[118]

TEAGASG VI.

’Ta an Tighearn’ ag aontachagh a chuish a reasonachadh re peacachaibh neimh-iompoichte, agus ag fiosrachadh dhiu ciod air son a bhasaicheas iad?

Is im-reason iongantach sho, mar a bhuinneas don chonspoid agus don luchd-conspoid.

1. Is i a cheist ata ra consachadh, ciod air son is taitneach le luchd-aingidheachd iad fein a churr am mugha? no ciod air son is fearr leo basachadh na pilleadh? agus am bheill deagh-abhar ac-a chum sho a dheanamh?

2. Is iad an luchd-conspoid Dia agus Daoine: an Dia uillea-naomha, agus daoinaingidh neimh-iompoichte.

Nach iongantach an ni, gu bheill abhar ag Dia a mheass, gur taitneach le duinair bith basachadh agus doll am mugha gu shioruidh? sheadh, gur i sho roghainn dhaoinaingidh gu leir; no a chuidd as mo don t saoghal? ach arsa shibhse, “chon fhead shin bith! oir is natura do gach neach gur ionmhuinn leish a thearmann agus a shonnas fein; agus is fein-speisheile luchd-aingidheachd na daoineille, air a chuidd a ’s


[119] lugha; air an abhar shin, an taitneach le neach air bith doll am mugha?”

1. Is e mo chead fhreagra dha sho, gur cinteach nach taitneach le neach air bith olc mar olc, gidheadh is taitneach le neach an t olc a ghabhas e ann riochd a mhaith: cho mho na shin is taitneach le neach dorainn shioruidh. Cho taitneach leish truaigh mar thruaigh.

2. Ach gidheadh, is ro fhior an ni shin a theagaishg Dia dhuinn ann sho, gu basaich agus gu teid daoinaingidh am mugha, do bhridh nach ail leo ach bas agus dorainn. Agusta sho soillear air iommad doigh.

1. Do bhridh gu triall iad air an t slighe chum ifrionn, giodh dinnish Dia agus daoine dhoibh an crioch agus ceann an uighe: agus giodh do gheall Dia coimh-tric ann a fhocall, ma ghabhas iad air an aghaidh anns an t slighe shin. gu teid iad am mugha; agus nach teassairgir iad mur pill iad, Isa. 48. 22. “Ni bheill shith air bith ag a chiontach,” arsan Tighearna. Isa. 59. 8. “Chon aithne dhoibh slighe na shith, agus ni bheill breitheamhnas air bithn an triall; rinn iad slighe cham dhoibh fein; cia be neach a thriallas in-te cho bhith eolas aigair shith.” ’Ta focall agus mionnan De bhith-


[120] bheo ac-a, mur pill iad, nach teid iad as teach chum a shuaimhnish gu brath. Gidheadh, ’ta agus bithidh iad aingidh, abradh Dia agus daoine an toill! ’ta agus bithidh iad feol-mhor agus saoghalta, giodh dinnish Dia dhoibh, “gur naimhdeanas do Dhia cairdeas an t saoghail, uim-eshin, cia be neach a mhiannaicheas an saoghal mar a charraid, ni e namad Dhe dhe-fein, Sheam. 4. 4.” Mar sho is toilleach leish na daoinibh shin doll am mugha, giodh nach ann gu direach: is taitneach leo an t slighe chum ifrionn, agus is ionmhuinn leo fior-abhar an cloidh, giodh nach taitneach leo ifrionn fein, agus giodh nach ionmhuinn leo an dorainn as eigin doibh fhullang.

Nach i sho ar ceart staidd a dhaoine? cho bu mhaith leibh bithg ar losgagh ann an griosaich ifrionn gu shioruidh, ach lassaidh shibh teinne na dorainn le ar peacaibh, agus tilgidh shibh ann a bhoilshgin shibh-fein; cho bu mhaith leibh bithg ar cloidh leish na diabhlaibh gu shioruidh, ach ni shibh am mi-ghniomh a thoilleas shin dibh, ann aghaidh gach impidh. Mar gun abradh tu, “olaidh mi fuath-radduin, no deoch do neimh bhas-mhoir eille, gidheadh cho bhasaich mi. Tilgidh mi mi-fein bonn os ceann o bharr torr an-aird,


[121] gidheadh cho mhill mi mi-fein; sathaidh mi a bhioddag sho ann mo chroidhe, gidheadh cho bhuinn mi an t anam ass-am fein; cuirridh mi sop teinne re mo thigh, gidheadh cho loishg mi e.” Is ionnann a thachair do luchd-aingidheachd: bithidh iad aingidh agus triallaidh iad do reir an t saoghail agus na feola, gidheadh chon ail leo gu teid iad am mugha. Ach nach aithne dhibh gu treoraich na meadhona chum na criche? agus gu do chuirr Dia roimh-e ann a lagh co’ -thromach gur eigin dibh pilleadh no basachadh? Ma dholas neach deoch do neimh bhas-mhoir is ionnann shin as fein-mhille; oir cho tachair ni as fearr na shin da fa dheirre: giodh bu bhlasta leish i, do bhridh milsheachd an t siucair leish an do choimh-measgagh i, agus giodh nach burra neach air bith a churr ann ceill da gu bu neimh bhas-mhor i, agus nach feadagh e a h ol gu tearainte; ach chon i a bharrail agus a mhishneach fein a theassairgeas anam. Mar sho, mas taitneach leibh mishg’, neam-ghainfheol-mhor agus an-saoghaltachd, is ionnann sho as mar gun abradh shibh gu soilleir, theid shinn am mugha; oir gun teagamh air bith, theid shibh am mugha gu shioruidh, mur pill shibh. Nach tugadh shibh achmhusan don mheirleach ammaideach
[122] no don fhear-mhuirt, nan abragh e, “cuirridh mi stadd agus murt ann gniomh, ach cho chrochar mi,” an uair is lear dha, ma chuirreas e-fein a chiontann gniomh, gu cuirr am breitheamh co’ -thromach an dioghaltas ann gniomh mar an ceadna. Nan abragh e, “ni mi sladd agus murt,” is ionnann shin as mar gun abragh e, “crochar mi;” agus ma ghabhas shibhsair ar n aghaidh ann an slighe na neamh-ghlain’, is ionnann shin, as triall chum ifrionn.

2. Os-barr, cho ghnathaich luchd-aingidheachd na meadhona rish an do choimh-cheangail Dia gu neamh-sgarrail fior-dhochas an t sonnaish shioruidh. Ma dhiultas neach bia, is ionnann shin, as cul a churr re beathaidh, mur bheill sheolaigair bith beo gun bhia. Ma dhiultas neach doll air asdar, is ionnann shin as a radh nach rig e ceann uighe. Air tuittim do neach ann uishge, ma dhiultas e teachd ass, agus mur ceaddaich e do neach eille cuiddeachadh leish, nochd e gur ail leish e-fein a bhathamh do rireadh. Mar an ceadna, mur ail leibhsata neamh-ghlan agus mi-dhiadhaidh iompochadh, no na meadhona shin a ghnathachadh leish an iompoichir shibh, agus ma smuainticheas shibh gur an-barr sho ra dheanamh, dhearbh shibh gur ail leibh doll am mugha


[123] do rireadh. Oir mata sheolag-aibh chum shibh-fein a theassairginn gun iompocha, fhuair shibh sheola nach roibh ag neach eille riamh.

3. Sheadh, chon e sho uille, ach, chon ail le luchd-aingidheachd sonnas shioruidh fein, giodh bu mhaith leo ac-a ni eigin rish an abbair iad neamh, gidheadh chon ail leo neamh mar ata i int-e fein: is fuath len anamaibh i. Is iad na neamha ionnada comhnuidh na fior-ghlaingun small, na fior-naomhachd, an teass-ghraidh nach fuaraich gu brath, agus na hallelujah cheol-mhoir; agus cho taitneach le luchd-aingidheachd iad shin. Cho taitneach leo, an gradh, an cliudh, agus an naomhachd neimh-iomlan ata re am faghail anns an t saoghal sho fein; agus ni as lugha na shin, an iomlanachd neamhaidh: ’ta an solas neamhaidh coimh-fhior-ghlan spioradail, as nach fead luchd-aingidheachd fhir-mhiannachadh.

