[65] TEAGASG III.
Is taitneach le Dia iompocha agus sonnas dhaoine, ach is mio-thaitneach leish am bas agus an damna: is roighniche leish gu ’n iompoicheadh agus gu mairreagh iad beo, na gu gabhagh iad
[66] air an aghaidh agus gu basaicheagh iad gu truagh.
Nochdaidh mi dhibh air tus cia mar a thuigir an teagasg sho; agus a rish soilleirichidh mi dhibh a chint agus fhirinn.
1 Agus air tus mar a bhuinneas do thuigshinn an teagaishg sho, thugaibh fa dearr na nithe sho a leannas. Is i an tlachd aoin-fhilte cead ghniomh an anam’, a leannas am beachd no an t eolas aoin-fhilte, mun coimh-meass an t anam nithe r’a cheile. Ach leannaidh gniomh an roighneachaidh, a reimh-chiallaicheas gniomh a choimh-meish no a choimh-shinidh; agus feadar an da ghniomh sho a shineadh dh’ionsuidh chuspoire eas-aotach no contrara, gun chiont’ air bith do ’n anam.
2. ’Ta ceime eagsamhail no neimh-ionnann anns an toilleileachd, no anns an tlachd neimh-chealgaich. Is coimh taitneach leam cuidd do nithibh, as gu dean mi uirrid diu, ’s air an urra mi ruigheachd; agus is fior-thoilleach leam gu deanadh neach eille cuidd nithe, sheadh, an uair nach dean mi-fein cuiddeacha leish, do reir mo neart, do bhridh gu bheill iommad reason bacaidh ag-am; giodh do ni mi, sheadh, gach aon ni a ’s coir dhomh.
[67] 3. ’Ta toill riaghlai-fhir, mar riaghlai-fhear, foilshichte, ann an dealbh’ agus ann an curr reachd ann gniomh: ach is i toill an duine, a chumhachd aoin-fhilte, natura, mar Aird-thighearn’ a mhaoine fein, agus ’ta a thoill foilshichte ann am miannachadh nithe taitneach, agus ann an diultadh nithe mio-thaitneach.
4. Is i toill riaghlai-fhir, mar reachd-thabhartaidh, air tus, agus gu sonraichte, gu geilir d’a reachd, agus nach cuirrir a pheineachas ann gniomh ach air na h Jochdarana nach geill. Ach ’ta toill riaglai-fhir, mar bhreitheamh, ag reimh-chiallachadh gu do choimhdeadh no gu do bhrisheagh an reachd: agus air an abhar shin is i a run duaish a thoirt duinn, no dioghaltas a dheanamh oir- ’n d’ a reir.
O thug mi dhibh na h eidir-dheallacha feimeil sho, cuirridh mi anoish iad rish a ghnothach ann laimh, anns na briatharaibh a leannas.
1. ’Ta am focall agus an cruthacha ag teagasg, gur eigin duinn eolas a ghabhail air Dia anns an t saoghal sho: agus mar shin, do reir mor-luach natuir an duine, ainimnichidh shinn air Dia, maitheas, eolas, gliocas, cumhachd, ag atharrachadh uaidh’ gach neimh-iomlaineachd air bith, agus ag toirt dh’ a aird-iomlaineachd nan uille bhuaidhe
[68] luach-
mhor,
do bhridh nach bheill doigh a ’
s fearr ag-
ainn chum eolas a ghabhail air.
2. Mar an ceadna, leish an scrioptur, eidir-dheallaichidh shinn gniomhara Dhe, do reir an cuspoire eidir-dheallaichte, giodh ’ta iad uille mar aon ghniomh, ann am bith na diadhachd.
3. Agus le tuille danadaish, an uair a labhras shinn air Criost, do bhridh gu bheill an tuill’ abhair ag-ainn o a natur mar dhuine.
