[229]

TRI URNAIGHE:

Aon do theaghlaichibh;

Aon eille do pheacach lan aithreachaish; agus

Aon ra gnathachadh air la an Tighearna, leish an dreim shin amhain a dhfheimeas a leithid shin do chuiddeacha.

A leaghoir, leish an da abhar a leannas, bhrosdaicheadh mi, cum na h urnaighe sho a churr rish an leabhar-sa.

1. Chi mi gu bheill moran sluaigh ann am bheill cail-eigin do dheagh thogra, ag dearmad Ara crabhach a thoirt do Dhia ann an teaghlachaibh do bhridh an laigshe, agus an ain-eolaish; achta duil ag-am nach dearmaid iad an dleasdanas sho, ma gheibh iad beagan cuiddeachaidh. Agus giodhta moran urnaighe sgriobhta, gidheadh, is tearc teaghlach bochd ag am bheill iad, agus feadaidh mishe murnaighe fein a thoirt dhoibh nis saoire, na dhfheadas mi urnaighe eilla cheannach dhoibh.

2. ’Ta cuidd dhaoine dan cosmhuil bith iompoichte chum aithreachaish agus nuaidheachd beathaidh, le beannacha Dhe air leagha mo


[230] sgriobhaidhs’, ag guidheagh or-m riaghail a sduireagh an teaghlaiche ann an urnaigh, a sgriobhadh dhoibh, mar chuiddeacha, do bhridh nach do chleachd iad urnaigh a dheanamh ann lathair dhaoineille.

Mas beo mi a sgriobhadh riagail a sduireadh theaghlaiche anns an urnaigh, is i mo run tuilla churr reu sho.


Urnaigh teaghlaich, moch-thrath agus trath feascair.

O! DHE, is tusan Spiorad shioruidh, neimh-chriochnaidheach, agus iom-lan ann cumhachd, ann gliocas agus am maitheas; chon fhaic rosga bas-mhor, agus cho lan-tuig eolas cruthaichte do natur; ’ta do lathaireachd leinn gach am; is lear dhut diamhaireachd ar n anama; is aithne dhut ar peaca agus ar n uireasbha! ach iarraidh tu ar n aidmheil mar obbair ar n aithreachaish, agus ar n iartas mar obbair ar mianna agus ar n earbsaidh mhacanta! och is truadh nach fearr an airridh ar n anama air do lathaireachd fhior-ghlan, agus nach bheill shinn nis iom-chuidhair an obbair mhoir agus naomha sho! O! thusa bheirr cuirre trocaireach do pheacachaibh truadh teachd


[231] do t ionsuidh air slighe na beathaidh nuaidh; na coinnich shinn an do cheartas mar theinne lasrach, ach gabh rinn air sgath ceartaish Mic do ghraidh, oirta ar muinghin ann a shir-eadar-ghuidhe.

Is tusa ard-chruthai-fhear nan uille nithe, dhealbh thu shinn do reir t iomhaigh fein, chum eolas a ghabhail or-t, gradh agus umhlachd a thoirt dhut: ach thruaill am peaca ar cumhachda uille, chlaon e ua-tsiad, agus on chrich chum an do chruthaich thu shinn: ghabhadh, ghinneadh, agus ghluaish shinn ann am peaca, ag an-tromachadh ar gin-chionta agus ar truaighe. Giodh do bha fioss ag-ainn gu bu tu ar shealbhadoir, ghluaish shinn mar dhaoinair an comhairle fein. Ghairm shinn or-tsa mar ar Riogh agus ar riaghlai-fhear, ach rinn shinn ceannairc or-t, agus thug shinn umhlachd dar n an-toill fheol-mhoir fein: is fior-mhaitheas agus gradh thu, is tu ughdar gach aon ni air bith ata maith agus ion-mholta. Agus bu choir dar n anamaibh teass-ghradh a thoirt dhut gu deonach; achta iad ain-eolach air do mhor-luach, ag iarraidh solaish ann an diamhanas saoghalta, agus ann an sasacha an ain-mianna feol-mhor. Ghlac an saoghal cealgach sho ar gradh, ar curam agus ar smuainte, ar briathara,


[232] ar n aimshir agus ar saothair, mar gu bu shir-ionnad-comhnuidh agus oighreachd bhioth-bhuan darn anamaibh e, am feadh a dhearmaideagh ar Dia, agus ar n anama nach basaich. Chuirr thu ciocras gloire shioruidh ann-ainn, ghlaodh thu rinn a h iarraidh, agus ar smuainte a thogbhail suas reut fein: ach ghluaish shinn mar nach creidmheamaid t fhocall, agus rinn shinn di-meass air gairdeachas neamhaidh a thairg thu dhuinn, agus roighnich shinn solas diom-buan feol-mhor. Thug shinn Ara dhut gu diamhanach, agus umhlachd dhut gu fuar-chrabhach le ar briatharaibh amhain. Thug shinn t ainm uabhasach ann diamhanas; agus mhio-ghnathaich shinn do la naomha. Thug shinn eas-umhlachd dar n uachdaranaibh, agus dhearmaid shinn ar n iochdarana. Bu choir dhuinn ar teaghlaiche a riaghlachadh mar eaglaish naomha De, ach bu tighe diamhanaish, saoghaltachd, agus tallachaidh air an staidd iad. Bha ar smuainte ciontach ann diamhanas, ann ammaideachd, ann amla, am mio-ruin, agus ann ain-miannaibh sallach neamh-ghlan. Bha ar teanga ciontach ann caint ammaidich dhiamhain, am briatharaibh feargach, ann an-chaint, ann co’ -radh sallach mio-stuamadh, ann cul-chaint air daoineille, agus am moran breagaibh. Cho
[233] do ghradhaich shinn ar coimhearsnach mar shinn-fein; ni mo a rinn shinn do chach an ni a bail leinn uath-a: ach bha shinn uille fein-speisheil, gu h uallach ag miannachadh meass mor agus aird-inbhe; gu santach ag iarraidh ar leass, agus ar solaish ain-miannaich fein; an uair a ghabh shinn ro bheagan curaim do leass corpora agus spioradail dhaoineille. Bha shinn ro mhall a ghradhachadh ar naimhde, agus mio-chroidheil a thoirt maitheamhnas cionta dhoibh. Mhio-ghnathaich shinn do thiolaca, mhio-bhuillich shinn ar n aimshir luach-mhor le diamhanas, is ro bheag feim a rinn shinn air tallamh.

Giodh do shollair do throcair iongantach dhuinn Fear-saoraidh, agus cungaidh-leighish nis leor ann-san: agus giodh do thug thu dubh- ’lan eolaish aingle agus dhaoine, ann am foilsheacha iongantach sho do gliocaish agus do ghraidh; gidheadh, fhuair shinn tuishle air t fhocall le ar neimh-chreiddeimh, agus dhearmaid shinn an t slainte mhor sho gu neamh-mhothachail. Cia neamh-churamach a chuala agus a leagh shinn do shoisgeul? nach beag a chuirr gradh agus fullangas ar Slanai-fhir oir- ’n? bheirreamaid buidheachas do neach air bith a bheirreadh dhuinn tearmann no saibhreas saoghalta: ach cia mio-bhuidheach


[234] a bha shinn do Chriost, a rinn an uirrid sho, a theassairginn ar n anama o leir-sgrioss shioruidh! mo thruaigh, ’ta ar croidheacha do-lubaidh agus neamh-uir-ishlichte, coi’ -dheish mu pheaca agus mu dhiom cho’ -thromaich Dhe, agus coi’ -dheish mu Chriost agus mu a ghrasa. Agus is ceart dhutsan trocair air an do rinn shinn uirrid di-meish, a dhiultadh dhuinn gu shioruidh.