Mar sho, chi shibh anoish an t abhar a bha ag Dia a mheass, gu bu taitneach le luchd-aingidheachd an leir-sgrioss fein: cho phill iad giodh dis eigin doibh pilleadh no basachadh: is fearr leo doll ann cuntart truaighshioruidh na iompochadh; agus chum suaimhneas a thoirt doibh fein ann am peaca, cuirridh iad mar fhiacha orr-a fein gu tearuinn iad gun iompocha.


[124]

2. Mar is abhar iongantaish a chonspoid, is abhar iongantaish an luchd-conspoid mar an ceadna. Is cuish iongantaish gun ishlicheadh Dia e-fein comh-mhor, as gu tagragh e a chuish re duine; agus gu bitheagh an duine co’ -ro-chrossanta dhall, as gu feimeagh e sho uillann an cuish co’ -shoilleir, sheadh, agus gu cuirreagh e ann aghaidh gnothaich rish am bheill a shonnas ann earbsadh.

Chon iongantas giodh nach eishd daoinaingidh ran luchd teagaishg, agus nach bheill ant-a ach daoine mar iad fein, an uair nach eishd iad rish an Tighearna: arsa Dia, Esec. 3. 7. an uair a chuirr e am Faidh chum sliochd Israel; “chon eishd tigh Israel reut; oir chon eishd iad reumsa; oirta tigh Israel mio-naireach, agus cruadh-chroidheach uille.” Chon iongantas ma chonsaicheas iad ann aghaidh an luchd teagaishg, an uair a chonsaicheas iad ann aghaidh an Tighearna fein, sheadh, ann aghaidh an fhocaill as soilleira labhair e, agus a shaoileas iad gur ann ac-a fein ata a choir: an uair a sgithicheas iad an Tighearna le briatharaibh, is caint doibh, “Co leish a sgithich shinn e, Mal. 2. 17?” Dhfhiosraich na sagarta shin a rinn di-meass air ainm an Tighearn’, a cheist an-dana sho; “Co leish a


[125] rinn shinn di-meass air t ainm?” agus an uair a thruaill iad Altair, agus a tharraing iad di-meass air bord an Tighearna, dhfhiosraich iad gu mio-naireach; “Co leish a thruaill shinn thu, Mal. 1. 6. 7?” Ach arsan Tighearn’, “Is mairg don ti a throiddeas ra Chruthai-fhear! troiddeadh na crogana criadha re croganaibh criadha na talmhainn; an abbair a chria rish an ti a chummas i, ciod e ata thu ag deanamh, Isa. 45. 9?”

CEISHT.

Ciod air son a reasonaicheas Dia cuish re duine?

FHREAGRA I.

Mar is creatuir reasontan duine, buinnir rish do reir shin; agus cuirrir impidh reasontair: chum na criche sho thug Dia reason da ra ghnathachadh do reir iartaish fein. Shaoileadh neach nach bu choir do chreatuir reasonta, curr ann aghaidh an reasoin as fearr air domhan, an uair a nochdar dha e.


[126]

FREAGRA II.

Air a chuidd as lugha, chi daoine nach diarr Dia ach ni reasontorr-a, agus nach do thoirmishg e dhoibh ach ni mi-reasonta, agus air an abhar shin gur reasonta dhoibh geill a thoirt da, agus gur mi-reasonta dhoibh bith eas-umhal. Mar sho, is eigin don dream a theid am mugha ceartas De aidmheachadh, is eigin doibh aidmheachadh gu bu reasonta dhoibh pilleadh rish; is eigin doibh iad fein a dhideagh, agus aidmheachadh nach bu reasonta dhoibh iad fein a mhilleadh le dearmad a dheanamh air Gras De, ann an la tairgshe na slainte.

FEIM.

A luchd-aingidheachd, feachaibh an dean shibh an t iul dibh-fein leish an reason as fearr ata ag-aibh: chi shibh anoish co rish ata ar gnothach. A thruaghain ain-miannaich neimh-iompoichte, ciod e ata ag-atsa ra radh? am bheill do dhanadas ag-at doll a churr conspoid air Dia? an urra thu a thilgeil a reasoin- ’sin bonn os ceann? Am bheill thu deass a dholl ann a dhail? chuirr Dia


[127] mar cheist or-t, ciod air son a bhasaicheas tu? am bheill freagra deass na ceishte sho ag-at? an gabh thu os-laimh a dhearbhadh gur e Dia an coirreach, agus nach tusa? nach truagh an oidhirp sho! an darra cuidd, ’ta an ea-coir ag Dia ata ag iarraidh t iompochaidh, no ag-atsata ag diultagh iompochaidh: ghlaodh e reut pilleadh, ach cho phill thu: ’ta eg iarraidh or-t pilleagh air ball, am fadd a mhairreas la tairgshe nan grasa, agusta thug a churr air ath-la, ann duil gur leor dhut pilleadhn a dhiaigh sho. Is ail leish do lain-iompocha, agus gu bith thu mar nuaidh-chreatuir naomhagus aith-ghinte; agus saoilidh tusa, gu dean ni as lugha na shin an gnothach, agus gur leor an shean-duina leassachadh, gun fhas mar nuadh-dhuine. Co anoish ag am bheill a choir, ag Dia no ag-atsa? ’ta Dia ag glaodhaich reut pilleadh re beatha naomha, agus cho phill thu; is ni solleir o dghiulan eas-umhal, nach pill thu. Ma bail leat pilleadh, ciod air son nach do phill thu cheanna? agus ciod air son nach tionsgain thunoish? ’ta do ghiulan fa cheansal do thoille fein. Feadaidh shinn a mheass air chint nach ail leat pilleadh, o nach bheill thu ag pilleadh. Agus ciod air son nach bheill thu ag pilleadh? am bheill leith-sgeul ag-at rish am feadar leith-sgeul a radh?


[128]

Giodh nach bheill ann-amsach cnuimh, agus do choimh-chreatuir ea-commasach, bheirr mi dubh- ’lan an fhir as glice don t sluagh aingidh, an uair a thagras mi cuish mo chruthai-fhir; agus is moide mo mhishneach gu bheill fioss ag-am nach tagair mi ach a chuish ata Dia ag tagradh, agus nach bheill mi ag consachagh ach cuish an ti ag am bith a chuidd as fearr fa dheirre. Nam bitheagh ag-am ach an da reason choitcheann sho ann a t aghaidh, is cinteach leam nach bith deagh reason air bith ag-atsair do thaoibh fein.

1. Is cinteach leam nach deagh reason ata ann aghaidh Dhe an reasoin agus na firinn; oir cho sollas ata ann aghaidh na greine. Ni bheill eolas ann an creatuir air bith, ach eolas a fhuair e o Dhia; agus air an abhar shin chon fhead neach bith nis glice na Dia: is an-danadas a thoilleas shior-chloidh don aingel as airde, bithg a choimh-meass fein ra chruthai-fhear; agus nach ro fhearg-thoilteanach an ni do mheall salchair, no don umaidh ata ain-eolach air fein agus air gach aon ni a chi e, agus ata nis ain-eolaiche gu mor na daoineille, curr ann aghaidh gliocaish an Tighearna? is lan-fhoilsheacha air aingidheachd uabhasach agus ard-chuthach dhaoin’


[129] ain-meineach peacach, gu cuirreadh fadh coimh-diblidh conspoid air a Chruthai-fhear no cunnuil air fhocall: sheadh, ’ta sluagh ann ar sgireachdaibh ata co’ -ain-eolach bhruideil, as nach urra iad freagra reasonta thoirt air ceist air bith a chuirrir orr-a mu chead-thus a chrabhaidh, gidheadh, ata coimh-ghlic ann am barrailibh fein, as gu cuirr iad cunnuil agus conspoid gu h an-dana air deirbh-fhirinn De, agus cho chreidd iad i, nis faidde na a choimh-shineas i ran neimh-ghliocas fein, oir is tearc smidd ghliocaish a chluinnir ass am beal.

