TEAGASG V.
’Ta Dia comh-durachdach mu iompocha dhaoin’ aingidh, as gu d’aithin agus gu d’earrallaich e gu deinneachdach, “Pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?”
’Ta an teagasg sho ag earrallachadh oir-ibh, feim iom-chuidh a dheanamh do ’n teagasg a chualadh shibh fa dheirre, agus laimhshichir e do reir shin. Am bheill peacach neimh-iompoichte air bith, ag cluintinn briathara durachdach sho an Tighearna Dia? am bheill fearr no beann anns a choimh-thionnal sho anoish, a ’ta ain-eolach air obbair an Spioraid naoimh’ a nuadhaicheas agus a naomhaicheas? is coimh-thionnal sonna e, mur bheill cuidd mhor dh’e neimh-iompoichte! cluinnibh guth ar cruthai-fhir, agus pillibh rish trid Chriost, gun dail. An ail leibh eolas air toill Dhe!
is i sho a thoill gu pill shibh air ball. An cuirr an Dia beo teachdaireachd chomh-durachdach chum a chreatuire; agus nach coir dhoibh geill a thoirt d’i? cluinnibhs’ uille a ta beo do ’n fheoil; chuirr an tighearn’ a thug dhibh air bith agus ar beatha, teachdaireachd o neamh d’ ar n ionsuidh; agus is i sho a theachdaireachd, “Pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?” an ti ag am bheill cluasa chum eishdeachd eishdeagh e. An deanar di-meass air guth na morachd shioruidh? ma labhras e le guth na tairnich uabhasaich, ta geilt-chrith oir-ibh. Ach is coir dhibh tuille suim a ghabhail do ghuth sho a theachdaireachd. Nan insheagh e dhibh gu basaich shibh am marach, an cuirreadh shibh sho ann neimh-bhridh? ach is is aithne agus earrail an teachdaireachd sho, ann am bheill do bhas no do bheatha shioruidh. Mar gu ’n abragh e rish gach duine fa leath, “sparram or-t, air sgath na h umhlachd mhionnaicht’ a dhligheas tu dhomsa do chruthai-fhear agus t fhear-saoraidh, sparram or-t, cul a churr rish an diabhol, rish an t saoghal, agus rish an fheoil, agus pilleadh reumsa, chum as gu bith thu beo gu tearuinte. Aontaichim a ghuidheagh or-t, ma ’ta gradh ag-at air an Dia a chruthaich thu, no eagal or-t roimh-e; ma ’ta gradh
Eishdibhs’ uille leish an ionmhuinn shibh-fein agus ar sonnas: sho an teachdaireachd a ’s mo solas a thainig riamh chum cluasa dhaoine, “Pillibh, pillibh, ciod uim’ a basaicheas shibh?” cho do ghlassadh fa an-dochas shibh. Sho trocair ann ar tairgshe; pillibh agus gheibh shibh i. A dhaoine, cia mor an gairdeachas anama leish an coir dhibh gabhail rish an teachdaireachd sho! ’Ta fioss ag-am nach e sho an cead am a chualadh shibh i: ach cia mar a thug, no cia mar a bheirr shibh anoish fa dearr i? a pheacacha ain-eolach neamh-churamach, cluinnibh focall an Tighearna! cluinnibhs’ uill’ a dhaoin’ an-saoghalt’ a shasaicheas ar n ain-mianna feol-mhor; shibhs’ a luchd- craoish agus mishge, a luchd neamh-ghlain’ agus mionna; shibhs’ a luchd cul-chaint, maslaidh, an-chaint agus bhreaga; pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?
Cluinnibhs’ uill’ a luchd na h aidmheil fhuar-chrabhaich o ’n leath a muigh, a ’ta ain-eolach air beathaidh Chriost, nach do ghabh eolas riamh air cumhachd a cheasaidh agus aish-eiridh, nach do mhothaich riamh ar n anama lasta le gradh dh’a, agus nach do ghabh beatha uaidh-esin, neart ar n anama; pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?