Ach buinn rinn O! Thighearna do reir do mhaitheish fein, agus do reir ar feim an-barraich- ’ne; agus na smachdaich shinn do reir ar droch-thoilteanaish. Pheacaich shinn mar dhaoine, ach bith thusa trocaireach mar Dhia. Mar ata ar peacaidh- ’ne lion-mhor, bitheadh do ghrasa nis lion-mhoire gu mor! thug thu Slanai-fhear don chinnea-daona, an uair bu naimhde dhut shinn; agus bha thu ann an Criost ag aith-reiteachagh an t saoghail reut fein: is i do run aird-thighearnail, fath a dheanamh dar beag-luach, agus dar truaigh, a ghlorachadh do ghraidh agus do throcair iongantaich, ann am moran peacaidh a laghadh, agus am fead shinne gun mhoran graidh a thoirt dhutsair a shon sho? agus ann a dhiaigh sho uille, ma chuirreas shinn an teagamh, gu bheill thu deonach maitheamhnas a thoirt don chreidmheach ata lan aithreachaish, ni shinn


[235] ea-coir an-barrach air saibhreas do ghraish. Dhiarr thu shinn an uair nach diarr shinne thusa! is ann air t iartas fein a shirreas shinn thu, agus a ghuidheas shinn trocair. Thug thu dhuinn na ceart mhianna shin a dhortas shinn amach ann do lathair. Ghuidh thu oir- ’ne bith reidh reut, agus gabhail re dghras: agus an cuirr shinn ann teagamh gu bheill thu toilleach a dheonachadh? Ata coi’ -leassacha iom-lan do dcheartas air son ar peacaidh, ann an iobhairt agus deagh-thoilteanas do Mhic, agus ioc-shlainte nis leor dhfhireannachadh a chreidmhich ata lan aithreachaish ann do lathair. Thug thu do Mhac mar fhear teagaishg gun mhearrachd do t eaglaish: is Riogh lan-chumhachdach dar riaghlachadh, dar coimhead, agus dar fireannachadh e. Thug thu do Spiorad a naomhachadh ar n anama; agusta do ghradh lain-dhiongmhalta chum ar sonnaish agus ar suaimhnish shioruidh. Air an abhar shin, bheirr shinn suas shinn-fein dhutsa ar Dia, ar n Athair, ar Fear-saoraidh agus naomhachaidh; agus guidheamaid or-t, gabh rinn air cumhnanta coi’ -cheangail do ghrasa. Na cuimhnich ann ar n aghaidh ammaideachd, ain-eolas, agus ain-mianna ar n oige: lagh dhuinn ar peaca diamhair agus sollasach; ar peaca neamh-churaim, braishineachd,
[236] agus an-danadaish; gu sonraichte na peacaidh shin a chuirr shinn ann gniomh gu deonach, ann aghaidh ar n eolaish, agus co’ -spairn do ghraish. Ath-nuadhaich agus lan-naomhaich shinn le do Spiorad: buinn uai- ’nn an sheann-chroidhe clochaidh, agus thoir dhuinn an croidhe maoth, bruite agus soi-theagaishg: thoir dhuinn an natur naomha neamhaidh; naomhaich shinn le dreach t fhior-ghlaine: thoir oir- ’ne shinn-fein, agus gach ni a thug thu dhuinn, a choishreactha dhutsa dam buinn iad, gu h iom-lan. Lan-umhlaich do driaghail uille chumhachda ar n anama agus ar corpa. O! leig rish duinn do mhaitheas nach traogh, t iom-lanachd ghlor-mhor, agus do throcair iongantach, a thug thu dhuinn ann Criost; dort amach do ghradh air ar n anama le do Spiorad naomha, gus an toir do ghradh oir- ’ne, gur eigin duinn do ghradhachadh, os gach ni agus neach, le ar n uille chroidhe, le ar n uillanam agus le ar n uille neart. Lassadh dealra do ghraidh ar n anama, chum as gu toir shinn teass-ghradh dhut gu deonach; gu blaish shinn tionscana an t sonnaish agus an t solaish neamhaidh ann do ghradh; gu tuig shinn nach bheill doigh ag-ainn air nis leor a thoirt dhut do ghradh; agus gun abbair shinn gu neimh-chealgach gur fadda leinn
[237] gus am fead shinn tuille thoirt dhut. Cho cheaddaich ar neimh-iom-laineachd dhuinn a radh, gu toir shinn gradh dhut do reir do mhor-luaich, oirta sho os ceann neart aingle agus dhaoine: ach, och, nach urra shin uirrid graidh a thoirt dhut as bu mhaith leinn! gus an rig shinn air an staidd lain-bheannaichte shin, ann an gradhaich shinn thu nis mo na is urra shinn anoish a mhiannachadh! giodh nach peacaicheamaid riamh am focall no ann gniomh, is peaca, peaca nach urra shinn a chaoidheadh gu brath, easbhuidh ar graidh dhutsa; is uallach nach urra shinn a ghiulan, masla ar natuir thruailte! chon iarr shinn tuille sonnaish anns a bheathaidh sho, ach barrachd eolaish or-tsa, agus neart a thoirt tuille graidh dhut. Thoir dhuinn Spiorad na h uchd-mhacachd, a lionnas shinn le ruin mhacanta dhutsa ar Dia, agus ar n Athair neamhaidh, ata reidh rinn ann an Criost. Thoir oir- ’ne ar n ard chrioch araid a dheanamh dhiotsa, agus do ghloir iarraidh anns gach gniomh. Deonaich gur e dian-thogra ar n anama, thusa thoilleachadh anns gach ni, soirbheachadh le do rioghachd, agus do thoill a dheanamh. Ardaich do ghloir os ceann nan neamha, naomhaich t ainm air an tallamh uille, iompoich an saoghal geintileach gun chreiddeimh, agus
[238] cuirr fa cheansal do mhic e. Thoir riaghlai-fheara glic agus naomha do na finneachaibh; rachadh soisgeul do mhic amach mar a ghrian, a shoilsheachadh gach cearna don tallamh. Och, nach gabhagh an saoghal ata fa mhi-riaghail Righ mhio-runaich an dorchadaish, re do naoimh-reachd, agus nach tugagh iad geil da! och, gun iad a bhith nis cosmhuile re luchd-aiteachaidh naomha nan neamha, ann am maish agus ann an coi’ -sheirm na naomhachd! aith-leassaich gach eaglaish ata truailte agus fa dhorchadas. Tilg anuas an t ain-tighearnas, an ain-diadhachd, an eireceachd agus an sgarra shin, a chongbhas amach eolas, naomhachd agus shith. Dion agus beannaich na h eaglaishe aith-leassaichte; gu sonraichte anns na rioghachdaibh ann am bheill shinne. Beannaich ar n aon uachdaran dligheach, agus an teaghlach rioghail uille; agus gach neach ata ann an ughdaras; muin ar luchd teagaishg, agus thoir aodhaire commasach diadhaidh do gach tread anns na rioghachdaibh sho. Thoir fonn shioth-chainteach, diadhaidh, soi-theagaishg don t sluagh. Cuirr impidh oir- ’ne, do rioghachd agus do cheartas fein iarraidh ar tus: agus cuirr- ’se gach aon ni feimeil eille rinn. Cum suas agus beathaich ar natur le nithibh riachdanach,
[239] agus deonaich gu bith shinn lan-toillichte le ar n arran ladhail; agus foidhideach fan uir-easbhuidh a thoill ar peaca. Teagaishg dhuinn ar n aimshir luach-mhor a dheagh-bhuilleachadh, agus gun a mio-bhuilleachadh le diamhanas peacach; ach crioch a churr air an obbair rish am bheill ar beatha shioruidh ann earbsa; agus ar giulan a bhith mar bu mhaith dhuinn anns an uair dheirreannaich. Deonaich aithreachas, agus maitheamhnas gach la ann am peaca gach laidh, trid Chriost: agus thoir dhuinn muinghin ann a eidir-ghuidhe- ’sin do reir ar shir-fheim. Teagaishgir dhuinne le do mhor-ghradh, agus le do throcair a mhaitheas peaca, ar coimhearsnach a ghradhachadh mar shinn-fein; ar n eascairde a ghradhachadh, cionta mhaitheadh, agus maith a dheanamh air gach neach do reir ar commaish fein; agus am feim- ’sin. Cuiddich leinn cathachagh ann aghaidh an diabhoil, an t saoghail agus na feola, agus buaidh a thoirt orr-a. Coimhid shinn on pheaca chealgach, agus na leig dhuinn shinn-fein iommain gu buaire. Dion shinn o ain-eolas agus o neimh-cheiddeimh, o ain-diadhachd agus o fhuar-chrabha, o uaill agus o shaoghaltachd an-barrach, o leishgagus o shasacha ar n ain mianna peacach feol-mhor. Cuirr impidh oir- ’n Ara a thoirt dhut ann an naomhachd;
[240] t ainm uabhasach a luadh gu h urramach; do la naomha chuimhneachadh agus a choimhead gu curamach. Gleidh shinn o eas-umhlachd pheacach a thoirt dar n uachdaranaibh; o dhearmad ciontach a dheanamh air ar n iochdarana; agus o ea-coir a dheanamh air aon neach ann smuain, am briathar, no ann gniomh! coimhid shinn o bhuaireas peacach na feirge; o smuaintibh agus o mhiannaibh; o bhriatharaibh agus o ghniomharaibh neimh-gheanmnaidh. Cum shinn o mheirle agus o mhealtaireachd a dheanamh air daoineille; o bhreagaibh, o mhasla, agus o chul-chaine. Marbh an fhein-speish shin ata ann aghaidh leass ar coimhearsnaich. Dion shinn o an dioghaltas a thoill shinn. Co’ -oibricheagh ar n uillamhghara chum ar leass. O! cuiddich leinn triall trid an t saoghail dhiom-buain sho, ’g ar n ulmhachadh fein fa choinne baish. Bitheagh ar n anama agus ar co’ -luadar air neamh. Na treig shinn ann aimshir ar n amhghair dheirreannaich. Ach glac ar n anama ann uair baish, agus thoir do Chriost iad.