2. Mar ata lain-chint ag-am gu bheill a choir ag Dia; mar an ceadna, is lear dhomh gu soillear, gu bheill a chuish ata e ag dideadh, co’ -ghraineil, as nach reasonta do dhuinair bith a tagradh. Am fead deagh abhar bith ag duine do an t sluagh lagh an Tighearna bhrisheadh; an Triath ghlor-mhor a cheannaich e, a mhaslachadh agus a mhio-ghnathachadh? am fead deagh abhar bith ag neach air bith, anam neamh-bhas-mhor fein a churr am mugha? cluinnibh, agus comharaichibh ceisht an Tighearna, “pillibh, pillibh, ciod air son a bhasaicheas shibh?” an ionn dibh bas shioruidh a mhiannachadh? am bheill trom-ghaol ag-aibh air ifrionn? ciod e an t


[130] abhar ata ag-aibh shibh-fein a mhilleadh gu deonach? ma shaoileas shibh gu bheill cail-eigin abhair ag-aibh peaca churr ann gniomh, nach ionn dibh a chuimhneachadh gur duaish don pheaca bas? Romh. 6. 23. Agus smuaintichibh am bheill abhar ag-aibh shibh-fein a milleadh eidir anama agus chorpa gu shioruidh. Cho choir dhibh amhain a churr mar Cheist oir-ibh fein, an ionmhuinn leibh an nathair nimhe, ach an ionmhuinn leibh a Gath. Is ni comh-oilteil do neach sonnas shioruidh a thilgeil uaidh-e, agus peacachagh ann aghaidh Dhe, as nach feadar deagh reason a churr air; ach mar is moida ghabhas e a leith-sgeul fein, is moida nochdas e do Chuthach. Giodh do bitheadh moir-fhearachd no rioghachd ann do thairgshe air son gach peacaidh a chuirreadh tu ann gniomh, cho diongagh an duaish do chall, agus bu chuthach dhut a cosnadh: bu ro shuarrach an tuarusdal, ra choimh-meass rish an t sonnas a chailleadh tu; giodh do gheibheadh tu air son gach aingidheachd an ni as luach-mhoiragus as fearr leat air tallamh, chum do lubadh gu peaca. Giodh do thoillicheadh tu an carraid as mo agus as fearr ata ag-at; giodh do bheirreadh tu geill don Riogh as aird-inbhichair tallamh; giodh do theassairgeadh tu thu fein on
[131] truaigh shaoghalta as dorainniche, le peaca; cho bu choir dhut gu bu leor leat shin uilla churr impidh or-t chum am peaca churr ann gniomh. Nam bacadh do dheass-lamh no do dheass-shuil do shonnas; bfhearr dhut an tilgeil uai-t na doll chum ifrionn dan teassairginn. Oir cho teassairgir bloidh dhiot ma chaillir thu fein gu h iom-lan. ’Ta shioruidheachd shonna, cho’ -luach-mhor, as nach coimh-meass ni saoghaltair bith dhi. Cho diong beatha, coroin rioghail, no rioghachd, a call. Chon fhead fior-abhar, no leith-sgeul bith ag duine don t sluagh, a shonnas shioruidh a churr ann cuntart. Ma chailleas tu flaitheas na gloire, ciod e a ni suas do chall? ma thilgeas tu thu fein ann ifrionn na dorainn, ciod e a lughdaicheas do thruaigh, no a bheirr fuasgla no comh-fhurtachd dhut gu brath? air an abhar shin, ni bheill mor-luach ni as leor, ann an ni air bith, a ghabhail do leith-sgeil, ma dhearmaideas tu do shonnas bioth-bhuan: oir arsair slanai-fhear, “ciod i an tairbhe do neach air bith, an saoghal uilla chosnadh, agus anam fein a chall?” Marc. 8. 36.

A dhaoine, ’s truagh nach aithne dhibh mor-luach nan nithe shin air am bheill shinn anoish ag labhairt ribh! chon i ar barrailsata ag


[132] naomh-shluagh nam flaitheasa orr-a. Nam feadagh an diabhol doll far am bheill iad shin ann lathair Dhe air lassadh le teass-ghradh dan Triath agus le h umhlachd da naoimh-reachd, agus nan tairgeagh an namhad sho dhoibh deoch bhuaireasach bhlasta, no ban-striopach, no cuiddeachd mhacnasach dam meallagh o Dhia na gloire: guidhim oir-ibh innishibh dhomh, cia mar a shaoileas shibh a chordadh shin reu? sheadh, giodh do thairgeagh am buairid-fhear dhoibh inbhagus cumhachd rioghail air tallamh, an saoil shibh gu meallagh sho iad anuas o neamh? O cia mor an an-tlachd agus an fhannoid naomha leish an deanagh iad di-meass air an tairgshe, agus leish an diultagh iad i! agus ciod air son nach deanadh shibhsan ni ceadna, shibhsag am bheill neamh fhosgoilte dar creiddeamh, nam bitheadh creiddeamh ag-aibh chum sho a thoirt fa dearr? ni bheill anam ann ifrionn, do nach lear anoish gur mi-chiallach neamh a reiceagh air son solaish fheol-mhoir; oir cho bheagan macnaish no solaish, cho bheagan saibhrish shaogalta no urraim, agus cho bheagan gean-maith no gealtanaish dhaoin’, a mhuchas teinnifrionn, no a bheirr coimh-leassacha don neach a chailleas anam. O! nam faiceadh
[133] agus nan cluinneadh shibh na nithe shin a creidmheas daoineillo fhocall De, dhaidmicheadh shibh nach bheill abhar no barrantas reasontag duine don t sluagh anam fein a leir-fgrioss’, agus cho leigeagh an t eagal dibh tamh aon oicheilla ghabhail gus an runaicheagh shibh pilleagh agus bith beo.

Ma chi shibh neach ag sparragh a laimh anns an teinne gus an loishgir dhe i, is iongantas leibh sho; ach feadaidh cail-eigin do ghne abhair bith ag neach chum sho a dheanamh; mar a bha ag Easpuig Cranmer a loishg dhe an lamh a chuirr e re papanachd. Ma chi shibh neach ag sgathadh coish no gairdin de- fein, is shealla deistinneach shin; ach feadaidh deagh abhar bith aig-e chum sho a dheanamh, iodhon a thearmann fein. Ma chi shibh neach a bheirr a chorp da losgadh gu luaithre, no da chloidh le h innealaibh dorainn, agus an neach shin-fein ag diultadh tearmainn; is ro chruaidh sho air fuill agus feoil. Ach feadaidh abhar sar-mhaith bith aig-e chum sho a dheanamh; mar a chi shibh, Eabh. 11. 35. 36. Agus mar a rinn iommad fianaish no Mairtireach criostaidh. Ach duina churr cul rish an Dia a chruthaich e, agus a rith chum teinnifrionn, agus fioss aigair a chuntart, agus cuir-


[134] re aig-e gu pilleadh chum as gu bith e tearuinte; is giulan sho nach gabh reason air bith a leith-sgeul. Oir diongaidh neamh gach ni a chaillirg a teagradh, agus gach saothair a bhuillichir uirr-e. Ach cho diong ni air bith call neamha.

Guiddim oir-ibh, anoish fosglaibh ar n anama don teagasg sho. Mar a leigeadh rish dibh nach bheill abhar ag-aibh shibh-fein a mhilleadh, innishibh dhomh ciod air son a dhiultas shibh pilleadh re Dia chum bith beo gu sonna? ciod air son nach bith shibhsa luchd an-saoghaltachd, mishge, ain-eolaish agus neamh-churaim, co’ -naomha agus co’ -churamach mar n anama, rish gach dream eille as aithne dhibh? nach bith ifrionn co’ -loishgeach dhibh as don chuidd eille don t sluagh pheacach? nach coir dar n anamaibh bith co’ -luach-mhor ag-aibh as ata an anama fein ag daoineille? nach bheill uirrid ughdaraish ag Dia os ar ceann, as ata aig-e os an ceann- ’san? air an abhar shin, ciod air son nach sluagh naomhaichte shibh comh-mhaith reu- ’san?