4. Mar sho deirr shinn, gu bheill toill, tlachd, no speish aoin-fhilt’ ag Dia, do gach neach a ’ta maith, air modh natura no beasach, do reir natuir agus tomhaish am maitheish. Agus mar an ceadna gur taitneach leish iompocha agus sonnas nan uille chreatuire reasonta, giodh nach tachair sho gu brath.
5. ’Ta toill Dhe, mar riaghlai-fhear agus mar reachd-thabhartaidh an t saoghail, coimh-ghniomhach chum sonnaish dhaoine, as gu do thairg e dhoibh Criost agus beatha, mar thiolac saor. Dhealbh e reachd dearmaid peacaidh, do ’n dream nach diult an tiolac sho gu neamh-urramach, ach a ghabhas rish, gu deonach. Thug e iartas teann d’a theachdairibh an tiolac sho a churr ann tairgsh’ an t saoghail uille, agus a ghuidheagh orr-a gabhail rish gu failteach. Rinn e sho uille
[69] chum sonnaish dhaoine,
mar reachd-
thabhartaidh,
agus mar bu choir dh’
a ann an lorg a ghealllaidh.
6. Ach gidheadh, is toilleach leish mar lagh-thabhartaidh, gu teid an dream nach pill am mugha: agus mar bhreitheamh an uair a theid la tairgshe nan grasa sheach, cuirridh e an reachd sho ann gniomh.
7. Mar sho is fior-thoilleach le Dia gu ’n iompoicheagh an dream nach iompoich gu brath, ach cho ’n ail leish a lan-toill uill’ fhoghainteach, agus a mhor-chumhachd a churr ann gniomh, mar Aird-thighearna, d’an iompochadh gun teagamh air bith. ’Ta commas ag riogh, cul-choimhead a churr air fear-muirt d’ a chongbhail o ’n chroich a thoiltinn dh’a fein: Ach ma bhitheas deagh abhar ag riogh gun an ro-churam sho a ghabhail do luchd-muirt, ach fioss, agus rabha thoirt d’a iochdaranaibh, agus a ghuidheagh orr-a gun iad a bhith ciontach ann am murt, ’ta duil ag-am gu fead e a radh nach bu mhaith leish gu crocht’ air son muirt iad; oir cho taitneach leish sho, ach gu bitheagh iad neamh-choirreach, agus gu mairreagh iad beo. Agus ma ni e tuille air son cuidd dhaoine, air abhar sonraicht’ eigin, am bheill e mar fhiacha air, shin a dheanamh air son an
[70] iomlain?
Is ceart do ’
n Riogh a radh re uille luchd-
muirt agus mi-
ghniomh a rioghachd, “
Ni bheill tlachd air bith ag-
ams’
ann ar bas,
ach bu roighniche leam gu mor shibh a thoirt geill do m’
reachd,
agus a bhith beo;
ach mur geill shibh,
is i mo bhreith gu fuilling shibh bas.”
Is ceart do ’
n bhreitheamh a radh re meirleach,
no re fear-
muirt, “
Mo thruaidh a dhuine,
cho taitneach leamsa do bhas;
b’
fhearr leam gu mor gu coimhideadh tu an reachd,
agus gu teassairgeadh tu t anam fein;
ach o nach do choimhid thu an lagh,
is eigin domh do dhideadh gu bas,
oir bu bhreitheamh claon mi mur deanainn shin.”
Mar an ceadna,
giodh nach bheill tlachd air bith ag dia ann ar leir-
sgrioss,
agus air an abhar shin,
giodh ’
ta e ag toirt gairm dhibh pilleadh,
agus bith beo,
gidheadh,
is taitneach leish a cheartas fein a dhearbhadh agus a reachd a churr ann gniomh,
agus air an abhar shin,
is i a run shuighichte,
mur pill shibh gu teid shibh an mugha.
Nam bitheadh Dia comh-
mhor ann aghaidh baish dhaoin’
aingidh,
as gu cuirreagh e a mhor-
chumhachd ann gniomh d’
a bhacadh,
an shin cho rachadh duine do ’
n t sluagh am mugha.
