEOLA, VII.

Thugaibh suas shibh-fein don TighearnJosa, leigh ar n anama, chum as gu glan e shibh le fhuill, gu naomhaich e shibh le a Spiorad, le fhocall, agus le a luchd teagaishg, meadhona iompochaidh an Spioraid. Is e Criost an t slighe an fhirinn agus a bheatha; agus ni bheill slighe re doll chum an Athar ach trid Chriost. Join.


[223]

14. 1. Ni mo ata ainm eille fa neamh, o an sruth ioc-shlainte mhiorbhailleach. Gniomh. 4. 12. Air an abhar shin gabhaibh eolas air a phearsa agus air a natur, tuigibh ciod e a rinn, a dhfhuilling, agus a ni e air ar son; agus smuaintichibh cia mar a bhitheas e lain-diongmhalta riarachadh ar n uilluir-easbhuidh.

SHEOLA VIII.

Mas ail leibh do rireadh pilleadh agus bith beo, deanaibh sho air ball agus gun dail. Mur ail leibh pilleagh anoish, chon ail leibh pilleadh gu brath. Cuimhnichibh gu bheill shibh fadd na h uine sho ann ar fuill fein; fa chionta nam milte peaca, agus fa fheirg Dhe air an son; gu bheill shibh ann ar sheassamh air bruach ifronn, agus gun ach ceim eidir shibh agus bas. Agus am fead ach duine gun cheill bith suaimhneach anns a chuntart sho? air an abhar shin, mosglaibh, mosglaibh gu gradd, agus teithibh le ar n anamaibh; mar a theitheadh shibh o thigh a ghabhadh teinne os ar ceann’. Och! nam bu lear dhibh an shior-chuntart ann am bheill shibh, an call do-labhairt fa am bheill shibh gach la, agus cia sonna tearuinte dhfheadadh shibh bith, nan


[224] iompoicheadh shibh, nam bu lear dhibh sho, cho sheassadh shibh diamhain, ach philleadh shibh air ball. ’Ta moran ag doll am mearrachd nach pill gun dail agus gu deonach, an uair a leigir rish doibh gur eigin dhoibh iompochadh no doll am mugha. ’Ta ar beatha neimh-chinteach gearr; agus ciod i an staidd ann am bith shibh ma bhasaicheas shibh gun lain-iompocha! dhfhuirrich shibh an-fhadd cheanna; bha shibh ro fhadd ag deanamh ca-coir air Dia, fasaidh am peaca neart-mhor, agus freamhaichidh e gu teann, mur spion shibh ass a bhun e gun dail. Fasaidh ar n iompocha nis cruaidhe agus nis cuntartaiche, ma chuirreas shibh dail ann; ’ta moran ag-aibh cheanna ra dheanamh, agus air an abhar shin na cuirribh dail anns an obbair uille, gu deirre ar n aimshir, air eagal gu treig Dia shibh, agus gu toir e suas dhibh-fein shibh, agus ma tharlas sho theid shibh am mugha gu shioruidh.

SHEOLA IX.

Mas ail leibh pilleadh re beathaidh gu brath, pillibh air ball agus gu h iomlan deonach. Na tairgibh an coi’ -cheangal sho a dheanamh re Criost, iodhon gu roinn shibh ar n anama eidir


[225] e-fein agus an saoghal, gu treig shibh cuidd dar peacaibh air iartas- ’sa; gu gleidh shibh cuidd eille dhiu; agus gu cuirr shibh uai- ’bh uirrid as a cheaddaicheas ar n ain-mianna dhibh a sheachnadh. Is fein-mhealtoireachd sho: oir is eigin dibh gu croidheil deonach cul a churr rish gach ni ata ag-aibh, no cho deisciple do Chriost shibh, Luc. 14. 26. 33. Mur gabh shibh Dia agus sonnas mar chranchar, agus mur leag shibh ar n uille mhaoin gu h ishiol ag cossa Chriost, cho deisciple dha shibh. Ach chon fhuillear leibh cranchar do dheagh nithibh talmhuidh, oir cho leor-daothainn leibh Dia, agus gloir shioruidh, agus is diamhain bithg an tairgsheadh dhibh mar shonnas coi’ -lionta. Cia crabhach air bith shibh ann ar barrailibh fein, gidheadhmur bheill ag-aibh don chrabha ach treibh-dhireas, soirbheacha, solas, agus tearmann feolmhor, na h earbaibh ar sonnas reu, oir cia taitneach air bith leibh-fein iad sho, ’ta iad air chint, co’ -dorainneach bhas-mhor re h ain-diadhachd fholasach, giodh dis i an dreach beagan is fearr.