A dhaoine, reasonaich Dia ribh o natur na cuishe fein, agus nochd e dhibh gu soillear, nach mo ata do reason ag-aibh bith mio-naomha, na ata ag-aibh ar n anama fein a mhilleadh; agus


[135] mur tuig shibh sho, agus mur pill shibh, is cosmhuil gu bheill shibh ann staidd an-dochaish-

Agus anoish, an darra cuiddta abhar ag-aibh dhionsuidh ar deanadaish, no ni bheill. Mur bheill, an cathaich shibh ann aghaidh reasoin? an dean shibh ni agus gun abhar ag-aibh a dheanamh? ach ma shaoileas shibh gu bheill abhar ag-aibh, taishbinibh e. Reasonaichibh a chuish reumsa ar coimh-chreatuir, carr tammail bhig, oir is ussa dhibh sho gu mor, na a reasonachadh re Dia. A dhuinc, innish domh anoish, ann lathair an Tighearna, mar gu bitheadh tu re basachadh air ball, ciod air son nach runaich thu pilleagh an diugh, sheadh, mun gluaish thu ass ionnad do bhonna? am bheill abhar ag-at sho a dhiultadh no a dhearmad? am bheill abhar ag-at a thoillicheas do choguish fein? am bheill abhar ag-at a thagras tu gu dana mar do leith-sgeul ann lathair cathair breitheamhnaish do Thriath? mata abhar ag-at cluinneamaid e, cuirr ann ceill agus dearbh e. Ach mo thruaidh is an-chaint gun sheagh ann ait reasoin, a chluinn shin gach la, on t sluagh ain-diadhaidh. Bu nar leam a h ainmeachadh mur beigin domh.

1. Arsaon neach, “mur teassairgir ach na daoiniompoichte, naomhaichte, mar a labhras


[136] tusa, ann shin cho bhith neamh ach follamh, agus gu cuiddicheadh Dia leish a mhor-shluagh.’

FREAGRA.

Ciod e! is cosmhuil gu saoil shibh nach bheill eolas ag Dia, no nach ionn a chreidshinn! na meassaibh gur shibh-fein an t iomlan, oirta naomh-shluagh gun aireamh ag Dia. Ach is fearr dhibh am feim shin a theagaishg Criost a dheamh don fhirinn sho: Mat. 7. 13. 14. “Rachaibh as teach air an dorras chumhann le spairn; oir is cumhann an dorras agus is aimh-leathan an t sligha threoraicheas gu beatha, agus is beag a gheibh eolas uirr-e; ach is farsaing an dorras, agus is leathan an t sligha threoraicheas gu mille, agus is mor a theid as teach uirr-e. ” Luc. 12. 32. Arsa Criost ra naomh-shluagh, na bitheagh eagal or-tsa thread bhig: oir is i deagh-thoill ar n Athar an rioghachd a thoirt dibh.”

CUNNUIL II.

Is cinteach leam ma theid mo leithid-schum ifrionn, nach bith dith cuiddeachd uirr-e. ”


[137]

FHREAGRA

Agus am foish no comh-fhurtachd dhutsa shin? no an saoil thu nach faigh thu nis leor do chuiddeachd air neamh? an caillir le dith cuiddeachd thu? no an creidd thu nach cuirr Dia a bhagar ann gniomh, do bhridh gu bheill coimh-lion duine ciontach? is barraile mealtach iad shin uille.

CUNNUIL III.

Achta na h uille dhaoine peacach, sheadh an dream as fearr.”

FREAGRA.

Ach cho sluagh peacach neimh-iompoichte na h uille dhaoine. ’Ta naomh-shluagh De saor do pheaca graineil; is uallach trom agus abhar broin leo an laigshe; is e an guidhe durachdach gach la gu lughdaicheadh Dia i, cathaichidh iad gu spairneil ann a h aghaidh gach la, agus is bliadhan leo gach uair gus am bith iad saor dhi. Ni bheill iad fa ain-tighearnas peacaidh.


[138]

CUNNUIL IV.

Cho lear dhomh gur fearr luchd-aidmheil a chreiddeimh na daoineille: ’ta iad comh-shantach, chealgach, fhoir-neartach re sluagh air bith.”

FREAGRA.

Chon ionnann do dheanadas luchd beal-chrabhaidh, agus do ghniomharaibh dhaoine naomhaichte. ’Ta sluagh gun aireamh, taitneach ann an rosgaibh Dhe: giodh do chuirreas an saoghal mio-runach iommad ciontass an leath, air nach do smuaintich iad riamh agus nach dearbhar gu brath. Is tric le luchd-aingidheachd an naomh-shluagh a dhideagh air son peacaidh croidhe, nach lear do neach ach do Dhia fein; gun abhar air bith, ach do bhridh nach urra iad a dhearbhadhn an aghaidh, gach ciontata soillearn an gniomharaibh fein.

CUNNUIL V.

Ach cho duine neamh-ghlan, mishgeach, no foir-neartach mi; agus air an abhar shin, ciod


[139] air son a ghlaodhas tu reum iompochadh.”

FREAGRA.

Mar nach ginteadh thu agus por nan ain-mianna feol-mhor ann do natur, agus mar nach gluaisheadh tu dan reir comh-mhaith re daoineille? nach peaca comh-mhor reu shin, intinn thalmhuidh gun chreiddeamh gun umhlachd a bhith ann an duine, agus an gradh a dhlighir do Dhia a thoirt don t saoghal? sheadh, ceaddaichibh dhomh insheadh dhibh, gu bheill moran a sheachnas peaca maslach, comh-taite rish an t saoghal, comh-traileil don fheoil, comh-ain-eolach air Dia, agus co’ -choimh-dheass mu neamh ann an guilan ata neamh-mhaslach re h amharc air, as ata daoineille ann an gniomharaibh peacach ata mor-mhaslach ann am fianaish an t saoghail.

CUNNUIL VI.

Ni bheill mi mio-runach, no cronnail do neach air bith; agus ciod air son a leir-sgriossas Dia mi?”


[140]

FREAGRA.

An cronn leat di-meass a dheanamh air an Dia a chruthaich thu le a mhearaibh gun mhearrachd, agus a chuirr chum an t saoghail thu do dsduireadh gu sonnas le focall a chumhachd? an cronn leat barrachd speish a thoirt don chreatuir na a bheirr thu don chruthai-fhear; agus a thairgshe ghrasail a dhiultadh gu taireil gach la? is e doimhne do pheacaidh bith gun mhothacha peacaidh: cho mhothaich am Marbh gu bheill e marbh! nan aith-bheodhaichteadh thu, chidheadh tu tuille do mhearrachd ann-at fein, agus biongantas leat gu roibh thu co’ -neamh-mothachail air do chuntart.

CUNNUIL VII.

Is mealta mi, mur cuirr thu daoinair mirre cuthaich ann ait an iompochaidh: is leor a churr buaireas in-chinn air sluagh peacach, bith ag smuainteachadh air gnothach ata comh-an-ard os an ceann as nach lear dhoibh e.”


[141]

FREAGRA I.

Am fead thusa bith nis mo air mirre cuthaich na ata thu? air a chuidd as lugha, am bheill cuthach as cuntartaiche na di-meass a dheanamh air do shonnas shioruidh, agus thu fein a mhilleadh gu deonach?

FREAGRA II.