Cluinnibhs’ uille ag am bheill intinne gun gradh Dhe, gun togra ’n a dhiaidh, agus gun tlachd ann am muinghin gloire; ach a ’ta ni ’s toighiche gu mor mu shuaimhneas agus mu shoirbheacha saoghalta, na mu sholas neamhaidh? shibhs’ uille nach bheill ach leath-chrabhach, agus nach toir do Dhia ach an umhlachd a sheachnas an fheoil; agus nach do shean ar fein-speish fheol-mhor, agus nach do threig gach ni a ’ta ag-aibh air son Chriost le lan-run shuighicht’ anama, ach ag am bheill ni saoghalt’ eigin co’ -luach-mhor ann ar barr’ail as nach deallaich shibh rish air son Chriost fein, giodh d’ iarras e oir-ibh e, ach leish an roighniche doll ann cuntart a dhiom, na cull a churr rish an ni thoirmishgte shin, pillibh, pillibh, ciod uim’ a bhasaicheas shibh?
Mur cualadh agus mur d’ thug shibh roimh-e sho fa dearr e, cuimhnichibh gu d’ insheadh dhibh
Ciod anoish a ni shibh a dhaoine? ciod e ata ann ar ruin? am pill no nach pill shibh? na staddaibh ni ’s faidd’ eidir da bharr’ail: ma ’s e an Tighearn’ ar Dia leannaibh e: ach ma ’s i an fheoil ar Dia, thughaibh tuille geill d’i. Ma ’s fearr leibh neamh, na tallamh agus solas feol-mhor, thigibh agus iarraibh duthaich a ’s fearr, agus taishgibh ar n ionmhas far nach truaill meirg no leoghann, agus far nach cladhaich agus nach goidd meirleach, agus mosglaibh anoish le ar n uille neart, dh’iarraidh rioghachd nach gluaishir, Eabh. 12. 28. Buillichibh ar n aimshir ar gnothach a ’s airde, agus pillibh sruth ar curaim agus ar saothair chum sruth-chlaish eille, anns nach b’ abhaist leo rith. Ach ma ’s fearr agus ma ’s buaine leibh tallamh na neamh; congbhaibh ag-aibh e, deanaibh am feim a ’s fearr leibh dh’ e agus leannaibh rish. A dhaoine’ an do smuaintich shibh ciod e a ni shibh? mur do smuaintich, bheirr mi earrail no dha eill’ oir-ibh, a shealtainn an toir reason oir-ibh socrachadh ar leass ar n anama.
1. Faicibh ciod e an sonnas a dheassaich an Dia trocaireach dhibh: agus cia truagh an
14. 17.” Am bheill na h uille nithe ullamh, agus am bheill shibhs’ neamh-ullamh? ’Ta Dia ullamh a thoirt oidheachd dhibh, le maitheamhnas gach peacaidh a chuirr shibh ann gniomh ann a aghaidh, ma thig shibh. Cia fadda, cia toilleil, no cia uabhasach air bith a pheacaich shibh, ’ta Dia ullamh d’a thilgeil sho uill’ air cul ma thig shibh. Giodh do theich shibh o Dhia, mar a theich am Mac struidheil o Athair, agus giodh d’ fhann shibh comh-fhadd’ uaidh-e, ’ta e ullamh a rith ann ar comh-dhail, chum ar failteachagh ann an glacaibh a ghraidh, le gairdeachas mu ’r n iompocha, ma philleas shibh. Gheibh an duin’ an-saoghalt’ agus am mishg-fhear buaireasach, Dia ullamh a churr failt’ orr-a, ma philleas iad. Nach iompoich sho do chroidhe? A pheacaich, ma ta croidhe feola, agus cho chroidhe cloich’ ag-at, shaoilinn gu leaghadh sho e. Am fann Aird-riogh neamha re d’ phille, agus am bheill e ullamh a ghabhail reuts’ a thug mio-ghnathacha dh’a, agus a dhearmaid comh-fhadd’ e? an gabh e tlachd ann a t iompocha, agus gu b’ urrus d’a a cheartas a ghlorachadh ann do leir-sgrioss? agus nach leagh sho do chroidhe cruaidh, agus nach bheill thu ullamh gu pilleadh? nach bheill uirrid abhair ag-atsa bith ullamh gu teachd,
Ach cho ’n e sho an t iom-lan; rinn Criost a chuidd fein air a chroich, rinn e an t slighe coimh-reidh dh’ut chum an Athar, as gur urrus dh’ut triall uirr-e, agus is e do bheatha air son Chriost, ma thig thu. Agus nach bheill thu ullamh anoish?
