[54] TEAGASG II.
Is e gealla Dhe gu bith daoin’ aingidh beo ma philleas iad, gu h iom-lan agus neimh-chealgach.
[55] ’Ta an Tighearn’ ann sho ag aidmheachadh gur taitneach leish, gu pilleadh daoin’ aingidh agus gu bitheagh iad beo. ’Ta neamh coimh-chinteach do ’n duin’ iompoichte, as ata ifrionn do ’n duine neimh-iompoichte. Is firinn choimh-chinteach, pill agus bith beo, re pill no basaich. Cho do chuirr ni air bith ach a dheagh-run athaireil mar fhiacha air Dia, slanai-fhear a shollar, dorras na neamh-bhasmhorachd fhosgladh d’ ar muinghin, agus cuirre thoirt duinn pilleadh le h aithreachas, an uair a chuirr shinn ass duinn fein le peaca. Shruth sho uille gu saor o chaomh-throcair ar Triath. A dhaoine peacach, ni bheill abhar ag neach ag-aibh doll d’a thigh, agus a radh, gu bheill mi ag teagasg an-dochaish dibh. An gnath leinn dorras na trocair’ a chrannagh oir-ibh? och, b’ fhearr nach crannadh shibh oir-ibh fein e? an gnath leinn insheadh dhibh nach dean Dia trocair oir-ibh, giodh do philleas, agus giodh do naomhaichir shibh? cuin a chuladh shibh riamh fear teagaishg ag curr a leithid sho ann ceill? cainidh cuidd ag-aibh luchd teagaishg an t soisgeil air son bith ag iarraid ar coimhead o ifrionn, agus cuirridh shibh ass an leith gu shearmoinich iad an-dochas; ach inshibh dhomh, ma ’s urra shibh, cuin a chualadh shibh riamh duine glic
[56] ag radh,
nach bheill abhar dochaish ag-
aibh,
giodh do philleadh shibh le h aithreachas air son peacaidh?
Cho ’
n fhead shibh insheadh:
oir is e a cheart atharachadh shin,
a ’
ta shinn ag curr ann ceilll dibh o an Tighearna gach la.
Agus cia b’
e neach a ’
ta aith-
ghinte,
agus a dh’
fhas mar chreatuir nuadh le creiddeamh agus aithreachas teassairgir e gun teagamh;
agus is comh-
fhadd a ghabh e uai-
nnibh impidh an-
dochaish a churr oir-
ibh mu ’
n chuish sho,
as gu bheill shinn ag earrallachadh oir-
ibh gun a curr an teagamh.
Is beatha,
agus cho bhas,
cead chuidd na teachdaireachd a ’
ta shinn ag curr an ceill dibh;
is e ar barrantas- ’
ne tairgshe na slainte chintich,
shioruidh,
ghlor-
mhoir,
a thoirt do gach aon neach ag-
aibh;
do ’
n diol deirce dhiblidh,
dhaibhir,
comh-
mhaith as do ’
n triath shaibhir aird-
inbhich;
do ’
n dream a ’
s meassa ag-
aibh,
do luchd mishg agus mionna,
do luchd saint agus braidd,
sheadh,
agus do ’
n dream a ni di-
meass agus fannoid air slighe naomha na slainte. ’
Ta iartas ag-
ainn o an triath d’
an geill shinn,
maitheamhnas gach peacaidh a chaidh sheach a churr ann ar tairgshe,
ma philleas shibh ach anoish,
agus ma ’
s ail leibh beatha;
ta iartas ag-
ainn bith ag earrallachadh agus ag asluachadh oir-
ibh gabhail rish an tairgshe
[57] sho,
agus pilleagh a thoirt fioss dibh,
ciod e an t ulmhacha shin a rinn Criost dibh,
ciod i an trocair agus an fhoidhidinn,
agus ciod e an cairdeas a ’
ta ag feitheamh oir-
ibh o Dhia;
agus cia sonna,
cia sonna air modh do-
labhairt,
a bhitheas shibh gu cinteach,
ma ’
s ail leibh sonnas. ’
Ta ag-
ainn gu dimhin,
teachdaireachd feirg agus baish mar an ceadna,
sheadh da ghne feirg agus baish:
ach cho phriomh-
ghnothach dhuinne h aon diu:
is eigin duinn an fhearg agus am bas,
d’
an d’
fhag brishe lagha nan gniomhara buailteach shibh insheadh dhibh:
ach ni bheill sho,
ach a thaishbineadh dhibh am feim a ’
ta ag-
aibh air trocair,
agus d’
ar brosdachadh chum meass urramach a bhith ag-
aibh air gras an fhir shaoraidh.