Ni bheill duine fior-shocrach ann ceill gus an iompoichir e; chon aithne dha Dia, no Criost; chon aithne dha e-fein, no an saoghal; chon aithne dha peaca; agus chon aithne dha an gnothach a dhearb Dia rish a dheanamh air tallamh; gus an iompoichir e. Arsan scriopturIs mi-reasontan sluagh aingidh, no, is ammaideachd le Dia gliocas an t saoghails’, 1. Cor. 1. 20.” Agus air teachd don Mac struidheil gu ceill, runaich e pilleadh, Luc. 15. 17. Nach glic an saoghal, an uair a bheirr iad eas-umhlachd do Dhia, agus a ruidheas iad chum ifrionn, air eagal bith gun cheill?


[142]

FREAGRA III.

Ciod e ata anns an obbair a dhiarras Criost, a chuirreas duinass a bheachd? an cuirr teass-ghradh do Dhia, earbsass, gairm air, smuainte solasach air gloir shioruidh, cul a churr re peaca, gradh brathaireil, agus speish do obbair an Tighearna; an cuirr na nithe shin daoinair mirre cuthaich?

FREBGRA IV.

An uair a ghearranas shibh gu bheill na nithe shin an-ard air ar son, ’ta shibh ag dideadh Dhe fein, do bhridh gu dthug e na nithe shin duinn mar obbair, agus gu do chuirr e fhocall ann ceill duinn, ag sparragh air gach neach leish an ail sonnas, gluasachd da reir gach oichagus la. An an-ard re beantainn doibh, na nithe shin chum an do chruthaicheadh shinn, agus chum am bheill shinn beo? Ma gearranas shinn sho, ni shinn neamh-dhaoine bruideil dhinn fein: agusta shinn mar dhream nach bean re gnothaichibh as airde na nithe talmhuidh feol-mhor. Mas an-ard na flaitheasa re smuainteachadh orr-a, agus re teagar


[143] a dheanamh dhoibh, is an-ard iad mar an ceadna ran shealbhachadh gu brath.

FREAGRA V.

Nan ceaddaicheadh Dia do dhuine ceann-lag, a chiall a chall air uaire le smuaintibh air nithe shioruidh; tharladh sho o ain-eolas an duine shin air nithe shioruidh, agus do bhridh gu do thriall e gun Fhear iuil: agus bfhearr leam gu mor mor bith ann an staidd an fhir shin, na ann an staidd an t sluaigh cheann-laidir neimh-iompoichta mheassas mirre cuthaich mar an gliocas.

CUNNUIL VIII.

Shaoilinn nach bheill uirrid curaim ag Dia do smuaintibh, do bhriatharaibh, agus do gniomharaibh dhaoine; as nach bheill e coimh-dheass ump-a. ”

FREAGRA.

Tuigir uaidhsho nach creidd shibh focall De, agus mur creidd, ciod e a chreidmheas shibh? nach tugagh ar reason fein dibh teagasg as fearr


[144] na a chunnuil sho, giodh nach creidd shibh an scrioptur? an saoil shibh nach roibh curam ag Dia dhinn, an uair dhaontaich e ar cruthachadh le focall a chumhachd, ar congbhail suas le a laimh threin, agus ar n altrom le a mhaitheas nach traogh? an dean duine glic obbair innealtann diamhanas? an dean no an ceannaich shibh uaireadair dhamharc air gach la, gun churam a ghabhail am bith e ceart no mi-cheart? air chint, mur creidd shibh gu bheill suil ag Dia ann a fhreasdal sonraichtair arn intinne, agus air ar giulan, cho chreidd shibh gu bheill suil aigair ar n uir-easbha, no gu diolar leish e. Agus nan gabhadh Dia coimh-beag curaim dhibh as a shaoileas shibh, cho bhitheadh shibh beo gus anoish: bhitheadh cead gallar ann an gleac spairneil dhfheachainn co dhiu is luaitha chuirreagh ass dibh. Sheadh, thathaicheadh na diabhla shibh agus dhfhuadaicheagh iad leo shibh beo, mar a chosgras an gairbh-iasg am minn-iasg, agus an ealt fheoil-reabach na h ealta eille. Chon urra shibh a smuainteachadh nach do chruthaich Dia an duine chum crich no feim eigin: agus ma chruthaich e chum feim air bith e, is ann chum bith sonna ann an geill a thoirt da fein. Agus an saoil shibh nach maith le Dia gu freagragh
[145] an duina chrioch shin, agus gu deanagh e an obbair chum an do dhealbhagh e; an obbair on sruth sonnas da anam?

Sheadh leish a chunnuil ain-diadhaidh sho, bail leibh a dhearbhadh, gu do chruthaich agus gu do chum Dia suas an saoghal ann diamhanas. Ach ciod air son a chruthaich e creatuire iochdaranach na talmhainn, ach chum feim an duine? nach bheill an tallamhg ar giulan, agusg ar n altrom? nach bheill gach beathach ata air, ag freasdal dar feim, leo fein agus le an saothair? an do dhealbh Dia aras co’ -ghlor-mhor; an dthug e do an duine mar ionnad comhnuidh e; agus an do chruthaich e luchd freasdail da mar an ceadna; agus anoish an saoil shibh nach bheill duil ag Dia re ni eigin o lamhaibh an duinair a shon sho uille? an saoil shibh gur comma le Dia ciod e a smuainticheas, a labhras, no a ni an duine? ma shaoileas shibh sho, ’ta ar barrail ro mhi-reasonta.

CUNNUIL IX.

Nach bu mhaith an saoghal, an uair nach roibh an crabha co’ -docrach don t sluagh?


[146]

FREAGRA I.

Bu ghnath leish gach linn an aimshir a chaidh sheach a chliudhachadh. Bu ghnath leish an t saoghal ata thusag cliudhachagh a radh gu bfhearr linn an sheinn-shearachd na an linn fein, agus bi roghainn an sheinn-shearachd an linn a chaidh sheach: be sho gearran gach linn don t saoghal. Is lear dhuinn olc ar linne fein, ach cho lear dhuinn an t olc a chaidh sheach.

FREAGRA II.

Mar mo bharrail, ’ta shibh do rireadh: oir saoilidh daoinan-saoghalta nach bheill linn as fearr na an linn as taitniche leo fein: an linn ann am bith iad subhach solasach. Agus ni bheill e mar cheist or-m, nach abbair an diabhol comh-mhaith ribhsgur iad na linta chaidh sheach a bfhearr, an uair a fhuair e-fein moran solaish, an-barr geill, agus beagan eas-umlachd. Ach is e saoghal as fearr gu mor mor, an uair a gheibh Dia moran graidh, speish agus geill. Agus ciod eillam modh air an aithnich shibh maitheas no olcas an t saoghail ach sho?


[147]

CUNNUIL X.

“ ’Ta coimh-lion gne chrabhaidh ann, as nach bheill fioss ag-ainn ciod e an creiddeamh dam bith shinn; uim-e shin, fannaidh shinn mar ata shinn.”

FREAGRA.

Do bhridh gu bheill iommad gne chreiddeimh ann, am bith thusa don chreiddeimh as meassas aithne dhut? ni bheill neach as faidde o shlighan fhir-chreiddeimh na am peacach an-saoghalta, ifrionnach, neimh-iompoichte: oir cho chuirr a bharrail sho, no a bharrail ud air sheacharan e, mar neach eille: ach is aon sheacharan claon a bheatha gu h iomlan. Nan rachadh tu air turrus rish am bitheadh t anam ann earbsa, an staddadh, no am pilleadh tu air t aish, do bhridh gu tarladh slighe dho-chomhnard gharbh or-t, no do bhridh gu faiceadh tu cuidd don luchd-astair ag triall air sligha mharc-shluaigh, cuidd air slighe nan coishiche, agus cuidd ag leim fail, sheadh, agus cuidd eillag call na slighe? no nach bfhearr leat an t slighiarraidh gu curamach spairneil?


[148] ma ta cuidd do luchd-tuarasdail ag-at, nach bheill eolach air t obbair a dheanamh gu ceart, agus cuidd ata mi-dhileas, am bu mhaith leat cach eilla bhith diamhain, do bhridh gu faic iad dan co’ -luchd-tuarasdail cuidd re mille gnothaich, agus cuidd eille re macnus?