Dheonaicheadh, agus thairgeadh dh’ut maitheamhnas anns an t soisgeul. Agus am bheill thu ullamh a ghabhail rish?
’Ta luchd teagaishg an t soisgeil ullamh a chuiddeachadh leat, do d’ theagasg agus a labhairt briathara shioth-chainteach an fhuasglaidh re t anam, ’ta iad ullamh a dheanamh urnaigh air do shon, agus a nasgadh do mhaitheamhnaish le friothola suippeir naomh’ an tighearna; agus nach bheill thu ullamh anoish?
’Ta uille luchd eagail De mu d’ thimchioll ullamh a dheanamh gairdeachaish mu t iompocha, a ghabhail reut ann an communn nan naomh’ agus a thoirt deass-lamh a chomh-chommuinn d’ut’, sheadh, giodh do thilgeagh amach o an cuiddeachd thu: ni bheill do dhanadas ac-a gun mhaitheamhnas a thoirt d’ut, an uiar a chi iad o t aidmheil agus o t iompocha gu d’ thug Dia maitheamhnas d’ut: ni bheill do dhanadas ac-a, sheadh do pheac’ a chaidh sheach a churr mar chunnuil
Sheadh, ’ta neamh fein ullamh: gabhaidh an Tighearna reut chum gloir a chuidd naomha, giodh bu graineil am biast thu, ma ’s ail leat do ghlannagh; agus gheibh thu ait inbheach ann an lathair cathair a mhorachd: bithidh na h aingle mar chul-choimhead a threorachadh t anamain chum ionnada comhnuidh a ghairdeachaish, ma thig thu ach a’s teach gu neimh-chealgach. Agus am bheill Dia, am bheill iobhairt Chriost, am bheill an gealla, agus maitheamhnas ullamh? am bheill luchd teagaishg, am bheill pobul De, am bheill neamh agus aingle ullamh, agus iad shin uille ag feitheamh air t iompocha; agus nach bheill thu fein ullamh? ciod e? nach ail leats’ a bha marbh o chian fadda, gabhail re beathaidh? nach aill leats’ a bha comh-fhadd ass do bheachd, teachd gu d’ cheill mar am Mac struidheil? nach ail leats’ a ’ta ann cuntart doll am mugha, gabhail re teassairginn? Nach bheill thu ullamh a ghreammachadh
2. Thoir fa dearr mar an ceadna, gach gairm a bha ag-at chum pilleadh agus bith beo. Cuimhnich cia lion-mhor, cia h ard-ghuthach, cia durachdach, cia uabhasach, sheadh, agus cia solasach mor-bhuineach do ghairm.