Agus cho an innish shinn dibh ach an fhirinn amhain,
air an eigin dibh-
fein eolas a ghabhail:
oir co a dh’
iarras cungaidh-
leighish,
ag nach bheill fioss a thinnish?
cho dean fioss ar truaighe,
truagh shibh,
ach iommainidh e shibh dh’
iarraidh trocair.
Is shibh a tharraing am bas sho oir-
ibh fein.
Ata shinn ag toirt fioss dibh air bas eille mar an ceadna,
sheadh bas gun tearmann,
agus dorainn a ’
s ro-
mho,
d’
am bheill an sluagh nach iompoich buailteach.
Ach mar is firinn sho a ’
s eigin insheadh dhibh;
is i cuidd
[58] a ’
s deirreannaich,
agus a ’
s mulladaiche d’
ar teachdaireachd.
Air tus ’
ta shinn re trocair a churr ann ar tairgshe,
ma philleas shibh:
agus is iad an aittim shin amhain,
a gheibh cuirre trocaireach agus nach pill,
a ’
s eigin duinn a bhagradh le truaigh.
Cuirribh ach cul re ar sheacharanaibh,
air iartas Chriost,
gun tuille maille,
fasaibh mar chreatuire nuadh,
thigibh agus pillibh,
agus cho bhagrar shibh le feirg mhiltich,
no le bas. ’
Ta mish’
ann sho,
ann ainm triath na beathaidh,
ag gealtainn trocair agus sonnaish,
dhibhs’
uill’
a ’
ta ’
g-
am eishdeachd,
do ’
n dream a ’
s meassa,
do ’
n peacach a ’
s mo,
agus a ’
s shinne ann ar measg,
ma philleas shibh. ’
Ta trocair ann an Dia,
ta mor-
luach anns an lain-
diola shin a thug Criost do cheartas De air ar son,
ta an gealla saor,
iom-
lan,
agus uillea-
choitcheann;
agus gheibh shibh beatha ma philleas shibh.
Ach mar is ionmhuinn leibh ar n anama fein,
cuimhnichibh ciod e an t iompocha,
a ta an scrioptur ag iarraidh.
Cho an e an shein-
tigh a leassachadh,
ach a leagadh gu lar,
agus a thogbhail ass ur,
air Criost,
an sdeigh shocrach,
nach failnich gu brath.
Cho an e cail-
eigin do ’
n bheathaidh fheol-
mhoir a leassachadh,
ach na h ain-
mianna feol-
mhor a churr gu bas,
agus gluasachd
[59] do reir comhairl’
an Spioraid.
Cho an e geill a thoirt do ’
n ’
t saoghal agus do an fheoil air modh aith-
lessaichte,
le peacaibh maslach graineil air bith,
no le cail-
eigin do Chrabha;
ach ar Maighishter,
ar n obbair,
agus ar crioch a mhudhadh;
ar cul a thiontadh reu,
agus gach aon ni a dheanamh chum na beathaidh nach facadh shibh riamh;
shibh-
fein agus gach ni a ’
ta ag-
aibh a choishrigeadh do Dhia.
Is e sho an t atharacha fa an eigin dibh doll,
ma ’
s ail leibh beatha.
Anoish is fia’naishe shibh-fein, gur sonnas agus leir-sgrioss, an teagasg mor a shearmonaich mi dhibh: agus gur e sho a chead chuidd do m’ theachdaireachd. Gabhaibh sonnas agus sheachnaibh leir-sgrioss, agus cho teid shinn ni ’s faidde leibh: oir cho chuirreamaid an dragh, no an t eagal a ’s lugha oir-ibh, sheadh, le h ainm an leir-sgrioss mur b’ eigin e.
Ach mur ail leibh tearmann, ni bheill teassairgin ag-aibh, ach is eigin gu leir-sgriossar shibh. Oir ni bheill roghainn ag-aibh eidir tearmann agus leir-sgrioss: ach is eigin dibh bas no beatha thogbhail mar roghainn.
Agus ni bheill shinn amhain re beatha churr ann ar tairgshe; ach re dearbha thoirt dibh, ciod
[60] e an t ughdaras a ’
ta ag-
ainn chum sho a dheanamh,
agus gairm a thoirt dibh a chreidshinn gu bheill run De mar ata e ’
g a labhairt:
gu bheill an gealla fior agus gu ruig e oir-
ibhs’
air chumhnanta sonraichte,
comh-
maith as air daoin’
eille,
agus nach meanm-
mhacnus neamh,
ach fior-
shonnas.