Ach ’
ta Dia comh-
mhor ann aghaidh ar leir-
sgrioss,
as gu bheill e ag toirt teagaishg agus
[71] rabhaidh dhibh,
agus ag curr baish agus beathaidh fa’
r roghainn,
agus ag sparragh air a mhinishtere earrallachadh oir-
ibh,
gun shibh-
fein a churr am mugha,
ach gabhail re trocair gu deonach,
agus mar sho,
dh’
fhag e gun leith-
sgeul shibh;
ach mur iompoich sho shibh,
gheall e gur i a run shuighichte,
ar milleadh le leir-
sgrioss gun teagamh,
agus sparr e oir- ’
n a radh ribh ann a ainm fein,
Rann.
8. “
A dhuin’
aingidh gheibh thu gu dimhin bas!”
Agus is beag nach do mhionnaich Criost a rish,
agus a rish,
ag radh, “
Gu dimhin,
dimhin,
mur bith shibh iompoichte agus aith-
ghinte,
cho ’
n fhead shibh doll a’
s teach ann rioghachd neamha gu brath,”
Mat.
18-
3.
Join.
3.
3.
Thugaibh fa dearr gu dubhairt e, “
Cho ’
n fhead shibh.”
Is bruadar diamhain,
duil a bhith ag-
aibh rish an rioghachd sho,
gun iompocha;
oir cho shealbhaich daoine neimh-
iompoichte gu brath i.
Chi shibh anoish sheagh an teagaishg sho, chi shibh nach bheill Dia, reachd-thabhartaidh an t saoghail gu leir, ag gabhail tlachd air bith ann am bas dhaoin’ aingidh, ach gur roighniche leish gu pilleagh, agus gu mairreagh iad beo: giodh nach i a run gidheadh, gu bith beatha, ach ag an dream a philleas; agus mar bhreitheamh, is
[72] taitneach leish ceartas agus foilsheacha a dhiom ann aghaidh peacaidh,
giodh nach taitneach leish Truaidh mar ata i int-
e fein,
an truaidh shin a tharraing daoin’
aingidh air an anama.
2. Mar a bhuinneas do dhearbha an teagaishg sho, gheibh shibh shin am briatharaibh ath-ghairrid, do bhridh mar a shaoileas mi, gur urrus leibh a chreidshinn cheanna.
1 ’Ta natur gras-mhor an Tighearna foilshichte; Exod. 24. 6. agus 26. 6. agus gu tric ann ionnadaibh eille, ag dearbhadh dhibh nach bheill tlachd air bith aig-e ann ar bas.
2. Nam bu taitniche le dia do bhas, na t iompocha agus do bheatha, cho sparragh e or-t coimh-tric pilleagh, ann a fhocall; cho tugagh e dhut coimh-lion gealla air beathaidh, nam pilleadh tu; agus cho chuirreagh e impidh or-t gu pilleadh, le uirrid reasoin; mar a dhearbhas an Soisgeul.
3. ’Ta am barrantas a thug Dia do mhinishteribh an t soisgeil ag lain-dearbhagh an teagaishg sho. Nam bu taitniche le Dia do leir-sgrioss, na t iompocha agus do shonnas, cho sparragh e riamh oir- ’ne trocair a thairgsheadh dhut; an t slighe chum na beatha shioruidh, a theagasg dhut, gu diamhair agus gu follusach; a ghuidheadh agus
[73] a ghriosadh or-
t pilleadh agus bith beo;
fioss graineileachd agus cuntairt peacaidh a thoirt dut;
uirrid as ata ann ar commas a dheanamh chum t’
iompochaidh;
agus buanachadh le foidhid anns an obbair sho,
giodh do bheirreadh tu fuath agus mio.
ghnathacha dhuinn air son ar saothair.
An deanadh Dia sho air ar son,
agus am foilshicheagh e dhibh a reachd chum ar leass,
nam bitheadh tlachd aig-
e ann ar bas,
agus leir.
sgrioss?