[241]

ABBAIR MOCH-THRATH.

Dion, sduir agus beannaich shinn an diugh, ann ar slighe agus saothair laghail, chum as trath feascair gu toir shinn dhut buidheachas le gairdeachas trid Josa Criost, ar n aon Slanai-fhear: agus le a bhriatharaibh- ’sin, co’ -dhunaidh shinn ar n urnaighe: “Ar n Athairn ata air neamh, gu beannaichir t ainm, gu tigeadh do rioghachd, gu deanthar do thoill air tallamh mar ata i air neamh, thoir dhuinn an diugh ar n arran ladhail, agus maith dhuinn ar fiacha, mar a mhaitheas shinn dar feicheannaibh, agus na leig ann am buaire shinn, ach saor shinn o olc: oir is leatsan rioghachd agus a chumhachd, agus a ghloir gu shioruidh. Amen.”

ABBAIR TRATH FESCAIR.

Coimhid shinn an nochd, agus deonaich dhuinn an suaimhneas coirp agus anama shin, a dhulmhaicheas shinn chum saothair an laidh as foigshe, air sgath Josa Criost ar Slannai-fhir; agus le a bhriatharaibh’ -sin co’ -dhunaidh shinn ar n urnaighe; “Ar n Athairn ata ar neamh, &c.


[242]

Aidmheil agus urnaigh peacaich ata fa aithreachas.

O! DHE lan-chumhachdaich, uille-ghlic agus ghras-mhoir, giodh dis beag or-tsa uille luchd deanta na h aingidheachd, agus giodh nach fead thu bith reidh re peaca; gidheadh, trid eadar-ghuidhe do Mhic uille-bheannaichte, amhairc le tiom-chroidhe or-msa peacach truadh, a ta ag tuittim le glunaibh lubta ag coss-stol do ghraish. Nam freagrainn an ard chrioch araid fhior-ghlan shin chum an do chruthaicheadh agus an do shaoradh mi, dhfheadainn anoish teachd do t ionsuidh le muinghin agus le danadas Mic, agus le deirbh-bheachd gu dean thu cuspair do ghraidh dhiom: ach rinn mi ceannairc ammaideach ann a t aghaidh! dhearmaid mi gu deonach an Dia a chruthaich mi; an Slanai-fhear a shaor mi; agus a ghloir shioruidh a chuirr thu ann mo thairgshe. dhio-chuimhnich mi an gnothach air an do chuirr thu chum an t Saoghail mi; ghluaish mi mar nach cruthaichteadh mi, ach chum beagan aimshir a struidheagh ann an suaimhneas feol-mhor, agus mo chorp a reamhrachadh mar lon do dhaolaibh na h uaighe. Dhio-chuimhnich mi


[243] le mo thoill gur duine mi, a fhuair reason chum mfheoil a riaghlachadh, eolas a ghabhail air mo Dhia, reamh-shealla ghabhail do mbhas, agus do staidd na neamh-bhasmhorachd. Chuirr mi mo reason fa cheansal chumhachda iochdaranach manama, agus ghluaish mi mar bhruid a bhasaicheas. Och! an aimshir luach-mhor a chaill mi, agus chon fhead an saoghail gu leir a toirt air a h aish! O! an cuirre gras-mhor a dhearmaid mi! O! gairm Dhe a dhiult mi! an gradh iongantach rish an do chuirr mi cul le diom-buidheachas: agus an trocair shaibhir a mhio-ghnathaich agus a dhiompoich mi gu macnus peacach! cia domhainn a chionta chuirr mi ann gniomh! agus cia mor na co’ -fhurtachda a chaill mi! dhfheadainn bith fadd maimshir ann do ghradh- ’s a Dhe throcairich; agus ann an solas t fhocaill agus do shlighe fhior-ghlain; ann an reimh-shealla solasach neamha gach la; agus ann an aibhneas an Spioraid naoimhe, nan gabhainn do naoimh-reachd- ’sa mar riaghail: ach dheishd mi rish an fheoil, agus rish an t saoghal aingidh chealgach, agus roighnich mi beatha dhiom-buan pheacach, roimh do ghradh- ’sa agus roimh ghloir shioruidh!


[244]

Och! ciod e a rinn mi o thainig mi chum an t saoghail! thug peaca agus ammaideachd ua-m maimshir. Is nar leam aith-shealla a ghabhail do gach bliadhann a mhio-bhuillich mi; no smuainteachadh air a bhuaire leish an daom mi: och! ciod e an diamhanas a mheall o mDhia mi? nach beag a bha ag-am air son an t solaish naoimha chaill mi? mar Esau reic mi mo ghin-cheart gu santach air aon lan beil; a thoilleachadh mo Mheanm-mhacnuish, mo chiocraish, agus main-mianna, rinn mi di-meass air gach solas neamhaidh; agus tailceas mio-natura air maitheas mo chruthai-fhir! rinn mi tair air gradh agus gras mfhir shaoraidh! chuirr mi ann aghaidh do Spioraid naoimhe; chuirr mi tosd air mo choguish, agus compar air do mhinishtere, agus air mo chairde ro dhileas fein. Chuirr mi anns an staidd mhulladaich thruaidh sho mi-fein, agus is abhar naire agus uallach dhomh fein mi, agus is uabhann leam Dia, a bhitheagh ag-am mar mhuinghin agus mar sholas, mur bu mhi-fein an coirreach.

Is lear dhutsa mo pheaca diamhair, giodh nach lear do dhaoinibh e; is aithne dhut gach ni atag a an-tromachadh! O! Thighearna, fhuair mo pheaca amach mi! fhuair mo pheaca agus


[245] mo dholas lamh-ann-uachdar or-m! ma dhamhairceas mi air mo dhiaigh, chi mi maingidheachd air toir manama mar namhad neart-mhor, deass do mghlaca agus do mleir-sgrioss! ma dhamhairceas mi romh-am, chi mi do bhreitheamhnas co’ -thromach uabhasach, agusta fioss ag-am nach saor thu an ciontach, ach air cumhnanta soisgeil do Mhic. Ma dhamhairceas mi air manam, chi mi croidhe truailte dorch. Ma dhamhairceas mi an taobh amach dhiom, chi mi an saoghal ag shior-thairgsheadh nuadh-bhuaire do mmhealladh. Ma dhamhairceas mi os mo cheann, chi mi do mhorachd uabhasach dan dthug mi oil-bheim. Ma dhamhairceas mi fo-m, chi mi ionnad na dorainn shioruidh a thoill mi, agus a chuiddeachd ifrionnach air an airridh mi! is eagal leam bith beo, agus is mo an t eagal leam basachadh!