Ma chuirreas shibh mar cheist oir- ’ne ciod e an t ughdarras le am bheill shinn ag toirt na tairgshe sho dhibh? ann am measg cead teagasg scrioptuir, ’ta ar n ughdaras leor-shoilleir o ’n bhegan sho.
Air tus, chi shibh ar barrantus, ann sho, ann mo theagasg-sa, agus anns na rannaibh a leannas, agus anns an 18 Esec. comh-shoilleir ’s is urra briathara d’a dhearbhadh. Agus ann an 2 Cor. 5. 18—20. ’ta ag-aibh suim ar barrantuish; ‘ ’Ta na h uille nithe o Dhia, a reitich shinne rish fein, trid Josa Criost, agus a thug dhuinn fritheola na reite shin; iodhon gu roibh Dia, ann Criost, ag reiteachadh an t saoghail rish fein; gun an sheachrana a churr ass an leith; agus chuirr e ann-ainne briathar na reite shin: air an abhar shin, is teachdaire shinn o Chriost, mar o Dhia a ’ta ag curr impidh oir-ibh leinne. Guidhimid oir-ibh air son Chriost, bithibh reidh re Dia?”
[61] Mar an ceadna, Marc. 16. 15, 16. “Triallaibh air feadh an domhain uille, agus foilshichibh an soisgeul do gach creatuir. Slanaichir an neach a chreidmheas agus a bhaistir; ach bheirrir breitheamhnas air an neach nach creidd.” Agus Gniomh- 13. 38. “Bitheadh fioss ag-aibh fheara agus a bhrathaire, gu do churreadh maitheamhnas peacaidh ann ceill dibh trid an fhir sho.” Agus chum as nach saoileadh shibh gu d’ thugagh an tairgshe sho do ’n fhinneach iudhuigheach amhain, faicibh Gal. 6. 15. “Ann Josa Criost, ni bheill tairbh’ air bith ann an timchill-gearra, no ann an neimh-thimchill-gearra, ach anns an nuadh-chruthacha.”
Chi shibh anoish, gu do sparragh oir- ’ne tairgshe na beathaidh a thoirt dibh uille, agus insheadh dhibh o Dhia, ma philleas shibh gu bith shibh beo.
Is tearuinte dhibh ar n anama earbsadh rish an tairgshe sho; oir shruth i o ghradh Dhe, agus choishinn fuill luach-mhor Mhic De i: chuirr firinn agus dilsheahd De mar fhiacha air, a ghealla fein a choimh-lionadh: naishgeadh firinn a gheallaidh sho, gu tric le miorbhailibh: chuirreadh luchd teagaishg air feadh an t saoghail d’ a fhoilsheachadh: ’ta baishte agus suipper an Tighearn’
[62] ordoicht’
agus gnathaichte chum an gealla sho a thoirt gu follass air taoibh Dhe,
agus a ghabhail air ar taoibh-
ne:
fosglaidh an spiorad an Croidh’
a ghabhail rish an tairgshe sho,
agus ’
ta e-
fein ag-
ainn mar airlish gu lain-
shealbhaich shinn i.
Mar sho is firinn gun teagamh gu teassairgir shibh uille,
eidir dheagh-
dhaoin’
agus dhroch-
dhaoine;
ma bhuanaicheas an deagh-
dhuin’
ann am beasaibh fior-
ghlan an t soisgeil,
agus ma philleas an droch-
dhuine.
Gu dimhin, ma chreidmheas shibh gu teassairgir shibh gun iompocha, creiddidh shibh breag: agus nan teagaishginn shin dibh theagaishginn breag: cho ’n e sho creidshinn ann an Dia, ach anns an diabhol, agus ann ar n intinnibh cealgach fein. ’Ta a ghealla beathaidh fein ag Dia, agus a ghealla beathaidh fein ag an Diabhol. Is e gealla Dhe, “Pill agus bith beo;” ach is e gealla an diabhoil, “Bithidh tu beo giodh nach pill thu gu brath.” ’Ta briathara De mar dh’innish mi dhibh, “mur iompoichir shibh agus mur bith shibh mar leanbana, cho teid shibh chum rioghachd nan neamha. Mat. 18. 3. Mur aith-ghinnir duine cho ’n fhead e rioghachd De fhaicshinn. Join. 3. 3. Gun naomhachd cho ’n fhaic aon neach an Tighearna. Eabh. 12. 14.” Is e
[63] briathar an diabhoil: “
Teassairgir shibh,
agus bithidh shibh lain-
cheart,
gun aith-
ghinneamhuinn;
gun iompocha agus gun naomhacha;
ni bheill Dia ach ag curr eagail oir-
ibh, ’
ta e ni ’
s trocairiche na gu dean e mar a bhagras e,
bithidh e ni ’
s fearr na a ghealla dhibh.”