4. Mar an ceadna, ’ta sho soilleir o riaghail ghnathaichte freasdail an Tighearna. Nam bu roighniche le Dia ar leir-sgrioss agus ar dorainn, na ar n iompocha, agus ar tearmann, cho choimh-shineagh a ghniomhara r’a ghealla; cho chataicheagh e rish fein shibh le caomhalachd gach la; cho n altramagh e shibh le nithibh maith na beathaidh sho, na meadhona shin d’ ar treorachadh chum aithreachaish, Romh. 2. 4. cho leagagh e an t slat-smachdachaidh oir-ibh coimh-tric, a churr ciall ann-aibh, agus a thoirt mothacha cuntairt dibh; cho tugagh e dhibh coimh-lion eishempler, agus cho ghiulaineagh e leibh comh-fhoidhidneach, as a rinn e o la gu la agus o bhliadhan gu bliadhan. Cho chomhara sho ga bheill tlachd aig-e ann ar bass; oir nam bu taitneach leish ar dorainn, nach b’ urrus d’a ar n
[74] iommain chum ifrionn o chian fadda?
nach feadagh e gu tric roimh-
e sho,
ar spionagh ass fearrann nam beo,
am boilshgin ar peacaidh,
ar n ain-
eolaish,
ar n uaill,
agus ar n ain-
mianna,
an uair bu mhallacha,
mionna eithich,
no breag bu chaint dibh;
an uair a bha shibh gun cheill le mishg,
no ag deanamh gaire fannoid mu naoimh-
reachd De?
nach b’
urrus d’
a stadd a churr air ar n annail,
ar cloidh le plaigh,
anns an t saoghal sho,
agus ar lain-
cheansachadh le dorainn anns an t saoghal eille?
an spairn leish an uillea-
chumhachdach an teanga a ’
s mo an-
chaint agus mio-
naomhachd a riaghlachadh;
glass-
lamh a churr air luchd dian-
ruagaidh a ’
s mo mio-
run;
buirb nan eas-
cairde a ’
s fuilleachdaiche run,
a chiuineachadh;
agus a dhearbhadh dhoibh gur beishteaga diblidh so-
chloidh iad?
nan amhairceagh e oir-
ibh ach le gruaim,
thuiteadh shibh bonn os ceann,
anns an uaigh.
Nan tugagh e barrantas do aon d’
a ainglibh,
doll a chosgradh deich mile peacach,
nach gradd a rachagh an t iartas an gniomh?
nach urrus d’
a ar leagail air leabbaidh na h ea-
slainte,
gus am bith shibh ag buirich le cloidh?
an deacair dh’
a a thoirt oir-
ibh gu ’
n ith shibh an an-
chaint a thug shibh d’
a luchd-
muinteara,
d’
a fhocall,
d’
a aoradh,
agus d’
a shlighe naomha?
an
[75] cruaidh air a thoirt oir-
ibh curr a shirreadh comhna eidear-
ghuidhe na h aittim air an d’
rinn shibh di-
meass an-
dana?
nach urrus d’
a t fheoil uaibhreach a chloidh le saigheadaibh agus le h osnaibh,
gus am bith i graineil mar shalchar na talmhainn,
agus mar ionnad comhnuidh neimh-
iomchuidh do ’
t anam?
an fheoil shin a ’
s eigin dut anoish a dhiol leish na nithibh a ’
s fearr a chordas r’
i,
agus nach suail dut a mhio-
thoilleachadh.