Ach gidheadh, an uair a ghabhas mi shealla do dMhac; do shaibhreas do throcair; agus do dchoi’ -cheangal; ’ta duil chinteach ag-am gu coi’ -shin do mhaitheas re dmhorachd; is fior-ghradh thu, agusta do throcair os t obbair uille. Dhaontaich do Mhac bith co’ -gras-mhor do pheacachaibh, air modh coimh-iongantach, rinn agus dhfhuilling e uirrid chum ar slainte; as nan cuirrinn ann ceisht gu bheill thu toilleach maitheamhas


[246] eamhnas peacaidh a dheonachadh, gun an-tromaichinn muille chionta, le h eas-onoir a thoirt do dthrocair gun choi’ -meass a chuirr thu romh-at a ghlorachadh. Os-barr chi mi sgriobhtann t fhocall, gu do rinn thu coi’ -cheangal graish trid Chriost, agus gu dthug thu reachd dearmaid amach, ann an do dheonaich thu cheanna maitheamhnas do na h uillibh, air chumhnanta, ach gu saor; ag toirt doibh maitheamhnas an uille pheacaidh, gun neach air bith a dhruiddeagh amach a philleas reut trid Josa Criost, le creiddeimh, aithreachas, agus leassacha beathaidh neimh-chealgach. ’Ta do throcair a thaishbin thu cheanna dhomh, ag meadachadh mo mhuinghin, do bhridh nach do leir-sgrioss thu mi, agus nach dthug thu thairrish mi do chruadhas mo chroidhe fein; ach gu bheill thu ag leigeil rish mo pheacaidh agus mo chuntairt domh roimh dholl domh ass aite teassairginn.

O! uim-eshin, amhairc or-msa peacach, ata air mo ghluna lubtann do lathair, ag bualadh muchd mar am maor cios-chain, agus leish an nar mo shuil a thogbhail re neamh. O! Dhe dean trocair or-msa peacach. ’Ta mi ag aidmheachadh, cho an e amhain mo pheaca ginn ach ammaideachd agus cuthach moige, lionmhorachd


[247] peacaidh main-eolaish, agus meolaish, mo neamh-churaim agus mo thoilleileachd, mo dhearmaid agus mo ghniomhara, ann aghaidh an reachd natura, agus ann aghaidh graish agus soisgeil do Mhic. O! mo Dhia, teassairg mi, agus deonaich dhomh maitheamhnas, air sgath saibhrish do throcair, air sgath iobhairt agus mor-luach do Mhic, agus air sgath geallaidh a mhaitheamhnaish a thug thu dhuinn trid do Mhic; oir ant-a shin amhain ata mo mhuinghin uille. Na did mi oirta mig am dhideadh fein. O thusa dhfhosgail tobbar luach-mhor do pheaca agus do neamh-ghlaine, gu h iom-lan ionnail mi o maingidheachd, agus glan mi o mpheaca. Giodh dthoill mi o dcheartas miommainn chum ifrionn gu gradd, thugadh do throcair buaidh ann mo thearmann. Ni bheill tlachd air bith ag-at ann leir-sgrioss peacaich, ach is roighniche leat gu pilleagh e le h aithreachas agus gu bitheagh e beo. Mur bheill maithreachas mar is ail leat, O! maothaich mo chroidhe cruaidh clochaidh, agus deonaich dhomh aithreachas slainteil. Pill, mi reut fein, O! Dhe mo shlainte; agus dealradh do ghnuish or-m. Cruthaich croidhe glan, agus ath-nuadhaich Spiorad ceart ann-am. Air pilleadh dhomsa do Mhac struidheil truadh, na coinnich am feirg mi, ach
[248] failtich mi ann an glacaibh do chaomh-throcair. Na tilg o dshealla mi, agus na fogair ua-t mi le luchd deanta na h aingidheachd. O! Athair a dhfhuilling mi gu foidhideach an uair a rinn mi di-meass or-t, anoish, air iarraidh dhomh do t ionsuidh, na diult mi, agus mi ar mo ghluna anns an luaithre ag guidheadh do throcair. Dhiompoich thu Manasseh aingidh, agus Saul t fhear dian-ruagaidh, agus thug thu maitheamhnas doibh. agusta moran air neamh, a bha naimhdeil dut! mar an ceadna, le maitheamhnas a thoirt do ro iomarcaidh mo pheacaidhsgloraich lan-shaibhreas do ghraish.

Ni bheill mi ag iarraidh commas peacachaidh a rish, ach saora o chumhachd mo natuir pheacaich. Deonaich dhomh do mnuadhachadh Spiorad do Mhic, a naomhaicheas uille chumhachda manama. Thoir dhomh an reason, agus an natur nuadh neamhaidh, agus Spiorad na h uchd-mhacachd do math-chruthachadh do reir t iomhaigh ghlor-mhoir fein, chum as gu bith mi naomha mar ata thu fein naomha. Soilshich mi le h eolas slainteil or-t fein agus air do Mhac Josa Criost. O! lion mi le dghradh, chum as gu socraich mi manam gu h iomlan or-t; agus gu gabh mi tlachd os gach ni, ann


[249] an cuimhne do mhorachd neamhaidh. Ruidheadh mo smuainte gu saor air do dhiaigh le tlachd! labhradh mo theanga gu solasach saor, or-t fein, air do ghloir, air do rioghachd, air t fhocall agus air do shlighe. O! taishgir mionmhas air neamh, agus labhram le tlachd air an ionnad aoibhinn shin gach la. Deonaich gur e ard-ghnothach manama choishreacta gach la, thusa thoilleachadh, agus a chliudhachadh; do rioghachd a churr air a h aghaidh, agus do riar a dheanamh! cuirr t eagal ann mo chroidhe, chum as nach treig mi gu brath thu! bha tuille na a choir fein ag an t saoghal sho do manam cheanna; ach anoish ceasar an saoghal dhomhsa, agus mishe don t saoghal, trid croish Chriost. Na gradhaichim an saoghal no nithe saoghalta gu h an-barrach: ach air bith do bhia agus do eadach ag-am, thoir or-m bith toillichte leo. Marbh muillain-mianna feol-mhor, chum as nach amhairc mi le sant ann diaigh na feola ach ann diaigh ann Spioraid. Coimhid mi o ribbe na cuiddeachd aingidh, o chomhairle agus o shlighe dhaoinain-diadhaidh. Beannaich mi le co’ -chommunn nan naomha mar chuiddeacha; agus leish na meadhonaibh shin uilla dhordoich thu a shoirbheachadh le ar slaintagus naomhacha. Och
[250] gun mo shligha bhith coi’ -direach as gu feadainn do naoimh-reachd a choimhead. Na leig dhomh pilleadh re h ammaideachd gu brath, no coi’ -cheangal mo Dhe a dhearmad. Cuiddich leam mo chead thogra peacach a mhuchadh, agus grain a ghabhail do gach smuain agus miann pheacach. Neartaicheadh do Spiorad mi ann aghaidh gach buaire, chum as gu toir mi buaidh, agus gu buanaich mi umhal dhutsa gu brath. Ulmhaich mi fa choinne fullangaish, baish, agus breitheamhnaish, chum as an uair is eigin domh an saoghal peacach sho fhagbhail, gu fead mi mo Spiorad a thoirt suas le gairdeachas, ann an lamhaibh dileas mFhir shaoraidh chaoimh; agus chum as nach aireamhar mi le luchd-aingidheachd, a bhasaicheas ann am meadhon am peacaidh neamh-laghta, agus a thriallas chum dorainn shioruidh: ach gu bith mi ann Criost, leish a cheartas ata o Dhia trid creiddeimh; agus gu rig mi air aish-eirigh nam fireanta: chum as gu brosdaich cuimhna pheacaidh agus na dorainn on do shaor thu mi, mo shir-chliu dhutsa mo Chruthai-fhear, mFhear-saoraidh agus mFhear-naomhachaidh.