CUNNUIL XI.

Cho lear dhomh gur fearr staidd dhaoine diadhaidh na staidd dhaoineille. ’Ta iad co’ -aim-beartach dhocrach re luchd-aingidheachd fein.”

FREAGRA.

Abbair gu bheill daoine diadhaidh nis aim-beartaich agus nis docraich na daoineille, an uair a chi Dia shin iom-chuidh: gidheadh an saoil thu gur tuarasdal leo socair agus saibhreas saoghalta? thaishg iad an ionmhas agus am muinghin ann an saoghal eille, no chon fhir-iochdarana do Chriost iad. Mar as lughata ac-a, as moidata ac-a ra fhaghail: agus fannaidh iad gu neimh-ghearranach, gus an toir Dia dhoibh na


[149] nithe shin ata dheasbhuidh orr-a, dheanamh an sonnaish coimh-lionta.

CUNNUIL XII.

Ann diaigh dhut uirrid a radhs is urra thu, is i mo runsa, mo dhochas a churr ann an Dia, agus earbsa dheanamh ass, an ni as fearr ata ann mo chommas a dheanamh, ach gun uirrid leath-troim a churr or-m fein le crabhas ata thusag iarraidh or-m. ”

FREAGRA I.

An e shin bith ag deanamh an ni as fearr ata ann do chommas, an uair nach pill thu re Dia, ach a bhitheas do chroidhann aghaidh geill dhurachdaich naomha thoirt dha? creiddim gur e shin an ni as fearr ata ann do ruin, ach chon e an ni as fearr ata ann do chommas; agus is e shin abhar do dhorainn fa dheirre.

FREAGRA II.

Is e miartas durachdach, gu cuirr thu do dhochas ann an Dia, agus gu dean thu earbsass. Ach ciod e rish am bheill do dhuil? an i do dhuil


[150] gu teassairgir thu, ma philleas tu, agus ma naomhaichir thu? gheall Dia shin dut; agus na caomhuinn duill a bhith ag-at rish. Ach ma shaoileas tu gu teassairgir thu gun iompocha agus gun bheathaidh naomha, chon e sho dochas a churr ann an Dia, ach anns an Diabhol, agus ann-at fein: oir cho dthug Dia an gealla sho dhut, ach a cheart atharach: ach thug an diabhol agus t fhein-speish dhut e, agus mhosgail iad an dochas shin ann-at.

Sheadh, mur bheill cunnuil ag-aibh ann aghaidh iompochaidh agus beathaidh naomha ach an leithid shin, chaill shibh ar saothair, oir ni bheill antuillach neimh-ni: agus ma shaoileas shibh gur deagh abhar dhibh gach cunnuil dhiu shin, a churr impidh oir-ibh cul a churr re Dia agus shibh-fein a thilgeil ann an ifrionn na dorainn; gu teassairgeadh Dia shibh o leithid shin do reason, agus o chruadh-chroidhain-eolach gun mhothacha. Am bith do mhishnich ag-aibh gach cunnuil dhiu shin, a churr ann ceill mar leith-sgeul, ann an lathair cathair-breitheamhnaish an De mhoir? an saoil shibh gur leith-sgeul do neach air bith a radh rish an Tighearna, “cho do phill mi do bhridh gu roibh uirrid ag-am ra dheanamh air tallamh; do bhridh nach bu taitneach leam


[151] giulan cuidd do luchd-aidmheil a chreiddeimh; agus do bhridh gu facadh mi coimh-lion gne chrabhaidh ag daoine.” O, cia gradd a leigeas sollas an laidh shin rish, laigshe mhaslach nan cunnuile shin. An roibh an saoghal ag-at re curam a ghabhail de? thugagh an saoghal dan dthug thu geill, do thuarasdal dut, agus teassairgeagh e thu mas urre. Nach roibh saoghal a bfhearr ag-at re curam a ghabhail de, ar tus? nach do sparragh or-t rioghachd De agus a ceartas iarraidh air tus, agus nach do ghealladh gu cuirrir na h uille nithe eille reut, Mat. 6. 33. Agus nach dinsheadh dhut, gu bheill an diadhachd ag am bheill gealla na beathaidh ata a lathair, agus ata chum teachd, tarbhach chum nan uille nithe, 1. Tim. 4, 8. An do chum peaca luchd-aidmheil a chreiddeimh air t aish thu? Bu chora dhut bith ni buirreachair, agus rabha ghabhail o an cuil-sleamhnacha- ’san bith air t fhaicill, agus bith nis curamaich; is e an scrioptur agus chon e an giulan- ’san bu riaghail dut. An do chum iommad gne chreiddeimh an t saoghail air t aish thu? cho do theagaishg an scrioptur, riaghail do ghiulain, dut ach aon slighe, agus bi shin an t slighe cheart: nan leannadh tu a chuidd a bha comhnard reidh dhi, cho rachadh
[152] tu riamh air sheacharan. Nach cuirr an leithid sho do fhreagraibh amla tosdach or-t? mur cuirr, ’ta sheoleillag Dia, a chuirreas tosd or-t gu shioruidh. An uair a chuirr Dia mar cheist air an duine neimh-iompoichte, Mat. 22. 12. “A charraid cionnas a thainig thusann sho gun truscan bainshe um-at?” is e shin re a radh, ciod e do ghnothach do meaglaish, ann am measg mfhior-luchd-crabaidh, gun chroidhe agus giulan naomhag-at? ciod e am freagra thug an duine neimh-iompoichtair a cheist sho? cho dthug smidd; ach bha e tosdach, gun dadda ra radh aig-e. Druiddidh a cheist shoillear sho, agus morachd uabhasach na diadhachd, beal nan daoinaingidh shin as tull-chuishich ann ar measg, giodh nach cuirrir cosg or-tsa, le h aon ni as urra luchd teagaishg a radh reut anoish, ach consaichidh tu gur ceart do chuish fein cia mi-cheart air bith i. ’Ta deirbh-fhioss ag-am nach bith feim dhut fa dheirre, ann an aon leith-sgeul as urra thu anoish a churr ann ceill, an uair a ransaichir do chuish ann an lathair an Tighearna agus an t saoghail gu leir.

Sheadh, is gann a chreidmheas mi gur taitneach le ar coguishibh fein ar leith-sgeula. Oir mas taitneach is cosmhuil nach bheill aithreachas ann


[153] ar ruin. Ach mata sho ann ar ruin, is cosmhuil nach mor ar n earbsass a chunnuil ata shibh ag curr air, no ass an leith-sgeul ata ag-aibh ann a aghaidh.

Ciod e anoish a pheacaich neimh-iompoichte? am bheill deagh abhar ag-at gun iompochadh air ball agus le t uille chroidhe? no an triall thu chum ifrionn dhain-deon gach reasoin? thoir an airre dhut fein trath, oir is ro an-moch dhut shin a dheanamh gu gairrid. Am fead thu gearran a dheanamh air Dia, air obbair, no air do thuarasdal? am meassa an t uachdaran Dia na an diabhol agus an fheoil dan geill thu? am bheill cronn ann an giulan naomha? am fearr giulan an-saoghalta, agus mio-naomha na e? an abbair do choguish reut gu dean iompocha agus beatha naomha do chronn? ciod e an cronn a ni iad? an olc leat spiorad Chriost a bhith ann-at? an olc leat croidhe fior-ghlan? nam bolc bith naomh’, an abradh Dia, “bithibh naomha, oirta mishe naomha!” 1. Pead. 1. 16. An olc bith cosmhuil re Dia? nach do chruthaich Dia an duine do reir a dhreach fein? is i an naomhachd sho iomhaigh Dhe: chaill Adhamh i, agus is ail le Criost a h aisheag dhutsa, agus do an dream shin uilla theassairgeas e le fhocall agus le a spiorad


[154] Ciod air son a bhaisteadh thu fein agus do Chlann don spiorad naomha, mar do t fhear-naomhachaidh, mur ail leat gu naomhaichir thu, agus ma shaoileas tu gu dean naomhacha do chronn? innish dhomh gun bhreag, mar ann an lathair an Tighearna; giodh dis leasg leat bith naomha, nach bfhearr leat basachadh mar naomh, na mar dhroch-dhuine? nam bitheadh tu re basachadh air ball, nach bfhearr leat basachadh mar dhuiniompoichte, na mar dhuine neimh-iompoichte? mar dhuine fior-ghlan neamhaidh, na mar dhuine feol-mhor talmhuidh? agus nach abradh tu le Balaam, “Aireamha. 23. 10. Basaichimsmar am firean, agus bitheadh mo chrioch dheirreannach mar a chrioch- ’sa?” agus ciod air son nach guidh thu anoish, an ni shin a ghuidheadh tu air adhart baish? anoish no ann diaigh sho, is eigin dut iompochadh, no thig or-t oiche tinnish agus baish anns nach fead thu sho a dheanamh, giodh do bail leat e.