An fheoil shin a ’
s eigin dut a riarachadh le biadh,
le deoch,
agus le h eadach,
cia b’
e ni a deirr Dia ann aghaidh sho;
cia gradd a chuirreadh gruaim an uillea-
chumhachdaich ass d’
i?
an uair a bha thu ag tagradh cuish do pheacaidh gu dian;
ag consachadh rish an dream leish am b’
ail do tharraing uaidh-
e;
ag taishbineadh ’
t ain-
iochd ann aghaidh do luchd-
achmhusain,
agus ag gabhail leith-
sgeil obbair an dorchadaish;
nach b’
urras do Dhia t’
fhuadachadh leish,
agus do churr ann an lathair a Mhorachd uabhasaich;
ann am faiceadh tu deich mile do mhiltibh aingel glor-
mhor ag feitheamh air cathair a bhreitheamhnaish;
agus am breitheamh ag toirt gairm dhut,
do chuish a thagradh,
agus a cheisht sho a fhreagradh, “
Ciod e anoish ata ag-
atsa r’
a radh ann aghaidh do chruthai-
[76] fhir;
ann aghaidh fhirinn;
ann aghaidh a luchd-
muinteara;
agus ann aghaidh a naoimh-
reachd?
Tagair anoish do chuish mar is fearr is urra thu.
Cia mar a ghabhas tu leith-
sgeul do pheacaidh?
freagair air son do shaoghaltachd an-
barraich;
do bheatha fheolmhoir;
t aimshir agus gach trocair a mhio-
bhuillich thu.”
Och,
nach leaghadh do chroidhe cruaidh;
nach ishlicheadh do shealla borb;
nach uainicheadh do ghnuish le h uamhann;
nach iompoicheadh do bhriathara maslach gu tosd,
no gu sgreadda gairishneach;
nan cuirreadh Dia mar shin thu ann lathair cathair a bhreitheamhnaish,
agus nan tagragh e reut a chuish fein,
a chuish shin a dhid thusa coimh-
mhio-
runach air tallamh?
mar bu reidh do Dhia a radh re t anam ciontach, “
Imthich,
na bith tuille anns an fheoil shin gu la na h aish-
eirigh,”
am feadadh tu curr ann aghaidh sho?
sgoilidh focall a chumhachd coimh-
cheangal t anama agus do chuirp,
agus ann shin bithidh gach cumhachd chorpor’
a ’
ta ag-
at gun efeachd,
agus gach ball gun mhothacha.
Nan abradh Dia reut, “
Na bith beo ni ’
s faidde;
no triall chum ifrionn;”
Am feadadh tu gun gheill a thoirt d’
a?
Ach cho do rinn Dia sho; ach chaomhuinn e
[77] beo thu gu foidhidneach;
chum e suas thu gu trocairreach;
fhuair thu uaidh’
an annail leish an d’
thug thu an-
chaint dh’
a;
gach tiolac a thug thu mar iobhairt do ’
n fheoil;
gach tiolac leish an do shasaidh thu do shlugan ciocrach;
agus gach uair do ’
n aimshir shin a mhio-
bhuillich thu air diamhanas,
mishg agus an-
saoghaltachd:
agus nach bheill an fhoidhid agus an trocair sho gu leir,
ag dearbhadh dhut nach taitneach le Dia do leir-
sgrioss?
am fead lochrann lassadh gun ola?
an sheass do thighe gun an tallamh ’
g an giulan?
cho mho na shin a sheassas tusa aon uair ann am fearrann nam beo gun chomhna Dhe.
Ciod uim-
e chum e comh-
fhadda beo thu,
ach chum as gu smuainticheadh tu air ammaideachd do shlighe,
agus gu ’
n iompoicheadh tu chum bith beo gu sonna shioruidh?
An cuirr neach air bith arm gu deonach ann an laimh a namhaid a churr cath air fein?
an cum duine glic sollas re fear-
muirt a chosgras a chlann;
no re fear-
tuarusdail chum as gu bu lear dh’
a aimshir a mhio-
bhuilleachadh le sugra no le diamhanas?
is ni cinteach gu do ghiulan Dia leatsa comh-
fhadda,
chum as gu pilleadh tu agus gu bitheadh tu beo.
5. Os-barr ta paish Mhic De ag dearbhadh,
[78] nach taitneach le Dia bas dhaoin’
aingidh.
An saoragh e o bhas iad le luach comh-
daor?