O! gu gairmeadh agus gun iompoicheadh tu finneacha truadh an iodhol-araidh agus an neimh-


[251] chreiddeimh; agus lion-mhorachd luchd-fuar-chrabhaidh ain-diadhaidh, ag am bheill an t ainm criostuidh, gun fhirinn, gun chumhachd, agus gun beathaidh an t soisgeil. O! cuirr amach luchd-saothair chum t fhomhairidh agus na bacagh an diabhol iad. Soirbhich le soisgeul, agus le rioghachd do Mhic, chum as gun iompoichir tuille pheacacha do t ionsuidh, agus gu bith an tallamh sho nis cosmhuile re neamh; agus chum as an uair a chruinnicheas tu shinn uillann aon bhuidhinn fa Chriost, gu toir shinn dhutsa le gradh agus le gairdeachas iom-lan, rioghachd, cumhachd agus gloir, gu suthainn shioruidh. Amen.


Urnaigh agus molla do Dhia air la an Tighearna.

A Jehobhah ghlor-mhoir, ata thu gu neimh-chriochnaidheach os ceann cliu aingle, agus gu sonraichtos ceann cliu chnuimhe peacach mar shinne: gabhagh e fadd o ar n anamaibh a smuainteachadh gu feim thu aon ni as urra shinn a dheanamh, no gu fead ar n uille mholla gne air bith a churr re do shonnas! ach dhardaich do ghradh agus do throcair shinn chum na h inbhurramaich sho, agus thug thu dhuinn ar sonnas


[252] mar dhleasdanas: agus theid gach neach ata fadd ua-t am mugha; ach is maith dhuinne teachd dluth dhut: agus air eagal gu bachd diamhanas agus gnothaiche saoghalta shinn, shonraich thu amach do la naomha, chum as gu dearc shinn le smuaintibh socrach, air do ghradh, agus air do chliu; agus chum as gu feith shinn air an Tighearna gun bhuaireas, agus gu blaish shinn ar suaimhneas shioruidh fein roimh laimh. O! bith thusanoish mar Spiorad beathaidh, soilshe, graidh agus cumhachd don dreim a ni do riar! beodhaicheagh a bheatha neamhaidh shinn, chum a ghnothaich neamhaidh sho; chum as ann do shollas co’ -partaichte, gu faic shinn thu fein trid creiddeimh: chum as gu lass ar gradh le teass-chrabha solasach, trid co’ -partachaidh bhlasta do ghraidh: chum as gu bith gach ni ata ann-ainn, (ag cathachagh ann a t aghaidh,) lan-smachdaichte le dneart, ata follasach ann ar laigshe; agus chum as mar sho, gu bith an iobhairt shin dhinn-fein, agus dar cliu, a thairgeas shinn gu h umhal air t iartas, taitneach leat, agus ionn-gabhail ri, trid Josa Criost.

Is Dia thusagus thusamhain; is tu an Spiorad neamh-bhas-mhor, do-fhaicshinneach, shioruidh agus neimh-chriochnaidheach ann am bith agus ann an iom-laineachd: roimh chruthacha an


[253] t saoghail, o shioruidheachd gu shioruidheachd is tusa Dia. ’Ta t eolas neimh-chriochnaidheach: ’ta thu lain-eolach or-t fein, agus air gach ni agus neach: ach chon fhead aon neach eille t iom-lanachd a thuigshinn: is maith do run, sheadh, is fior-mhaitheas agus gradh foirfe i: is ionmhuinn leat thu fein agus t uillobbair! is tu an t uillea-chumhachdach, agus cho chruaidh or-t cuish air bith: is tu Cruthai-fhear an t saoghail uille: ghairm thu gach ni o neimh-ni! labhair thu agus dhealbhagh an domhan! thug thu bith do na h ainglibh glor-mhor, agus do gach Spiorad tuigsheach eille! dhealbh thu na flaitheasa uille! lass an sollas air t iartas! chruthaich thu grian agus realta: thug thu dhoibh an cumhachda iongantach, agus an obbair, chum as le an sollas, le an teass, agus le an shiubhal, gu toir iad beatha agus gluasachd, agus gu bith iad chum aimshire agus mithishe, air tallamh. Cia glor-mhor thu O! Thighearna, ann an oibribh iongantach shin do chumhachd! ’Ta am morachd, an gloir, agus am fearta, an-ard os ceann ar tuigshe dhorch- ’ne. Bheirr na h ard-aingle ag am bheill eolas as fearr orr-a, na ata ag-ainn, agus ata ag aiteachadh nan aird-ionnada comhnaidh glor-mhor, cliu as fearr na ar cliune dhutsan Cruthai-
[254] fhear cumhachdach, a dhealbh le t fhocall cruth iongantach an t saoghail, an uair a sheinm realta na maidne coi’ -sheirm, agus a bhrish uille mhacraidh De amach le binn-cheol gairdeachaish. Chruthaich thu an tallamh tirrim agus a mhuirr, agus gach creatuir atag an aiteachadh: gach ean agus iasg, gach beathach agus plant’, ann an iomarcaidh iongantaich eagsamhail, le maish agus feartaibh dhealhh thu iad uille. Is iad t oibre mor agus iongantach do-sgrudaidh, an t aer agus na neala, an deallanach agus an tairneannach, na frassa agus an sneachd, gaoth agus crioth-thalmhainn, liona agus tradha iongantach na fairge, sheadh, ’ta a chnuimh no a bhlath as lugha, gu h an-ard os ceann ar tuigshe agus ar n eolaish. Air an abhar shin cionnus a lan-tuigeas daoine bas-mhor, morachd agus riaghail iongantach innealtan t saoghail? cionnus a steidhich thu an tallamh air neimh-ni? agus ciod e ata ann a dhoimhne? cia mar ata thu ag congbhail suas, agus ag gluasachd a chruthachaidh uille; agus ag buanachadh a riaghail sheolta? cia mar a dhortas tu gu frassach, fearta cumhachdach solasach an teass neamhaidh anuas air nithe talmhaidh? cia mar a dhruiddeas tu suas an fhairge le dorsaibh gainmhein, agus a rinn thu truscan di do na nealaibh, agus crioss-pasgaidh do
[255]n dorchadas thiugh; ag radh thig an fheadh sho, ach na teid nis faidde? cia mor a Thighearna, agus cia lion-mhor t oibre: le gliocas gun mhearrachd, le maitheas nach traogh, agus le h uillea-chumhachd dhealbh thu iad uille!

Ach is e an duinan creatuir as luach-mhoir a chruthaich thu dhaiteachadh na talmhainn; sheid thu annal na beathaidh ann a phollaruibh, agus dhfhas anam beo ann; chruthaich thu e ann an inbhas ishle beagan na na h aingle; chuirr thu coroin air do ghloir agus do mhor-luach; thug thu uachdaranachd dha os ceann uilloibre do lamhair tallamh; agus chuirr thu fa a cheansal iad uille. Dhealbh thu e a reir do dhreach fein, thug thu anam tuigsheach dha, toill shaor o fhoirneart, agus commas a curr ann gniomh. Chruthaich thu e chum eolas a ghabhail or-t fein, gradh agus geill a thoirt dhutsa Chruthai-fhear maith, glic agus cumhachdach. Shuidhich thu air tallamh e, chum triall trid na beathaidh sho, dhionsuidh do lathaireachd ghlor-mhoir fein: mar is tu a shealbhadoir, is tu mar an ceadna riaghlai-fhear, a phriomh-mhaith, aird-fhear-commaoin, a chrioch araid agus Athair caomh; chum as gu tugagh e lan-umhlachd neamh-fhuasgailte, agus gradh dhut.