Oir is e Dia fein do phrimh-fhear-cuirridh. is e an triath a riaghlaicheas neamh agus tallamh a ’ta ag sparragh or-t pilleadh; pilleagh air ball agus gun dail. Bheirr e iartas do ’n Ghrein a cuairt a ruidh, agus eirigh or-tsa gach maiddinn, giodh d’ is creatuir co’ -ghlor-mhor i, agus ni ’s mo gu h an-mor na an tallamh, gidheadh, bheirr i geill d’ a, agus cho mhio-bhuillich i mionuit d’a h aimshir chumta. Riaghlaichidh Dia na realta sheacharanach uille, agus na speire neamhaidh, agus bheirr iad geill d’a. Bheirr e iartas do ’n fhairge traothagh agus lionagh, agus do ’n chruthacha gu leir fuirreachd ann a riaghail fein, agus geillidh iad uille. Bheirr na h aingle neamhaidh umhlachd d’a thoill, an uair a chuirreas e iad a fhriotholadh do chnuimhibh diblidh talmhaidh mar shinne, Eabh. 11. 14. Gidheadh, ma
Nam b’ aithne dh’ut Dia, agus nam b’ ionmhuinn leat e, thuigheadh tu a ghuth, agus ghlaodhadh tu, ag radh, “Is i sho gairm m’ athar, agus an ceaddaich mo chroidhe dhomh gun a freagradh?” is aithne do thread Chriost a ghuth, eishdidh iad rish, leannaidh iad e, agus faodaichidh she iad air ionaltra na beathaidh shioruidh, Join. 10. 4. Nam bitheadh beodhalachd spioradail, agus mothacha ag-at, nach abradh tu anoish, “is i sho gairm uabhasach mo Thighearna, co nach freagragh i?” oir ars’ am Faidh, Amos. 3. 8. “Bheic an leomhann, co air nach bith eagal?” cho duine Dia, as gu deanadh tu maille, no as gu deanadh tu sugra rish. Cuimhnich na labhair e re pol ann an am iompochaidh,
Mar sho chi shibh co ata ’g ar gairm, agus aomadh shin shibh chum eishdeachd agus pilleagh air iartas: thugaibh fa dearr mar an ceadna, ciod i an doigh, agus cia tric, agus cia durachdach ata e ’g ar gairm.
1. Ta gach duilleog do leabhar beannuichte Dhe, mar gu b’ eadh, ag glaodhaich reut gu h ard-ghuthach, “pill agus bith beo: pill no basaichidh tu.” Am fead thu sho a leaghadh, no a cluintinn, gun a thoirt fa dearr gu bheill Dia ag toirt gairm pillidh dh’ut?
2. Is e sho iartas gach shearmoin a chluinn thu: oir ciod eill’ is crioch do gach teagasg diadhaidh, ach bith ag toirt cuirridh dh’ut, ag earrallachadh, agus ag curr impidh or-t gu pilleadh.
3. Is i sho comhairl’ an spioraid a chuirreas an
4. Is cosmhuil gur e sho iartas do choguish fein air uaire. Nach do leigeadh rish d’ut air uaire, gu bheill fonn t anama agus gniomhara do bheathaidh mi-cheart? nach innish do choguish gur eigin dut bith mar nuadh-dhuin’, agus nuadh-run altram ann a t intinn; agus nach tric a ghlaodh i reut pilleadh?
5. Is e sho iartas eshempleir luach-mhoir nan deagh-dhaoine. An uair a chi thu an giulan neamhaidh, an uair a chi thu iad ag teitheagh o ’n pheaca shin ann am bheill do thlachd- ’sa, nach glaodh sho reut pilleadh?