Ach ciod e ata eagal or-t a chall ma philleas tu? an caill thu do chairde neimh-iompoichte? ma chailleas gheibh tha cairde eillas fearr na iad; gheibh thu Dia, Criost, an Spiorad naomha, agus gach criostuidh. Gheibh thu aon charraid as fearr dhut, agus a ni tuillair do shon, nas urra


[155] gach carraid saoghalta dheanamh. Mhealladh na cairde shin a chaill thu, chum ifrionn thu, ach chon fhead iad do theassairginn: ach teassairgidh an carraid a gheibh thu t anam o ifrionn, agus bheirr e thu chum a shuaimhnish shioruidh fein.

Ta eagal or-t gu caill thu t aibhneas, agus nach bith la subhach ag-at gu brath ma philleas tu. Mo thruaigh, an solasaiche leat sugra ammaideach feol-mhor, na beatha chrabhach, smuainte air gloir shioruidh, teass-ghradh do Dhia, seirc don chinne daona, shith coguish agus aibhneas anns an Spiorad naomha, ann am bheill staidd nan grasag coimh-sheassamh? Romh. 16. 17. Nam bu mho an solas leat smuainteachadh air t fhearrann agus air t oireachd, nam bitheadh Tighearnas na tire gu leir ag-at, na smuainteachadh air cluith clainne big; ciod air son nach fearr leat smuainteachadh air rioghachd neamha, mar t oireachd, na air saibhreas an t saoghail gu leir? mar is ammaideachd leanbuidh a bheirr air clainn bhig uirrid tlachd a ghabhail ann an nithibh faoin, as nach cuirr iad ann an geall t oireachd iad; mar an ceadna is ammaideachd an-barrach a bheirr or-tsa uirrid tlachd a ghabhail do t inbhe, do dshaibhreas agus do dsholas saoghalta, as nach cuirr thu


[156] iad ann an geall an t sonnaish neamhaidh. Ach ciod e ni thu air son solaish, an uair a chailleas tu iad shin? nach smuaintich thu air sho? an uair a chriochnaicheas do sholas saoghalta le h uabhas, agus a theid e ass mar smal le droch bholtrach, bithidh solas neamhaidh an naomh-shluaigh ag shior-dholl am mead. Bhlaish mi fein beagan don t solas neamhaidh, ann an dearcagh air an deirbh-beachd ata ag-am air gradh Dhe ann an Criost; agus ann an reamh-smuainteacha air an la bheannaichtata re teachd: agus tharraing mi lain-deoch don t solas thalmhuidh, gidheadh, is eigin domh aidmheachadh o mo mhothacha fein, nach coimh-meass da cheiliad: is eigin domh aidmheachadh ma shoilshicheas grian na beathaidh gu dealrach oir-n, gur solasaich aon la ann an staidd na naomhachd, na shioruidheachd ann an staidd an t solaish pheacaich. “Is fearr la ann an aras De, na mile la ann an ait eille: is fearr leam doirsh-fhearachd ann an aras mo Dhe, na comhnuidh ann am pailionibh aingidheachd.” Sal. 84. 10. ’Ta gaire luchd-aingidheachd, mar ghaire luchd-cuthaich, do nach lear an dorainn fein: uim-e shin arsa Solomh rish a ghaire shin, “is mirre cuthaich e: agus re sugra ciod e is feim dha? Eccles. 2. 2. Is fearr doll chum tigh broin’
[157] na chum tigh fleadha: oir is i shin crioch dheirreannach gach aon duine, agus taishgidh am beo ann a chroidhi. Is fearr bron na gaire: oir leassaichir an croidhe le dubhachas na gnuish. Bithidh croidhan duine ghlic ann an tigh broin: ach croidhe nan ammadanann an tigh an t sugraidh. Is fearr dhuinn eishdeachd re h achmhusan an eagnaidh, na eishdeachd re h abhran nan ammadana, oirta gairan ammadain mar fhuaim droighnich fa phoit: is diamhanas sho mar an ceadna. Eccles. 7. 26. ” ’Ta an solas feol-mhor gu leir, mar an solas a bheirr sgrioba na claimhe don neach air am bith i: is i an ea-slaint a bheirr air an solas sho a mhiannachadh: agus bfhearr le duine glic na an solas sho uille, bith saor o an ea-slainte. Ni bheill ar sugra ard-ghuthach, ach mar ghaire duine chigilte: ni e gaire gun abhar gairdeachaish. Is glice dhut gu mor t oireachd a thoirt air son gaira thoirt or-t le cigle, na cul a churr re gradh Dhe, re solas na naomhachd, re dochas neamhaidh, agus thu fein a churr am mugha; chum as gu ciglir t fheoil le solas peacaidh carr tammaill bhig. Smuaintich mar dhuine gear-chuisheach an glic an giulan sho. Is e do natur mio-naomhaichta bheirr or-t giulan naomha mheass mar leath-
[158] trom, agus giulan ain-miannach a mheass mar sholas. Ma philleas tu, bheirr an Spiorad naomha dhut natur agus togra eille, agus ann shin, is solasaiche leat gu mor cul a churr re do pheaca, na bithg a altrom nis faidde; agus is caint dut ann shin, nach roibh eolas ag-at air solas beathaidh, agus nach roibh thu riamh ceart, gus an do ghabh thu tlachd ann an Dia, agus ann an naomhachd.

CEISHT.

Ciod air son ata daoine coimh-mhi-reasontann an gnothach rish am bheill an sonnas ann earbsa? ’ta iad leoir-ghear-chuisheach ann an gnothaichibh eille, ach ciod air son ata iad coimh-leasg gu h iompochadh, as gur saothair chailte bith ag labhairt reu, air cuish co’ -shoillear; oir triallaidh cuidd mhor dhiu gu bruach na h uaighe, sheadh, agus trid gleann dorch agus sgaile baish gun iompocha?

FREAGRA

Chum a cheist sho fhuasglagh ann am briatharaibh aith-ghearr.


[159]

1. ’Ta an-barr graidh don t saoghal agus don fheoil ann an natur dhaoinaingidh, rugagh iad le por nan ain-mianna peacach, agusta an natur co’ -naimhdeil do Dhia agus do naomhachd, as ata an nathair do n duine: agus an uair a bhitheas gach teagasg a gheibh iad, ann an aghaidh droch-ruin shuighichtan natuir, chon iongantas giodh do chailleas luchd teagaishg an saothair, agus giodh nach toir iad buaidh len impidh.