[256]

Thug thu dha reason agus iartas, mar riaghail mhaith, naomha agus cho’ -thromaich, chum as le giulan a reir do chomhairle, gu toillicheagh e thu, agus gu shealbhaicheagh e lan-shonnas. Dheonaich thu dha gach ni a bha feimeil chum umhlachd, chuirr thu mar fhiacha air le saibhreas do thoir-bheartaish geill a thoirt dhut. Ach thuitt e gu gradd o a neimh-chionta, agus o inbhurramaich, le pilleagh o Dhia, chreidd e am buaireadair farmadach mealtach, sheadh, an uair a chuirr e farmad agus cealgaireachd ass do leathsa: mar nach dearbhadh t uilloibre agus do throcair iongantach, gur fior agus maith thu. Is e sho a thug an duinammaideach da Thighearna, ann eiric a mhaitheish, threig e carraig a shlainte: agus le h aon duine thainig peacas teach don t saoghal, agus bas le peaca. Ach rinn trocair gairdeachas ann aghaidh breitheamhnaish, agus cho do leig thu amach t fhearg iom-lan; ach re bine baish choi’ -cheangail thu gealla Fir shaoraidh. O! gu cliudhaicheadh daoine Dia, air son a mhaitheish, agus air son a ghniomhara iongantach do chlainn nan daoine!


[257]

Mar a thug thu gealla trocaireach do na sheann-athairibh; mar an ceadna, ann an iomlaineachd na h aimshir chuirr thu do Mhac chum an t saoghail. Thainig e, agus ghabh e ar naturne chum a dhiadhachd: ghabhagh e leish an spiorad naomha; rugagh le h oigh e; bha e fan lagh; chaidh e fa dhi-meass; ghabh e riochd sheirbhishich air; agus dhealbhadh mar dhuine. O! aontacha iongantach! O! gradh gun choi’ -meass! chuirr aingle ann ceill e; ghabh iad iongantas mor dhe; ransaich iad e; agus shir-dhearcaidh iad ait iomarcaidh gliocaish De. Cia h ishiol anoish is coir do pheacachaibh saorta tuittim, gu h umhal, ag gabhail iongantaish chrabhaich da ghras! cia h ard is coir dhoibh binn-cheol buidheachaish a sheinm dam Fear-saoraidh!

Thainig e chum an t saoghail sho, a cho’ -luadar re daoinibh, chum eolas a thoirt doibh air an Dia neamh-fhaicshionnach, agus air nithe do-learsainn an t saoghail eille: thainig e mar shollas, agus mar shlanai-fhear an t saoghail, a thoirt beatha agus neamh-bhas-mhorachd chum soilshe. Bha e naomha, neamh-choirreach, neamh-thruailte, eidir-dheallaichte o pheacachaibh, agus ag coi’ -lionadh gach ceartaish, chum bith mar shagart iom-chuidh, agus mar shlanai-fhear foghainteach


[258] do pheacachaibh. Mhuin e dhuinn le teagasg agus eishempleir fhoirfc, gcill a thoirt do Dhia gu h umhal, di-meass a dheanamh air sant an-barrach saoghalta, fein-speish a sheanadh agus a chroish a ghiulan, chum as gu rig shinn air coroin don ghloir shioruidh. Dhuir-ishlich she efein, fa chassoid agus fa an-chaint chealgaich an t sluaigh pheacaich, agus fa bhas maslach craiteach na croiche, chum as gu deanagh e dhefein iobhairt agus reiteach air son ar peacaidh, agus eiric air son ar n anama ciontach, chum as gu bith shinn leighishte le a bhuillibh. O gradh gun choi’ -meass ar slanai-fhir, a leag shios anam luach-mhor, sheadh, air son a naimhde! chuirr e bas agus uaigh fa cheansal, agus naomhaich she do gach Fir-chreidmheach iad. Air an abhar shin ghabh e co’ -pairt ann am fuill agus ann am feoil, chum as trid baish, gu sgriossagh e an diabhol ag an roibh cumhachd baish; agus gu saoragh e an dream a bha le h eagal baish, fa bhruidd, fadd aimshir am beathaidh gu leir. Shollair e coi’ -cheangail graish don chinnea-daona, agus naishg she e mar a thiomna le fhuill. Agus anoishta maitheamhnas ag-atsa chum as gu bithir fa t eagal, agus gu toirir geill dut le muinghin. O! Athair, is e do ghradh don t saoghal,
[259] a thug t aoin-ghinn Mhic dhuinn, chum as cia be neach a chreidmheas ann nach teid e am mugha, ach gu shealbhaich e beatha shioruidh. Bha thu ann Criost ag reiteachadh an t saoghail reut fein, gun am peaca churr ass an leath. Thug thu briathar na reite do dluchd teagaishg, a churr impidh air luchd-aingidheachd, sheadh, ann a t ainm fein, agus ann an ait Chriost, bith reidh reut. Sparr thu orr-a do throcair a thairgsheadh do gach neach, agus an eigneachadhs teach le durachd chum as gu lionar do thigh, agus gu bith bord do mhoir-fhleadha bheannaichte lan le h aoidhibh. Cho chuirr thu cul re h aon neach a thig do t ionsuidh trid Chriost; cho diult thu trocair do neach air bith, ach don duine chrossanta nach gabh ri gu brath: bheirr thu beatha shioruidh do mhacraidh baish; agusta a bheatha sho ann do Mhac; oirta e leor-chommasach a lain-theassairginn gach neach a thig do t ionsuidhsair impidh agus air a chumhnanta fein. Do mhead as a ghabh rish, thug thu commas bith mar mhacraidh De. Thug thu dhoibh Spiorad do Mhic mar an ceadna; sheadh, Spiorad na h uchd-mhacachd, dan ath-nuadhachadh do reir t iomhaigh naomha, chum as gu bith iad cosmhuil re an Athair neamhaidh; dan naomhachadh
[260] dhut fein, agus le dortadh do ghraidh air an anama, dan tarraing suas do t ionsuidh fein ann an gradh. Rinn thu popul sonraichte dhut fein diu, agus ead-mhor mu dheagh-oibre, chum am bheill thug an aith-ghinneamhainn. Bheirr thu dhoibh mar an ceadna aithreachas chum na beathaidh: agus ceasaidh tu an fheoil le a h ain-miannaibh: teagaishgidh tu dhoibh bith meassara, co’ -thromach, diadhaidh; agus teassairgidh tu iad o an droch linn sho; marbhaidh tu an sant an-barrach saoghalta; chum as gu bith an gradh ag-at fein, agus gu bith thu dhoibh mar lan-shonnas. O! cia an gradh leish an do ghradhaich thu sluagh truadh ceannairceach peacach, as gun iompoichteadh iad chum bith mar chlainn De! sheadh, mar oighreacha neamha agus mar cho’ -oighreacha le Criost; chum as air fullang duinn leish, gu gloraichir leish shinn.

Thog thu t eaglaish air carraig, air an Fhear eidir-mheadhoin bheannaichte; chum as nach buadhaich cumhachd ifrionn ann a h aghaidh. Rinn thu a fear teagaishg, a sagart agus a righ dhesin: uaidh- ’sin fhuair shinn eolas or-tsa, agus air do thoill. Air a sgath- ’san, ta shith, failte, agus commas doll do t ionsuidh ag-ainn. Is e Tighearna nam marbh agus nam beo. Thug


[261] thu na h uille nithe ann a lamhaibh, agus dheonaich thu dha ard cheansal t eaglaish. An uair a chaidh e suas air neamh, thug e iartas da mhinishteribh, eaglaish uilla chruinneachadh, a riaghlachadh, agus a theagasg: thug e an Spiorad gun mhearrachd da Apstolaibh, dan treorachadh chum gach firinn; agus Spiorad nan cumhachda miorbhailleach a thogbhail fianaish leish don t saoghal. Theagaishg iadsan dhuinn gach aon ni air bith a dhiarr e orr-a, agus thug iad teagasg an scrioptuir dhiadhaidh, do na h aodhairibh agus don luchd teagaishg shin, dan dordoich thu a choimhead agus a churr ann ceill, agus rish an dearb thu do thread ionaltradh gu crioch an t saoghail. Agus giodh do thruaill peaca, agus giodh do roinn eidir-dheallacha t eaglaishe gu truagh; gidheadhta thu ann am measg, ag giulan leish an an-fainneachd, ag toirt do chomhairle dhoibh, ’g an gairm chum naomhachd, shith, agus graidh; agus is aithne dhut do chruithneachd fein ann am measg a mhoill.