6. Is e sho iartas uill’ oibre De. Oir is iad shin mar an ceadna, leabhar Dhe, a theagaishgeas sho dh’ut, le am morachd, an gliocas, agus am maitheas, agus a ghlaodhas reut an cruthai-fhear agus iad fein a thoirt fa dearr le moir-iongantas. Sal. 19. 1. “Foilshichidh na neamha gloir Dhe agus taishbinidh na speire obbair a lamha.” Glaodhaidh a ghrian reut pilleadh, gach uair a dhealras i or-t, mar gu ’n abragh i, “Ciod uim’ a shoilshicheas mish’ an saoghal, ach a leigeil gloir a chruthai-fhir rish do ’n t sluagh, agus a thoirt sollas iuil doibh a dheanamh obbair- ’sin:
7. Is e sho iartas gach trocair a shealbhaicheas tu. Nan cluinneagh agus nan tuigeadh tu iad, glaodhaidh iad uille reut pilleadh: ciod uim’ a ghiulaineas an tallamh thu, ach chum as gu ’n iarradh tu an Tighearna, agus gu tugadh tu geill d’a? ciod uim’ a thilgeas an tallamh do lon mar thorra, ach chum as gu deanadh tu riar an Triath? ciod uim’ a bheirr an t aile annail d’ut,
3 agus anns an 6 rann. “Mur gabh shibh aithreachas, theid shibh uill’ am mugha mar an ceadna.” Cia h iommad bliadhan a bha duil ag Dia re torra graidh agus naomhachd ua-tsa, ach an d’ fhuair e sho? gidheadh choigil e beo thu. Nach tric, le t ain-eolas, do neamh-churam agus t eas-umhlachd, a bhrosduich thu an Dia co’ -thromach a radh, “gearr anuas e, ciod uim’ a chuirreas e dragh air an tallamh?” gidheadh, chuirr trocair impidh air ceartas, agus chum foidhid am buille milteach uai-t gus anoish; nam bitheagh tuigshe duin’ ag-at, chluinneadh tu sho uill’ ag glaodhaich reut pilleadh. “Agus am meass thu a dhuine, gu teid thu ass o bhreitheamhnas De? no an dean thu di-meass air saibhreas a mhaitheish, fhoidhid agus fhadd-fhullangaish, gun fhioss ag-at gu treoraich maitheas De thu chum aithreachaish? ach a reir do chruaish fein, agus do chroidhe gun aithreachas, taishgidh tu dhut fein fearg chum la na feirge, agus foilsheachaidh ceairt-bhreitheamhnaish De: a bheirr do gach duine do reir a ghniomhara. Romh. 2. 3. —6.
8. Os-barr, is e iartas gach amhghair gu pilleadh tu gun dail. Glaodhaidh tinneas agus cloidh reut pilleadh: ’ta bochdainn, call chairde gaoil, agus
9. ’Ta do bhith, agus cruitheachd do natuir, ag iarraidh or-t pilleadh. Ciod air son ata reason ag-at, ach chum thu fein a riaghlachadh, agus geill a thoirt do d’ Thriath, eolas a ghabhail air a thoill, agus gluasachd d’a reir? ciod air son ata croidh’ eagalach, miannach, gradhach ag-at; ach chum as gu bitheagh eagal an Tighearn’ or-t, gu gradhaicheagh, agus gu miannaicheadh tu e os ceann gach ni agus neach?
10. Sheadh, ’ta do mhoid agus do ghealla fein do ’n Tighearn’, ag glaodhaich reut pilleadh rish agus geill a thoirt d’a. Naishg thu thu fein rish le coimh-cheangal baishtidh, threig thu an diabhol, sant an-saoghalt’ agus t ain-mianna feol-mhor: agus dhaingnich thu do choimh-cheangal le h aidmheil an t soisgeil chriostaidh, dh’ ath-nuadhaich thu air bord suippeir an Tighearn’ e, agus ann aimshir do thinnish iarganaich: agus an geall, agus am mionnaich thu an ni nach coimh-gheall
Anoish coimh-shin iad shin uille r’a cheile, agus faic an crioch. ’Ta an scrioptur naomha, agus luchd teagaishg soisgeil Chriost, agus ’ta an Spiorad naomh’ ag glaodhaich reut pilleadh: ’ta do choguish fein, ’ta eshempler agus impidh nan deagh-dhaoin’ ag glaodhaich reut pilleadh: ’ta an saoghal gu h iom-lan, agus gach creatuir a ’ta ag-at anns an amharc, ag glaodhaich reut pilleadh: ’ta foidhid fhadd-fhullungach Dhe, ag glaodhaich pill: ’ta gach trocair a fhuair thu, ag glaodhaich pill: ’ta slat-smachdachaidh Dhe, ag glaodhaich pill: ’ta do reason, agus cruitheachd do natuir ag iarrraidh or-t pilleadh: agus mar an ceadna, ’ta gach gealla agus mionn’ a thug thu do Dhia, gu h aoin-sgeulach ag glaodhaich reut pill: gidheadh, an i do run fein pilleadh?