2. ’Ta luchd-aingidheachd ann an dorchadas co’ -duibh-nealach thiugh as nach lear dhoibh an ni shin a chluinn iad. Mar dhuina rugadh dall, a chluinn mor chliudh an t sollaish: ach is comma, dha sho mur lear dha e. Chon aithne dhoibh Dia, no cumhachd an t soisgeil, chon aithne dhoibh an spiorad naomha, no giulan sheirceil do reir an fhir-chreiddeimh: chon aithne dhoibh iom-chuidheachd, cint, mor-luach, agus buanas na h oireachd neamhaidh. Chon aithne dhoibh an t iompocha, no intinn agus giulan naomha, sheadh, giodh do chluinn iad iom-radh orr-a. Dhallagh iad le duibhre dorch an ain-eolaish. Chaidh iad air sheacharan peacach, mar dhuin a chaill a shlighe anns an oiche, gun fhioss aig-e cait ann roibh


[160] e, gus an do bhrish an la speur-ghlan a dheanamh an iuil dha gu ceann uighe.

3. ’Ta duil an-toilleil ac-a nach feim iad lain-iompocha, ach cuidd atharachaidh; agus gu bheill iad air an t slighe chum neamha cheanna; agus gu bheill iad iompoichte giodh nach bheill. Agus ma chi thu neach a chaill an t slighe gu turr, ni bheill feim dhut bith ag glaodhaich rish pilleadh, mur creidd e gu bheill e air sheacharan.

4. Is trailleacha daoinaingidh dan ain-miannaibh feol-mhor, ’ta iad baitann an saoghaltachd, agus cho ni leo ach sollar talmhuidh. Chuirr an ain-mianna ciocrach, an togra neimh-gheanmnaidh, agus am buaireas intinn, ass an ceill iad, agus fhuair iad lamh-ann-uachdar orr-a comh-mhor, as nach urriad a dhiultadh geill doibh, no ni air bith a thoirt fa dearr ach iad: air an abhar shin arsam mishg-fhear, “is ionmhuinn leam deagh dheoch laidir, agus cho bheo mi ass a h eagmhuish.” Arsan geocach, is ionmhuinn leam cuirim shobhail, agus cho solas leam ach i.” Arsan neamh-ghlan, “is ionmhuinn leam main-mianna feol-mhor, agus cho sonnas leam, ach an lan-daothainn.” Is ionmhuinn le cluith-fhear macnas, agus cho


[161] ni leish ach e. Mar sho is trailleacha ceangailte don t saoghal agus don fheoil iad, agus is ea-commas an toilleileachd, agus an ni nach ail leo a dheanamh, chon urriad a dheanamh, mas fior iad fein. ’Ta an duinan-saoghalta co’ -churamach mu nithe talmhuidh, as nach bheill uin, croidhe, no run aig-e, chum smuainteachadh air nithe neamhaidh, ach mar dhith bath grana feol-truagh Pharao, na bath breadha reamhar, Gin. 41. 4. Mar an ceadna, shluig smuainte talmhuidh smuainte neamhaidh.

5. ’Ta cuidd dhaoine fuaduichte le sruth na droch-cuiddeachd, agus ni bheill ach droch bharrail ac-a air giulan diadhaidh, do bhridh gu cluinn iad an luchd-commuinng a shir-dhideadh: no air a chuidd as lugha, saoilidh iad gur tearuinte dhoibh am mor-shluagh a leannamhainn, agus mar sho theid iad air an aghaidh ann an slighe peacaidh; agus giodh do spionar neach agus neach eilluath-a, dan tilgeil ann an ifrionn, cho chuirr sho oilt orr-a, oir cho lear dhoibh cait ann do thilgeagh iad: ach mo thruaigh triallaidh iad ann an slighe peacaidh, gun fhioss ac-a gu bheill an luchd-gaoil agus commuinn, ata ann an dorainn, ’g a chaoineadh sho gu goirt. Luc. 16. Bu mhaith leish an duine dhoichiollach shaibhir ann an ifrionn,


[162] neach a thoirt rabha da chuig brathairibh, mun rachagh iad chum ionnad shin na dorainn. Is cosmhuil gu baithne dha an run agus an giulan, agus gu roibh cabhag orr-a chum ifrionn, gun smuainteachadh gu roibh am brathair ann shin; sheadh, agus gur gann a chreiddeagh iad aon neach a dhinseadh dhoibh gu bu chomhnuidh dha ionnad na shior-chloidh. Is cuimhne leam shealla, a dhinnish duinuasal eigin domh, (Mr. R. Rowly o Shrewsbury air drochaid Acham) a chonnaic e-fein air drochaid Severn. Bha fear ag iommain tread reamhar uan’, agus choinnich ni eigin iad, a chuirr sgaoim orr-a, as gu do leim aon uan air balla na drochaid, agus air sleamhnachadh da chossaibh thuitt e anns an t sruth; chonnaic cach an t uan-sag doll ass an shealla, agus leim gach aon diu ann diaigh a cheile tharr an Drochad anns an t sruth cheadna; agus is beag nach do bhathagh iad uille; cho roibh fioss ag an deirre ciod e bu diol don toisheach, ach shaoil iad gu bu tearuinte dhoibh a mhor-chuiddeachd a leannamhainn; ach co’ -luath as a thuitt iad bonn os ceann tharr a bhalla, mhothaich iad atharacha. Is amhail a thachair don t sluagh fheol-mhor neimh-iompoichte. Basaichidh neach laimh reu, agus tuittidh e ann an ifrionn, agus
[163] leannaidh neach eille: agus triallaidh Cach air an loirg, do bhridh nach smuaintich iad cait ann deachiad. Ach an uair dhfhosgaileas am Bas an suile, agus a chi iad an dorainn ata air an taoibh eille don bhalla; sheadh, ann an saoghal eille, ciod e nach tugagh iad air son bith far an roibh iad!

6. Os-barr, ’ta namhad mio-runach, inleachdach, agus neamh-fhaicshionnach ag luchd-aingidheachd, namhad a leagas a cheap-tuishlidh anns an dorchadas; agus is priomh-obbair dha bith ag bacail an iompochaidh; ’g an congbhail far am bheill iad; ag curr impidh orr-a gun smidd don scrioptur a chreidshinn; gun dragh a churr air an intinne leish; droch-bharrail a bhith ac-a air beathadh dhiadhaidh; a mheass gur an-barr neimh-fheimeil i, agus gu teassairgir iad gun iompocha, agus gun uirrid dragh; agus gu bheill Dia co’ -trocaireach as nach leir-sgrioss e an leithid shin; air a chuidd as lugha, gu fead iad fuirreachd tammal beag eille; an daothainn solaish a ghabhail; an saoghal a leantainn beagan nis faidde; agus ann shin, cul a churr rish le h aithreachas. Leish na h aish-inleachdaibh mealtach sho, congbhaidh an diabhol cuidd mhor don t sluagh fa


[164] bhruidd, agus treoraichidh she chum a dhorainn fein iad.

Is iad shin, agus an leithid eille do cheapaibh tuishlidh, a chongbhas an-barr sluaigh o iompocha. Giodh do chaith Dia agus Criost, an spiorad naomhagus luchd teagaishg, uirrid saothair air an iompocha; gidheadh, do bhridh gu do chuirreagh tosd air an reason, agus nach urra iad freagra thoirt air an Tighearna ghlaodhas air an diaigh, ( ‘Pillibh, pillibh, ciod air son a bhasaicheas shibh? ’) chailleadh gach saothair a bhuillicheagh air cuidd mhoir dhiu; agus chon fhag iad anoish ag luchd-teagaishg ra dheanamh, ach suigheadh shios, agus an dorainn a chaoidh.

Thaishbineagh anoish dibh reasontachd iartaish De, agus mi-reasontachd eas-umhlachd dhaoinaingidh. Agus mur dean sho feim, agus ma dhiultas luchd-aingidheachd pilleadh, bheirrir fa dearr anns an ait as foigshe, co ag am bheill a choirre ma theid iad am mugha. Agus treoraichidh sho shinn chum an teagaishg dheirreannaich; iodhon.

titleTeagasg VI
internal date1750.0
display date1750
publication date1750
level
parent textGairm an De Mhoir do ’n t Sluagh Neimh-Iompoichte, Iompochadh agus Bith Beo le Richard Baxter
<< please select a word
<< please select a page