O gu molladh daoinan Tighearna air son a mhaitheish, agus air son a ghniomhara iongantach do chlainn nan daoine: cia glor-mhor thu ann an naomhachd, a Thighearna, agus cia h urramach ann an coi’ -thionnal do naomha, agus an


[262] uille shluaigh ata timchioll or-t? ’ta naomhachd iom-chuidh air do thigh gu shioruidh: agus ann do theampul labhraidh gach neach air do ghloir. Gu beannaichir t ainm a chruthai-fhir chumhachdaich: gu beannaichir t ainm fhir shaoraidh ghlor-mhoir: agus gu beannaichir t ainm a Spioraid fhior-naomha. O! gu cliudhaicheadh ar n anama morachd an Tighearna le tuille buicheachaish, agus gu deanadh ar Spiorad gairdeachas ann an Dia ar Slanai-fhear, a rinn iochd oir- ’n ann ar staidd chailte, oir mairridh do throcair gu shioruidh. Cliu dhut air son ar bith. Cliu dhut air son ar saoraidh o pheaca agus o ifrionn. Cliu dhut gu dthug thu shinn le baishte fa choi-cheangal nan grasa, agus chum t eaglaish. Cliu dhut air son nan sochaire mor agus diadhaidh sho; nach bheill shinn coimheach coigreach ann am measg nan geintileach agus an t saoghail gun chreiddeimh; ach gu bheill shinn ann an coimhearsnachd nan naomha, agus do theaghlach De. Molla dhut gu fead shinn sheassamh ann an lathair do naomhachd, cliu a thoirt dhut ann an coi’ -thionnal nan creidmheacha, agus nach dfhogradh shinn o obbair agus o chuiddeachd naomha. Is fearr la ann do chuirt na mile la. Is fearr leinn doirsh-fhearachd tighe De, na comhnaidh
[263] ann an tigh rioghail na h aingidheachd. Is beannaichtan dream a chluinn an fhuaim aibhneach, agus a bhitheas tarbhach fa dhruchd neamha; gluaishidh iad ann an dealra do ghnuish, ann t ainm ni iad gairdeachas fadd an laidh, agus ardaichir iad ann do cheartas; oir is tusan gloir agus an neart; agus ann do dheagh gheann bithidh iad tearainte, aitt agus aird-inbheach.

Ach gu sonraichte, chon fhead an dream a thug thu chum eaglaish fhaic-shionnaich an t sluaigh nuaidh-ghinte, morachd do ghraish a leoir-chliudhachadh. An uair a bha shinn gun Dia anns an t saoghal, agus gun speish neimh-chealgaich ag-ainn diot, ach ag ruagagh ar n ain-mianna feol-mhor, agus diamhanaish chealgaich an t saoghail; an uair nach roibh Dia ann ar smuaintibh, agus nach roibh tlachd ag-ainn ann do shlighe naomha; an uair a rinn shinn di-meass air gras, a chuirr shinn cath air do Spiorad, agus a chuirr shinn peaca re peaca: ann shin ghabh thu truadhas dinn, air bith dhuinn screattaidh le fuill ar creachda; chuirr thu do bhriathar dar n ionsuidh; thug thu buaidh dha air ar n anama crossanta, thug thu oir’- ’n smuainteachadh air ar staidd agus air ar slighe, agus dheonaich thu dhuinn cail-eigin do cho’ -brutha intinn


[264] agus do aithreachas. Is solasach ath-smuainteachadh air spairn agus buaidh do ghraish, air caomhalachd do throcair, agus air co’ -fhurtachd do ghraidh. An uair a bha eagal oir- ’n gu leir-sgriostadh le ar peacaibh shinn, agus nach gabhadh tusa gu brath re sluagh ceannairceach graineil mar shinn; cia saor a mhaith thu dhuinn ar n uille chionta? cia cairdeil a ghlac thu shinn? cia toilleach a nochd thu trocair, agus a thug thu buaidh air ar n anama le lan-shaibhreas do ghraidh? O! cia iomarcach na peacaidh a mhaith thu dhuinn? nach bu mhor saothair do Spioraid re ar n anamaibh ain-eolach, borb, fein-speisheil, ain-meineach, saoghalta, agus eas-umhal! cia h iommad trocair, tearmann, agus co-fhurtachd a dheonaich thu dhuinn o an am shin? Cia h iommad miann a thug thu dhuinn agus a shasaich thu? cia h iommad amhghar a laghdaich no a naomhaich thu! cia h iommad uair sholasach tharbhach a chaith shinn leatsann uaigneas! agus leatsagus le dshluagh ann an co’ -chommunn nan naomha! is lion-mhor a Thighearna t oibre iongantach, agus do smuainte trocaireach air do luchd-muintiora: nam bail leinn am meass, agus an curr ann ceill gu riaghaileach, rachagh an aireamh tharr ar tuigshe. Agus air an
[265] son shin uille, ’ta shinn ann sho, mar shagarta De, ag tairgsheadh iobhairt ar cliu agus ar buidheachaish le gairdeachas, dhutsa, ar cranchar agus ar slainte shioruidh.

An uair a chriochnaichir a bheatha dhocrach ghearr sho, gheall thu dhuinn suaimhneas fa reut fein gu shioruidh. Treoraichidh, agus sduiridh tu shinn le do chomhairle, trid an fhasaich sho, agus bheirr thu shinn ann an am iom-chuidh chum do Ghloir. Cho dthug thu dhuinn ann diamhanas na ceatfa sho, do t iarraidh fein, a ghabhail eolaish or-t, a thoirt graidh dhut, agus a ghabhail tlachd ann-ut: coi’ -lionaidh tu, air chint coi’ -lionaidh tu, natur agus gras gu foirfe, agus bheirr thu orr-a gu rig iad air an crich. Cho bhith moir-thionscna, obbair agus fullungas an fhir shaoraidh ann diamhanas. Cho bhrishir do ghealla naishgte. Cho dath-nuadhaich, agus cho do naishg do Spiorad shinn ann an diamhanas chum an laidh bheannaichte. Cho mheall an geall-daighnich, an airlish, agus t fhianaish a thug thu dhuinn shinn. Cho teid ar mianna agus ar n osna am mugha: agusta tionscna fann na soilshe agus a ghraidh shin, ag reamh-thaishbineadh gu shealbhaich, sheadh, gu lain-shealbhaich shinn foirfeachd mor mar ar mianna, agus


[266] mairreannach mar ar n anama. ’Ta shiol sho a ghraish, ag tarragradh gloire: agusta reamh-bhlass a ghraidh ag dearbhadh, gu bith shinn sonna ann do ghradhsa gu shioruidh. Chon fhag ar duil ann do mhaitheas, chon fhag do Mhac agus do choi’ -cheangal, gu brath shinn follamh agus maslaichte.

Air an abhar shin, beannaichidh shinn t ainm a Thighearna, mar dhream a shaoragh o bhas agus o ifrionn, mar dhream a dhardaicheadh chum inbhe do chlainne, mar dhream a theassairg thu o an naimhdibh uille; ach gu sonraichtuai- ’nn fein, agus o ar peacaibh: beannaichidh shinn t ainm, mar dhream ata ag tionscnadh air gloir, agus ag am bheill duil bith sonna le Criost, gu shioruidh air neamh, ass an crannar amach, gach peaca agus dolas, gach namhad agus eagal, agus cho chuirr iad tuille campair air ar n anama gu brath.