Agus mo thruaidh,
creiddidh cuidd mhor do an t saoghal focall an diabhoil roimh fhocall De;
ceart mar a thainig ar cead pheaca agus truaidh chum an t saoghail.
Arsa Dia re ar cead shinshearachd, “
Ma dh’
itheas shibh basaichidh shibh;”
ars’
an diabhol,
ann aghaidh Dhe, “
Giodh d’
itheas shibh cho bhasaich shibh;”
agus chreidd Ebh an diabhol,
roimh Dhia.
Mar sho anoish ars’
an Tighearna, “
Pill no bafaich;”
ach ars’
an diabhol, “
giodh nach pill cho bhasaich,
ma dh’
iarras shibh trocair o Dhia anns an uair dheirreannaich,
agus ma sguirreas shibh do ’
n pheaca,
an uair nach urra shibh d’
a churr ann gniomh.”
Agus is i sho caint a chreiddir leish an t saoghal.
Och,
aingidheachd ard-
uamhasach!
an diabhol a chreidshinn roimh Dhia!
Agus cho ’n e sho cuidd a ’s meassa; ach deirr luchd-aingidheachd re sho, gu dia-mhaslach, creidshinn ann Dia, agus bith earbsach ass, an uair a chuirreas iad e ann riochd Shatain, Athair nam
[64] breag’
o thoisheach;
agus an uair a chuirreas iad mar fhiacha orr-
a fein gur breag focall De,
deirr iad re sho,
creiddeamh ann Dia,
agus earbs’
a dheanamh ass chum slainte.
Ach cia an t ait ann an dubhairt Dia riamh,
gu teassairgir daoine gun aith-
ghinneamhuinn,
gun iompocha,
agus gun naomhacha?
dearbhaibh smidd d’
e sho o an scrioptur,
ma ’
s urra shibh.
Bheirr mi ar dubh- ’
lan.
Oir is i sho caint an diabhoil,
agus cia b’
e neach a chreidmheas i,
creiddidh e na diabhla,
agus is i sho a chionta re ’
n abrar gu coitcheann peac’
an an-
danadaish.
Agus an abbair shibh re sho,
creiddeamh ann Dia,
agus earbs’
a dheanamh ass? ’
Ta focall De lan-
fhoghainteach a thoirt neart agus comh-
fhurtachd do anamaibh an t sluaigh naomhaichte;
ach ni bheill smidd iomraidh air lamha dhaoin’
aingidh a neartachadh,
no air dochas an tearmainn a ’
s lugh’
a thoirt do dhuine gun iompocha gun naomhacha.
Ach ma philleas shibh re slighe na trocair, ’ta trocair an Tighearn’ ag-aibh mar oidheachd ullamh. Ann shin is tearainte dhibh ar sonnas earbsadh re Dia le muinghin agus le danadas; oir ghabh e ar teassairginn mar fhiacha air fein, ann a fhocall. Cho ’n athair caomh e ach d’a chlainn dhileas, cho teassairg e ach dream a chuirreas cul
[65] rish an diabhol,
re sant an-
barrach saoghalt’
agus re h ain-
miannaibh feol-
mhor,
agus a thig chum a theaghlaich,
agus dh’
ionsuidh comh-
chommuinn nan naomha,
chum bith mar iochdarana freagarach d’
a Mhac.
Ach mur tig iad a’
s teach is i sho an coirre fein:
oir ’
ta dorras na trocair shior-
fhosgailte do ’
n t sluagh iompoichte,
agus cho chrannar gu brath air duine dhiu e.
Cho do chuirr e riamh leithid na teachdaireachd sho dh’
ionsuidh aon neach ag-
aibh: “ ’
Ta e ro an-
moch anoish:
cho ’
n fhosgail,
agus cho toir mi oidheachd dhut,
sheadh giodh ’
ta thu iompoichte fein.” ’
Ta e shior-
ullamh a ghabhail r’
ibh,
nam bitheadh shibhs’
ach ullamh a philleadh gu croidheil neimh-
chealgach.
Agus foilshichir iomlaineachd na firinn sho ni ’
s soilleire o an da theagasg a leannas,
agus air an abhar shin,
gabhaidh mi air m’
aghaidh d’
an ionsuidh,
mun dean mi tuille feim do ’
n teagasg sho.