An cuirreagh e iongantas comh-
mhor air aingle,
agus air daoine,
le aontacha ro ghras-
mhor?
an tigeadh Dia ann riochd sheirmhishich a gabhail comhnuidh ann am feoil,
agus an gabhagh e Daonachd ann aon phearsa leish an diadhachd?
Am fuillingeadh Criost uirrid dolaish ann a bheathaidh,
agus an rachagh e fa bhas mallaichte,
air son luchd peacaidh;
nam bu taitniche leish am bas na am beatha?
nam faiceadh shibh e gu durachdach ag teagasg slighe na beathaidh,
agus ag leigheas creachda luchd ea-
slainte,
Marc.
3.
23.
Nam faiceadh shibh e an-
fhadd ann an trosga,
Mat.
4.
Nam faiceadh shibh e fadd oiche re h urnaidh,
Luc.
6.
12.
Nam faiceadh shibh e fa dhruchd fallaish fholla,
le spairn urnaidh,
Luc.
22.
24.
Agus nam faiceadh shibh fhuill neimh-
chiontach ag smuidrich air a chroich,
agus e ag dortagh amach anama mar iobhairt air son ar peacaidh.
Nam faiceadh shibh sho uille,
an saoileadh shibh gu bu taitneach le Criost bas shioruidh dhaoin’
aingidh?
Na smuaintichibh mor-luach a bhaish a lughdachadh, le radh, gu do bhasaich e air son dhaoine toght’ amhain. Oir is e do pheacas’ agus peaca
[79] an t saoghail gu leir an t uallach a bha air ar fear-
saoraidh;
agus thug e lain-
diola ant’
uille,
leish an iobhairt a thug e do cheartas De air an son;
agus thairgeadh tairbhe na h iobhairt sho do gach duine fa leath do ’
n,
t sluagh ach is fior,
nach b’
i run Chriost riamh maitheamhnas agus tearmann a dheonachadh do ’
n dream nach pill le creiddeamh agus le h aithreachas.
Nam faiceadh agus nan cluinneadh shibh e,
ag caoidh agus ag osnaich air son staidd an t sluaigh eas-
umhail gun aithreachas,
Luc.
19.
41.
42.
No ag gearran air an eas-
urram,
Mat.
23.
37. “
A Jerusalem,
a Jerusalem,
cia tric a b’
ail leam do chlann a chruinneachadh,
mar a chruinnicheas cearc a h alach fa a sgiathaibh,
agus cho b’
ail leibh sho?”
No nam faiceadh agus nan cluinneadh shibh e air crann na croiche,
ag eidear-
ghuidheadh air son a luchd dian-
ruagaidh, “
Athair thoir maitheamhnas doibh,
oir ni bheill fiofs ac-
a ciod e ata iad ag deanamh.”
Nan cluinneadh shibh sho,
an cuirreadh shibh ann umhail d’
a gu roibh tlachd aig-
e ann am bas dhaoin’
aingidh;
sheadh ann am bas na h aittim shin fein a chaidh am mugha le mi-
chreiddeamh toilleil? “
An uair a ghradhaich Dia an saoghal comh-
mhor,
as gu d’
thug e aoin-
ghin Mhic fein,
[80] chum as cia b’
e neach a chreiddeagh ann,
nach rachagh e am mugha,
ach gu faidheagh e beatha shioruidh:”
shaoilinn gu do dhearbh e air an doidh sho,
ann aghaidh mio-
ruin dhaoin’
agus dhiabhla,
nach bheill tlachd air bith aig’
ann am bas dhaoin’
aingidh,
ach gur roighniche leish gu pilleagh iad agus gu bitheagh iad beo gu sonna shioruidh.
6. Fa dheoidh, mur creidd shibh sho uille, agus mur toillich e shibh, creiddibh focall Chriost fein; oir is aithne dh’a a run fein, ni a ’s fearr na is aithne dhuinn i. No air a chuidd a ’s lugha creiddibh a mhionna: ach treoraichidh sho mi chum a cheathraimh teagishg.