Gheibh shinn reimh-shealla le suil a chreiddeimh don la shonna shin, do Jerusalem nuadh, do ainglibh gun aireamh, agus do spioradaibh foirfe nan naomha! chi shinn an dealra glor-mhor, an teass-ghradh, agus an coi’ -sheirm fhoirfe! chluinn shinn le creiddeimh am binn-cheol buidheachaish agus cliu! roimh-e sho, bha iad ishiol dubh-bronach ann am peaca agus ann an dolas, ann an iomarcaidh laigshe, fullangaish


[267] agus eagail, mar ata shinn fein. Ach le creiddeimh agus foidhid thug iad buaidh. Agus le creiddeimh agus foidhid is ail leinn ar Tighearna agus iadsan a leanmhainn gu dluth. ’Ta an t am dluth dhuinn ann an iompoichir an fheoil sho chum luaithre gu gradd, agus fuasglar ar n anama o chuibhreach corpora, agus theid iad do t ionsuidh fein. Is gairrid gus an tachair sho. Ann shin, is diom-buan ar peaca agus ar n amhghar: ann shin, chi shinn thu aghaidh re h aghaidh! agus gheibh shinn sollas o dDhealra! cho bhith shinn tuille ag glaodhaich, no ag osnaich ann dorchadas. “Och! gun tuilleolaish ag-ainn air do mhor-luach a Thighearna!” ann shin, bheirreamaid gradh fior-ghlan, foirfe, gun truaille, dhut; agus chon fheimeamaid bith ag osnaich agus ag glaodhaich, “och! gun ag-ainn anama lasta le gradh dhut.” Ann shin, chliudhaicheamaid thu, gu h intinneach, le buidheachas agus le gairdeachas, ata os ceann ar tuigshe agus ar tograidh anns an am sho.

O! tuilte soilshe agus graidh bheannaicht’, a shruthas air ar n anama gu shioruidh o dghnuish ghlor-mhoir gun small! cia h an-ard an t sabbait shioruidh, agus an cliu foirfe shin gun tosd, os ceann ar di-chill dhiblidh gun neart! mar ata


[268] cathair bhuadhach De, os ceann eaglaish neamh-fhoirfe, leanbaidh, agus aimh-reidh fein air tallamh.

Beodhaich a Thighearna, beodhaich ar ciocras ann diaigh na staidde agus an laidh bheannaichte shin. Thig a ThighearnJosa, thig gu gradd, agus coi’ -lion t fhocall, chum as gu bith shinn leat, agus gu faic shinn do ghloir. Na fuirrich gus am failnich creiddeamh air tallamh. Na fuirrich gus an toir cumhachd an dorchadaish buaidh air fuileach t oighreachd gu h iom-lan, agus gus an dean i an saoghal sho nis cosmhuile re h ifrionn; no gus an sguirr daoine diadhaidh agus treibh-dhireach ann am measg clainn nan daoine. O! cuin a ghabhas an saoghal reut mar an cruthai-fhear, cuin a ghabhas iad grain do iodholaibh agus a sguirreas iad do mhi-chreiddeimh? cuin is oighreachd do dMhac a chuidd eille don t sluagh gheintileach? cuin is rioghachd dha uille rioghachda na talmhuinn? O! cuin a leannas an tallamh eishempler neamha, agus a ghabhas daoine tlachd ann an deanamh do thoille? cuin a chuirreas an duinuaibhreach, an-saoghalta, agus ain-miannach cul re cealgaireachd, agus a ghluaisheas e gu h umhal naomha le Dia? cuin a philleas an t ammadan truadh a sheanas an Tighearna


[269] ann a chroidhe, agus nach gairm air t ainm, ach a dhitheas do shluagh mar arran? cuin a bhitheas eagal t ainm air, agus a sguirreas e do chathachadh ann aghaidh a chruthai-fhir? deifrich a Thighearna slainte do shluaigh, agus coimhid iad ann an treibh-dhireas agus ann am foidhid gu brath. Dean trocair air gach eaglaish ain-eolaich agus neimh-iompoichte air tallamh: dion iad o Ain-tighearnas a Phaipe agus Mhahomet, a chongbhas amach meadhona eolaish agus leassachaidh beathaidh: agus aishig dhoibh an cead fhior-ghlaine, agus aoin-fhilteachd aoin-sgeulach, chum as gu bith an sollas ag dealragh amach, a chosnagh an t saoghail gheintilich gun chreiddeimh, a dhiommaineagh o Chriost le an truaillidheachd. Dion agus leassaich nis mo, agus nis mo, na h eaglaishe aith-leassaichte; agus aith-bheodhaich eolas, naomhachd, agus shith ann a measg. Beannaich na rioghachda sho, le sollas, naomhachd, agus shith an t soisgeil. Beannaich ar n aon uachdaran laghail, agus a theaghlach rioghail uille, agus gach aon neach eillann ughdaras, beannaich iad, leish gach gliocas, naomhachd agus sonnas, ata feimeil dhoibh fein agus do leass cummanta nan rioghachda sho. Dean na h iochdarana dleasdanach dhut fein, agus dan uachdaranaibh
[270] saoghalta, chum as gu bith ar beatha shio-chainteach, suaimhneach, anns gach diadhachd agus ionracas. Beannaich gach coi’ -thionnal le soilshibh lassarradh dealrach; agus tilgir luchd reic agus ceannaidheachd amach ass do theampul. Na bacadh mio-run an diabhoil, no naomh-ghoidd dhaoine, soisgeul do rioghachd, agus na meallagh iad o obbair t fhomhairidh do luchd-saothair coishricte dileas.

Deonaich dhuinn nithe feimeil na beathaidh sho, agus bitheamaid lan-toillichte le toirbheartas do laimh; agus sgrioss ar n an-saoghaltachd agus ar n ain-mianna feol-mhor.

Teagaishg dhuinn bith beo gach la trid creiddeimh ann ar fear-saoraidh, agus ass a leathsan, deonaich dhuinn shior-chommas doll do t ionsuidh fein. Maith dhuinn peaca gach laidh, agus cuiddich leinn gradh agus maitheamhnas a thoirt do dhaoinibh eille.

O! dion shinn o chogar cealgach an diabhoil, o aish-inleachdaibh an t saoghail, o mhealtoireachd luchd peacaidh, agus o gach togra truaillidh feol-mhor. Agus na toir thairrish shinn do pheaca, no dar n an-sant; no do mhio-run dhiabhola no dhaoinain-diadhaidh; no don dioghaltas mhilteach a thoill ar peaca.


[271]

Thoir eolas dhuinn air obbair na beathaidh, agus air mor-luach ar n aimshir ghairrid nach mair ach sheall; agus cuiddich leinn ar n uin a bhuilleachadh chum co’ -fhurtachd dar n anamaibh, an uair a ghabhas shinn aith-shealla dhi. Teagaishg dhuinn mar dhaireamhar leinn ar laidh, chum as gu socraich ar croidhair gliocas. Na leig dhuinn bith mar an t ammadan, a struidheas le diamhanas an aimshir luach-mhor shin, rish am bheill a shonnas shioruidh ann earbsa, an aimshir, nach fead an saoghal gu leir, a ghairm air a h aish. Deanamaid t obbair le ar n uille neart, gu sonraichtann ar n eallainibh agus ann ar daimhibh fa leath. Deanamaid ar gairm agus ar tagha cinteach. buillicheamaid ar n aimshir, ann an obbair thaitnich a chreiddeimh, na muinghin agus na sheirce. Cum shinn do shior re fairre, agus do ghnath ullamh fa choinne baish agus breitheamhnaish, ag gabhail faddail gus an tig an Tighearna. Bitheagh ar n anama agus ar co’ -luadar air neamh, o am bheill duil ag-ainn re ar fear-saoraidh; agus le a bhriatharaibh co’ -dhunaidh shinn ar n uillurnaighe— “Ar n Athairnn ata ar neamh, &c.

CRIOCH.

titleTri Urnaighe
internal date1750.0
display date1750
publication date1750
level
parent textGairm an De Mhoir do ’n t Sluagh Neimh-Iompoichte, Iompochadh agus Bith Beo le Richard Baxter
<< please select a word
<< please select a page