[226]

SHEOLA X.

Mas ail leibh pilleadh agus bith beo, iompoichibh gu runach, agus na gabhaibh uin fhadda dar comhairle, mar ann an gnothach amharasach. Na bithibh iom-luath, mar dhaoinata neimh-chinteach, an e Dia, no an i an fheoil, uachdaran as fearr; an i neamh, no ifrionn ceann-uighe as fearr; an e am peaca, no an i an naomhachd slighe as fearr. Ach cuirribh uai- ’bh ar sheann-ain-mianna feol-mhor, agus roighnichibh leassacha beathaidh, air ball, agus le ruin shuidhichtanama: na bitheagh aon run ag-aibh an diugh agus run eillam maireach; ach thugaibh littir-dheallachaidh don t saoghal uille; agus le lan-ruin thugaibh suas shibh-fein agus gach ni ata ag-aibh do Dhia. Anoish air cluintinn, no air leaghadh sho dhibh, roighnichibh leass ar n anama, suill fan caiddil shibh oiche eille, agus fan gluaish shibh ass an ait sho. Suill fam bith fath ag an diabhol ar fuadachadh leish, roighnichibh iompocha. Oir cho phill shibh gu brath, gus an roighnich shibh pilleadh, le lan-ruin agus dian-thogra gun


[227] chaochla. Gabhaibh an uirrid sho do sheola slainteil.

Anoish rinn mishe mo dhicheall anns an obbair sho, chum as gun iompoich shibh air iartas De, agus gu bith shibh beo gu sonna shiorruidh. Ach ciod i a bhuill a bhitheas air mo shaothair chon aithne dhomh. Chuirr mi por iartaish De, ach chon urra mi a thoirt air fas. Chon fhead mi doll nis faidde le mo theachdaireachd; chon urra mi a sparragh ann ar n anamaibh, no a thoirt uirr-e oibreachadh ant-a; chon fhead mi ar n obbair-sa dheanamh air ar son, iodhon, a thoirt oir-ibh oidheachd a thoirt do mo theachdaireachd, no smuainteachadh uirr-e: ni mo is urra mi a dheanamh obbair De, iodhon, ar n anama fhosgladh chum a gabhail air oidheachd; no a thoirt shealla-sul dibh air flaitheas na gloire, no air ifrionn na dorainn, no a thoirt maoth-chroidhe nuadh dhibh. Nam baithne dhomh tuilla dheanamh chum ar n iompochaidh, is doigh leam gu deanainn e gu deonach.

Ach, O! Athair chaoimh nan uille Spiorada, mhionnaich thu mar is beo thu, nach taitneach leat leir-sgrioss dhaoinaingidh, ach gur roighniche leat gu pilleagh agus gu bitheagh iad beo; na diult do bheannacha do gach impidh agus


[228] Sheola dhiu sho, agus na ceaddaich do dnaimhdibh buadhachadh ann do lathair; na leig do mhealtoir mor an anama lamh-ann-uachdar fhaghail air do Mhac, air do Spiorad, no air t fhocall. Amhairc le tiom-chroidhe air gach peacach truagh neimh-iompoichte, leish nach truagh e-fein, agus nach iarr cuiddeacha. Faiceagh an dall, cluinneagh am bodhar, agus mosglagh am marbh air t iartas; agus na leig le peaca no le bas curr ann a t aghaidh. Duishg an neamh-churamach, fuasgail gach im-cheisht, socraich an duinuddalach, agus shilleadh suile gach peacaich a leaghas na briathara sho le dearaibh frassach an aithreachaish air son peacaidh; aishig an ciall doibh, agus pill re do Mhac iad, suill fan iommain am peaca chum dorainn iad. Ma labhras tu ach am focall bithidh buill air mo dhicheall fann- ’sa, a theassairginn morain anama chum an gairdeachaish shioruidh, agus chum do ghloir bhioth-bhuan- ’sa. Amen.

CRIOCH.

titleSheola I-X
internal date1750.0
display date1750
publication date1750
level
parent textGairm an De Mhoir do ’n t Sluagh Neimh-Iompoichte, Iompochadh agus Bith Beo le Richard Baxter
<< please select a word
<< please select a page