3. Os-barr, a pheacaich chruadh-chroidhich thruaidh! an do smuaintich thu riamh ciod i do dhaimh rish an Dia a ’ta fadd na h uine sho ag glaodhaich reut pill? is leish fein thu, dlighidh tu dh’a do bhith agus gach ni a ’ta ag-at; agus nach fead e a choir fein iarraidh or-t? is tu a dhaor-og-laoch, agus aig-esin amhain ata coir air do gheill. ’Ta thu fa raidh a throcair, ’ta do
Sheadh, a dhaoine, gabhaibh ar n anama fein anns an amharc anoish, agus innishibh dhomh an taitneach leibh tairgsh’ an Tighearna? Chluinn shibh a run; cho taitneach leish ar bas: ’ta e ag glaodhaich ribh, “pillibh, pillibh.” Is uabhasach
Faicibh a luchd peacaidh, chuirreadh shinn air theachdaireachd o ’n Tighearn’, a churr bas agus beatha ann ar tairgshe; cluinneamaid co dhiu is roigniche leibh? ’ta Criost ann sho agus flaitheas na gloir’ aig’ ann aon laimh, agus ifrionn na dorainn anns an laimh eille, ag tairgsheagh ar roghainn dibh; ach co dhiu is ail leibh? Criothnaichidh guth an Tighearna na creaga, agus nach
Os-barr, is e an guth shin a ’ta ag glaodhaich reuts’, a chuirr impidh cheanna air na milte, agus
Sheadh a dhaoine, an ail no nach ail leibh pilleadh? am feim mi tuill’ a labhairt ribh? ciod a ni shibh? am pill no nach pill shibh? a dhuine labhair re Dia o d’ chroidhe, giodh nach labhair thu reumsa: labhair air eagal gu ghabh e do thosd mar dhiulta. Labhair air ball, air eagal nach toir e an tairgshe cheadna dhut tuille. Labhair do run gu neimh-chealgach; oir cho ’n ail le Dia luchd leannamhainn mealtach. Abbair anoish o d’ chroidhe, gun tuille fuirreachd, agus gun ghliddeachadh ass an ait sho, “le gras Dhe is i mo run pilleagh air ball. Agus do bhridh gur aithne dhomh mo neamh-fhoghainteachd fein, roighnich mi fuirreachd re gras Dhe, agus e-sin a leannamhainn
A dhaoine, cho do dhruiddeadh suas shibh ann an dorchadas geintileach, no ann an an-dochas na h aittim a chaidh am mugha, ’ta beatha ann ar tairgshe agus gheibh shibh i air cumhnanta reasonta, ma ’s ail leibh i; sheadh, air cumhnanta saor agus gun luach, ma ghabhas shibh i. ’Ta slighe Dhe comhnard reidh ann do lathair, fosglaidh an Eaglaish dut, agus gheibh thu Criost, maitheamhnas, agus naomhachd ma ’s ail leat iad. Ciod e ata ag-at ra radh? an ail no nach ail leat iad? mur ail, no mur abbair thu smidd, ach gu gabh thu air t aghaidh gun tamh, is Fianaish Dia, an coimh-thionnal sho, agus do choguish fein, cia maith an tairgsh’ a fhuair thu ann diugh! cuimhnich gu roibh Criost ann do thairgsh’ agus nach b’ ail leat e. cuimhnich ann diaigh dhut beatha shioruidh a chall, gu roibh i ann do thairgshe, comh-mhaith as a bha i ann an tairgshe dhaoin’ eille, agus nach b’ ail leat i: agus cho d’ fhuair thu i, do bhridh nach pilleadh tu! ach thigeamaid chum an teagaishg a ’s foigshe, agus cluinneamaid do leith-sgeula.
title | Teagasg V |
internal date | 1750.0 |
display date | 1750 |
publication date | 1750 |
level | |
parent text | Gairm an De Mhoir do ’n t Sluagh Neimh-Iompoichte, Iompochadh agus Bith Beo le Richard Baxter |